Skip to main content

Full text of "Comhnadh arson aoradh teaghlaich, agus urnuighean diomhair : freagarrach do mhuinntir anns gach staid"

See other formats


I 




I 



♦ 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/comhnadharsonaor1829macf 



COMHNADH 



ARSON 

AORADH TEAGHLAICH, 

AGUS 

URN UIGHEAN DIOMHAIR, 

FREAGARRACH DO 

MHUINNTIR ANNS GACH STAID: 

AIR AN 

CO'-CHRUINNEACHADH, AGUS AIR AN 

EADAR-THEANGACHADH, 

LE 

P. MAC PHAR LAIN, 

EADAR-THEANGAIR TUS AGUS FAS DIADHACHD ANNS AN AN AM, 
&C. &C. &C. 



EDINBURGH, 

PUBLISHED BY WILLIAM BLACKWOOD. 



MDCCCXXIX. 



ANDREW YOUNG, PRINT EE. 



MANUAL OF DEVOTION 



FAMILY AND SECRET PRAYER 



SUITABLE 



TO PERSONS IN EVERY SITUATION OF LIFE, 



COLLECTED AND TRANSLATED 

BY 

P. MA CFARLANE, 

TRANSLATOR OF " DODDRIDGE'S RISE AND PROGRESS OF 
RELIGION IN THE SOUL," &C. &C. &C. 



EDINBURGH, 

PUBLISHED BY WILLIAM BLACKWOOD. 

MDCCCXXIX. 




LAUWSTON CASTli 
LIBRARY ACCtSSKJN 



RECOMMENDATION. 



1 have often lamented the want of a Gaelic Man- 
ual, consisting- of forms of Prayer for the use of 
families and individuals. Such a work has been 
much required for the use of the Highland popula- 
tion, now so generally taught to read in their native 
tongue. It cannot be questioned that there are 
many truly pious persons, who desire to walk be- 
fore their house with a perfect heart, and yet from 
a fearfulness of their want of talent and gifts for 
conducting so solemn and sacred a duty, are pre- 
vented from engaging in it ; feeling it extremely 
difficult, if not impossible, to express themselves 
with propriety before their families. There are 
many persons in all parts of the Country, but more 
especially among the population for whose use this 
Manual for devotion is intended, who have been 
taught to read at an advanced period of life, and 
who have not had the advantage of religious in- 
struction, to whom a help of this kind must prove 
particularly useful. To assist the young, and per- 
sons of this discription, and to encourage them to 
the performance of family worship, and private de- 
votional exercises, the present work has been pre- 
pared. Various such collections have, of late years, 
appeared in the English language and have proved 
highly acceptable, and useful; and it is hoped that 
this work may be equally so. The Selection of 
Prayers have been made from the works of men too 
well known in the religious world, to render it no- 
thing short of presumption in me, were I to offer a 
remark in recommendation of them. — Mr. M' Far- 
lane has executed the translation of such of these 
A 3 



VI 



RECOMMENDATION. 



prayers as did not formerly appear in Gaelic,* 
in the most accurate, and faithful manner. — True to 
the spirit of his Authors, he has succeeded in infus- 
ing the unction and fervour of their devotional lan- 
guage into his excellent translations, while he has at 
the same time, in the most satisfactory manner pre- 
served the full idiom of the Gaelic in a plain and sim- 
ple strain of composition, peculiarly fitted for devo- 
tion. Of his numerous and valuable translations, I 
conceive this to be the most accurate. I know no 
work in the Gaelic language more calculated to be 
useful; and I cordially recommend it to all individuals 
and families in the Highlands and Isles, as fitted to 
promote their highest and most lasting interests; 
and I pray that it may be blessed of God for the 
purpose of piety, and prove conducive to the good 
of souls. 

NORMAN M'LEOD, D. D. 

CAMPSIE MANSE, } 

2òth December, 1828. $ 



I most cordially concur in the opinion and recom- 
mendation, so well expressed by Dr. M'Leod. 
The work is admirably adapted for attaining the 
excellent end for which it is designed. While the 
Translator has, in a manner most creditable to him- 
self, supplied those who prefer the Gaelic tongue 
with the language of prayer ; my heart's desire is, 
that the Hearer of prayer may abundantly pour 
out on them the Spirit of grace and of supplication. 

DANIEL DEWAR, L. L. D. 

MINISTER OF ST. MARY'S PARISH, 
GLASGOW. 

Dr. Smith's were in Gaelic before. 



AN CLAR-INNSEADH. 

Taobh.dhuilleag 

Urnuigh teaghlaich arson maduinn là an Tighearna, 1 

' arson feasgar la an Tighearna, 4 

agus raoladh do Dhia air là an Tighearna, 9 

Beachd-smuainteachadh a pheacaich, a bha roimh so dear- 

madach, ach a tha nis a' teannari dusgadh, 21 

Urnuigh agus aidmheil neach aig a' bheil mothachadh air 

a pheacadh, 24 

Umiiigh as leth neach a th'air abhuaireadh gu dail a chuir 

ann am fàs diadhaidh, ge d' a tha e fo chàileiginn de 

gheur-mhothachadh air a ro-f heumalachd, 26 

Aidmheil a pheacaich, air dha bhi mothachail air a chionta 28 
Urnuigh agus buidheachas neach a dhearmaid an Soisgeul, 

ach a tha nis gu taingeil a' gabhail ri tairgse na Slainte, 30 

Aidmheil agus urnuigh peacaich a tha fo aithreachas, 33 

Beachd-smuainteachadh a pheacaich a fhuair mothachadh, 

's a tha leige dheth a Ìeith-sgeulan faoin 'am fianuis De, 38 
Smuainte a pheacaich, a tha gabhail eagail a bhi caillte, ... 40 

Tuireadh a pheacaich, san staid thruagh so, 42 

Smuainte a pheacaich mu ait-theachdoireachd na Slainte, 44 
Am peacach a' smuaineachadh air feumalachd gabhail ris 

\ann innleachd Shlainte so, 46 

Am peacach a' geilleadh do na h-earailibh sin, agus a' 

nochda gu bheil e toileach gabhail ri Slainte trid Iosa 

Criosd, 48 

Urnuigh Teaghlaich Moch-thrà agus Trà feasgair, 50 

■ as leith peacaich neo-aithreachail, 57 

mu aobhair-mhisnich trid Chriosd, 60 

Tha'n t-anam a' striochda do thrèibh-dhireachd Aithreach- 

ais, agus gu a Chreidimh a rannsuchadh, 63 

Urnuigh, mar is pailte ann an cainnt Scriobtuir, anns a' 

bheil gach earrann de ghnè a Chriosduidh gu h-aith- 

ghearr air a chuir sios, 65 

Urnuigh iriosal ag iarruidh drùgha Gràs Dhe, chum 

Diadhachd a dhealbh agus a neartachadh san anam,... 68 
Am Peacach ga earbsa fein ri Dia, 70 



Vlll AN CLAR-INNSEADH. 

Taobh.dhuilleag 



Samhladh air Fein-choisrigeadh, no riaghailt f hollaiseach 
air ar Co'-cheangal ath-nuadhachadh ri Dia, 72 

Riaghailt chum co'-cheangal a dheanamh gu huaigneach 
ri Dia, m' an tig iad air an aghaidh gu Bòrd an Tigh- 
earna, 80 



Urnuigh arson neach a tha ro-dheigheil air teachd chum 
bòrd an Tighearna, ach aig a bheil caileiginn de theag- 
amh mu thimchioll a choir air an òrdugh naomh sin,... 84« 

Urnuigh freagarrach do staid an anama, a tha miannuch- 
adh ruigheachd air caithe-beatha a Chriosduidh,. ....... 87 

Urnuigh mhaidne arson là Traisg' agus Irioslachadh,... 90 
. i arson maduinn la Comunaich, 94* 

. arson feasgar là Comunaich, 98 

— an neach a tha air ùr-iompachadh, ag iarruidh 

còmhna Dhe 'an aghaidh buairidh, 100 

Beachd-shealladh dùrachdach air a bhàs, a tha iomchuidh 
a ghabhuil 'nuair thèid sinn a luidhe, 102 

Urnuigh arson neach a tha dol air ais 'na Chreidimh,... 104 

chum neach a chumail o Chùl-sleumhnachadh, 107 

arson neach a thuit ann am peacadh antrom, an 

diaigh dha rùin-shuidhichte chràbhach a chuir roimhe, 111 

Urnuigh dhùrachdach arson aon air a' bheil Dia a' folach 



a ghnùis, * 115 

Urnuigh iriosal ri Dia, fo theanndachd trom àmhghair, 118 
Tha'n creideach a' miannachadh gu dùrachdach bhi fàs 

ann an Gràs, 122 

An t-anam taingeil a* deanamh gairdeachais arson soch- 
airean an f hreasdail agus a ghràis, agus ga dhòrtadh a 
mach 'am fianuis De, 'an ùrnuigh dhùrachdaich 

ghràidh agus mholaidh, 1 23 

An Criosduidh stèigheil a' miannuchadh ruigheachd air 

an tuille feumalachd, 128 

Urnuigh arson neach a tha air f hiosrachadh gu goirt,... 129 

ag asluchadh bhi fàs ann an Gràs agus 'an 

Naomhachd, 132 

Beachd-smuainteachadh agus Urnuigh a Chriosduidh, aig 
a' bheil a chridhe air a dhùsgadh le beachd a ghabh- 
ail air Bàs agus Breitheanas,. 133 



AN CLAR-INNSEADH. IX 

Taobh-dhuilleag 

Urnuigh fregarrach do chor a Chriosduidh aig am a 

Bhàis, 137 

Urnuigh a Chriosduidh 'an dlù-bheachd air a Bhàs, 143 

— — Teaghlaich, arson maduinn là an Tighearna,... 147 

— — — Teaghlaich, arson feasgair la an Tighearna, 151 

Mhaidne, arson Teaghlaich,. 155 

. Fheasgair, arson Teaghlaich, 158 

— — — Mhaidne arson, Teaghlaich,.... 161 

- Fheasgair arson Teaghlaich, 165 

Urnuigh arson Teaghlaich, 'nuair a bhios aon de'n 

mhuinntir tinn, 166 

Urnuigh Bhuidheachais arson Teaghlaich 'nuair a bhios 

aon de'n mhuinntir air an aiseag gu slainte, 171 

Urnuigh arson Teaghlaich an dèigh do Dhia am fiosrach- 

adh le bàs, 174- 

Urnuigh arson Teaghlaich, aig toiseach no aig crich 

bliadhna, 177 

Urnuigh roi Shuipeir an Tighearna, 181 

. ■ an dèigh Suipeir an Tighearna, 184 

— — — mu bhàs Caraid, 188 

■ arson feasgar là an Tighearna, 192 

■ Mhaidne arson Sgoile, 193 

Fheasgair, arson Sgoile, 195 

Mhaidne arson leinibh, 197 

— — — Fheasgair arson leinibh, 198 

— — — Mhaidne arson Teaghlaich, 199 

. Fheasgair arson Teaghlaich, 203 

Mhaidne arson Teaghlaich, 207 

— — — Fheasgair arson Teaghlaich, 210 

Mhaidne arson Teaghlaich, 214 

Fheasgair arson Teaghlaich, 217 

Altacha (arson cloinne) roi Bhiadh, 221 

Altacha arson cloinne an dèigh Bidh, 221 

LEASACHADH. 

Mu aoradh Teaghlaich, 222 

Earanean chum Urnuigh Teaghlaich a ghnàthachadh,... 228 

Mu Urnuigh Dhiomhair, 240 

Seolaidh le Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba, mu thim- 
chioll Aoradh diomhair, 248 



CONTENTS. 



A Morning Prayer for a Family on the Sab- 
bath Dr. Dewar. 

An Evening Prayer for a family on the Sabbath, ditto. 

A Prayer for the Lord's day,. Baxter. 

Meditations of a Sinner, who was once 

thoughtless, but begins to be awakened,... Dr. Doddridge. 

Prayer and Confession of a Sinner convinced 

of Sin, , Dr. Dewar. 

A Prayer for one who is tempted to delay ap- 
plying to religion, though under convictions 
of its importance, Dr. Doddridge. 

The confession of a sinner, convinced in gen- 
eral of his guilt, ditto. 

A Prayer and thanksgiving of one who had 
neglected the Gospel, but who now most 
gratefully accepts its offered salvation, Dr. Dewar. 

A Prayer and Confession of a repenting sinner, Baxter. 

A Prayer of a sinner giving up his vain pleas 

before God, Dr. Doddridge. 

A Prayer of a sinner struck with the terror of 
his sentence, ditto. 

The lamentation of a sinner in this miserable 

condition, ditto. 

The Sinner's reflections on this good news,... ditto. 

The Sinner deliberating on the expediency 

of falling in with this method of salvation, ditto. 

The Sinner yielding to these entreaties, and 
declaring his acceptance of salvation by 
Christ, ditto. 

A family Prayer for morning and evening,... Baxter. 

A compassionate Prayer in behalf of an im- 
penitent Sinner, Dr. Doddridge. 

A Prayer earnestly supplicating Christ for 

m ercy, ditto. 



CONTENTS. 



xi 



The Soul submitting, to Divine examination, 
the sincerity of its repentance and faith,... Dr. Doddridge. 

A Review of the several branches of the 
Christian temper in a scriptural Prayer,... ditto. 

An Humble Prayer for the influence of Di- 
vine grace, to form and strengthen Religion 
in the Soul, ditto. 

The Soul committing itself to Divine protec- 
tion, , ditto. 

An example of Self-dedication, or a solemn 

form of renewing our covenant with God, ditto. 

A form for Secret covenanting with. God be- 
fore we approach to the Lord's Table, Willison. 

A Prayer for one who desires to attend, but 
has some remaining doubts concerning his 
right to that solemn ordinance, Dr. Doddridge. 

A Prayer suited to the state of a soul, who 
longs to attain to such a state, , ditto. 

A Serious view of Death, proper to be taken 
as we lie down on our beds, ditto. 

A Morning Prayer for a day of Fasting and 

Humiliation,... Anon. 

A Morning Prayer for a Communion Sabbath, Dr. Dezvar. 

An Evening Prayer for a Communion Sabbath, ditto. 

The Young convert's Prayer for Divine pro- 
tection, Dr. Doddridge. 

A Prayer for one under spiritual decay, ditto. 

A Prayer for preservation from Backsliding, Dr. Dewar. 

A Prayer for one who has fallen into gross 
sin, after religious resolutions and engage- 
ments, Dr. Doddridge. 

An Humble supplication for one under the 

hidings of God's face, ditto. 

A Prayer to God under the pressure of great 

and heavy affliction...... ditto. 

The Christian breathing earnestly after growth 
in grace, ditto. 

A Prayer for one in Affliction, Dr. Dewar. 



Xll 



CONTENTS. 



A Prayer for an increase of Grace and Holi- 
ness, » Dr. Dewar. 

The Christian breathing after more extensive 
usefulness, Dr. Doddridge. 

Meditation and Prayer suited to the case of a 
dying Christian, ditto. 

Prayer of a Christian in the view of Death,... Dr. Dewar. 

A Family Prayer for tbe Morning of the 

Lord's day, Dr. Smith. 

A Family Prayer for the Evening of the 
Lord's day, 6 . ditto. 

Six Prayers for a Family, Morning and Even- 
ing, r dittO. 

A Prayer for a Family when one of them is 
sick, • ditto. 

A Family Prayer of Thanksgiving, when the 

person is restored to health, ditto. 

A Prayer for a Family when visited by Death, ditto. 

A Prayer before the Lord's Supper, ditto. 

A Prayer after the Lord's Supper, ditto. 

A Prayer on the Death of a Friend, Dr. Dewar. 

A Prayer at the beginning or end of a New 

Year, • Dr. Smith. 

A Prayer on the Evening of the Lord's day, Dr. Dewar. 

Prayers for a School, Dr. Smith. 

Prayers, Morning and Evening, for a Child,... ditto. 

Grace before and after Meat for a Child, ditto. 



APPENDIX. 

On Family Worship, Dr. Dewar. 

Motives for Family Worship, ditto. 

On Secret Prayer, ditto. 

Directions of the General Assembly concerning 
Family and Secret Prayer. 



RIAGHAILT 



URNUIGHEAN, DIOMHAIR AGUS FOL- 
LAISEACH, &C.O 

Urnuigh teaghlaich arson maduinn la an Tighearna. 

O ! thus' a dh' èisdeas ùrnuigh, 's ann ad ionnsuidh 
a thig gach aon. Air maduinn do latha naorah, 
tha sinn a' miannucliadh teachd a'd' làthair, le guth 
buidheachais agus molaidh. Bu mhiann leinn ar n- 
anama, agus ar ceudfaithean o n leth a steach, bhi air 
am brosnuchadh gu cliu a thoirt do Dhia arson a 
mhaitheis duinn. Bheireamaid gu h-àraidh buidh- 
eachas duit arson solus an t-soisgeil, meadhona nan 
gràs, agus arson teachd shuidhichte na Sàbaid, a 
chuireas 'nar cuimhne aisèirigh ar Tighearn agus ar 
Slanuighear. 

Sfor bheannuichte gun robh 'n Tighearna Dia Is- 
raeli, arson gun d' f hiosraich agus gun do shaor e a 
shluagh. Tha gairdeachas oirn gun deach an t- 
slainte mhòr sin in' an do labhair na fàidhean a 
choilionadh le ùmhlachd agus iobairt Mhic Dhe: 
gun do chriochnaich e ea-ceirt, gun do chuir e 
crioch air lochdan, agus gun d' rinn e rèite arson 
""aingidheachd, agus a thoirt a steach fireantachd 
shiorruidh. Tha sinn a' toirt buidheachas duit, a 
chionn, mar f hianuis air do thaitneachd mu Chriosd 
agus mu iobairt, 's a thoirt dearbha dhuinn, 'nar 
n-ionad-ne, gun d-àrduich e'n lagh agus gun do 
chuir e urram air, gun do thog thus' e, O Dhe, 
o na marbhaibh, agus gun d thug thu gloir dha, 
chum gum biodh ar creidimh agus ar dòchas annad. 
Tha aiteas oirn gun deach ar n-Ard- Shag art, Iosa 
B 



2 



Mac Dhe, a steacli do'n ionad naorali, cha'n ann le 
fuil laogh agus ghabhar, acti le fhuil fein, chum e 
fein a nochdadh 'an lathair Dhe as ar leith-ne; agus 
gu bheil e comasach air gach neach a thig chum 
Dhe tridsan, a shaoradh gus a chuid is faide, do 
bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe 
a dheanamh air ar son. 

Tha sinn a' miannuchadh teachd a d' ionnsuidh, 
O Dhe, anns an t-slighe nuadh agus bheo so a 
dh' òrduich thu. Tha sinn a' teachd a'd' ionnsuidh, 
ag earbsadh a fireantachd ar Fir-shaoruidh, agus 
ar Fear-tagruidh, 's a' guidhegum bi sinn air an là 
an diugh an dà chuid 'nar teaghlaichean agus ann ad 
thigh-aoraidh, air ar gabhail gu taitneach, air ar 
'n-aideach, agus air ar beannuchadh. Mar chaidh 
ar dealbh chum do ghloir, agus a chur 'an cèill do 
chliu, gum meas sinn e mar ar gnàthachadh is 
taitniche, a bhi toirt aoraidh dhuit. O ! athnuadh- 
aich agus tog suas ar cridhe, chum gum bi tlachd 
againn ann an tarruing dlù do Dhia. Gun robh 
sinn 'an àireamh na muinntir a ni gairdeachas 
'nuair a theirear, Rachamaid gu tigh an Tighearna. 
Gun robh do shàbaid na chulaidh-shòlais dhuinn, 
agus là naomh an Tighearna urramach ; gun bhi 
gèilìe d'ar toilinntinn fein, no a' labhairt ar briath- 
ra fein, no idir a' smaointeach ar smuainte fein. 
Gun robh sinn san Spiorad air là an Tighearna, 
agus deonaich gun d'thoir sinn aoradh neo-cheal- 
gach dhuitse le'r n-uile chridhe. Agus gun robh 
'n t-Sàbaid so na impidh chum ar deanamh ni's 
iomchuidh gu seirbhis a thoirt duit, 'an làthair do 
righ-chaithreach, gun sgur a chaoidh. 

Ach, O ! Dhe, is creutairean lag truaillidh sinne. 
Nach ullamh a tha nithe na beatha so gu greim a 
ghabhail air ar ciidheachaibh, agus gur fàgail mi- 
iomchuidh air dleasnuis an là naomh so ! Lugh, 
O Thighearna, peacaidh ar nithe naoinha. Gun 
robh ar fàiìlnean lionmhor, 'n ar dleasnuis chràbhach, 
air an dubhadh amach a leabhar do cliuimhne. 
Neartuich sinn, O Dhe, gu feitheamh ort air an 
là 'n diugh, gu fonnmbor suidhichte ; agus gun 



3 



robìi ar cridheachan air an àrdachadh os cionn 
diomhanais na beatha so, agus socraiehte air nith- 
ibh siorruidh. Deonaich dhuinn, agus do d' uile 
shluagh, àm ùrachaidh o d' làthaireachd. O ! 
deonaich gu 'n èisd sinn tre clireidimh ri d' f hocal, 
chum gum bi e tarbhacli d' ar n-anamaibh. Gum 
mothaicli sinn e mar lòchrann d' ar cosaibh, agus 
mar shoìus d' ar ceumaibli ; gar stiùradli tre dhorch- 
adas an t-saoghail so do tliìr far an e Dia a bhios 
na sholus bith-bhuan againn, agus far an teirig 
làithe ar bròin. 

O ! Athair ro-tliròcairich, tlia sinn ag asluclia 
gum bi do blieannacliadli saibhir agus èifeachdach 
a' gabhail còmhnuidh air uile clioithionalaibh do 
shluaigh. Gu ma deònach leat òrduighean do 
ghràis a dheanamh nam meadhona cliura tairbhe 
agus solas a thoirt dhoibbsan a tha creidsinn, agus 
chum a mhuinntir neo-iompaicht' a dhùsgadh gu 
dùraclid iomcliuidh. O ! gun robh do mhinisteir- 
ean air an sgeudaehadh le fìreantachd agus le 
slainte, agus neartaicli iad gu saibhreas do-ranns- 
achaidli Cliriosd, a shearmonacliadh gu dìleas, ann 
an spiorad a ghràidh. Agus am feadh a bhios do 
sheirbhisich a' foillseachadli fìrinne glòrmlior an 
t-Soisgeil, O ! Athair neanihuidh, cuir cuinhachd 
do Spioraid Naoimli an co'-clmideachd an Fhocail ; 
chum gum bi ar Tuigse air am fosgladh a tlmigsinn 
nan Scriobtuire. Gun robh sùilean ar n-inntinn 
air an soillseacbadli, chum gun tuig sinn ciod e 
dòchas do ghairm, agus ciod iad saibhreas gloire 
t-oighreachd aims na naomhaibh. 

Mosgail suas annainn, O Dhe, gacli ceudfath 
cràbhach, chum gun dean sinn gairdeachas ann an 
Dia, trid ar Tighearn Iosa Criosd, tre'n d' fhuair 
sinn an rèite. Gun robh ar creidimh ann an Dia, 
agus amis an Fhear-shaoruidh ghlòraichte air a 
mheudachadh ! O ! gun robh bhi cuimhneachadh 
air ainm Iosa ag ath-bheothachadh ar cridheaclian ! 
Gu ma h-e a ghràdh a bhios na chruit-chiùil duinn; 
agus gu ma h-e fiuthair ri fhaicinn air neamh ar 
n-àrd aoibhneas air thalamh. 

B 2 



4 



Dean tròcair, O Thighearn, orrasan a tha dean- 
amh dearmad air slainte mhòr an t-soisgeil; agus 
nach'eil a' cuimlineachadh là na Sàbaid a choimhead 
naoinha. Deònaich gum bi na seacharainich bhoch- 
da sin air an toirt dacbaidh chum do cbrò fein ; 
agus gum bi iad ait leis an naigbeachd thròcair sin 
air a' bheil iad san àm a' deanamb tàir. Pill iad, 
O Dhe, o dhorcbadas gu solus, agus o chumhachd 
an droch-spioraid a dh' ionnsuidb Dhe. 

Gun robh 'n Ik so, O Thighearna, na sholas 
dboibhsan a tha fo àmbgbar. Faigheadh iadsan a 
th'air an sàracbadh, na h-aonarainich, agus iadsan 
a tha fo thriobluid inntinn, cobhair o d' cbaomb- 
iochd, agus o Shòlais t-Fhocail. Beannuich iadsan 
uile a dh' fheitheas ort air an là 'n diugh, air a' 
bheil acras agus tart an deigh air fireantachd. 
Agus O ! gum fritheil sinne san teaghlacb so ann 
ad thigh-aoraidh. Mar is mò a chluinneas sinn mu 
Dhia, agus mu nitbe neamhuidh, gu ma mò is 
miann leinn a chluinntinn. Agus na bitbeamaid a 
mhàin 'nar luchd-eisdeachd an fhocail, acb a' dean- 
amh d' a rèir. Gun drùigb e air ar tograidh agus 
air ar caithe-beatba, agus ar treòracbadh gu tor- 
aibh na fireantachd a thoirt a mach, a tha, trid 
Iosa Criosd, chum do chliu agus do ghloir. Gar 
togail fein suas 'nar creiclimh ro naomh, agus ag 
aslucbadh san Spiorad Naomh, gun robh sinn air 
ar coimhead ann an gràdh Dhe, ag ambarc arson 
tròcair ar Tighearna Iosa Criosd, a chum na beatha 
maireannaich. 

Eisd ri 'r n-ath-chuingibh, O Dhe ; agus deòn- 
aich dhuinn barrachd air na tha sinn comasach air 
iarruidh no a smaointeachadb, air sgàth Iosa 
Criosd, ar Tighearn agus ar Slanuigbear ! Amen. 



Urnuigh arson feasgar La*n Tighearna. 
A Dhe ro-naomh agus uile-bheannuichte, tha sinn, 




1 1 





5 



air feasgar do là naomh, a' niiannacha teachd dlù 
dbuit, agus aoradh a thoirt dbuit, ann an spiorad 
agus ann am firinn. Tha sinn a' teachd ad ionn- 
suidh amis an t-slighe nuadh agus bheo a sliùnraich 
thu fein, ag earbsa taitneaclid 'ad f hianuis, air sgàth 
toilltinnis agus eadar-gbuidbe ar Tigbearna agus ar 
Slanuighir. Air sgàth Cbriosd dean tròcair oirn, 
agus gràdbaicb sinn gu gràsmhor, agus gabh ruinn 
gu saor. Bi trocaireacb d' ar n-ea ceartaibh, agus 
ar peacanna agus ar n-aingidbeacbd na cuimbnich 
ni's mò. 

Is ro-aitbrigb tbusa, O Thigbearna, air moladh, 
agus air gloir agus uacbdaranacbd f baotainn o gach 
dùil a rinn tbu. " Cuiridb na neamba an cèill do 
gbioir, agus nocbdaidh na speura gniomb do làmh. 
Molaidb t-oibre uile tbu, O Thigbearna; agus 
beannaicbidb do naoimb thu. Labhruidh iad mu 
gbioir do rioghachd, agus mu d' chumbachd." Is 
tu an Ti a ta beannuicbte agus a mbàin cumhachd- 
ach, Righ nan righ, agus Tigbearna nan tigbearna; 
o'm bbeil, agus tre'm bheil, agus ris a' bheil s na h- 
uile nitbe ; a tha os cionn nan uile, agus beannuicb- 
te gu siorruidb. 

Bu mbiann leinn gu taingeil a cbuimbneachadb, 
air feasgar do latha naomh, gach maitheas agus 
firinn a nocbd an Tigbearna da òglachaibh. Nach 
mòr agus priseil na sochairean a tb' againne os 
cionn iomad aon d' ar co'-cbreutairean ! Cheadaich 
thusa dhuinn, a Thigbearna, sonas an t-sluaigh sin 
a sbealbbachadb a thuigeas an fhuaim aoibhueach, 
's a tha 'g imeachd ann an solus do gbnùis. 'S ann 
an comaine do tbròcair gu bbeil sinn air ar n-àrach 
ann an dùtbaich Chriosduidh, agus gun robb sinn 
gu tràthail air ar teagasg gu eolas a ghabhail air 
an Ti sin, neach is e an t-slighe, an fhirinn, agus 
a bheatha, agus ambàin tre am faod sinn teachd 
chum an Athar. Trid caomh thròcair ar De ne, 
dh' èirich an ùr mbaduinn oirn os àird, a thoirt 
soluis dhoibhsan a bha nan suidhe 'an dorchadas, 
agus ann an sgàil a bbàis, agus chum ar cosan a 
stiùradh ann an slighe na sith. 

B 3 



c 



Tha sinn, O Dhe, a' toirt buidheachas duit, gu 
bheil thu a' sìneadh ar làithean sa bheatha so, agus 
a' buileachadh oirn nan sochairean a tha sinn san 
àm a mealtuinn. Clieadaicbeadh dhuinn an diugh, 
co'-aonachd ann an aoradh an ionaid-naoimb, a 
chluinntinn ait- tbeacbdoireachd na slainte, trid ar 
Tighearn Iosa Criosd ; an naigbeacbd aoibbinn sin 
a tha cur an cèill solas dhoibhsan a tha ri bron, 
saorsadh dhoibhsan a tha fo dhaorsadh, agus am 
priosan f hosgladh dhoibhsan a tha fo chuibhreach. 
Buidheachas duit arson gun do chuireadh Focal na 
slainte d' ar n-ionnsuidh-ne. Tha sinn ag guidhe 
nach gabh sinn ri gràs De 'an diomhain ; agus nach 
ann a chum ar dite bhitheas e, gun tainig solus a 
dh' ionnsuidh an t-saoghail, agus d'ar n-ionnsuidh- 
ne, agus gun d' rinn sinn roghainn de dhorchadas. 
roi'n t-solus. 

A Thigh earna, tha sinn a' faireachduinn agus 
duilich arson cruas ar cridhe, agus doille ar n-inn- 
tinn, ged bha a choilion cothrom again n air fàs 
ann an gràs. Cliu do'n f hoighidinn agus do'n f had- 
fhulangas a ghiulain leinn co fad ann an tir nam 
beo. Bu cheart-bhreitheach dhuit meadhona nan 
gràs a thoirt uainn, agus ar cur am feasd air falbh 
o f huaim na slainte sin air an d-rinn sinn co trie 
dearmad. Tha aingidheachd ar nithe naomh a'togail 
fianuis 'nar n-aghaidh. Agus an uair a smaointich- 
eas sinn air na smuainte diomhain a bha againn air 
an lan diugh, agus co neo-mothachail sa tha ar 
cridhe agus ar tograidh do luacli a mhath bhithe 
bhuain sin, a tha thu tairgse dhuinn san t-soisgeul, 
tha nàir agus rughadh gruaidh oirn ar n-aghaidh a 
thogail suas riut, Fear-rannsachaidh gach cridhe, a 
tha shùilean ni's gloine na gun seall e air olc. Ma 
chomharaicheas tusa, O Dhe, aingidheachd a raach, 
cò dh' fhaodas seasamh 'a d' làthair? Na h-inn- 
drinn ann am breitheanas ri d' òglachaibh, O Thigh- 
earna, oir ann ad fhianuis cha bhi duine beo air 
fhireanachadh. 

Dean tròcair oirn, O Dhe, a reir do chaoimhneis 
ghradhaich ; a rèir lionmhoircachd do throcair 



7 

chaoimh, dubh a mach ar n-ea-ceartaibh. O I 
ionnuil sinn anns an tobar sin a dh' fhosgladh a 
thoirt peacaidh agus neo-ghloine air falbh. Tha 
sinn a' tagradh ad' fbianuis èifeachd iobairt an t- 
Slanuighir, agus a' guidhe gum bi sinn air ar fir- 
eanachadh, agus air ar naomliacbadh, agus air ar 
n-ionnlad, ami an ainm an Tighearn Iosa, agus le 
Spiorad ar De-ne. Air dhuinn a bhi mothacbail 
air ar laigsinn agus air ar neo-chomas fein, dh' 
amhairceamaid riutsa arson fireantaclid agus a 
bheatha mhaireannach, ris an aon Slanuighear a 
cbuireadh an cèill mar ar n-ìobairt-rèitich, agus a 
dh' fhàs na chricli an lagha arson fireantaclid do 
gacb neach a clireideas. Tha sinn a' miannaehadli 
dlùthacha ris so ni's tinne agus ni's thine mar an 
aon dochas a cbuireadh romhainn, agus deanamh 
leis gu bràth. Tha sinn a' gabhail ris a chainnt 
mar fbirinn, agus aithrigh air gach aon ciior gabhail 
rithe, gun diliainig Iosa Criosd a dfi ionnsuidh an t- 
saogharf, a thearnadh pheacach. 

Tha sinn a' guidhe, O Dhe, gum bu deonacli 
leat a leantuinn ie d' bheannachadh eifeaclidach r 
an t-seirbhis ris an robh sinne, agus do phobull air 
an là 'n diugh. Gun robh 'm barrachd tairbhe aig 
t-Fhocal air ar cridheachan, agus air cridheacha 
gach neach a chluinneas e. Gun dthoir e'n tuille 
mothachadh dliuinn air olc a pheacaidh, agus air an 
fheum a th' againn air an t-Slanuighear a sbolair 
thu gu tròcaireach dhuinn. Gun robh e na 
mheadhon, tre oibreacha do Spioraid, chum ar 
naomhachd a mheudachadh, agus ar n-aomadh chum 
an tuille dichill gu'r gairm agus ar tagliadh a 
dheanamh cinnteach. Naomhaich sinn le d' fbirinn, 
is e t-fhocalsa an fbirinn. 

O ! gun robh sinn air ar co'-èigneacha, tre 
ghràdh Chriosd, chum ar beatha a chaithe chum a 
chliu agus a ghloir-san a chaidh gu bàs air ar son, 
agus a dh' èirich a ris. Dean thusa, O Dhe, na h- 
urrad de chumhachd do Spioraid Naoimh a bhuil- 
each oirn, 's gun ruidh sinn atin an slighe t àith- 
eantaibh, 's a neartaicheas sinn, le'r caithe-beathn 



8 



agus le'r conaltradh, gu mais a chur air teagasg ar 
De, ar Slanuighear. Gun teagaisgeadli clo ghràs, 
a th a 'g oibreacha slain te, dhuinn gu h-eifeachdach 
gacli mi-dhiadhaclid agus an ami li ami a saoghalta 
àicheadh, agus ar beatlia a chaitlieadli gu stuama, 
gu cothromach, agus gu diadhaidh, aims an t-saogh- 
al so làthair. Agus gon dean sinne, mar a mhuinn- 
tir a tba fo a choilioii comain clium am beatlia a 
chaitlieadli gu naoniha, firinneacli; gun gnàtliaich 
sinn gu lathail ar solus a shoillseachadh 'an làtbair 
dhaoine, chum air dhoibh, ar deadh oibre fhaicinn, 
gun dthoir iad gloir d' ar n-Athair a ta air neamh. 

Air feasgar do latha naonih, b ? àill leinn ar n-ath- 
chuinge a chur suas riutsa, O Dhe, as leith a 
chinne-dhaonna gu h-iornlan. Deonaich gun ruith 
tfhocal, agus gum bi e air a ghlòrachadh. Biodh 
do shlighe aithnicht' air thalamh, agus do shlainte 
am measg nan uile chinneach. Dean tròcair orra- 
san nacli cuala riamh iomradh air ainm an t-Slan- 
uighir bheannuichte, 's a tha nan suidhe ann an 
dorchadas, agus a thàmh fo sgàil a bliàis. Bean- 
naich, guidheamaid ort, na meadhona a tha air an 
gnàthachadh chum eolas na slaint a chur d'an ionn- 
suidh. Gun robh t-oglaich a chuireadh fad as a dli 
ionnsuidh nan cinneach, a chur 'an cèill saibhreas 
do-ran nsachaidh Chriosd, gu pailt air am bean- 
nachadh le d' ghràs neamhuidh. Thoir dhoibh 
beul agus gliocas, nach urrainn an naimhdean a 
chur nan tosd. Beannuich ministeirean an t-sois- 
geil 'n ar tir fein, agus dean dileas agus fimineach, 
agus glic iad, a chosnadh anamaibli do Chriosd. 

A Thighearna cuimhnich ann an trocair na h- 
ùrnuighean a chaidh chur suas, air an là 'n diugh, 
t arson gach inbh agus staid dhaoine 'nar measg; 
agus gu sonraichte air an son-san aig a' bheil 
ùghdarras os ar ceann. Meudaich, O Dhe, t-iochd 
do mhic agus do n-igheana na triobluicl. Seall air 
an àmhghar agus air an cràdh, agus lugh an uile 
pheacaidh. Ullaich iadsan agus sinne fa choinhair 
do thoil d'ar taobh. Dean deas sinn, guidheam- 
aid ort, fa chomhair bàis, breitheanais, agus siorr- 



9 



uidheachd. Bi d' charaid d'ar càirdibh, agus ihoir 
maitheanas d'ar naimhdibh, agus dean saibhir iadsan- 
a rinn math oirn. Gun robh an teaghlach so agus> 
gach neacli a bhuineas da, fo d' chùram sonruicht' 
trid dorchadas na h-oi'che so. Beannuicli fois na 
h-oi'che dhuinn ; gleidh sinn o eagail neo-fheumail; 
agus gum mosgail sinn, anns a mhaduinn, m'as e 
do thoils' e, chum am barrachd de d' mhaitheas 
agus de d' ghràs fhiosrachadh. Gun robh sinn 
gach là a' fàs ni's glice agus ni's fearr, gus an dthig 
an t-àm anns an gairm thu bhàrr an t-saoghail so 
sinn. An sin gu'n gabhar gu taitneach ruinn ami 
am Fear ar-gràìdh, 's gun robh sinn air ar gabhail 
a steach do rioghachd shiorruidh Dhe ar Slanuigh- 
ear. 

Tha sinn ag asluchadh, O Dhe, gun èisd thu 
r'ar n-athchuingibh, agus gun dean thu dhuinn agus 
as ar leith tuille ni 's urrainn duinn iarruidh na a 
smaointeachadh, ar sgàth Iosa Criosd, ar neartj, 
agus ar Fear saoruidh. Amen, 



Urnuigh agus mola do Dhia air la an Tighearna, 

A Iehobhah ghlormhor, ata thu gu neo-chrioch~ 
nach os ceann cliu aingle, agus gu sonraicht os 
ceann cliu chnuimhe peacach mar sinne: Gu ma 
fad a ghabhas e o'r n anmaibh a smuainteachadh 
gum feum thu aon ni is urrainn duinn a dheanamh, 
no gum faod ar n-uile mhola gnè air bith a chuir rt 
'd shonas ! Ach dh' àrdaich do ghràdh agus do throc- 
air sinn chum na h inbh urramaich so, agus thug 
thu dhuinn ar sonas mar dhleasnas: agus thèid 
gach neach a tha fad uait am mughadh, ach is maith 
dhuinne teachd dlùth dhuit : agus air eagal gum 
bachd diomhanas agus gnothaiche saoghalta sinn, 
shonraich thu mach do latba naomh, chum 's gun 
dearc sinn le smuaintibh socrach, air do ghràdh, 
agus air do chliu; agus chum gum feith sinn air an 



10 



Tighearna gun bhuaireas, agus gem blais sirm ar 
suaimhneas siorruidh fein roimli laimli. O ! bi 
thus' anis mar Spiorad beatha, soillse, gràidh agus 
cumhachd do'n dream a ni do riar! beothaicheadh 
a bheatha spioradail sinn, chum a ghnothaick neamh- 
aidh so; chum ann ad sholas run-phairtichte, 
gum faic sinn thu fein trid creidimh : chum gun las 
ar gràdh le teas-chràbhadhsòlasacb, trid co'-pairteach- 
aidh bhlasda do ghraidh : chum gum bi gach ni a 
tha annainn, "(a tha cathachadh a t' aghaidh,) lan- 
smachdaichte le d' neart, a tha follaiseach 'n ar 
laigse ; agus chum mar so, gum bi an iobairt sin 
dhinn fein, agus d' ar cliu, a thairgeas sinn gu 
h-umhal air t' iartas, .taitneach leat, agus ion-ghabh- 
ail rithe, trid losa Criosd. 

Is Dia thus agus thus amhàin ; is tu an Spiorad 
neo-bhàsmhor, do-f haicinneach, siorruidh agus neo- 
chriochnach ann am bith agus ann an iomlaineachd : 
roimh chruthacbadb an t' saoghail, o shiorruidheachd 
gu siorruidheachd is tusa Dia. Tha t' eolas neo- 
chriochnach ; tha tlm lan-eolach ort fein, agus air 
gach ni agus neach : ach cha 'n f haod aon neach eile 
t' iomlaineachd a thuigsinn : is maith do run, seadh, 
is lior-mbaitheas agus g ràdh foirfe e : is ionmhuinn 
leat thu fein agus t nil' obair ! is tu an t' Uile-chumh- 
achdach, agus cha chruaidh ort cùis air bith : is 
tu Cruthai-f hear an t' saoghail uile ; ghairm thu 
gach ni o neo-ni ! labhair thu agus dhealbhadh 
an domhan! thug thu bith do na h ainglibh 
glormhor, agus do gach Spiorad tuigseach eile ! 
Dhealbh thu na fiaitheasa uile ! Las an solas air 't 
iartas ! Cbrutbaich thu grian agus reulta ; thug thu 
dhoibh an cumhachda iongantach, agus an obair, 
chum le 'n solas, le 'n teas, agus le 'n siublial, gun 
fair iad beatha agus gluasad, agus gum bi iad chum 
aimsire agus mithse, air thalamh. Cia glormhor thu 
O! Thighearna, ann an oibribh iongantach sin do 
chumhachd ! Tha am morachd, an gloir, agus am 
fearta, an-àrd os ceann ar tuigse dhorch-ne. Bheir 
na h àrd-aingle aig am bheil eolas is fearr na tha 
againn, agus a tha 'g àiteachadh nan ard-ionada 



II 



comhnuidh glormlior, cliu is fearr na ar cliu-ne 
dhuits' an Outhai-f hear cumhachdach, a dhealbh 
le t' f hocal cruth iongantach an t' saoghail, an uair 
a sheinn reulta na maidne coi'-slieirm, agus a rinn 
uile mhic Dhe gairdeachas. Cliruthaich thu 'n tal- 
amli tioram agus a mhuir, agus gacli creutoir a tha 
'g an àiteackadli: gach eun agus iasg, gach beathach 
agus luibli ; ann an iomad dreach iongantach, le 
mais agus feartaibli dhealbh thu iad uile. Is iad t' 
oibre mor agus iongantach do-sgrudaidh, an t' athar 
agus rianeoil, an dealanach agus an tairneanach, an t' 
uisg' agus an sneachd, gaotli agus crith-thalmhainn, 
lionadh agus tràdha iongantach na fairge; seadh, 
tha a chnuinih no a bhlàth is lugha, gu h àrd os 
ceann ar tuigse agus ar n-eolais. Air an aobhar sin 
cionnas a làn-thuigeas daoine bàsmhor, niòrachd agus 
riaghailt iongantach innealt' an t' saoghail? Cionnas 
a stèighich thu 'n talamh air neo-ni ?' agus ciod a tha 
na dhoimhneachd ? cia mar tha thu cumail suas, agus 
a' gluasad a chruthachaidh uile; agus a' buanachadh 
a riaghailt sheolta ? Cia mar a dhoirteas tu gu frasach, 
fearta cumhachdach sòlasach an teas neamhaidh anuas 
air nithe talmhaidh ? cia mar a dhruideas tu suas 
an fhairge le dorsaibh gainmhein, agus a rinn thu 
truscan di de na neulaibh, agus crios-pasgaidh de'n 
dorchadas thiugh; ag ràdh, Thig an f'headh so, ach 
na tèid ni 's faide ? Cia mòr a Thighearna, agus 
cia lionmhor t' oibre : le gliocas gun mhearachd, 
le maitheas nach traogh, agus le uile-chumhachd 
dhealbh thu iad uile ? 

Ach 's e an duin' an creatuir is luachmhoir a 
cliruthaich thu dh' àiteachadh na talmhainn ; shèid 
thu anail na beatha 'n a phollaruibh, agus dh' f hàs 
anarn beo ann ; cliruthaich thu e ann an inbli is isle 
beagan na na h-aingle ; chuir thu coron air de glilÒir 
agus de mhòr-luach; thug thu uachdaranachd dha os 
ceann nil' oibre do hunh air thalamh; agus chuir thu 
fo cheannsal iad uile. Dhealbh thu e a rèir do 
dhreach fein, thug thu an am tuigseach dha, toil 
shaor o f hoirneart, agus comas a cuir an gniomh. 
Cliruthaich thu e chum eolas a ghabhail ort fein, 



12 



gràdh agus gèill a thoirt duits a Chruthai-f hear 
mat-h, glic agus cumhachdach. Shuidhich thu air 
thalamh e chum triall trid na beatha so, a dli ionn- 
suidh do làtbaireachd ghlòrmhoir fein : mar is tu a 
shealbhadoir, is tu mar an ceudna a riaghlai-f hear, 
a phriomh mhath, ard-fhear-comuinn, a chrioch 
àraid agus Athair caomh ; chum 's gun tugadh e 
lan-ùmhlachd neo-f huasgailte, agus gràdh dhuit. 
Thug thu dha reuson agus iartas, mar riaghailt 
mhath, naomh agus cho'thromaich, chum le giulan 
a reir do chomhairle, gun toilicheadh e thu, agus 
gun sealbhaicheadh e làn-shonas. Dheonaich thu 
dha gach ni a bha feumail chum ùuihlachd ; chuir thu 
mar fhiachaibh air le saibhreas do thoirbheartais 
gèill a thoirt dhuit. Ach thuit e gu grad o neo- 
chiontas agus o inbh urramaich, le pilleadh o Dhia; 
chreid e am buaireadair farmadach mealltach, seadh, 
an uair a chuir e farmad agus cealgoireachd as do 
leth-sa: mar nach dearbhadh t' uil oibre agus do 
thròcair iongantach, gur fior agus math thu. Is e 
so a thug an duin amaideach da Thighearna, an 
èirie a mhaitheis, thrèig e carraig a shlaiute ; agus 
le h-aon duine thainig peacadh a steach do'n saogh- 
al, agus bàs le peacadh. Ach rinn tròcair gair- 
deachas an aghaidh breitheanais, agus cha do leig 
thu mach t' f hearg iomlan ach ri bìnne bàis choi'- 
cheangail thu gealla Fir-shaoraidh. O ! gun cliuth- 
aicheadh daoine Dia, arson a mhaitheis,agus arson 
a, ghniomharraibh iongantach do chloinn nan daoine ! 

Mar a thug thu gealla tròcaireach d' ar ceud sinn- 
sir; mar an ceudna, ann an iomlaineachd na h- 
aimsir chuir thu do Mhac chum an t' saoghail. 
Thainig e, agus ghabh e ar nadur-ne chum a dhiadh- 
achd ; ghabhadh e leis an Spiorad naomh ; rugadh 
le h-òigh e ; bha e fo 'n lagh i chaidh e fo dhimeas ; 
ghabh e riochd seirbhisich air; agus dhealbhadh 
mar dhuin e. O ! aontachadh iongantach ! O ! 
gràdh gun clioimeas ! Chuir ajngle an cèill e ; ghabh 
iad iongantas mòr dh'eth ; rannsaich iad e ; agus 
sior-dhearcaidh iad air iomadai gliocais De. Cia h- 
iosal anis is còir do pheacachaibh saorta tuiteam, 



13 



gu h-umhal a' gabhail iongantais cliràbhuicli da 
ghràs! cia h-àrd is còir dtioibh binn clieoi buidheach- 
ais a sheinn d' am Fear-saoraidh ! 

Thainig e chum an t-saoghail so, a cboluadar ri 
daoinibh, chum eolas a thoirt doibh air an Dia neo- 
f haicinneach, agus air nithe do lèir-sinn an t-saogh- 
ail eile : thai nig e mar sholas, agus mar Shlanuigh- 
ear an t-saoghail, a thoirt beatha agus neo- 
bhàsmhoireachd chum soillse. Bha e naomha, neo- 
choireach, neo-thruaillte, eadar-dhealaichte o pheac- 
achaibh, agus a' coilionadh gach ceartais chum bhi 
mar shagart iomchuidh, agus mar Shlanu'ghear 
foghainteach do pheacachaibh. Sheol e dhuinn le 
theagasg agus eisimpleir fhoirfe, geill a thoirt do 
Dhia gu h-ùmhal, dimeas a dheanamh air sannt ana- 
barrach saoghalta, fein-spèis àicheadh, agus a chrann- 
ceusaidh a ghiulan, chum gun ruig sinn air crùn 
de'n ghloir shiorruidh. Dh' irioslaich se e fein, fo 
chasaid agus fo mhi-chliu chealgaich an t-sluaigh 
pheacaich, agus fo bhàs maslach, cràiteach na croiche, 
chum gun deanadh e dheth fein iobairt agus rèiteach 
arson ar peacaidh, agus eiric arson ar n-anama cion- 
tach, chum gum bi sinne leighiste le bhuillibh. 
O gradh gun choimeas ar Slanuighir, a leag sios 
anam luachmhor, seadh, arson a naimhde ! Chuir e 
bàs agus uaigh fo cheannsal, agus naomhaich e do 
gach fior-chreideach iad. Air an aobhar sin ghabh 
e co'-pairt ann am foil, agus ann am feoil, chum trid 
bais, gun sgriosadh e an droch-spiorad aig an robh 
cumhachd bàis ; agus gun saoradh e an dream a bha 
le h-eagal bàis, fo bhruid, fad aimsir am beatha gu 
lèir. Sholair e coicheangal gràis do 'n chinne-daon- 
na, agus naisg se e mar a thiomna le fhuil. Agus 
a nis tha maitheanas agadsa chum gum bithear fo d' 
eagal, agus gun d'thoirear gèill duit le muinghinn. 
O ! Athair, 's e do ghràdh do 'n t-saoglial a thug 
t-aon-ghein Mhic dhuinn, chum 's ge b' e neach a 
chreideas ann nach d'thèid e am mugha, ach gun 
sealbhaich e beatha shiorruidh. Bha tha ann an 
Criosd a' rèiteachadh an t-saoghail riut fein, gun 
am peacaidh a chur as an leth. Thug thu briathra 
C 



14 



na rèite do d' luchd-teaguisg, a chur impidh air 
luchd-aingidheachd, seadh, ann ad' ainm fein, agus 
ann an ainm Chriosd, a bhi rèidh riut. Sparr thu 
orra do tliròcair a thairgse do gach neach, agus an 
eigneachadh a steacli ]e dùraclid chum gun lionar 
do thigh, agus gum bi bòrd do mhòr-f hleadha bhean- 
nuichte làn le h-aoidhibh. Cha chuir thu cùl ri 
aon neach a thig do d' ionnsuidh trid Chriosd; cha 
diult thu trocair do neach air bith, ach do 'n duine 
cheann-laidir nach gabh rithe gu bràth : Thug thu 
beatha shiorruidh do mhic bais ; agus is i a bheatha 
so do Mhac ; oir tha e leoir-chomasach a làn-theas- 
airginn gach neach a thig a' d' ionnsuidhs' air im- 
pidh agus air a chùmhnanta fein. Do mheud 's a 
ghabh ris, thug thu comas a bhi mar chloinn De. 
Thug thu dhoibh Spiorad na h-uchdmhacachd, d' an 
ath-nuadhachadh a rèir t-iomhaigh naomh, chum 's 
gum bi iad cosmhuil ri 'n Athair neamhuidh ; d' an 
naomhachadh dhuit fein, agus le dòrtadh do ghràidh 
air an anamaibh, 'g an tarruing suas do d' ionnsuidh 
fein ann an gràdh. Rinn thu sluagh sònraichte 
dhuit fein diu, agus eud-mhor in u dheagh oibre, 
chum a' bheil thu gan ath-ghineamhuinn. Bheir 
thu dhoibh mar an ceudna aithreachas chum na 
beatha ; agus ceusaidh tu an f heoil le a h-ana-mian- 
naibh ; teagaisgidh tu dhoibh bhi measarra, cothrom- 
ach, diadhuidh, agus saoraidh tu iad o 'n droch 
linn so ; marbhaidh tu an sannt anabarrach saogh- 
alta, chum 's gum bi an gràdh agad fein, agus gum 
bi thu dhoibh mar làn-shonas, O ! cia an gràdh leis 
an do ghràdhaich thu sluagh truagh ceannairceach 
peacach, chum gun iompaichte iad gu bhi mar 
chloinn Dhe ! seadh mar oighreacha nèimh, agus 
mar cho'-oighreacha le Criosd ; m' as e gu 'm fuil- 
ing sinn maille ris, gu ? n gloraichear, sinn maille ris 
mar an ceudna. 

Thog thu t-eagluis air carraig, air an Fhear-ea- 
dar-mheadhoin bheannuichte, chum nach buadhaich 
cumhachd ifrinn na h-aghaidh. Rinn thu a Fear- 
teagaisg, a Sagart, agus a Righ dh' esan ; uaith-san 
f huair sinn eolas ortsa agus air do thoil ; air a sgàth- 



15 



san tha sìth, fàillte, agus comas dol a' d' ionnsuidh 
againn. Is esan Tighearna nam marbh agus nam 
beo. Thug thu na h-uile na lamhaibh, agus dheon- 
aich thu dha àrd-cheannsal t-eagluis. An uair a 
chaidh e suas do neamh, thug e iarrtas d' a mhinis- 
teiribh eaglais uil' a chruinneachadh, a riaghladh, 
agus a theagasg ; thug e 'n Spiorad gun mhearachd 
d' a Abstolaibh 'g an treorachadh chum gach firinn ; 
agus Spiorad na 'n cumhachda miorbhuileach a thog- 
ail fianuis leis do 'n t-saoghal. Theagaisg iadsan 
duimi gach ni a dh' iarr e orra, agus thug iad teagasg 
an scriobtuir dhiadhuidh do na h-aodhairibh,agus do'n 
luchd-teagaisg sin, d' an d' òrduich thu a choimh- 
ead agus a chuir an cèill ; agus ris an d' earb thu 
do threud ionaltra gu crioch an t-saoghail. Agus 
gad a thruaill peacadh, agus gad a roinn eadar-dheal- 
lacha t-eagluise gu truagh ; gidheadh tha thu nam 
measg, a' giulan le 'n anmhuinneachd, a' toirt do 
chomhairle dhoibh> ga*'n gairm chum naomhachd, 
sith, agus gràidh ; agus is aithne dhuit do chruith- 
neachd fein ami am measg a mhuill. 

O ! gum moladh daoin' an Tighearn arson a 
mhaitheis, agus arson a ghniomhara iongantach do 
chloinn nan daoine. Cia glormhor thu ami an naomh- 
achd, a Thighearna, agus cia h-urramach ann 
an coithional do naomhaibh, agus an uile shluaigh 
tha timchioll ort ? Tha naomhachd iomchuidh air 
do thigh gu siorruidh ; agus ann ad theampull labh- 
ruidh gach neach air do ghloir. Gum beannuichear 
t-ainm a Chruthaif hear chumhachdaicli ; gum bean- 
nuichear t-ainm Fhir-shaoraidh ghlòrmlioir ; agus 
gum beannuichear t-ainm a Spioraid f hior naomh. 
O ! gu 'n cliuthaicheadh ar n-anama mòrachd an Tigh- 
earna le tuille buidheachais, agus gun deanadh ar 
Spiorad gàirdeachas ann an Dia ar Slanuighear, a 
rinn iochd oirn 'nar staid chaillte ; oir mairidh do 
thròcair gu siorruidh. Cliu dhuit arson ar bith : 
cliu dhuit arson ar saoradh o pheacadh agus o ifrinn : 
cliu dhuit gun d' thug thu sinn le baiste fo cho'-chean- 
gal na 'n gràs, agus chum t-eagluis. Cliu dhuit 
arson nan sochairean mòr agus diadhuidh so, nach 
C2 



16 



'eil sinn coimheach, coigrich ann am measg na 'n 
Cinneach, agus an t-saoghail gun chreidimh ; ach gu 
bheil sinn ann an comhearsnachd nan naomh, agus 
do theaghlach Dhe. Moladh dhuit gum faod sinn 
seasamh ann an làthair do naomhachd, cliu a thoirt 
duit ann an eoithional na'n creideach ; agus nach d' 
f hògradh sinn o obair agus o chuideachd nan naomh. 
Is fearr là ann ad chùirt na mile là. Is fearr leinn 
doirsearachd tighe Dhe, na còmhnuidh ann an tigh 
rioghail na h-aingidheachd. Is beannuicht an sluagh 
a chluinneas an f huaim aoibhneach, agus a bhitheas 
tarbhacli fo dhrùchd nèimh ; gluaisidh iad ann an deal- 
radh do ghnuis, ann ad ainm ni iad gairdeachas 
fad an là, agus àrdaichear iad ann ad cheartas ; oir 
is tus an glòir agus an neart ; agus ann ad dheadh- 
ghean bithidh iad tearuinte, ait, agus àrd-inbh- 
each. 

Ach gu sònraichte, cha 'n f haod an dream a thug 
thu chum eagluis fhaicinnich an t-sluaigh uuadh- 
ghinte, mòrachd do ghràis a leoir-chliuthachadh. 
'Nuair bha sinn gun Dia anus an t-saoghal, agus gun 
spèis neo-chealgach againn diot ach a' ruagadh ar n- 
ana-mianna feol-mhor, agus diomhanais chealgaich 
an t-saoghail ; 'nuair nach robh Dia 'nar smuaintibh, 
agus nach robh tlachd againn a' d' shlighe naomh ; 
'nuair a rinn sinn dimeas air gràs, a chuir sinn cath 
air do Spiorad, agus a chuir sinn peacadh ri peac- 
adh ; an sin ghabh thu truas dhinn 'nar fuil ; chuir 
thu t-fhocal d' ar n-ionnsuidh, thug thu buaidh dha 
air ar n-anama reasgach ; thug thu oirn smuainteach- 
adh air ar staid, agus air ar slighe, agus dheonaich 
thu dhuinn càileiginn de striochdadh, agus de aith- 
reachas. Is sòlasach ath-smaointeach air spàirn agus 
buaidh do ghràis, air caomhalachd do thròcair, agus 
air co'-fhurtachd do ghràidh. An uair a bha eagal 
oirn gun leir-sgriosta sinn le 'r peacaibh, agus nach 
gabhadh tusa gu bràth ri sluagh ceannairceach, gràin- 
eil mar sinne ; cia saor a mhath thu dhuinn ar n- 
uile chionta? cia toileach a nochd thu trocair, agus 
a thug thu buaidh air ar n-anama le làn shaibhreas 
do ghràidh ? O ! cia iomadui na peacaidh a mhath 



17 



thudhuiun? Nach bu mliòr saothair do Spioraid ri'r 
n-anamaibh aineolach, borb, fèin-spèiseil, ana-mèin- 
each, saoghalt', agus easumhal ? Cia h-iomad tròc- 
air, tearmunn, agus co'-fhurtachd, a dheonaich 
thu dhuinn o'n am sin ? Cia h-iomad miaim a thug 
thu dhuinn, agus a shàsuich thu ? Cia iomad àmh- 
ghar a lnghdaich no a naomhaich thu ! Cia iomad 
uair shòlasach, tharbhach a chaith sinn leats an uaig- 
neas ! agus leatsa agus le d' shluagh ann an co'-cho- 
munn nan naomh ! Is lionmhor, a Thighearna, t- 
oibre iongantach, agus do smuainte tròcaireach air 
do luchd-muinntir ; nam b' kill leinn am meas, agus 
an cur an cèill gu riaghailteach, rachadh an àireamh 
thar ar tuigse. Agus air an son sin uile, tha sinn 
mar shagarta do Dhia, a' tairgse iobairt ar cliu agus 
ar buidheachais le gairdeachas, dhuitse, ar crann- 
chur, agus ar slainte shiorruidh. 

An uair a chriochnaichear a bheatha dhocrach 
ghearr so, gheall thu dhuinn suaimhneas maille riut 
fein gu siorruidh. Treòraichidh agus sdiùiridh tu 
sinn le d' chomhairle, trid an f hàsaich so, agus bheir 
thu sinn ann an àm iomchuidh chum do ghlòir. Cha 
d-thug thu dhuinn 'an diomhanas na ceudfaith so, ga 
d' iarruidh fein, a ghabhail eolais ort, a thoirt gràidh 
dhuit, agus a ghabhail tlachd annad : air cliinnte 
coilionaidh nàdur agus gràs gu foirfeachd, agus bheir 
thu orra gun ruig iad air an crìch. Clia bhi mòr- 
thionnsgnadh, obair, agus fulangas an Fhir-shaoraidh 
an diomhain. Cha bhrisear do ghealla naisgte. Cha 
d' athnuadhaich, agus cha do naisg do Spiorad sinn 
an diomhanas chum an latha bheannuichte. Cha 
mheall an geall-daighnich, an earlais, agus t-f hianuis 
a thug thu dhuinn sinn. Cha d' theid ur mianna 
agus ar n-osnaidh am mugha; agus tha tionnsgna 
fann na soillse agus a ghràidh sin, a' roi-thaisbineadh 
gun sealbhaich, seadh, gun lan-shealbhaich sinn foir- 
feachd mdr mar ar miann, agus maireannach mar 
ar n-anama neo-bhàsmhor. Tha siol a ghràis a' tar^ 
agradh gloir ; agus tha roi'-bhlas a ghràidh a' dearbh- 
adh gum bi sinn sonadh ann ad ghràdh gu sior- 
ruidh. Cha 'n f hàg ar dòchas ri d' mhaitheas, a' d' 
C 3 



18 



Mhac, agus a' d' cho'-cheangal, gu bràth sinn folamli 
agus masluichte. 

Air an aobhar sin, beannaichidh sinn" d' ainm, a 
Thighearna, mar dhream a shaoradh o bhàs agus 
o ifrinn ; mar mhuinntir adh' òrdaicheadh chum inbh 
do chloinne ; mar dhream a theasairg thu o 'n naimh- 
dibh uile ; ach gu sonraichte uainn fein agus o 'r 
peacaibh: beannaichidh sinn d'ainm, mar dhream a 
tha tionnsgnadh air glòir, agus aig a' bheil dùil ri 
bhi sonadh le Criosd gu siorruidh air neamh, as an 
crannar a mach gach peacadh agus dòlas, gach nàmh- 
uid agus eagal, agus cha chuir iad tuille campair 
air ar n-anaraa gu bràth. 

Gheibh sinn roi'-shealla le suil a chreidimli air an 
là shona sin, air Ierusalem nuadh, air ainglibh gun 
àireamh, agus air spiorada foirfe nan naomh ! chi 
sinn an dealradh glòrmhor, an teas-ghràdh, agus an 
co'-sheirm iomlan ! cluinnidh sinn tre ehreidimh am 
binn-cheol buidheachais agus cliu ! Roimhe so, bha 
iad ìosal dubh-bhrònach ann am peacadh agus ann 
an dòlas, ann an iomaduidh laigsinn, fulangais, agus 
eagail, mar a tha sinn fein. Ach le creidimh agus 
foighidinn thug iad buaidh. Agus le creidimh agus 
foighidinn is àill leinn ar Tighearn agus iadsan a 
leantuinn gu dlùth. Tha'n t-àm dlùth dhuinn anus 
an iompaichear an fheoil so chum luaithre gu grad ? 
agus fuasglar ar n-anama o chuibhreach corporra, 
agus thèid iad do d' ionnsuidh fein. Is goirid gus 
an tachair so. An sin, is diom-buan ar peacadh 
agus ar n-àmhghar : an sin chi sinn thu aghaidh ri 
h-aghaidh ! agus gheibh sinn solas o d' dhealra ! cha 
bhi sinn tuill' a glaocthaicb, no ag osnaich ann an 
dorchadas. Och ! gun tuille eolais againn air do 
mhòr-Luach a Thighearna! an sin bheireamaid gradh 
fior-ghlan, foirfe gun truailleadh dhuit ; agus cha 'n 
fheumaraaid bhi ag osnaich agus a' glaodhaich, 
Och ! gun againn anama laiste le gràdà dhuit. An 
sin chliuthaicheamaid thu gu h-inntinneach, le buidh- 
eachas agus le gairdeachas, a tha os ceann ar tuigse 
agus ar tograidh anns an am so. 

O ! tuilte soillse agus gràidh bheannuichte, a 



19 



shruthas air ar n-anama gu siorruidh o d' ghnùk 
ghlormhor gun smal ! cia h-an-àrd an t-sàbaid shoir- 
ruidh, agus an cliu foirfe sin gun tosd, os ceann ar 
dìchill dliiblidli gun neart ! co an-àrd 'sa tha cathair 
bhuadhach Dhe os ceann eagluis neo fhoirfe, leana- 
buidh, agus neo-shuidhichte fein air tlialamb. 

Beothaich, a Thighearna, ar ciocras an diaigh na 
staid agus an latba bheannaicbte sin. Thig a 
Thighearn losa, thig gu grad, agus coilion t-f hocal, 
chum 's gum bi sinn leat, agus gum faic sinn do 
ghloir. Na- fuirich gus am fàillnich creidimh air 
thalamh. Na fuirich gus an toir cumhachd an 
dorchadais buaidh air fuigheall t-oighreachd gu 
h-iomlan, agus gus an dean e an saoghal so ni's 
cosmhuile ri h-ifrhm; no gus an sguir daoine 
diadhuidh agus trèibh-dhireaLih ann am measg clann 
nan daoine. O ! c'uin a ghabhas an saoghal riut 
mar an Cruthaighear ; c'uin a ghabhas iad grain roi 
iodhalaibh, agus a sguireas iad de mhi-chreidimh ? 
C'uin is oighreachd do d' Mhac a chuid eile de na 
Cinnich ? C'uin is rioghachd dha uile rioghachda 
na talmhuinn ? O ? c'nin a leanas an talamh samh- 
la nèamh, agus a ghabhas daoine tlachd ann an 
deanamh do thoil? C'uin a chuireas an duin 
uaibhreach, an-saoghalta, agus ana-miannach cùl ri 
cealgoireachd, agus a ghluaiseas e gu h-ùmhal, 
naomha maille ri Dia ? c'uin a philleas an t-amad- 
an truagh a dh' àich'eas an Tighearna na chridhe, 
agus nach gairm air t-ainm, ach a dh' itheas do 
shluagh mar aran ? c'uin a bhios eagal t-ainm air, 
agus a sguireas e a chathachadh an aghaidh a 
Chruthaighear ? Luathaich, a Thighearna, slainte 
do shluaigh, agus coimhead iad ann an treibh- 
dhireas, agus ann am foighidinn gu bràth. Dean 
trocair air gaeh eagluis aineolach agus neo-iom- 
paicht' air thalamh : dion iad o an-tighearnas na 
h-àird-an-Ear, agus an Iar, a chumas an cleth 
meadhona eolais agus leasacha beatha; agus aisig 
dhoibh an ceud fhior-ghloine, aon-fhillteachd. agus 
aon-sgeulach, chum gum bi an solas a' dealradh a 
m ach, a chosnadh an t-saoghail neo-chreideach, a 



20 



dh' iomaineadh o Chriosd le 'n truaill'eachd. Dion 
agus leasaich ni's mò agus ni's mò na h-eagluise 
ath-leasuichte ; agus ath-bheothaich eolas, naomh- 
achd, agus sith nam measg. Beannuich na riogh- 
achdan so le solas, naomhachd, agus sith an t-sois- 
geil. Beannuich ar n-uachdaran laghail, agus a 
theaghlach rioghail uile, agus gach aon neach eile 
ann an ughdarras ; beannuich iad leis gach gliocas, 
naomhachd, agus sonas, a tha feumail dhoibh fein, 
agus do leas coitchionn nan rioghachda so. Dean 
na h-iochdrana dleasnach dhuit fein, agus d'an 
uachdaranaibh saoghalta, chum gum bi ar beatha 
siochail, suaimhneach, anns gach diadhachd agus 
ionracas. Beannuich gach co'-thional le soillsibh 
lasarradli dealrach; agus tilgear luchd-reic agus 
ceannuigheachd a mach as do theampull. Na 
bacadh mi-run an droch-spioraid, no naomh-ghoid 
dhaoine, soisgeul do rioghachd ; agus na mealladh 
iad o obair t-f hogharaidh do luchd-saothaireach cois- 
rigte dileas. 

Deonaich dhuinn nithe feumail na beatha so, agus 
biomaid làn-toilichte le toirbheartas do laimhe ; 
agus sgrios ar n-an-saoghaltachd, agus ar ri-ana- 
mianna feolmhor. 

Teagaisg dhuinn bhi beo gach là trid creidimh 
'nar Fear-saoruidh, agus as a leth-san deonaich 
dhuinn sior-chomas dol a d' ionnsuidh fein. Maith 
dhuinn peacadh gach latha, agus cuidich leinn 
gràdh agus maitheanas a thoirt do dhaoinibh eile. 

O ! dion sinn o chogar cealgach an droch-spioraid, 
o aisTÌnnleachdaibh an t-saoghail, o mhealltoireachd 
luchd-peacaidh, agus o gach togra truaillidh feol- 
mhor : agus na d-thoir thairis sinn do pheacadh, no 
d' ar n-an-sannt; no do mhi-run dheamhan, no 
dhaoin' an-diadhaidh ; no do'n dioghaltas mhillteach 
a tlioill ar peacanna. 

Thoir eolas duinn air obair na beatha, agus air 
mòr-luach air n-aimsir ghoirid nach mair ach seal; 
agus cuidich leinn ar n-ùin a bhuileachadh chum 
co'-fhurtachd d' ar n-anamaibh, an uair a ghabhas 
sinn ath-shealladh dhith. Teagaisg dhuinn mar 



21 



dh' àireamliar leinn ar làithe, chum gun socraich ar 
cridhe air gliocas. Na leig dhuinn bhi mar arl 
t-amadan a struidheas le diomlianas an aimseir 
luachmhor sin ris a blieil a shonas siorruidh an 
earbsa; an aimsir nach faod an saoghal gu leir a 
gairm air a h-ais. Deanamaid t-obair le 'r n-uile 
neart, gu sònraichte 'n ar n-ealainibh agus 'n ar 
daimhibh fa leth. Deanamaid ar gairm agus ar 
taghadh citinteach. Builicheamaid ar n-aimsir ann 
an obair thaitnich a chreidimh, na muinghinn agus 
na seirc. Cum sinn do ghnà ri faire, agus ullamh 
fa chomhair bàis agus breitheanais, a' gabhail fadail 
gus an d' thig an Tighearna. Biodh ar n-anama 
agus ar co'-luadar air nèamh, o*m blieil dùil againn 
ri 'r Fear-saoraidh ; agus le bhriathraibh co'-dhun- 
aidh sinn ar n-uile ùrnuigh. — Ar n-Athair a ilia air 
neamhy fyc. 



Beachd-smuatnteachadh a pheacaich, a bha roimk 
so dearmadack, ach a tha nis d teanna ri dùsgadh. 

Mosgail, O an am dhearmadaich, dùisg as na 
bruadair sli each ran acli sin ! Pill o ruagadh faoin- 
eaehd, agus cuireadh impidh ort rè tamuill bhig, gn 
amharc air t-aghaidh, agus amharc an àird. 'S leoir 
na tha do uairean agus do làithean air am buileach- 
adh air saothair agus air culai-shùgraidh na beatha 
so. Na gearain beagan ùine 'bhuileachadh air 
beachd a ghabhail ort fein, agus air na gnothaich- 
ibh is dlùithe dhuit, a thoirt fainear, co, agus ciod 
e thu fein ; cionnas a ta e tacbairt, gu bheil thu 
'an so, agus ciod is eiginn duit a bhi an ùine ro- 
ghearr ? 

O m' anam ! 'S tusa creutair Dhe ; air do 
dheilbli agus air do chumadh leis, agus air do 
shuidheachadh ann an corp, a sholair e, agus a tha 
e cumail suas ; corp, anns nach robh a mhiann air 
do chòmhnuidh a bhi ach uine ghearr. Och, 



22 



smaoinich cia co luath 's a sgaoilear am pàilliuin so 
's a's eiginn duitse pilleadh ri Dia. Agus an e 
Easan, an t-Aon Bhith, Neo-chriochnach, Bith- 
bhuan, Sior-bheannuichte, agus Uile-ghloirmhor, 
gan lugha bhios do sliuim agad ? An caith thu do 
bheatha, agus am bàsuicli thu, leis a ghiulan so, ag 
ràdh, le d' dheanadas laitheil, ri Dia, Imich nam, 
oir cha'n àill learn eolas do shlighean? Tha aig a 
mhaduin, aig meadhon-la, aig an fheasgar, agus 
aig an oi'che an leith-sgeul fein air son an dear- 
maid so. Ach, O, m' anam, ciod a dhiongas na 
leith-sgeil sin, an uair a rannsuichear a chùis le 
shùil uile-leirsinnich ! Faodai iad an car a thoirt 
asam-sa ; ach cha mheall iad easan. 

O Dhe air an d' rinneadh dochair, dearmad 
agus air an do chuireadh corruich ! An uair a 
smaoinicheas mi air do mhòrachd, agus air do 
mhaitheas, tha mi air mo lionadh le h-iongantas 
air son co neo-mothachail 's a bha, agus a tha 
mi fhathast a buauachadh. Tha rughadh gruaidh 
agus nàir orm m' aghaidh a thogail riutsa, Leis 
a bheachd a's lugha 'ghabhail air, tha mi 'faicinn 
gun deachaidh mi gu ro-mhor am mearachd. 
Agus gidheadh dheanadh an cridhe neo-moth- 
achail so a tli agam leith-sgeul a ghabhail o 
bhi co fada ge d' dhearmad, gu dheanamh ni b' 
f haide. Tha mi 'g aideachadh, gu'm bu chòir do'n 
chinne-daoine gu h-iomlan a bhi gu dleasnach 
gràdhach dhuit ; gum bu choir do gach cridhe bhi 
air a liona lc mothachadh air do làthaireachd ; 
agus gur e thus' a thoileachadh bu choir a bhi na 
ro-chùram orra. Gidheadh, cha robh thu 'am uile 
smuaintibh ; agus rinn mi na h-urrad dhearmaid air 
diadh'achd, crioch agus glòir mo naduir, 's gur gann 
a dh' f heòraich mi riamh de m' chridhe fein, Ciod 
e. Tha fios agam ma stadas a chùis 'an so, gun d' 
thèid mi am mugha ; agus gidheadh, tha mi moth- 
achadh gu bheil mo nàdur co neo-thogarrach gu 
smaoineachadh air na nithe sin, 's gu bheil mi 
deonach, ma smaoinicheas mi idir umpa, air a 
chuid is lugha, dàil a chuir ann car seal. Tha m' 



23 



inntinn 'an imcheist, eadar dha bharail: ach tha 
dearbh-fliios agads', a chruthaich mi, ciod e is fearr 
dhomh. Tha mi uime sin ag asluch' ort, air sgàth 
t-ainme, gun treoruich agus gun stiur thu mi. Na 
ceadaich dhomh dàil a chuir ann, gus am bi e gu tur 
tuille 's fadalach. Spion mi mar aithinne as an losgadh. 
O bris an druigheachd mhillteach so a tha claonadh 
mo thograidh gu cuspairean, air am bheil mi ann 
am bharail a dcanamh di-meas ! Agus deonaich 
dhomh teachd chum an t-suidheachadh shonadh inn- 
tinn sin, leis nacli bi sgàth orm smaoineach ortsa, 
agus orm fein ; agus nach buairear mi gu ràdh, 
gum b' fhearr learn nach do chruthaicheadh mi, 
no gun deanadh tu di-chuimhn orm ; chum 's nach 
e mo dhòchas as fearr gun d' theid mi am mugha 
mar na brùidean. 

Ma tha na tha agam tuille rà leughadh an so, 
a rèir firinn agus riasoin ; ma tha e feu mail chum 
rno shonais, agus ma dh' fhaodas mi a ghabhail 
mar shanas air do thoil do m' thaobh-se, O Dhe, 
deonaich dhomh a chluinntinn agus gèill a thoirt 
dà ! Biodh briathran t-oglaich, 'an àm tagradh do 
chùis, mar bhioraibh gu drùghadh air 'm inntinn ! 
agus gu ma fearr learn fhaireachduinn, agus an 
goirteas fhulang, na bàsuchadh ! Bitheadh iad 
mar thàirnean air an sparradh 'an àite cinnteach, 
chum 's ge b'e rùin-dhiomhair a tha fhathast 
neo-aithnichte, no ge b'e cruaidh-chais a tha ann 
an diadh'achd, m'as feumail e, nach dean mi 
di-chuimhn air'; agus ma tha e fior f heumail gun 
teannainn ris air ball, nach cuir mi tuille dàil 
ann ! Agus, O deonaich gun seol do ghràs 
domh an teagasg a tha mi co mall a dh' fhoghlunV; 
agus buaidh a thoirt air a chlaon thogradh laidir 
sin a tha mi faireachduin ann am chridhe na agh- 
aidh ! Eisd ris na gearain neo-iomlan so, air 
sgàth do Mhic, a theagaisg agus a shaor iomad 
neach co do-theagasg riumsa, agus a tha comasach 
air clann a thogail suas do Abraham de na c!och- 
aibh sin ! — Amen. 



24 



Urnuigh agus Aidmheil neach aig a? bheil mothach- 
adh air a pheacadh. 

Athatr Uile-chumhachdaich agus thròcairich! 
Tha do shùile ni's gloine na gun seall tlm air olc, 
tha do riaghladh cothromach, agus tha do reachd 
naomh, firinneach agus math ; eionnas a gheibh 
peacacli ciontaeh a dhànadas na thig a' d' fhian- 
uis ! Is leur dhuitse gach aon ni, agus tha mo 
thruailleachd agus mo neo-aithrighead soilleir dhuit. 
Pheacaich mi a'd' aghaidh-se, aig a' bheil làn- 
chòir air mo ghràdh agus m' ùmhlachd ; pheac- 
aich mi a' d' aghàidhse, mo Chruthai'ear, ni Fhear- 
coimhead, agus mo Charaid is caomhaladh. Ma 
dh' f hirinnicheas mi mi fein, ditidh mo bheul 
fein mi ; agus ma their mi gu bheil mi foirfe, 
nochdaidh e gu bheil mi neo-iomlan. Oir dh' iadh 
uilc gun àireamh m' an cuairt orm : ghlac m* 
eucearta mi, ionnas nacli 'eil e m' chomas seall- 
tuinn suas : tha iad ni's lionmhoire na fait mo 
chinn : agus, uime sin, thrèig mo chridhe mi. 

Tha do lagh, O Dhe, naomh agus chothromaich, 
ga m* dhiteadh. Tha e bagradh bàis air anam 
gach duine a ni olc. Tha e cur an cèill gur e 
duais a pheacaidh am bàs. Ach 's minic a bhris 
mise do lagh naomh, agus bha nithe ro-anntrom 'an 
co'-chuideachd mo pheacaidh. 'Nuair dh' amhairc- 
eas mi air m' ais air mo chaithe-beatha, tha mi 
mothachail gun robli mi fàillneach arms an iomlan, 
agus gun dthainig mi gearr air do ghloir. Chaith 
mi mo bheatha, smaointich agus rinn mi, mar nach 
biodh agadsa, an Dia a chruthaich mi, aon chòir 
air mo cheudfaithibh taingeil, agus nach buineadh 
dhuit riaghladh os mo chionn, agus annam. Bha 
m' anam uile fo mhi-riaghailt. Bha mo smuainte 
uile, mo thograidh, mo mhianna, agus mo ruin 
na'n coimhich dhuitse. Calg-dhireach an aghaidh 
mar dh' àithn thu, rioghachd Dhe agus fhireantachd 
iarruidh air tùs, 's ann a thug mise mo chridhe suas 
do dhiomhanais agus do shàimh na beatha so. 



25 



O Dhe, tha mi moladh t-f hoighidinn, agus t-f had- 
fhulangais. 'S ann de thròcair an Tighearna nach'eil 
mi air mo chaitheadb, a chionn nach 'eil faillinn air 
a tliròcairibh. Bha do thròcair air a meudachadh 
dhomli gacli aon àm ; thug thu air maitheas agus 
tròcair mo chuairteachadh agus mo leantuinn ; agus 
os cionn sin uile, chuir thu Focal do shlainte a m' 
ionnsuidh, a thoirt dearbh-chinnte dhomh, gu bheil 
an ràdhfìor, agus gur fiii e air gach aon chor gabh- 
ail ris, gun dthainig losa Criosd a chum an t-saog fl- 
ail a shàbhala pheacach. Ach 's ann an aghaidh 
lionmhoireachd do thròcairean a pheacaich mise; 
agus 's ann an aghaidh a ghràidh sin a tha thar 
gach eòlas a chruadhaich mise mo chridhe. C 
arson, mata, O Thighearna, nach 'eil mi air mo 
thilgadh o d' làthaireachd ? O ! ma tha fhathast 
aon dòigh gu dol as, ma tha fhathast aon dòchas 
do pheacach co ciontach, deonaicli gum bi e air a 
leige ris domh, trid do ghràis a rinneadh aithnich- 
te san t-soisgeul. Cha'n'eil do thlachd ann an 
iobairt, no bheirinn duit i : no idir ann an tabh- 
artas-loisgte. 'S iad iobairtean Dhe spiorad briste: 
air cridhe briste agus bruite, a Dhe, cha dean 
thusa tàir. 

Na trèig, O ! Athair ro-thròcairich, obair do 
làmha fein, Ged a tha'n obair sin a nis air a 
truailleadh leis a pheacadh, agus ged a tharruing 
mi sgrios ormfein, deonaich gur ann annadsa a bhios 
mo chobhair. O ! amhairc orm ann am staid 
eadòchasaich, agus pheacaich, agus abair rium, Bi 
beo. Pill air falbh do ghnùis o m' pheacaibh, 
agus dubh a mach m' aingidheachd air fad. O ! 
àrduich do chumhachd agus do ghràs, ann am 
shaoradh. Dean follaiseach, le d' obair air m' an- 
am, na nithe mòr a tha Dia na slainte comasach 
air oibreachadh; 's an uair a mheudaicheadh am 
peacadh, gum meudaicheadh do ghràs-sa ni bu ro- 
mhò. Pill O Dhe, agus saor m' anam. Saor mi o 
chiont' agus o pheanas, o chumhachd agus o 
thruailleachd mo pheacaidh. Mar dthugadh t- 
Fhocal fein dearbh-chinnte dhomh, gun glan fuil 



26 



Iosa Criosd, Mac Dhe, o gach peacadh, cha'n 
fhaodainn aon dòchas a bhi agam arlnad. Trid a 
mòr èifeachd, agus air sgàth do mhòr thròcair 
fein, deonaich gun coiiion thu arinamsa do gheal- 
ladh priseil: ged robh ur peacaidh mar scarlaid, 
bithidh iad geal mar an sneachda, ged robh iad dearg 
mar chorcur, bithidh iad mar olainn. 

O Dhe nan uile ghràs, a tha gleidheadh tròcair 
do mhìlte, nach 'eil beannachadh agad domhsa — 
beannachadh do m' anam a tha 'n cunnart dol am 
mugha. Tha mi ga m' thilge fein, trom-luchd- 
aichte le peacadh, agus caillte dhiom fein, air do 
thròcair. Air sgàth Mac do ghràidh, air sgàth a 
bhàis a thug dioladh, agus eadar-ghuidhe a tha 
sior bheo, deonaich dhomh do shlainte. Agus ge 
b'e ni a dhiùltas tu dhomh, O na diult domh an 
gràs slainteil sin, is urrainn mo chridhe a mhaoth- 
achadh agus ath-nuadhachadh, agus a tha comasach 
air a thograidh agus a mhianna uile a cheannsach- 
adh do in' Thighearn agus do m' Shlanuighear ! 
Amen. % 



Urnuigh as leth neach a tha air a bhuaireadh gu dàil 
a chuir ann am fas diadhuidh, ge d' a tha e fo 
chaileiginn de gheur-mhothachadh air a ro-fheumal- 
achd. 

O Uachdarain chothromaich agus naomh 
Nèimh agus na talmhuinn! Thus a Dhè aig 
am bheil m' anail a' d' laimh, agus do'm buin m' 
uile shlighe ! Tha mi 'g aideachadh gun robh mi 
fad o bhi ge d' ghlòruchadh, no ga m' ghiulan fein 
a reir rabhaidh agus foillseachadh do thoil. Tha 
uime sin aobhar agam t-fhad-fhulangas agus do 
mhaitlieas a mholadh, nach do ghearr thu as mi o 
chionn ùin fhad a fearann nam beo. Tha mi 
cliuthachadh t-fhoighidinn, a chionn nach robh mi 
'g àiteachadh ifrinn fada roimh so; far am bheil 



27 



deich mile peacach dearmadach a' caoi an amaid- 
eachd, agus bithidh iad ga chaoi am feasd. Ach, 
O Dhe, cia clio comasach r s a tha e, gum faod an 
cridhe neo-luach'ar so a th' agams', mo theoruchadh 
fa dheoidh chum an leir-sgrios, an-tromaichte le t- 
uile f hoighidinn agus t-f had-f liulangas rium ! Tha 
mothachadh agam gur èigin do dhiadhachd a bhi 
na chùram sonruicht orm, luath no mall, no gu 
bheil mi caillte. Agus gidheadh tha mo chridhe 
faoin a' tarruing air ais o'n chuing : gidheadh tha 
mi ga m' shineadh air leabai na leisg, agus ag 
iarruidh beagan tuille codail, beagan tuille clò-cho- 
dail, beagan tuille fillidh nan làmh gu codal. 
'S ann mar so tha mo chridh truaillidh a' tag- 
radh air son a riaruchadh fein, 'an aghaidh geur- 
mhothachaidh mo bharail is fearr. Ciod a their mi ? 
O Thighearna saor mi uam fein ! Saor mi o cheilg 
agus o mhealltoireachd a pheacaidh. 

O Thighearna cha robh na firinne a tha nis air 
an teagasg dhomh, ann an an-fhios domh roimh. 
'S minic a chaidh mo chuir air m' fhaicill mu 
neo-chinntichead na beatha so, agus mu bharrachd 
neo-chinntichead latha na slainte: Agus chuir mi 
cuid do ruin fhaoin romham, agus tha mi air tionns- 
gnadh air dol beagan air m' aghaidh le pille riutsa. 
Ach, mo thruaighe ! cha robh mi, ach mar gum b' 
ann, ag itealaich mu dhiadhachd, agus cha do 
shocraich mi riamh air. Bha gach rùn-suidhicht' 
a chuir mi romham, air an sgapadh mar dheataich, 
no air an sgaoileadh, mar cheo roi'n ghaoith. Och 
nan sparradh tu na nithe sin air mo chridhe, le 
geur-mhothachadh is cumhachdaiche na dh' fhairich 
mi riamh roimhe ! O nan dian-ruagadh tu mi leo, 
an uair a theicheas mi rompa, m' as e 's gum bi 
mi co mòr air boile 's gun seachain mi tuille iad ! 
Labhradh do spiorad rium ann an cainnt eugallaich 
èifeachdaich ; agus gnathaich gach meadhon a 
shaoileas tu bhios feumail, chum mo dluisgadh as 
a mharbh-chodal so, a bheir mo bhàs mar tachair 
sin ! Gun robh fuaim nan nithe sin am chluasaibh, 
an uair a luidheas mi sios, agus an uair a dh'èireas 
D 2 



28 



mi suas ! agus ma bhios fois na h-oi'che agus 
gnothaichean an latha rè seal air am bacadh leis 
an drùghadh a ni iad orm, bitheadh e mar sin, O 
Dhè ! m' as e 's gur feaird a ghiulaineas mi air 
aghaidh mo ghnothaichean riutsa, agus fadheoidh 
gum faigh mi fois annad-sa, 'an ionad an uamhunn 
sin a tlia mi nis a faireachduin, an uair a chuimh- 
nicheas mi air Dia, agns mi fo mhi-shuaimhneas. 

O Thighearna, tha 'm fheoil air chrith le h- 
uamhunn romhad, agus tha eagall orm roimh do 
bhreitheanasaibh. Tha eagali orm gum faod thu 
mo ghearradh as, m' an tig mo smuainte mu 
dhiadhachd gu foirf eachd air bith, eadhon anns 
an àm chudthromach so, air dhomh toiseach 
smaoinich a bhi agam mu chràbhadh ; agus cuir 
as d'a cheud fliàs air ni' inntinn, le has siorruidh. 
Ach, O caomhainn mi, tha mi guidhe gu dur- 
achdach ort ; air sgàth do throeak* coigil mi beag- 
an ni 's faide ! Faodai e bith, gum pill mi trid 
do ghràis. Faodai e bith, ma bhuanaicheas tu t- 
fhoighidinn learn beagan ni 's faide, gun toirear 
toradh is fearr amach leis an fhear so naeh robh 
ach a fàsuchadh na talmhuinn. Agus deonaich 
gun dean a bhi cuimhneachadh air an fhad-fhul- 
angas, a ghnàtliaich thu cheana d' am thaobh, mo 
chumail o bhi buanachadh ni 's faide ri faoineachd 
riutsa, agus ri m' an am fein ! O'n latha so, O 
Dhe, o'n uair so, deonaich gum fairich mi am barr- 
aehd dmghadh air mo chridhe mu dhiadhachd, na 
dh' fhairich mi riamh roimh, leis na leugh no na 
chuala mi ! Amen. 



Aidmheil apheacaich, air dha bhi mothachail air a 
chionta. 

O dhe ! 'S tus* an t-àrd Uachdran, s tu 'm breith- 
eamh geur-sheallach agus Uile-chumhachdach \ Tha 
mo choguis ag innseadh dhomh, nach deanadh mi 



29 



dli' àicheadh mo chiontai, ach an àireamh a mheud- 
achàdh, agus tuille connaidh a chuir air teine do 
dhiati chorruich. Ma dh' fhirinnicheas mi mi fein, 
ditidh mo bheul fein mi. Oir chuartaich uilc gun 
àireamh mi: Ghabh m' aingi'eachd na h-urrad 
ghreim dhiom 's nach urrainn mi amharc suas: 
Tha iad, mar a dh' innseadh dhomh a' d' ainm ni 
's lionmhoire na fait mo chinn, agus thrèig mo 
chridhe mi. Tha mi ni 's ciontaiche na 's urrainn 
neach eile innseadh. Tha mo chridhe a' cuir tuill- 
eadh as mo leith, na tha a h-aon de m' luchd dit- 
idh. Agus tha thusa, O Dhe, ni 's mò na mo 
chridhe, agus 's aithne dhuit na h-uile nithe. 

Bha mo bheatha lan ceannairc a' d' aghaidh. 
Chan e gniomh na dhà sonruicht' a th' agam ri bhi 
dubhach air a shon. Cha robh aon ni ceart na 
cheud-thùs, 'na thogradh agus 'na ruin. Bha 'm 
anam uile fo mhi-riaghailt ! Bha mo smuainte, mo 
cheudfaithean, mo thograidh agus mo dhèigh air an 
claonadh gu truagh uaitse. Ghiulain mi mi fein, 
mar g am b' fhuathach leam thus', a tha ni 's ro- 
thaitniche na aon neach eile ; mar gam bithinn a 
feuchainn cionnas a chuirinn corruich ort, agus gun 
ruithinn amach t-fhoighidinn, iongantach 's mar tha 
i. Bha mo dheanadais olc ; bha mo chainnt ni bu 
mheasa ; agus O Dhe bheannuichte, cia mòr ni 's 
truaillidh na iad sin, a bha mo chridhe ! B' aon 
tobar gun tràigh peacaidh uil e ! Tobar do thruail- 
li'eachd ginidh, a mheasg a shruthaibh searbh le 
laithibh mo leanabui'eachd; agus a tha, mothruaighe, 
a sior ruith gus an latha 'n diugh, thairis air na 
dh' fhaodadh gniomh na cainnt a chuir an cèill. Tha 
mi faicinn gur ami mar so a tha chuis a thaobh aon 
ni is fiosrach mise. Ach, Och, mo thruaighe ! cia 
ioma mios agus bliadhna a dhi-chuimhnich mi ! ach 
tha fios agam gu bheil iad am bitheantas mar bha 
iadsan air a bheil cuimhn' agam ; ach a mhain gu 
bheil mi a sior dhol ni 's measa, agus a' claoidh 
t-fhoighidinn ni 's mò agus ni 's mò, a bha do m' 
thaobhsa anabharra mòr agus iongantach. 

'S mòr an t-ioghnadh a th' orm, gun do ghiulain 
D 3 



30 



thu cho fada leam ! 'S ann a chionn gur Dia, agus 
nach duin' thu. Nan deanta a shamhuil so do 
eucoir ormsa, cnuimh pheacach, cha b' urrainn mi 
giulan leis. Nam bithinn a' m' righ, 's fhada o 
chuir mi ceartas 'an gniomh air aon neach a dhean- 
adh trian a' m' agliaidh do na rinn mis ortsa. Nam 
bu phàranda mi, 's fhad o chuir mi cùl ri aon duine- 
cloinne a bhiodh co neo-thaingeil mhi- fhreagarrach 
dhomhsa, 's a bha mise dhuitse, O Athair mo spior- 
aid ! Bhiodh mo chaomhiochd àthaireil air fionnar- 
achadh d a thaobh, agus bu bheag orm fhaicinn na 
guth a chluinntinn air. C ar son ma ta, O Thigh- 
earna, nach 'eil mis air mo thilgeadh a mach as 
t-f hianuis ? C ar son nach eil mi air mo ghlasadh 
suas fo bhinn leir-sgrios nach gabhadh caochladh? 
Ach, Ò Dhe, ma tha f hathast aon seol air dol as, 
m' as ion do chreutair cho chiontach riumsa dòchas 
a bhi aige, biodh e air fhosgladh dhomh trid do 
shoisgeil agus do ghràis ! Agus ma tha 'm bar- 
rachd caismeachd, irioslachaidh, agus eagail, feumail 
chum mo shaoradh, deonaich dhomh an coinneach- 
adh agus an giulan gu h-iomchuidh. Lot mo 
chridhe, O Dhe, m' as e 's gun leigheis thu e a 
ris: agus bris e na bhloidibh, ma dh' aontaicheas 
tu fadheoidh a cheangal suas. 



Urnuigii agus buidheachas neach a dhearmaid an 
Soisgeul, ach a tha nis gu taingeil a* gabhail ri 
tairgse na Slainte. 

Is toigh leam an Tighearna, arson gun d' èisd e ri 
m' ghuth agus ri m' athchuingibh. A chionn gun 
d' aom e rium a chluas, uime sin, gairmidh mi 
air am fad 's as beo mi. " Chuairtich piantan a 
bhàis mi, agus ghlac cradh ifrinn mi : fhuair mi 
teinn agus bròn. An sin ghairm mi air ainm an 
Tighearna. O Thighearna, guidheam ort saor m' 
anam. Tha 'n Tighearna, gràsmhor agus firin- 



33 



neach; seadh, tha ar Dia-ne tròcaireach. Pill gu 
d' shuaiiiihneas, O m' anam; oir bhuin Dia gu 
fiughantach riut. Oir shaor thu in' anam o 'n bhàs, 
mo shùile o dheuraibh, agus mo chosan e thuis- 
leadh." 

A Dhe bheaimaichte, ged a tha dòchas agam 
gun do mhaith thusa mo pheacaidh, cionnas a 
bheir mi maitheanas domh fein, a chuir co fada cùl 
ri cuireadh càii deil agus ri dian-earail an t-soisgeil. 
'S ann an comain do ghràis a tha mi nach robh 
mi air m' fhàgail gu cruas cridhe agus gu doille 
inntinn, agas gu cur an aghaidh t-Fhocai), gus am 
bithinn tur chaillte. A Shlanuighear bheannuichte, 
am faod triiaghan neo-aithrigh mar tha mise, a rinn 
co fada dearmad ort, 's a chèus as ùr thu, le 
chionta agus le chion aithreachais, a bhi air àir- 
eamh am meusg do slieirbhisich, agus na oighre air 
gloir shiorruidh ? O ! àirde agus doimhne, lend 
agus fad, gràidli Dhe, a tha dol thar gach eolas. 
'S ann o d' Fhocal fein a tha 'n cuireadh agam, 
" Thigibh a m' ionnsuidh-se sibhse uile a ta ri 
saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise 
foisduibh." 

Tha mi toirt buidheachais duit, O mo Dhia, arson 
an t-saoruidh mhòir a sholair thu dhomh ann an 
Iosa Criosd. Tha mi gu taingeil a gabhail ris 
mar m' uile shlainte, agus m' uile nihiann. Tha 
aoibhneas orm ri cumhachd agus gràs an t-Slan- 
uighir, agus co ro-f hreagarach 's a tha e do m' 
chor. O ! gu 'n cosnam Criosd, agus a bhi air m' 
fhaighinn ann, gun m' fhireantachd fein a bhi agam, 
a tha o n lagh, ach an fhireantachd sin a ta tre 
chreidimh ann an Criosd. Gun deònaiehear dhomh 
creidsinn 'na ainm, agus gabhail ris, neach a rinn- 
eadh dhomhsa le Dia 'na ghliocas, 'na fhirean- 
tachd, 'na naomhachd, agus 'na shaorsa. Gun robh 
mo bheachd m'a ghràs agus m'a ghlòir a sior 
mheudhachadh, gus an là, tha dòchas iriosal agam, 
san deanar cosmhuil ris-san mi, agus am faic mi e 
direach mar tha e. Neartaich mi, trid do Spioraid, 
O ! Athair ro-thròcairich, gu m' mhuinghinn uile a 



32 



shocrachadh air, agus stèigh mo dhòcliais a dheau- 
amh ga iobairt agus ga fhireantachd, eadhon gus 
a chrioch. 

Tha mi toirt buidheachas duit, O Dhe, arson na 
sith agus an aoibhneis a rùn-phàirtich crann-ceus- 
aidh Chriosd do m' chridhe. Agus tha aiteas orm, 
gu bheil thusa trid a chrann-ceusaidh-san air fàs 
domh a d' Dhia agus a d' Athair rèidh rium ann- 
san. O Dhe, bheir mi moladh dhuit : Ged a bha 
corruich ort rium, tha do dhiom air pilleadh air 
falbh, agus tha thu toirt sòlais domh. Feuch 's e 
Dia mo shlainte; cuiridh mi m' earbs' ann, agus 
cha bhi eagal orm : oir 's e 'n Tighearna mo neart 
agus m' òran, 's esan mar an ceudna mo shlainte. 
Oirrinn an Ti a ta cumhachdach nithe mora dhomh; 
agus is naomha ainm. Gum buanaich mar so 
aoibhneas an Tighearna gu bhi na neart agam. 
Gu'n coimhideadh an Ti sin, tha dòchas agam, trid 
a ghràis a thug mi o rioghachd an dorchadais do 
rioghachd a Mhic ghràdhaich, mi o thuiteam, agus 
mo neartachadh gu bhi dìleas gu bàs. Am feadh 
a tha mi gu laitheil an dùil ri saoradh tre fhuil 
Chriosd, gun robh mi air mo neartuchadh gu eir- 
eachdas a chuir air teagasg mo Shlanuighir, le bhi 
sior-mheudachadh ann an toraibh na fireantachd. 
Gun robh mi da rireadh air mo cheusadh maille 
ri Criosd ; gidheadh gun robh mi beo : ach cha 
mhise, ach Criosd a ta beo annam : agus gun robh 
a bheatha a ta mi nis a' caitheamh san fheoil, air 
a caitheamh tre chreidimh Mhic Dhe, a ghràdhaich 
mi, agus a thug e fein air mo shon. 

Agus a nis, O ! Athair ro-thròcaireach ; ciod air 
a' bheil mi feitheamh? tha mo dhochas annad. 
Agus dhà-san is urrainn mo choimhead o thuiteam, 
agus mo nochda neo-lochdach an làthair a ghlòire 
le h-aoibhneas ro mhòr, do'n Dia a ta mhàin glic, 
mo Shlanuighear, gun robh gloir agus mòralachd, 
neart agus cumhachd, a nis agus gu siorruidh. 
Amen, 



33 



Aidmheil agus ùrnuigh peacaich a tha fo aithreachas. 

O ! Dhe lan-chumhachdaich, uile-ghlic agus ghràs- 
mhoir, ge d' is beag ortsa uile lnchd dheanamh na 
li-aingidheaclid, agus ge nach faod thu bhi rèidh ri 
peacadh; trid eadar-ghuidhe do Mhic uile-bhean- 
naichte, amhairc le tiom-chridhe ormsa peacach 
truagh, a tha tuiteam le glùnaibh lùbta aig cos-stòl 
do ghràis. Nam freagrainn an àrd chrioch àraidh 
fhior-ghlan sin chum an do chruthaicheadh agus an 
do shaoradh mi, dh' fhaodainn anis teachd a t' ionn- 
suidh le muinghinn agus le dànadas mic, agus le 
dearbh-bheachd gun dean thu cuspair do ghràidh 
dhiom : ach rinn mi ceannairc amaideach a' t' agh- 
aidh ! dhearmaid mi gu deonach an Diaa chruthaich 
mi ; an Slanui-f hear a shaor mi ; agus a ghlòir shior- 
ruidh y a chuir thu ami am thairgse. Dhi-chuimh- 
nich mi an gnothach air 'n do chuir thu chum an 
t' Saoghail mi ; ghluais mi mar nach eruthaichte mi, 
ach chum beagan aimsir a struidheadh ann an 
suaimhneas feolmhor, agus mo chorp a reamhrach- 
adh mar lòn do dhaolaibh na h-uaighe. Dhi- 
chuimhnich mi le m' thoil gur duine mi, a fhuair 
reuson chum m' fheoil a riaghladh, eolas a ghabhail 
air mo Dhia, roi shealladh a ghabhail do m' bhàs, 
agus do staid na neo-bhàsmhoireaclid. Chuir mi mo 
reuson fo cheannsal cumhacbd iochdranacli m' anama, 
agus ghluais mi mar bhrùid a bhàsaicheas. Och ! 
an aimsir luach-mhor a chaill mi, agus cha 'n fhaod 
an saoghal gu leir a' toirt air a h-ais ! O ! an cuire 
gràs-mhor a dhearmaid mi ! O ! gairm Dhe a dhiult 
mi! an gràdh iongantach ris an do chuir mi cul le 
mi-thaingealachd, agus an tròcair shaibhir a mhi- 
ghnàthaich agus a dh' iompaich mi gu macnus 
peacach ! Cia domhainn a chiont a chuir mi an 
gniomh ! agus cia mòr na sòlaìs a chaill mi ! Dh' 
fhaodainn bhi fad m' aimsir ann ad ghràdhs' a Dhe 
thròcairich; agus ann an solas t' f hocail agus do shlighe 
fhior-ghloin ; ann an roi-shealla sòlasach neamh gach 
latha; agus ann an aoibhneas an spioraid naoimh, 



34 



nan gabhainn do naomh-reachd-sa mar riaghailt : ach 
dh' èisd mi ris an f heoil, agus ris an t' saoghal aingidh 
chealgach, agus roighnich mi beatha dhiom-buan 
pheacach, roimh d' ghràdh-sa agus roimh gblòir 
shiorruidb ! 

Och ! ciod a rinn mi o thainig mi chum an t'saogh- 
ail ! Thug peacadh agus amaideachd uam m' aimsir. 
Is nàr learn ath-shealladh a ghabhail do gach bliadhna 
a mhi-bhuilich mi ; no smuainteachadh air a bhuair- 
eadh gan d' aom mi : Och ! ciod an diomhanas a 
mheall o m' Dhia mi ? Nach beag a bha agam air 
son an t' sòlais naomh a chaill mi ? Mar Esau reic 
mi mo chòir-bhreith gu sanntach air aon lan beoil, 
a thoileachadh mo mheanm-mhacnuis, mo chiocrais, 
agus m' ana-mianna, rinn mi di-meas air gach solas 
neamhaidh; agus tailceas mhi-nàdurra air maitheas 
mo Chruthai-f hir ! Rinn mi tàir air gràdh agus 
gràs m' Fhir-shaoraidh ! chuir mi an aghaidh do 
Spioraid naoimh ; chuir mi tosd air mo choguis, 
agus campar air do mhinisteiribh, agus air mo chàir- 
dibb ro-dhileas fein. Chuir mi anns an staid mhul- 
adaich thruaigh so mi fein, agus is aobhar nàire 
agus uallach dhomh fein mi, agus is uabhann leam 
Dia, a bhiodh agam mar mhuinghinn agus mar 
shòlas mur bu mhi fein an coireach. 

Is leur dhuitse mo pheaca diomhair, ge nach leur 
do dhaoinibh e; 's aitbne dhuit gach ni a tha 'g a an- 
tromachadh ! O ! Thighearna, fhuair mo pheacadh 
agus mo dhòlas lamh-an-uachdar orm ! Ma dh* 
amhairceas mi air mo dhiaigh, chi mi m' aingidh- 
eachd air tòir m' anama mar nàmhuid neart-mhor, 
deas gu m' ghlacadh agus gu m' leir-sgrios ! Ma 
dh' amhairceas mi romham, chi mi do bhreitheanas 
co'-thromach uabhasach, agus tha fios agam nach 
saor thu an ciontach, ach air chumhnanta soisgeil 
do Mhic. Ma dh'- amhairceas mi air m' anam, chi 
mi cridhe truaillte dorcha. Ma dh' amhairceas mi 
an taobh amach dhiom, chi mi an saoghal a' sior- 
thairgseadh nuadh-bhuaire gu m' mhealladh. Ma 
dh' amhairceas mi os mo cheann, chi mi do mhor- 
achd uabhasach d' an d' thug mi oilbheum. Ma dh' 



35 



amhairceas mi fotham, chi mi ionad na dòrainn 
shiorruidh a thoill mi ! is eagal leam bhi beo, agus 
is mò an t' eagal leam bàsachadh ! 

Ach gidheadh, an uair a ghabhas mi sealla de d' 
Mbac ; do shaibhreas do thròcair ; agus do d' choi'- 
cheangal; tha dùil chinnteach agam gun co'-shin 
do mbaitheas ri d' mbòracbd; is fior-ghràdh thu, 
agus tba do thròcair os ceann t' obair uile. Dh' 
aontaich do Mbac bhi co gràsmhor do pbeacachaibh, 
air mhodh co iongantach ; rinn agus dh' f huiling e 
urrad chum ar saoradh 's na 'n cuirinn an ceist gu 
bheil thu toileach maitbeanas peacaidh a dheònach- 
adh, gu 'n ann-tromaichinn m' uile chionta, le h 
eas-urram a tboirt do d' thròcair gun cboimeas a 
cbuir thu romhad a ghlòrachadh. Os-barr chi mi 
sgriobht ann a' t' fhocal, gun d' rinn thu co'-chean- 
gal gràis trid Chriosd, agus gun d' thug thu reachd 
dearmaid amach, anns an do dheònaich thu cheana 
maitheanas do na h-uile, air chumhnanta, ach gu 
saor ; a' toirt doibh maitheanas nan uile pheacaidh, 
gun neach air bith a dhruideadh amach a pbilleas riut 
trid Iosa Criosd, le creidimh, aithreachas, agus 
leasacha beatha neo-chealgach. Tha do throcair a 
thaisbein thu cheana dhomh, a'meudachadh mo 
mhuinghinn, do bhrigh nach do leir-sgrios thu mi, 
agus nach d' thug thu thairis mi do chruas mo 
chridhe fein ; ach gu bheil thu a' leigeil ris mo 
pheacaidh agus mo chunnairt domh m' an d' thèid 
mi a' àite teasairginn. 

O ! uime sin, ambairc ormsa peacach, a tha air 
mo ghlùnaibh lubt' ann ad làthair, a' bualadh m' 
uchd mar an cios-mhaor, agus leis an nàr mo shùil 
a thogail ri neamh. O ! Dhe dean tròcair ormsa 
peacach. Tha mi 'g aideachadh, cha 'n e amhain 
mo pheaca gin ach amaideachd agus cuthach m' 
òige, lionmhoireachd peacaidh m' ain-eolais, agus 
m' eolais, mo neo chùraim agus mo thoileileachd, 
mo dhearmaid agus mo ghniomharra, an aghaidh an 
reachd nàdurra, agus an aghaidh gràs agus sois- 
geul do Mhic. O ! mo Dhia, teasairg mi, agus 
deonaich dhomh maitheanas, air sgàth saibhris do 



36 



thròeair, air sgàth iobairt agus mor-luach do Mhic, 
agus air sgàth geallaidh a mhaitbeanais a thug thu 
dhuinn trid do Mhic ; oir annta sin arahàin tha mo 
mhuinghinn uile. Na dìt mi oir tha mi 'g am 
dhìteadh fein. O thus' a dh' fhosgail tobar luach- 
mhor do phèacadh agus do neo-ghloine, gu h-iomlan 
ìonnail mi o m' aingidheachd, agus glan mi o m' 
pheacadh. Ged a thoill rai o d' cheartas m' iom- 
ain chum ifrinn gu grad, thugadh do thròcaìr 
buaidh ann am thearmunn. Cha'n'eil tlachd air bith 
agad aim an leir-sgrios peacaich, ach is roighniche 
leat gum pilleadh e le h-aithreachas agus gu 'm 
bitheadh e beo. Mar 'eil m' aithreachas mar is àill 
leatj O ! maothaich mo chridhe cruaidh cloiche, agus 
deonaich dhomh aithreachas slainteiL Pill, rai riut 
fein, O ! Dhe mo shlainte ; agu^ tog dealradh do 
ghnùis orm. Cruthaich cridhe glan, agus ath- 
nuadhaich Spiorad ceart annam. Air pilleadh 
dhomhsa do mliac struidheil truagh, na coinnich 
ann am feirg mi, ach fàilltich mi ann an glacaibh 
do chaomh-throcair. Na tilg o d' shealla mi, agus 
na fògair uait mi le luchd dheanamh na h-aingidh- 
eachd. O ! Athair, a dh' f huiling mi gu foighid- 
neach an uair a rinn mi di-meas ort, anis, air iar- 
raidh dhomh a t' ionnsuidh, na diult mi, agus mi 
ar mo ghlùnaibh anns an luaithre a guidheadh do 
throcair. Dfa' iompaich thu Manaseh aingidh, agus 
Saul t' fhear dian-ruagaidh, agus thug thu maith- 
eanas doibh; agus tha mòran air neamh, a bha 
naimlideil duit, mar an ceudna! le maitheanas a 
thoirt do ro-lionmhoireachd mo pheacaidhs' glòr- 
aichi tu làn-shaibhreas do ghràis. 

Cha'n'eil mi 'g iarraidh comas peacachaidh a rls, 
ach saorsadh o chumhachd mo nàduir pheacaich. 
Deonaich dhomh do m' nuadhachadh Spiorad do 
Mhic, a naomhaicheas uile chumhachda m' anama. 
Thoir dhomh an reuson, agus an nàdur nuadh neamh- 
aidh, agus Spiorad na h-uchdmhacachd do m' ath- 
ehrnthachadih a rèir t' iomhaigh glòrmhoir fein, 
chum 's gum bi mi naomh mar a tha thu fein naomh. 
Soillsich mi le h-eolas slainteil ort fein agus air do 



37 

Mhac Iosa Criosd. O ! lion mi le d' ghràdh, chum 
's gun socraich mi m' anam gu h-iomlan ort ; agus 
gun gabh mi tlachd os gach ni, aim an cuimhne do 
mh òrach d neamhaidh. Ruidheadh mo smuainte gu 
saor air do dhiaigh le tlachd ! labhradh mo theanga 
gu sòlasaeh saor, ort fein, air do ghlòir, air do riogh- 
achd, air t' f hocal agus air do shlighe. O ! taisgear 
m' ionmhas air neamh, agus labhram le tlachd air an 
ionad aoibhirm sin gach là. Deonaich gur e ard- 
ghnothach m' anama choisrigte gach la, thus a thoil- 
eachadh, agus a chliuthachadh; do rioghachd a chuir 
air a h-aghaidh, agus do riar a dheanamh ! Cuir t' 
eagal ann am chridhe, chum 's nach trèig mi gu 
bràth thu! Bha tuille 's a choir fein aig an t' 
saoghal so de m' anam cheana ; ach anis ceusar an 
saoghal domhsa, agus mise do 'n t' saoghal, trid 
crann-ceusaidh Chriosd. Na gràdhaichim an saoghal 
no nithe saoghalta gu h-anabarrach : ach air bhith 
do bhiadh agus do eudach agam, thoir orm bhi 
toilichte leo. Cuir as do m' uil' ana-mianna feol- 
mhor, chum 's nach amhairc mi le sannt an diaigh na 
feola ach an diaigh an Spioraid. Coimhead mi o 
ribe na cuideachd aingidh, o chomhairle agus o 
shlighe dhaoin' an-diadhaidh. Beannaich mi le co'- 
chomunn nan naomh mar chuideachda; agus leis 
na meadhonaibh sin uil' a dh' òrduich thu a shoir- 
bheachadh le 'r slaint' agus naomhachadh. Och gun 
mo shligh a bhi co direach 's gum faodainn do 
naomh-reachd a choimhead. Na leig dhomh pill- 
eadh ri h-amaideachd gu bràth, no co'-cheangal mo 
Dhe a dhearmad. Cuidich learn mo cheud thogra 
peacach a mhùchadh, agus grain a ghabhail de gach 
smuain agus miann peacach. Neartaicheadh do 
Spiorad mi an aghaidh gach buaireadh chum 's gun 
toir mi buaidh, agus gum buanaich mi ùmhal dhuitse 
gu bràth. Ullaich mi fa chomhair fulangais, bàis, 
agus breitheanais, chum 's an uair is eiginn domh an 
saoghal peacach so fhàgail, gum faod mi mo Spiorad 
a thoirt suas le gàirdeachas, ann an lamhaibh dileas 
m' Fhir-shaoraidh chaoimh: agus chum 's nach 
àireamhar mi le luchd-aingidheachd, a bhàsaicheas 
E 



38 



ami am meadhon am peacaidh neo-lughta, agus a 
thriallas chum dòrainn shiorruidh : ach gum bi mi 
ann an Criosd leis a cheartas a tba o Dhia trid 
creidimh ; agus gun ruig mi air ais-eirigh nam fir- 
can : chum 's gum brosnaich cuimhn' a pheacaidh 
agus na dòrainn o'n do shaor thu mi, mo shior-chliu 
dhuitse mo Chruthai-fhear, m' Fhear-saoraidh agus 
m' Fhear-n aom h achai d h . 

O ! gu'n gairmeadh agus gu 'n iompaicheadh tu 
cinnich thruagh an iodhail-aoraidh agus an neo- 
chreidimh; agus lionmhoireachd luchd-fuar-chràbh- 
uidh an-diadhaidh, aig am bheil an t' ainm criosduidh, 
gun fhirinn, gun chumhachd, agus gun bheatha an t' 
soisgeil. O ! cuir amach luchd-saothaireach chum t* 
fhogharaidh, agus na bacadh an diabhol iad. Soirbh- 
ich le soisgeul, agus le rioghachd do Mhic, chum 's 
gu'n iompaichear t'uile pheacaich a t' ionnsuidh, agus 
gum bi an talamh so ni 's cosmhuile ri neamh ; 's a 
chum 'n uair a chruinnicheas tu sinn uil' an aori 
bhuidheann fo Chriosd, gun cuirear as do leth, le 
gràdh agus le gàirdeachas iomlan, rioghachd, cumh- 
achd agus glòir, gu suthainn siorruidh. Amen. 



Beachd-smuainteachadh a Pheacaich a fhuair 
motkachadh, 's a ilia leige dhetli a leith-sgeulan faoin 
am fianuh De. 

Is bochd gun amhurus an staid gus an d'thàinig mi ! 
Pheacaich mi ; agus ciod a their mi riutsa, O Fhir- 
coimhid dhaoine. Ciod tha chridhe agam a ràdh ? 
B' amaideach mi bhi ga m' mhealladh fein le leith- 
sgeulaibh faoine mar sin, 's a bhi ann am barail gun 
diongadh iad a bheag a' d' lathair chumhachdaichse ; 
no gu 'm b' urradh dhomh urrad 's an ainmeachadh 
ann ! ChaVeil e 'n comas domh dhànadas a ghabhail 
na ni e. — Tha mi a' m' thosd agus fo nàire. Chuir- 
eadh, mo thruaighe, as de m' dhòchuis ; agns tha 
m' auam uilamh gu bàsachadh cuideachd, co fada 's 
a 's urrainn an am neo-bhàsmhor bàsachadh : Agus 



39 

clia mìiòr nach b' fhearr learn a radii, O nach glan 
bhàsaiclieadli e ! Tlia mi gun amharus a m' chiont- 
acli 'an laimli aig ceartas, air mo dhi-arniachadh o 
na h-airm as an robli m'earbsa. Clia dean cealg- 
oireachd ach brosnuchadh a chuir ri brosnucliadh. 
Uirae sin aidichidli mi e gu saor soilleir. Rinn mi 
direach mar g' am biodh fiughair agam gu 'hi b' 
ionann do Dhia a 's domh fein : Ach thuirt e, bheir 
mi achnihasan duifc : Cuiridh mi do pheacaidh 'an 
òrdugh fa chomhair do shul ; cuiridh mi an òrdugh 
catlia iad. Tlia iad ga m' eliuairteacliadli air clior 's 
nach 'eil seol dol as agam ! Och m' anam, rinn iad 
mar gu'm b' ann, priosanacli dliiot ; agus tha iad gad' 
thoirt chum c a i t Ii i r-b li re i thean ais Dhe. 

'S eiginn duit thu fein a nochda na làthair ! 'S 
eiginn duitambreitlieamh eagallach siorruidhfhaicinn, 
a sgrudas na h-àirnean ; agus nach iarr aon dearbhadh 
eile, oir bha e fein fianuiseach air t-uile cheannairc. 
Is eiginn duit f haicinn, O anam, 'na shuidh gu breith 
a thoirt ort : Agus ma bhios e teann ann an comhar- 
rachadh aingidheachd, cionnas a fhreagras tu e aon 
uair a 's a mhile ! Agus mar .urrainn duit a 
fhreagairt, clod a chainnt a labhras easan riut ! A 
Thighearna, a reir 's mar tha chùis, cha'n ion domh 
dòchas a bhi agam ri aon ni ach ri bin air mo dhite. 
Agus ciod an dite a ta ann? Leig learn smuaineach 
air ? Leig dhomh mo bhinn a leughadh m' an toirear 
a mach i air doigh nach gabh i caochladh ? Tlia fios 
agam, gu blieil i sios na f hocal ; agus tha fios agam 
gur h-ann o rim gràsmhor a tha e teachd. Tha mi 
fiosrach, gu 'm bu mhath leis eagal a chuir orm, 
chum nach rachadh mo sgrios. Labhair rium, uime 
sin, O Dhe, am feadh nach i so an uair ma dheireadh 
a labhras tu, agus nach èisd thu tuille riumsa. 
Labhair air mhodh eifeachdach a chuir geilt orm, 
ach gun mo chuir gu tur an eadòchas. Agus biodh 
t-f hocal, ge b'e sam bith goirt oibreachadli, beo, agus 
cumhachdach, agus ni's gèire na claidheamh dà 
fhaobhair air bitl). Na bitheam ait* m' fhàgail a' m' 
chobhartach boclid dhoibhsan a dheanadh fàisneachd 
dhomh air nithe mine, gus am bi ini air mo ghlasadli 
E 2 



40 



suas fo fheirg, agus a' mothachadh do cheartais a 
troi-lot m' anama, agus nimh do shaighdean ag òl 
suas m' uile spioraid. 

M'an gabh mi lan-bheachd air a chùis, tha mi 
fiosrach gur ni eagallach tuiteam an lamhaibh an De 
blieo. O Dhe bheo, 'an aon seadh tha mi cheana 
air tuiteam a' d' lamhuibh. Tha mi gu ceart- 
bhreitheach buailteaeh do d' chorruich ; agus ge b'e 
breth a thig orm a mach o' d' làtbairse, 's eiginn 
domh mi fein f hàgail ciontach agus thus' a mheas 
cothromach. Cha 'n eil e comasach buntainn rium 
ni 's cruaidhe na tlioill mo pheacaidh. Agus ge b'e 
sam bith co searbh sa bhios cuach na ball-chrith sin, 
a dh' òrduicheas tu dhomh, tha mi ga m' mheas fein 
toilltinneach air a deasguinean f hàsgadh gu buileach. 
Amen. 



Smauainte a pheacaich, a tha gabhail eagail a bhi 
caillte. 

Is duine truagh mi ! Ciod a ni mi ? no, co ionn- 
suidh theicheas mi ? Tha mi air mo thomhas air a 
mheidh, agus fhuaradh gann mi. 'Si so mo bhreith : 
a bhinn ris an ion fiughair a bhi agam o bheul 
Chriosd fein ; o bheul na ti sin a chaidh gu bàs 
chum daoine shaoradh agus a thearnadh. Binn 
eagallach ! agus ni 's ro-uamhasaiche 'n uair a 
bheirear fainear i san t-seadh sin ! Co ris a sheallas 
mi chum mo shaoradh uaipe ? Co ris a ghlaodhas 
mi ? An abair mi ris na creagan tuiteam orm, agus 
ris na sleibhtean, iad ga m' fholach ? Ciod am 
feum a dheanadh sin domh? Ge d' a bhithinn air 
mo shlugadh suas fo Chreagan agus Shleibhtean, 
cha b' urrainn doibh m' fholach o bheachd a shul- 
san , agus ruigeadh a Famh orm an sin co rèi- 
bheirteach 's an aon àit' eile. 

Is duine ro thruagh mi gun amharus ! Och b' 
f hearr nach d' rugadh riamh mi ! Och b' f hearr 
nach robh eolas riamh agam air buaidh agus sochair 



41 



an nàduir riascmda ! Sochair chruaidh-fhortanach 
da rireadh, a tha ga m' fhàgail buailteach do dhite 
agus do chorruich ! B' fhearr nach d' fhuair mi 
riarah eòlas air toil De, seacli 'an diaigh dhorah 
fhaotuinn a chuir an neo-shuim agus ciontacliadhna 
aghaidh ! B' fhearr learn gu'm bithinn an dlu- 
dhaimh ris an aon is suarraiche de 'n chinne-daoine, 
riusan is tinne air nàdur nam brùidean, seach mo 
chrannchur a bhi agam ami an talamli soluis, am 
measg a choilion soilleireachd air riason. agus am 
measg a choilion eolas air diadhaclid cuideaclid ! 
agus gaeh sochair dhiubh so a mhi-ghnàthachadh 
chum mo leir-sgrios siorruidh anntromachadh ! Och 
b' fhearr gun tugadh Dia air falbh an t-anam rias- 
on da so ! Ach mo thruaighe, mairidh e beo gu 
claoidh a bhàis shiorruidh a mhothachadh. C ar son 
a bhlais mi a choilion sochair o 'm Chruth'aigh'ear, 
gu deasguinean a chorruich fhàsgadh a mach air a 
cheann ma dheireadh. C ar son a fhuair mi eolas 
air solas cuideachda, agus air comhluadar chàirdean, 
chum am malairt air son cuideachda dheamhan agus 
spiorada malluichte ann an Tophet ? Och mo 
thruaighe, co is urrainn comhnuidh a ghabhail leo 
'an lasraichibh millteach ? Co is urrainn luidheadh 
sios leo 'an teine siorruidh ? 

Ach co a th' agam r'a choireachadh arson so uile, 
ach mi fein ? Co air is urrainn mi a choir 'a chuir, 
ach air m' amaideachd cheann-laidir choirbte fein ? 
Mo thruaigh, co air a dh' fhaodar coire an iomlain 
do'n leir-sgrios uabhasach so a chuir, ach air an aon 
aobhar mhallui elite, air dhomh reachd Dhe a bhris- 
eadh, gun do chuir mi cùl r'a shoisgeul cuideachd ? 

Gidheadh dean foighidinn, O m' anam, am meadh- 
on nan gearan dòlasach sin. Am faod mi a ràdh, 
gun do chuir mi tur chùl ris an t-soisgeul ? Nach 
"eil mi an diugh fo 'n f'huaim aige ? Cha tainig a 
bhinn amach a' m' aghaidh fhathast air dhoigh 's 
nach fhaodar a h-atharrachadh. Troimh an duibhre 
choimhich so, tha aon fhairleus dochuis a' briseadh 
a stigh, agus cha 'n 'eil e eacomasach dhomh fhathast, 
a bhi air mo shaoradh. 

E 3 



42 



Is sòlasach an smuain e ! Dean gàirdeachas air 
a shon, O m' anam, ge d' is ann le ball-chrith ; agus 
pill ga grad ris an Dia sin, ge d' a cliaidh a 
bhrosnuchadh le deich mile cionta, nach do mhion- 
naich fhathast na fheirg, nach ceadaichte dhomh 
tuille co-chomunn a chumail ris, no nach rachainn a 
steach d a stmaimhneas. 

Tha mi nis, O Thighearna bheannuichte, ga m' 
shleuchdadh sios san duslach a' d' fhianuis. Tha mi 
'g aideachadh bhi m' chreutair truagh fo bhinne. 
Ach 's ionann cainnt domh's do 'n cbis-mhaor iriosal, 
a Dhia dean trocair ormsa, ta m' pheacach. Tha 
càileiginn do bheachd neo-iomlan agam air slighe 
troimh 'n comasach dhomh dol as. O Dhe, ciod 
air bith i an t-slighe sin, nochd dhomh i, guidheam 
ort? Comharraich a mach i co soilleir 's nach 
urrainn domh dol am mearachd oirre ! Agus O 
dean mo chridhe toileach gabhail rithe, ge b e sam 
bith iriosal no cràiteach a bhitheas e ? 

Gu cinn teach, O Dhe, tha moran agam r'a f hogh- 
lum ; ach bi thusa a' d' oid-ionnsuich dhomh? Cuir 
stad c' ar tamuill bhig air do laimh a tha togta suas ; 
agus cuir dàil sa bhuille, air son do chaomh iochd 
neo-chriochnach, gus an rannsuich mi cionnas a dh' 
f haodas mi gu h-iomlan a sheachnadh ? Amen. 



Tuireadh a pheacaich, san staid thruagh so. 

Mo thruaigh is dòlasach, neo-shòlasach mo staid ! 
Is duine truagh mi a thug mi f hein a chum na h- 
inbhe so ! Is duine truagh, bochd, truaillidh, trèigte 
mi ! C ait am bheil m' àrdan, agus uabhar mo 
chridhe? c'ait am bheil na diathan brèige d' an d' 
thug mi gràdh agus seirbhis, an diaigh an do ghluais 
agus a dh' iarr mi, am feadh a bha mi a' cuir mo 
chiontaidh an aghaidh neamh an lionmhoireachd ? 
Am bheil cridhe sam bith ann a ghabhas truas diom ? 
Am bheil aon lamh ann gu m' shaoradh ? Gabhaibh 



43 



truas rium ; gabhaibh truas rium, O mo chàirde, oir 
bhuin lamb Dhe rium ; ghlac i mi ; tha mi ga fair- 
achduinn ga m' ro-tbeannadh ! agus ciod a ni mi ? 
theagamh, gu bheil truas aca dbiom; ach mo 
thruaigh, cia faun an iocbd ? Ma tba cobhair an 
aon ni an cumhachd nàduir, innsibh dhomh c'ait am 
faigbear e ! Combarraicbibb a mach dhomh e ; 
seòluibb mi da ionnsuidh; no b' fhearr learn, fo 
nàire agus ioghnadh mar tha mi, gun glacadb sibh 
air laimb mi, is mo thoirt da ionnsuidh. 

O sibhs' a mbinisteiribb an Tighearna, d' an 
dreucbd a bhi toirt co-fhurtachd do anamaibh 
triobluideach, gabhaibh truas diom ! 'S eagal learn 
gur mac-sambuil mi do ioma neach truagb eile, 
aig a bheil co-fheum air bhur còmhnadb. Leigibh 
dhibh gach cùram eile, chum cùram a ghabhail do 
m' anamsa, a tha, mar gum b'ann, a' call fhola 
gu bàs, (ma dh' fhaodar sin a ràdh) am feadh, 
tlieagamh, is gann a sheallas sibh orm ; no sùil 
f haoin a thoirt orm, 's a gabhail seacbad taobh eile 
na slighe. Gidheadh mo thruaighe, ann an staid 
mar tba rnise, ciod a dhiongadh bhur saothair, mar 
bi aic ach i fein. Mar dean an Tighearna cobhair 
orm, cionnas is urrainn duibhs' a dheanamh ? 

O ! Dhe spiorad gach uile fheola, tba mi togail 
suas mo shùl riut, 's ag èigheach riut, mar a broinn 
na h-uaighe. Tha mi air a chuid is lugha, ag 
èigbeach riut o bruaich. Gidheadh am feadh a ta 
mi am shineadh mar so a'd fhiauuis 'san teinn ro- 
mhòr so, tha fios agam gur h-urrainn do neart Uile- 
chumbachdach agus do ghràs gun tomhas doigh 
f haotainn a mach air mo thearnadh. 

Is ann ortsa is mò a rinn mi de dhochair, agus 
an diaigh sin uile, 's ann a mhàin uaitse tha fiugb- 
air agam ri cobhair. A' t' aghaidh, a' t' agbaidh 
fein a mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc a' d' 
shealladh, air chor 's gu'm fìreanaichear thusa 'nuair 
a labbras tu, gu'm bi thu glan 'n uair a bheir thu 
breth, ge d' a dh' òrduicheadh tu mi air an àm so 
gu truaigh bhith-bhuan. A's gidheadh tha mi 
mothachadh ni-eiginn a tha gu diomhair ga m' tharr- 



44 



Tliiig à' t' ionnsuidh, mar gum faighinn fuasgladii 
an sin, far an do tlioill mi an leir-sgrios a b' ann- 
truime. A Dhe bheannuichte, thug mi sgrios orm 
fein ; ach 's ann annadsa a ta mo chobhair, ma tha 
cobhair sam bith r'a f haotuinn. 

Tha fios agam nach eil am bitheantas do sligh- 
eansa mar ar slighean-ne, no do smuainte-se mar 
ar smuainte-ne; ach gu bheil iad co an-àrd os an 
cionn 's a tha na neamha os cionn na talmhainn. 
Air an aobhar sin dean tròcair orm, O Dhe, a reir 
lionmhoireachd do chaomh thròcairean ! Ocli comh- 
arraich a mach an t-slighe chum a bhaile dhldein ! 
Och treoruich mi san t-slighe shiorruidh ! Tha fios 
agam gur e do shoisgeul an t-aon fhuasgladh: O 
teaguisg do d' òglaich a fhrithealadh ! UJlaich mo 
chridhe chum gabhail ris ! agus na ceaduich do'n 
mhiosguinn sin a tha ann am nàdur, mar is trie a 
thachair, an ìocshlaint àghmhor sin a thionnda gu 
nimh ! Amen, 



Smuaihte apheacaich mu ait-theaehdoireachd na 
slainte. 

O M' AN AM, cia iongantach an teachdoireachd a 
fhuair thu an diugh ! 'S minic a chuala mi roimh 
i; agus tha mi co cleachdta r'a cluinntinn, is nach 
'eil mi co mothachail air an ioghnadh. Ach O in' 
anam thoir fainear, ciod a chuala tu ; agus abair, 
mar is math a dh'fhaodar a ràdh, gu bheil ainm ar 
Slanuighear, leis an teachdoireachd, Iongantach, 
Comhairliche, an uair a tha e nochda dhuit gràdh 
co iongantach, agus a' tairgse dhuit an leithid de 
chomhairlean sith? 

A Shlauuighear bheannuichte, am bheil a chùis 
da rireadh mar so ! Nach e h-ann innleachd inn- 
tinn dhaoine ? Gu cinnteach cha 'n e ! Ciod an 
inntinn duine a b' urrainn a dhealbh no a smuaint- 
eachadh ? Am bheil e dearbh-chinnteach, gun d' 
fhàg thusa greadhnachas agus aoibhneas an t-saogh^ 



45 



ail neamliuidh, thaobh iochd do m' leithidse de 
dhuine truagh ? Och ge nach deanadh tu ach amh- 
arc a nuas ormsa, o àirde do mhòrachd agus do 
shonuis, agus teachdoireaclid ghràsmhor a chum mo 
sheòladh, a chuir leis an aon bu lugha de d' sheirbh- 
eisicb, b' iomcbuidb a tbigeadh e dhomh mi fein 
irioslachadli sios le ioghriadb taingeil, agus cosan na 
ti a dh' f boillsich an t-Slainte so a phògadh. Ach an 
d' aontaich thu gu'm bu tu fein an teachdoire ! Bu 
mhòr a chùis sin, ge nach deanadh tu ach aon uair 
fhoillseacbadh, agus grad philleadh air t-ais chum 
na righ-chaithreach o'n tug do chaomh iochd a nuas 
thu ! Ach cha 'n e so an t-iomlan do bhuaidh do 
ghràis ainmeil. Cha 'n e a mhàin gun do cho- 
aontaich thu teaclid a nuas air thalamh, ach bhuan- 
aich thu ann car ioma bliadhna, agus fa dheire dh' 
aontaich thu dol gu has, le bhi air do thogail suas 
air a chrann-cheusaidh mar chiontach, an diaigh 
dhuit tàir agus an-iochd fhulang, a dh' fhaodadh 
cràdh a chuir air mo chridhse bhi smaoineachadh 
air. Agus mar so thug thu dioladh do cheartas 
De, agus shaor thu mi do Dhia le t-fhuil fein. 

Ciod a their mi ? A Thighearna, tha mi creid- 
sinn, cuidich thusa le m' mhi-chreidimh ! Tha e 
cuir creidimh ga dùlan, a chreidsinn, na tha dol 
th'ar inntinn a smaoineachadh. Gu ma beannuichte 
gu siorruidh gu'n robh t-ainm, O Athair nan uile 
thròcair, gun do dhealbh thu an t-innleachd ! buidh- 
eachas siorruidh gun robh do'n Uan a chuireadh gu 
bàs, agus do'n fhreasdal chàirdeil sin a chuir do 
m' ionnsuidh focal na slainte ! Och deonaich air 
son deich mile saoghal, nach gabh mi ri gràs De 
an diomhanas ! O sparr an soisgeul so air m' anam, 
gus am bi fheart slainteil air a sgaoileadh air gach 
ceudfath ! Na biodh e amhàin air a chluinhtinn 
agus air aidmheil, ach air fhaireachduinn ! Dean 
do chumbachd fein deth chum mo shlainte shiorr- 
uidh ; agus brosnuich mi a chum an taing chaomh- 
ail iriosail sin, chum an end thogarraich do-sgith- 
eachaidh sin a chum do sheirbhis, a tha iomchuidh 



46 



air neach d' an deachaidh na h-urrad a mhaitheadh, 
agus air a shamhuil sin do chùmhnanta ! 

Tha mi mothachadli fonn ait ann am chridhe, am 
feadh a tha 'n sgeul sin a' deanamh fuaim a' m' 
ehluasaibli : Acli O deonaich nach bi so, ris am bu 
mliiann learn m' aoibhneas criosduidh a ràdh, mar 
an t-aiteas amaideacli sin leis an robh mi co ea- 
cèillidh f'o dhruidheachd, cosmhuil ri fuaim droigh- 
nicli fo phoit ! O teagaisg dhomh am beannuchadli 
àghmhor so a dheanamh cinnteach, an dòchas 
glòrmhor so, air an doigh a dh' òrduich thu ! agus 
coimhead mi o aoibhneas nàduir, a ghabhail an 
riochd a clio-aontacliadh gràis sin, a tha gabhail ris, 
agus a deanamh an t-saorsa cinnteach ! Amen. 



Am peacach a 1 smuaineachadh air feumalachd gabhail 
ris an innleachd Shlainte so. 

Smuaintich, O m' anam, ciod am freagradh a bheir 
thu " da shamhuil sin do thairgse ! Gu cinnteach 
nan labhruinn a cheud ni a sheoladh an cridhe 
truaillidh agus aingidh so, se bhiodh ann, gur 
cruaidh a chainnt so, agus co a dh' fhaodas èis- 
deachd rithe ! gu bhi mar so air m* irioslachadh, 
air mo chiosnachadh, agus air mo striochda ! a samh- 
uil sin do chuing a ghabhail orm, agus a giulan co 
fad 's a's beo mi ! Gach ana-miann taitneach a 
leige dhiom ge d' a bhiodh e co ionmhuinn learn 
ri suil na lamh dheas ! Cha'n e a mhàin mo bheatha 
a striochda do thoil neach eile, ach mar an ceudna 
mo chridhe ! eadhon maighstir a bhi air mo chridhe, 
a srnachduicheas mòran da thograidh mhiannach, 
agus an stiùradh an sruth chlais eile ! Maighstir a 
tha 'g radh, an crann-ceusaidh a thogail agus easan 
a leantuinri ! Gu aire shònruicht a thoirt mo 
bheatha a chaithe gu diadhaidh stuama, gu h-ion- 
raic agus firinneach ; gun clealuchadh riu sin air aon 



47 



chor, a dli' aon bliuaireadli gan tigeadh a' m r rathad, 
no air son aon bhuannachd, na gu olc a sheachnadh, 
no eadhon gu m' bheatlia fein a chaomhnadh: ach 
nan gairmeadh am freasdal da ionnsuidh sin mi, 
mi fein a ghiulan mar gam b' fhuatbach learn 
eadhon mo bheatlia fein ! A Thighearna, tha so 
cruaidh air fuil agus feoil ! 's gidheadh tha mi 
mothachadh gu bheil aon ni eile is cruaidhe na so. 

Leis gacli faicill agus striochda dhiubh sin, bhiodh 
e na chàileiginn de shòlas le uaill mo nàduir, 
nam faodainn gu diomhair a smaoineachadh gum 
bu mhi mo shlanuighear fein ; gun do chuir mo 
ghliocas agus mo rùn-suidhichte fein, cuibhrichean 
an nàmbuid fasgaoil; agus gun tug mi an luach 
leis an deachaidh mo shaoradh a cheannach, a mach 
as m' ionmhasaibh fein. Ach an eiginn domli luidhe 
sios an làthair neach eile mar chiontaeh dite-te, mar 
neacli fann gun chobhair? Agus an eiginn do'n 
chomain abhi air a meudachadh,agusa chuid de'nchliu 
a bhi aig eadar mheadhonair cuideachd? An eig- 
inn domli bhi air mo riisgadh as m' f hireantachd fein, 
agus a bhi mar so co-ionann ris an duine is suarr- 
aiche? Seasamh aig caitliir a bhreitheanais a 
measg nan ciontach is mò, a'g aideachadh mar ni 
iadsan, a bhi ciontach, agus ag iarruidh saoradh air 
a cheart dòigh air an d'fhuair iadsan e ? 

Cha Veil a chridhe agarn as an aodann a ràdh, gu 
bheil an dòigh so mi-reusanda. Tha mo choguis a' 
togail fìanuis a' m* aghaidh, gun do pheacaich mi, 
's nach faod mi bhi air m' fhireanachadh am fianuis 
De, mar dhuine neo-chiontach agus ùmhail. Tha 
mo choguis ag innseadh dhomli, gu bheil gach ni 
dhiubh sin feumail : Gur iomchuidh do pheacach air 
a dhite e fein irioslachadh air a ghlùinibh : Gur 
coir do fhear ar-amach glacta airm a cheannairc a 
liuthairt, agus e fein a striochda an làthair a righ, 
ma tha fiuthair aige r'a bheatlia fhaotuinn. Seadh 
tha mo reusan, co math ri m' choguis ag innseadh 
<lhomh, gu bheil e iomchuidh agus feumail, ma 
bhios mi idir air mo shaoradh, gum bi mi air mo 
shaoradh o chumhachd agus o spèis do'n pheaeadh, 



48 



co math agus o a dhiteadh; agus ma dheonaichca > 
tròcair àrd-uachdranaicli dhomii beatha nuadh, an 
diaigh dhomii bàs siorruidh a thoilltirin, gu bheil e 
ro-iomcliuidh, gun striòchdainn mi fein do Dhia, 
mar neach a ta beo o na marbhaibh. Ach, O is 
duine truagh mi ! tha mi mothachadli lagh a' m' 
bhallaibh a cogadh an aghaidli lagha m' iimtinn, a 
tha cuir an aghaidh geur-mhothachadh mo riasuin 
agus mo choguis. Cò a shaoras mi o'n daorsa so ? 
Cò a bheir orm an ni sin a dheanamh ? O Thigh- 
earna, ceannsuich mo chridhe, agus na ceaduich dha 
bhi air a chlaonadh co mòr gu aon doigh, an uair a 
b' àill le ceudfaithean luach'or m' inntinn aomadh 
rathad eile ! ceannsuich gach togradh truaillidh o'n 
leth a stigh, chum gu'in bi e na aoibhneas learn a 
bhi mar so air mo riaghladh agus air mo bhacadh ! 
Gu h-àraìdh, ceannsuich m' uaill, an truailli'eachd 
àrd-thighearnail sin, a tha co mi-iomchuidh air 
duine truagh a tha fo bhinne ; chum gun deanar 
innleachd so do shlainte taitneach dhomii, a rèir an 
tomhais irioslachd a tha na co-chuideachd ! Tha 
mi faireachduinn togradh agam gu fuireach ann an 
Sodom : ach O deonaich a bhi tròcaireach dhomh, 
agus mo spionadh as, m' an tuit doinionn do 
dhioghaìtais loisgich, o nach bi seol sam bith tuille 
gu dol as ! Amen. 



Am Peacach a geilleadh do na h-earailibh sin, agus 
a nochdadh gu bheil e toileach gabhail ri Slainte 
trid Iosa Criosd. 

A thighearna bheannuichte, 's leòir e ! is tuille 's 
a chòir e ! Gu cinnteach cha ruigear a leas a choi- 
lion earail, gu impidh a chuir orm chum bhi sonadb, 
gu thoirt orm gabhail ri maitheanas am' pheac- 
aibh, ri beatha, agus ri gloir shiorruidh. A Shlan- 
uighear iochdmhoir, tha m' anam air a cheannsuch- 
adh; ionnus gu bheil dòchas agam, gur e cainnt 



49 



do bhròinse, cainnt m' aithreachais-se, agus gu 'm 
faod mi a ràdh, gu bheil mo chridhe mar chèir air 
leaghadh am meadhon mo chuim. 

O Fhir-shaoruidh ghràsmhoir ! Rinn mi cheana 
dearmad ort tuille 's fada. 'S minic a rinn mi 
dochoir ort ; a cheus mi as ùr thu le m' chionta agus 
le m' chion aitlireacliais, mar gu 'n gabhainn tlachd 
do chuir gu nàire fhollaisich. Ach tha mo chridhe 
a nis a gèilleadh dhuit, le striochda iriosal neo- 
chealgach. Cha'n'eil mi 'g iarruidh cùmhnant air 
bith a dheanamh riut ach iad so — gu 'm bi mi gu 
h-iomlan leatsa. Tha mi deonach gun aontaich thu 
do thoileachadh a dheanamh rium na leigeas domh 
do thoil a thuigsinn. Teagaisg dhomh, O Thigh- 
earna, ciod is àill leat mi a dheanamh. Oir tha toil 
agam fhogldum, chum gun gnàthaich mi e. Ma 
bhios tuille ann na 's urrainn do m' chumhachc! 
lags' a chuir an gniomh, tha dòchas agam gun toil- 
thu am barrachd neart domh; agus trid an neirt sin 
bheir mi seirbhis duit. Och gabh ri anam, a rinn 
thu deonach air bhi leat ! 

Cha'n'eil e feumail, O Shlanuighear bheannuichte, 
tuille earail a dheanamh orm. Ceaduich dhomh 
teachd a' d' ionnsuidh, mar pheacach a tha ullamh 
gu dol am mugha, a tha fa dheireadh a' faicinn, 
agus a' tuigsinn nach 'eil slainte an aon neach eile ! 
Ceadaich dhomh a nis, a Thighearna, teachd, agus 
mi fein a thilge sios aig do chosaibh, mar dhlbear- 
rach gun chobhair, aig nach 'eil tlus no fasgadh ach 
a' d' chaomh iochd bhàigheil ! Mar neach air a 
ruagadh le dioghaltair na tola, ag iarruidh gu dùr~ 
achdach gu baile na didein. 

Tha mi a' feitheamh air an Tighearna, tha m' 
anam a feitheamh ris; agus a' d' fhocal tha mo dhoigli 
chum gun gabhadh tu gu grasmhor rium. Tha m' 
anam ag earbsa a' d' mhaitheas agus an ro-gheall 
air. Tha mi a cliuthacha na foighidinn a ghiulain 
co fada learn ; agus a ghràis a tha nis ga m< dhean- 
amh toileach air bhi leatsa, air do chumhnantaibSs 
fein. Och gleidh an cridhe cealgach so dhuit fein ! 
Och ceangail riut fein mi am bannaibh gràidh nach 



50 



gabh sgaoileadh, nach urrainn do mhealltoireachd 
fola agus feola, no do dhiomhanais an t-saoghail 
chealgaich so, no idir dian earail mo cho-chompan- 
ach pheacach, mo tharraing air m' ais uait agus 
mo chuir fodha an ciont agus an leir-sgrios as ùr : 
Bi an urras air t-òglach, O Thighearna, chum 
maith ; chum gun gleidh mi greim daingean diot, 
a chum na beatha maireannaich ; agus fa-dheoidh 
am bi am barrachd fios agam trid fein-fhiosrach- 
aidh aoibhiun agus bhith-bhuain, co ro-iomlan 's .a 
tha thu a d' Shlanuighear ! Amen. 



Urnuigh teaghlaich, moch-thrà agus trà feasgair. 

O ! Dhe, is tus' an Spiorad siorruidh, neo-chrioch- 
nach, agus iomlan ann an cumhachd, ann an glio- 
cas agus am maitheas ; cha 'n f haic rosga bàsmhor, 
agus cha làn-tuig eolas cruthaichte do nàdur ; tha do 
làthaireachd leinn gach àm ; is leur dhuit diomhair- 
eachd ar n anama ; is aithne dhuit ar peacadh agus ar 
ii-uireasbhuidh ! ach iarraidh tu ar n-aidmheil mar 
obair ar n-aithreachais, agus ar n-iartas mar obair ar 
mianna agus ar n-earbsa mhacanta ! Och is truagh 
nach fearr an aithrigh ar n-anama air do làthaireachd 
f hior-ghlan, agus nach 'eil sinn ni 's iomchuidh air an 
obair mhòir agus naomha so ! O ! thus a bheir cuire 
tròcaireach do pheacachaibh truagh teachd do t' 
ionnsuidh air slighe na beatha nuadh ; na coinnich 
sinn annad cheartas mar theine lasrach, ach gabh 
ruinn air sgàth ceartais Mic do ghràidh, oir tha ar 
muinghinn na shior-eadar-ghuidhe. 

Is tusa àrd-chruthai-f hear nan uile nithe : dhealbh 
thu sinn a rèir t' iomhaigh fein, chum eolas a 
ghabhail ort, gràdh agus ùmhlachd a thoirt dhuit : 
ach thruaill am peacadh ar cumhachdan uile ; chlaon 
e uats iad, agus o "n chrich chum an do chruthaich 



51 



thu sinn : ghabhadh, ghineadh, agus gbluais sinn 
aim am peacadh, ag an-tromachadh ar gin-chionta 
agus ar truaighe. Ged a bha fios againn gum bu 
tu ar sealbhadoir, ghluais sinn mar dhaoin air an 
comhairle fein. Ghairm sinn ortsa mar ar Righ 
agus ar riaghlai-fhear, ach rinn sinn ceannairc a' t' 
aghaidh agus thug sinn ùmhlachd d'ar n-an-toil 
f heolmhoir fein : is fior-mhaitheas agus gradh thu, 
is tu ùghhdar gach aon ni air bith a tha math agus 
ion-mholta. Agus bu chòir d'ar n anamaibh teas- 
gràdh a thoirt duit gu deònach ; ach tha iad ain- 
eolach air do mhor-luach, ag iarraidh sòlais aim an 
diomhanas saoghalta, agus arm an sàsuchadh ana- 
mianna feolmhor. Ghlac an saoghal cealgach so 
ar gràdh* ar cùram, agus ar smuainte, ar briathra, 
ar n-aimsir agus ar saothair, mar gu 'm bu shior- 
ionad-còmhnuidh agus oighreachd bhith-bhuan d' ar 
n-anamaibh e, am feadh a dhearmaid sinn ar Dia, agus 
ar n-anama nach bàsaich. Chuir thu ciocras glòire 
shiorruidh annainn, ghlaodh thu ruinn a h-iarraidh, 
agus ar smuainte a thogail suas riut fein : ach ghluais 
sinn mar nach creideamaid t' fhocal, agus rinn sinn 
di-meas air gàirdeachas neamhaidh a thairg thu 
dhuinn, agus roighnich sinn solas diom-buan feol- 
mhor. Thug sinn aoradh dhuit gu diomhanach, agus 
umhlachd dhuit gu fuar-chràbhach le 'r briathraibh 
amhàin. Thug sinn t' ainm uabhasach an diomh- 
anas; agus mhi-ghnàthaich sinn do latha naomha. 
Thug sinn eas-umhlachd d' ar n-uachdranaibh, agus 
dhearmaid sinn ar n iochdarain. Bu choir dhuinn 
ar teaghlaichean a riaghladh mar eaglais naomh 
Dhe, ach bu tighean diomhanais, saoghaltachd, agus 
talachaidh air an staid iad. Bha ar smuainte cion- 
tach an diomhanas, an amaideachd, an amhluadh, 
am mi-run, agus ann an an-miannaibh neo-ghlan. 
Bha ar teanga ciontach ann an cainnt amaidicb 
dhiomhain, am briathraibh feargach, an ana-cainnt, 
an còmhradh truaillidh mi-stuamadh, an cùl-chainnt 
air daoin eile, agus am mòran bhreug. Cha do 
ghràdhaich sinn ar coimhearsnacli mar sinn fein ; 
ni mò a rinn sinn do chàch an ni b' àill leinn 
F 2 



52 



uatha : acli bha sinn uile fein-spèiseil, gu h-uallach 
a' miannachadh nieas mòr agus ard-inbh ; gu sannt- 
ach ag iarraidh ar leas, agus ar sòlais anamiann- 
ach fein ; an uair a gliabh sinn ro-bheagan cùraim 
do leas corporra agus spioradail dhaoin eile. Bha 
sinn ro-mball a gbràdhachadh ar naimhde, agus mi- 
chridheil a thoirt maitheanas cionta dhoibh. Mhi- 
ghnàthaich sinn do thiodhlaca, mbi-bbuilicli sinn ar 
n-aimsir luach-mhor le diomhanas, is ro-blieag feum 
a rinn sinn air thalamh. 

Ge do sholair do thròcair iongantacb dhuinn Fear- 
saoraidh, agus cungaidh leigbis ni '» leoir ann-san : 
agus ge d a thug thu dùbhlan eolais aingle agus 
dhaoine, ann am foillseachadh iongantach so do 
gliocais agus do ghràidh; gidheadh, fhuair sinn 
tuisle air t' f hocal le 'r neo chreidimh, agus dhear- 
maid sinn an t' slainte mbòr so gu neo-mhothach- 
ail. Cia neo-chùramach a chualadh agus a leugh 
sinn do shoisgeul? Nach beag a chuir gràdh agus 
fulangas ar Slanuifhir oirn? Bheireamaid buidh- 
eachas do neach air bith a bheireadh dhuinn tear- 
munn no saibhreis saoghalta : ach cia mi-bhuidh- 
each a bha sinn do Chriosd a rinn an urrad so, a 
theasairginn ar n-anama o leir-sgrios siorruidh ! Mo 
thruaigh, tha ar cridheacha do-lùbaidh agus neo- 
irioslaichte, a' cuir a pheacaidh agus diom cho'- 
thromaich Dhe, an suarrachas, agus coma mu 
Chriosd agus mu ghràs. Agus is ceart dhuits' an 
tròcair air an d' rinn sinn urrad dhimeas, a dhiult- 
adh dhuinn gu siorruidh. 

Ach buin ruinn O ! Thighearna do rèir do 
mhaitheis fein, agus a rèir ar feum ana-barrach-ne ; 
agus na smachdaich sinn do rèir ar droch thoill- 
teanais. Pheacaich sinn mar dhaoine, ach bi thusa 
tròcaireach mar Dhia. Mar ata ar peacaidh-ne lion- 
mhor, biodh do ghràs ni 's lionmhoire gu mòr ! 
Thug thu Slanuifhear do 'n chinne-daonna, an uair 
bu naimhde dhuit sinn ; agus bha thu ann an Criosd 
ag ath-reiteachadh an t' saoghail riut fein ; is i do 
run ard-thighearnail, fàth a dheanamh d'ar beag 
luach, agus d'ar truaigh, a ghlòrachadh do ghràidh 



53 



agus do thròcair iongantaich, ann am mòran peac- 
aidh a lughadh, agus am faod sinne gun raliòran 
gràidh a thoirt dimits' air a shon so? agus 'n a 
dhiaigh so uile, ma chuireas sinn an teagamh, gu 
bheil thu deonack maitlieanas a thoirt do 'n chreid- 
eacb a tha lan aithreacbais, ni sinn eacoir ana-bar- 
rach air saibbreas do ghràis. Dh'iarr tbu sinn an 
uair nacb d'iarr sinne tbusa ! is ann air t'iartas fein 
a sbireas sinn thu, agus a ghuidbeas sinn tròcair. 
Thug thu dbuinn na ceart mhianna sin a dhortas sinn 
amach ann ad làtbair. Ghuidb thu oirn a bbi rèidh 
riut, agus gabhail ri d' gbràs ; agus an cuir sinn an 
teagamh gu bheil thu toileacb a dbeonachadh ? Tha 
coi-leasacha iomlan do d' cheartas air son ar peacaidh, 
ann an iobairt agus deagh-thoillteannas do Mhic, 
agus ioc-shlainte ni 's leoir a db' fbirinneachadh a 
cbreidich a tha lan aithreachais ann ad làthair. 
Thug thu do Mhac mar fhear-teagaisg gun mhear- 
achd do t' eaglais : is Rigb lan-cbumhacbdacb d' ar 
riaghladh, d' ar coimhead, agus d' ar fireanacbadb 
e. Tbug tbu do Spiorad a naomhacbadb ar n-anama ; 
agus tha do gbràdh lan-dbiongmhalta cbum ar son- 
ais agus ar suaimlinis sniorruidb. Air an aobhar 
sin, bbeir sinn suas sinn fein dhuitse ar Dia, ar n- 
Athair, ar Fear-saoraidb. agus naombacbaidh ; agus 
guidheamaid ort, gabb ruinn air cùmbnanta coi'- 
cheangail do ghràis. Na cuimbnich ann ar n agh- 
aidh amaideachd, ain-eolas, agus ana-mianna ar 
n-òige : lugb dbuinn ar peaca diombair agus follais- 
each ; ar peaca neo-cbùraim, obann agus an-dànad- 
ais, gu sonraichte na peacaidh sin a chuir sinn an 
gniomh gu deonach, an agbaidh ar n-eolais, agus 
co'-spàirn do gbràis. Atb-nuadhaicb agus lan- 
naombaicb sinn le d' Spiorad: buin uainn an seann- 
cliridhe clocbach, agus tboir dbuinn an cridhe 
maoth, brùite agus so-theagaisg ; tboir dbuinn an 
nàdur naomba neambaidh; naomhaicb sinn le dreach 
t' fhior ghloine : thoir oirn sinn fein, agus gacb ni a 
tbug tbu dbuinn, a cboisrige dhuitse d' am buin iad 
gu h iomlau. Lan-ùmhlaich do d' riagbailt uile 
chumhachd ar n-anama agus ar cuirp. O ! leig ris 
F 3 



damn do mhaitheas nach traogli, t' iomlaineachd 
ghlòrinhor, agus do thròcair iongantach, a thug thu 
dhuinn ann an Criosd ; doirt amach do ghràdh air ar 
n-anama le d' Spiorad naomh, gus an toir do ghràdh 
oirn, gur eiginn duinn do ghràdhachadh, os cionn 
gach ni agus neach, le 'r n-uile chridhe, le 'r n uil' 
anam agus le 'r n-uile neart. Lasadh dealra do 
ghràidh ar n-anama, chum 's gun toir sinn teas- 
ghràdh dhuit gu deonach ; gum blais sinn tionsgna 
an t' sonais agus an t' sòlais neamhaidh ann ad 
ghràdh ; gun tuig sinn nach 'eil doigh againn air ni 
r s leoir a thoirt dhuit do ghràdh ; agus gu 'n abair 
sinn gu neo-chealgach gur fada leinn gus am faod 
sinn tuille thoirt duit. Cha cheadaich ar neo- iom- 
laineachd dhuinn a ràdh, gun toir sinn gràdh dhuit 
do reir do mhor luach, oir tha so os cionn neart 
aingle agus dhaoine: ach, o nach urra sinn urrad 
ghràidh a thoirt dhuit 's bu mhath leinn, gus an 
ruig sinn air an staid lan-bheannaichte sin, anns an 
gràdhaich sinn thu ni 's mò na ? s urra sinn anis a 
mhiannachadh ! Ge nach peacaicheamaid riamh am 
focal no an gniomh, is peaca nach urrainn duinn a 
chaoidh gu bràth, easbhuidh ar gràidh dhuitse ; is 
uallach nach urra sinn a ghiulan, masla ar nàduir 
thruaillte! Cha 'n iarr sinn tuille sonais anns a 
bheatba so, ach barrachd eolais ortsa, agus neart a 
thoirt tuille gràidh dhuit. Thoir dhuinn Spiorad na 
h-uchdmhacachd, a lionas sinn le ruin mhacanta 
dhuitse ar Dia, agus ar n-Athair neamhaidh, a tha 
rèidh ruinn ann an Criosd. Thoir oirn ar n àrd 
chrioch àraidh a dheanamh dhiotsa, agus do ghloir 
iarraidh anns gach gniomh. Deonaich gur e dian- 
thogra ar n-anama, thus' a thoileachadh anns gach ni, 
soirbheachadh do rioghachd, agus do thoil a dhean- 
amh. Ardaich do ghloir os ceann nan neamha, 
naomhaich t' ainm air an talamh uile, iompaich an 
saoghal ana-creideach, agus cuir fa cheannsal do 
Mhic e. Thoir luchd-riaghlaidh glic agus naomh do 
na fineachaibh rachadh soisgeul do Mhic amach 
mar a ghrian, a shoillseachadh gach cearna de 'n tal- 
amh. Och, nach gabhadh an saoghal a tha fo mhi- 



55 



riaghailt righ mi-rùnacìi an dorchadais, ri d naomh- 
reachd, agus nack tugadh iad gèill da ! och, gun iad 
a blii ni 's cosmhuile ri luchd-àiteachaidh naomh nan 
neamha, ann am maise agus ann an coi'-slieirm na 
naomhaclid ! Ath-leasaich gacli eaglais a tha truaillte 
agus fo dhorchadas. Tilg anuas an t' an-tighearnas, 
an an-diadhachd, an saobh-chreidimh agus an eas- 
aonachd sin, a cliumas amach eolas, naomhachd agus 
sìtb. Dion agus beannaicli na h-eaglaise ath-leas- 
aichte ; gu sonraiclite anns na rioghachdaibh anns 
am bheil sinne. Beannaich ar n-aon uaclidaran 
dligheach, agus an teaghlach rioghail uile ; agus 
gach neach a tha ann an ùglidarras ; ar luchd teag- 
aisg, agus thoir aodhaire comasaeh diadhaidh do 
gach tread anns na rioghachdaibh so. Thoir fonn, 
siochail, diadhaidh, so-theagaisg do 'n t' sluagh. 
Cuir impidh oirne, do rioghachd agus do cheartas 
fein iarraidh air tùs : agus cuirse gach aon ni feum- 
ail eile ruinn. Cum suas agus beathaich ar nàdur 
le nithibh feumail, agus deonaich gum bi sinn lan 
toilichte le 'r n-aran lathail ; agus foighidneach fo 
'n uir-easbhuidh a thoill ar peacadh. Teagaisg 
dhuinn ar n-aimsir luach-mhor a dheagh-bhuileach- 
adh, agus gun a mi-bhuileachadh le diomhanas peac- 
ach ; ach crioch a chuir air an obair ris am bheil ar 
beatha shiorruidh an earbsa; agus ar giulan a bhi 
mar bu mhath dhuinn anns an uair dheireannaich. 
Deonaich aithreachas, agus maitheanas gach la ann 
am peaca gach latha, trid Chriosd : agus thoir dhuinn 
muinghinn 'na eadar-ghuidhe-san do rèir ar sior- 
fheum. Teagaisgear dhuinne le 'd mhor-ghràdh, 
agus le 'd throcair a mhaitheas peacadh, ar coimh- 
earsnach a ghràdhachadh mar sinn fein ; ar n-eas- 
cairde a ghradhachadh, ciont' a mhaitheadh, agus 
math a dheanamhair gach neach do reir ar comais fein ; 
agus am feum-san. Cuidich leinn cathachadh an 
aghaidh an diabhoil, an t' saoghail agus na feola, agus 
buaidh a thoirt orra. Coimhead sinn o 'n pheacadli 
chealgach, agus na leig dhuinn sinn fein iomam gu 
buaireadh. Dion sinn o ain-eolas agus o neo-chreid- 
imh, o an-diadhachd agus o fhuar-chràbhadh, o uaill 



56 



agus o shaoghaltachd anabarrach, o leisg agus o shàs- 
achadh ar n ana-mianna peacach feol-mhor. Cuir 
impidh oirn aoradh a thoirt dhuit ann an naomhachd ; 
t* ainm uabhasach a luadh gu li-urramach ; do là 
naomh a chuinihneachadh agus a choimhead gu cu- 
ramach. Gleidh sinn o eas-umlilaclid peacach a 
thoirt d' ar n uachdranaibh ; o dhearmad ciontach 
a dheanamh air ar n-iochdranaibh ; agus o ea-coir a 
dheanamh air aon neach an smuain, am briathar, 
no an gniomh ! Coimhead sinn o bhuaireas peacach 
na feirge; o smuaintibh agus o mhiannaibh o 
bhriathraibh agus o ghniomharaibh neo-gheamnaidh. 
Cum sinn o mheirle agus o mhealltaireachd a 
dheanamh air daoin eile ; o bhreugaibh, o mhasladh 
agus o chùl-chàine. Marbh an fhein-speis sin a tha 
an aghaidh leas ar coimhearsnaich. Dion sinn o 'n 
dioghaltas a thoill sinn. Co'-oibricheadh ar n uil 
àmhghara chum ar leas. O ! cuidich leinn triall trid 
an t' saoghail dhiombuain so, 'g ar n ullachadh 
fein fa chomhair bàis. Biodh ar n-anama agus ar 
co'-luadar air neamh. Na trèig sinn an aimsir ar 
n' àmhghair dheireannaich. Ach glac ar n anama 
aig uair bàis, agus thoir do Chriosd iad. 



Abair Moch-thrà. 



Dion, sdiùir agus beannaich sinn an diugh, 'nar 
slighe agus 'nar saothair laghail, chum as trà feasgair 
gun toir sinn duit buidheachas le gàirdeachas trid 
losa Criosd ar n-aon Slanui-f hear : agus le bhriath- 
raibh-san, co'-dhùnaidh sinn ar n urnuigh : " Ar n- 
Athair a ta air neamh, gun naomhaichear t' ainm, 
gun tigeadh do rioghachd ; gun deanar do thoil air 
thalamh mar nithear air neamh. Thoir dhuinn an 
diugh ar n-aran lathail. Agus maith dhuinn ar 
fiacha, mar a mhaitheas sinn d' ar luchd fiacha, agus 



57 

na leig ann am buaire sinn, ach saor sinn o olc; 
Oil* is leats' an rioghachd agus a chumhachd, agus 
a ghlòir gu siorruidli. Amen" 



Abair Trà Feasgair. 

Coimhead sinn an nochd, agus deonaich dliuinn 
an suaimhneas cuirp agus anama sin, a dh' ullaicheas 
sinn chum saothair an la is faigse, air sgàth Iosa 
Criosd ar Slanui-fhear ; agus le bhriathraibh-san 
co'-dliunaidh sinn ar n-ùrnuigli : " Ar n-Athair a 
tha air neamh, &c." 



Urnuigh as kith peacaich neo-aithreacha 'd. 

A Dhe Uil e- elm mliachdai ch ! leatsa tlia gach ni 
eomasach a dlieanamh : Is ann riutsa uime sin a tha 
mi ag eadar-ghuidhe as leth an anama chaoimh neo- 
bhàsmhoir so, a tha thu a' faicinn a' dol am mugha 
na pheacaibh, agus ga chruadhachadh fein 'an agh- 
aidh an t-soisgeil shiorruidh sin, a bha na chumh- 
achd Dhe chum sàbhaladh a choilion mile agus 
muillein. Tha thu fein, O Dhe bheannuichte, a' d' 
fhianuis air an t-soilleireachd agus an durachd, leis 
an robh an teachdoireachd air a liubhairt. 'S ann 
a* d' fhianuis fein a chaidh na briathran eagallach 
ud a scriobhadh ; agus 's ami a' d' làthair a chaidh 
an leughadh. Deòinich uime sin a' scriobhadh an 
leabhar do chuimhne, ma bhàsuicheas an duin aingidh 
so na aingidheachd, an diaigh an rabhaidh a bhi air a 
thoirt da co soilleir dhùrachdach, nach iarrar fhuil 



58 



air mo laimhse, no idir air laimh a charaid chriosd- 
uidh, co air bith e, a bheir an earail so dha, le rim 
trèibhdhireach a chum anam a shaoradh. A Shlan- 
uighear bheannuichte, bi thus' a' d' f hianuis air an 
là san toir thu breth air diùbhrais gach cridhe, gun 
deachaidh do shoisgeul a shearmonacliadh do'n 
dnine thruagh so, agus gun deachaidh slain te trid 
t-fhola a thairgse dha, ge d' a tha e fhathasd a' 
deanamh tàir air. Agus gun robh do theachdaire 
neo-airidh na fhàile-cùbhruidh do Dhia 'an Criosd, 
air son a cheat t anam so ge d' a sgriosar air a cheann 
ma dheireadh e ! 

Ach mo thruaigh, an diaigh a chruas agns an neo- 
iompachadh so uile, O gu'm bu deonach leat, trid 
cumhachd èifeachdaich do ghràis, a mhosgladh agus 
iompachadh ! Is math a ta fios again n, o Thigh- 
earna nèimh agus na talmhuinn, gur urrainn dhasan 
a chruthaich an t-anam, a thoirt air cloidheamh a 
gheur-mhothachaidh, teachd am fagus agus inndrinn 
a steach ann. Och b' fhearr, trid do ghliocais, 
agus do ghràidh neo-chriochnach, gun gabhadh tu 
a chùis mu laimh, agus gum faigheadh tu a mach 
doigh air a pheacach so a shaoradh o bhàs siorr- 
uidh ! O nam b' e sin do thoil bheannuichte, gun 
deanadh tu e air ball ! Tha fios agad O Dhe, gu 
bheil e dlù do'n bhàs. Tha thu faicinn, 'an leabh- 
air do rùin ghlic agus ghràsmhoir, àm air a cfromh- 
arrachadh a mach is eiginn a ghlasadh suas 'an staid 
neo-chaochlaidich. O gun deanadh tu greim air, 
am feadh a ta e fathasd am fearann nam beo, agus 
dòchas aige ! tha do lagh neo-chaochlaideach am 
frithealadh gràis, a' toirmeasg, gum biodh anam air 
iompachadh agus air ath-nuadhachadh an diaigh dha 
inndrinn a steach do'n t* saoghal neo-fhaicinneach : 
Och deonaich do d' spiorad naomh oibreachadh am 
feadh a tha e fhathast, mar gam b' ann, an àite 
ruigheachd air ! Oibrich air, O Dhe, le aon 
mheadhon is toil leat ; a mhàin dean tròcair air ! 
O Thighearna dean tròcair air, chum nach d' thèid 
e fodha an doimhneachd leir-sgrios, a tha e co dlù 
air a bhruaich ! O gun tugadh tu e, ma tha sin feum- 



59 



ail, agus iomchuidh leatsa, gu doimhneachd claoi 
agus àmhghair ! O gun robh e le Manaseh, air a 
ghlacadh arm an dròighnich, agus air a luchdachadh 
le cuibhricliibh àmhghair, ma bheir sin air Dia 
aithriche iarruidh? 

Ach cha'n'eil mi a' dol a thoirt seoladh do d' 
ghliocas neo-chriochnachsa. Chuir thu do chumh- 
achd an cèill air iomadh doigh ghlormhor agus 
iongantacli ; air son am bheil mi a' toirt buidheach- 
ais duit, a chionn gun robh na h-urrad eolais agam 
orra, 's a chuir air m' f haicill mi 'an aghaidh earb- 
sadh obuinn na muinntir sin a tha gu h-andàna ag 
ràdh gu bheil a ni sin a thachair cheana eacomasach. 
Tha dearbh f hios agam gun d' thug thusa gu crich 
le aon smuain ann an uaigneas, an uair a bha'n 
duine sonadha chaidhiompachadhleisfad o mheadh- 
onaibh, agus o òrduighibh, am feadh nach b' urr- 
ainn do na comhairlean a b' uamhannaich, no na h- 
earailean bu chaomhaile, na h-àmhghair bu ghoirte, 
no idir na teasraigean a b' iongantaich a thoirt gu 
crich. 

Glòraich t-ainm, agus do ghràs, O Thighearna, 
leis an innleachd a chi do ghliocas neo-chriochnach 
is ro-f heumaile ! Amhàin deonaich, guidheam ort, 
leis gach ùmhlachd iriosal a chum do thoil, gum bi 
am peacach so air a shàbhaladh ! No mar bi, a 
chum nach bi saothair na h-earrainne so gu h-iom- 
lan caillte ; ach ge d' a robh cuid a chuireas cùl ris 
a dh' anntromachadh an leir-sgrios, gu 'm bi cuid 
eile air an saoradh le èisdeachd a thoirt da, chum 
gu 'm faic do sheirbhisich, a shaothraich a chum an 
saoraidh agus an sonuis, iad 'an ionadaibh na gloire, 
mar thoradh an saoithreach ; agus gun aontaich iad 
leo sna h-aleluia neamhuidh, dhksan a ghradhaich 
sinn, agus a dh' ionnluid sinn o ar peacaidh na f huil 
fein, agus a rinn sinn, o bhi nar ceannaircich dhit-te, 
agus nar peacaich mhalluichte thruaillidh, 'nar righ- 
re agus 'nar sagarta do Dhia, dhàsan gun robh 
glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal ! 
Amen. 



60 



Urnuigh mu aobhair-mhisnich trid Chriosd. 

O m' anam, ciod a tlia thu ag ràdh lis na nithe sin ? 
Nacli 'eil, air a chuid is lugha, thu 'n cunnart còmh- 
nadh f haotuinn o Chriosd ? Agus an ion dòchas a 
bhi agad ris air aon doigh eile? Am bheil ainm 
air bith eile fo neamh air a thoirt tre 'm faod sinn 
bhi air ar saoradh? Tha fios agam nach 'eil. 'S 
èiginn domh ma ta a ràdh le lobhair Israeil ma dh' 
f lianas mi 'an so bàsaichidh mi ; agus ma bhios an 
oirp a bheir mi an diomhain, cha dean mi ach bàs- 
uchadh. Ach theagamh gun saor e m' anam beo. 
Eiridh mi uime sin, agus thèid mi da ionnsnidh ; 
no bheir mi 'an so creideas da làthaireachd spiorad- 
ail ; peacach agus truaillidh mar tha mi, tuitidh mi 
air ball sios na fhianuis, agus doiitidh mi a mach m' 
anam 'na làthair. 

A Shlanuighear bheannuichte, tha mi a' teachd 
a' d' lathair, mar chreutair truaillidh, air mo chuir 
thuige a chion atharraich a chum sin a clheauamh. 
Agus mar biodh an Cruaidh-chas sin ro-dheuchainn- 
each gun seol seachnaidh air, cha leige mo nàire 
dhomh mi fein a nochdadh a' d' fhianuis naomh 
agus mhòralaich. Tha làn mhothachadh agam, gun 
robh mo pheacaidh agus m' amaideachd ro lion- 
mhor ; nis lionmhoire na 's urrainn domh ainmeach- 
adh no a smuainteachadh. Tha mi faireachduinn 
tobar peacaidh am nàdur truaillidh cul-sleumh- 
nach, a tha taosgadh a mach aingi'eachd mar a 
bhrùchdas tobar a mach an t-uisge, agus ga m' 
dheanamh a' m' eireadh agus a' m' uabhas domh 
fein. Tha na h-urrad anntromachaidh an co'- 
chuideachda mo chiontai-sa 's gum faodar a mheas 
mar ann-dànadas sùil a bhi agam ri maitheanas air 
an son. Agus gidheadh, nach bu mhò an t-ann- 
dànadas a ràdh, gu bheil iad ni 's mò na do throe - 
airse agus eifeachd t-fhola ; a ràdh, gun robh cunih- 
achd agus gràs ni's leoir agad chum maitheanas a 



61 



thoirt agus a shaoradh pheacach nach bi cho ciont- 
ach, am feadh nach urrainn duit mo leithidse do 
pheacach ro-chiontach a thearnadh ? Coimhead mi 
o'n smuain mhi-naomha sin ! deòinich mo chumail 
o'n anamharas mhi-chneasta sin ! A Thighearna 's 
urrainn duit na h-uile nithe a dheanamh, cha mhò 
tha aon smuain an cleth ort. Tha thu gun am li- 
ar us, mar tha t-f hocal a' cuir an cèill, comasach air 
saoradh gus a chuid is faide. Air an aobhar sin 
tha mi cuir nàir agus eagail air cul, a dh' fhaod- 
adh mo chumail uait, agus tha mi ga m' chromadh 
sios san duslach a' d' Lthair. Is aithne dhuitse, O 
Thighearna, in' uile pheacaidh, agus m' amaideachd. 
Cha'n'eil mi m' urrainn, agus tha dòchas agam gum 
faod mi a ràdh, nach bu mhath learn an cleth a' d' 
f hianuis, no idir iarruidh mo lethsgeul a ghabhail 
air an son. Dit mi, a' Thighearna, mar is àill leat, 
agus aidichidh mi bhi ciontach do gach casaid a 
chuireas tu orm. Aidichidh mi bhi co ciontach *s 
a their thu rium : ach is peacach mi a tha teachd a' 
d T ionnsuidhse a dh' iarruidh maitheanais. Ma 's 
eiginn domh dol am mugha, sann le striochda a bhios 
e, ag aideachadh ceartais a bhuille mbarbhtaich. Ma 
theid mo sgrios, 's ann mar gu'm b' ann, a' gabhail 
greim air adharcaibh na h-Altair ; ga m' shleuchda 
sios aig stol do choise, ge d' a rinn mi na h-urrad 
ar a mach a' d' aghaidh. Is iomadh neach a f huair 
lan mhaitheanas san ionad sin ; a f huair deadh-ghean 
thairis air na bha fiughair aca ris. Agus an do 
theirig do chaomh thròcair uile, O Shlanuighear 
bheannuichte ? An cuir thu nis cùl ri creutair ir- 
iosal, a tha teicheadh a d' ionnsuidh le anam, agus 
nach 'eil a' tagradh a bheag ach tròcair agus saor 
ghràs? Dean trocair orm, O Fhir-shaoruidh 
ghràsmhoir, dean tròcair orm, agus biodh m' anam 
luachmhor a' d x shùilibh. Och na cuir romhad mo 
thilge sios do 'n staid thruaigh eadòchasaich sin, o'm 
bu deonach leat gu gràsmhor a choilion aon a shaor- 
adh! 

Na cuir le grain air falbh mi, O Thighearna, as 
do làthair, agus na biodh corruich ort 'n uair a 
G 



62 



gliabhas mi do dhànadas air greim a ghabhail air 
t-fhalluing rioghail, agus a ràdh nach fhaod mi, 
agus nach leig mi as thu, gus an 'deonaich thu 
dhomh m' iarrtus ! Och cuimhnich gu bheil mo 
shonas siorruidh an earbsa ris ! cuimhnich, O 
Thighearna, gur ann asadsa a tha m' uile dhòchuis 
ri sonas siorruidh fhaotuinn, agus ri leir-sgrios 
bith-bhuan a sheachnadh ; tha iad an earbsa ri d' 
dheadh-ghean, no gu cuir as doibh le d' ghruaim. 
Och dean tròcair orm, air sgàth m' anama neo- 
bhàsmhoir! no mar dean air m' anams' a' m' 
aonar, dean e air sgàth iomadh neach eile, a dh" 
fhaodas air an dàrna laimh, misneach a ghabhail 
trid do thròcair dhomhsa, no air an laimh eile, 
bhios fo i ills or an mi-mhisnich trid m' ea-dòchais-se ! 
Tha mi guidhe ort, O Thighearna, air do shon 
fein, agus air son foillseacha gràs saibhir ard-uach- 
dranaich t- At liar ! Guidheam ort trid na fola 
dhoirt thu air a chrann ! Tha mi guidhe ort, trid 
coi-cheanguil nan gràs agus na sith, a rinn an t- 
Àthair riut chum peacaich chreideach aithreachail 
a shàbhaladh, saor mise! Saor mise, O Thigh- 
earna, a tha gu dùrachdach a miannuchadh creid- 
sinn agus aithreachas a ghabhail ! Tha mi gun 
amharus a' m' pheaeach trid am faodadh do cheartas- 
sa a bhi gu mòr air a ghloruchadh le mis a sgrios 
gu siorruidh: Ach O, ma bheir thu maitheanas 
domh, bithidh e mar chuimhneachan air do mhòr 
ghràs, agns air èifeachd t-fhola, a reir an tomhais 
peacaidh agus truaighe, san robh an neach d' an do 
dheonuich thu do throcair as a h-eug'ais. Labh- 
air, a Thighearna, trid do Spioraid bheannuichte, 
agus fògair air falbh m' eagal! Amhairc orm le 
gràdh agus gràs ann ad ghnùis, agus abair rium, 
mar a thuirt thu ri iomadh neach, am feadh a bha 
thu air thalamh, imich 'an sith, tha do pheacaidh air 
am maitheadh dhuit ! Amen. 



63 



Tha'n t-anam d strzochda do threibh-dhireachd Aith- 
reachais, agus gu a Chreidimk a rannsuchadh. 

O thighearna Dhe, tha thu rannsucha gach cridhe, 
agus a' sgrùdadh àirnean chlanna dhaoine. Rann- 
suich mis, O Thighearna, agus aithnich mo chridhe ; 
dearbh mi agus tuig mo smuainte ; agus amhairc a' 
bheil slighe olc air bith annam, agus treoruich mi anns 
an t-slighe shiorruidh. Nach 'eil mo choguis, O 
Thighearn, a togail fianuis a' d' làthair, gu bheil in' 
aithreachas agus mo chreidimh ionsamhuil na tha air 
a chuir an cèill, no air a chuid is lugha, gu'm b'e 
mo mhiann dùrachdach gu'm biodh iad mar sin? 
Thig uime sin, O Spioraid bheannuichte, ùghdar 
gach gràis agus sòlais, agus dùisg an togradh so ni 
's mo ami am anam ! Och leig ris domh am peac- 
adh na uile dhuaichneachd, chum gun toir mi iuath 
neo-chaochlaideach dhà ! O leig ris domh mòra- 
lachd agus tròcair an De bheannuichte air mhodh co 
drùighteach, 's a chuireas maoim air mo chridhe, 's 
a bheir air leaghadh ! buail a chreag, 's gu'm brùchd 
an t-uisg' a mach : uisgeachau an f hior aithreach- 
ais neo-chealgaich ! O Spioraid bheannuichte, thoir 
mothachadh dhomh mu pheacadh, mu fhireantachd, 
agus mu bhreitheanas ! nochd dhomh gun do tharr- 
uing mi sgrios orm fein, ach gur h-ann an Dia a 
mhain a ta mo chobhair, ann an Dia, trid Chriosd, 
anns au nochd e a mhàin tròcair dhomh ! a rèir do 
dhreuchd àraidh, gabh de chuid Chriosd agus nochd 
dhomhs e ! nochd dhomh a chumhachd chum mo 
shaoruidh! agus a thoil chum an cumhachd sin a 
chuir an gniomh ! Teagaisg do m' chreidimh 
beachdachadh air an crochadh air a chrann-cheus- 
aidh, le lamhaibh sgaoilte, agus le taobh reubta 
fhuiltich; agus ag innse dhomh am briathraibh 
drùighteach, an t-ionad folamh a tha na chridhe 
dhomhsa. Deonaich dhomh fios a blii agam ciod e 
mo chridhe gu h-iomlan blii air a thoirt suas do 
G 2 



64 



ghràdh ; co mòr 's gun cèusar maille ris-san mi ; gu 
bhi marbh do 'n pheacadh, agus do 'n t-saoghal, ach 
beo do Dhia trid Iosa Criosd ! Deonuich dhomh 
earbs' a dbeanamh as a chumbachd agus as a gbràdh ! 
Dhàsan gun choigleadh air bitb tiomnam suas mo 
spiorad ! Deonuich dhomh ìomhaigh a gbiulan ! 
agus a reachdan a ehiomhead ! a sheiibhis a lean- 
tuinn ; agus deonuich dhomb buanachadh trid aimsir 
agus siorruidheachd, a' m' chuimkneachan air èif- 
eacbd a shoisgeil, agus a m chomharradh buaidb air 
a ghràs buadhar ! 

O Dhe bheannuichte ma tha f'hathasd a bheag a' 
m' dhi chum mo dheanamh a m' f bior Chriosduidh, 
foillsich dhomh e, agus oibrich annam e ! Bris sios, 
guidheam ort, gacb dòchas mealltach andàna, ge b'e 
air bith luach a chaidh a bhuileachadb air an togail 
sin, a tha leis a sin air a' f agail na nochd-laraich, 
agus ge b'e air bith uaill a bha mi a deanamh as a 
maise ! Deonaich dhomh a chuid is measa de m' 
chor f haicinn, ge b'e air bith a chràidheas an t-eolas 
sin mi ; agus ma tha f hathasd cunnart air bith romh- 
am, O deonaich do m' chridhe bhi mothachail air, 
am feadh a ta cobhair ri f haotuinn ! 

Ma tha f hathasd aon pheacadh diomhair a' gabh- 
ail tàmh a' m' anam, ris nach do chuir mi cùl gu 
dùrachdach, foillsich dhomh e, agus spion a mach as 
mo chridhe e ge b'e air bith doimhneachd a ghabh 
a fhrèumhan, agus ge d'a robh gaeh cuisle air a 
chràdh leis an eadar-dhealuchadh ! Spion air falbh e, 
O Thighearna, le laimh ghràsmhoir ghramail ! Agus 
deonaich, O Thighearna, tòiseachadh a chuid a chuid 
air na tha a dh' easbhuidh f hathasd ann am chreid- 
imh a dheanamh iomlan ! coilion annam uile dheadh- 
ghean do mhaitheis : O Athair neamhuidh, dean 
saibhir mi, le uile ghràsa do spioraid: Dealbh mi 
chum fior iomhaigh do Mhic ghràdhaich : Agus 'an 
sin, air a sgàth-san, thig do m' ionnsuidh agus nochd 
do làthaireachd ghràsmhor do m' anam, gus am bi 
e làn abuich air son na staid ghlòire sin chum a' 
bheil gach oibreachadh dhiubh sin air ti ullachaidh ! 
Amen, 



65 



Urnuigh, mar is pailte ann an cainnt Scriobtuir, arms 
d bheil gach earrann de Ghnè a Chriosduidh gu h- 
aithghearr air a cliuir sios, 

A Dhe bheannuichte, tlia mi gu L-iriosal ge d' 
mholadh mar àrd Athair na soillse, agus tabhartair 
gach tiodlilacadh math agus iomlan. 'S ann uaitse, 
uime sin, a tha mi 'g iarruidh gach beannuchadh, 
agus gu h-àraidh iad sin a threoruicheas mi a' d' 
ionnsuidh fein, 's a dh' ullaicheas mi chum do mheal- 
tuinn gu siorruidh. Tha mi toirt urram dhuit, mar 
an Dia, a tha rannsuchadh cridhe agus a sgmdadh 
àirnean chloinn nan daoine ; Rannsuich mi, O Dhe, 
agus aithnich mo chridhe ; dearbh mi agus tuig mo 
smuainte : Agus amhairc a bheil slighe olc air bith 
annam, agas treòruichmi anns an t-slighe shiorruidh. 
Deonuich dhomh a thuigsinn ciod a ghnè spioraid 
d' am bheil mi ; agus a bhi air mo choimhead o 
mhearachd, far am faodadh e bhi ro-chronail! 

Deonuich dhomh, O Thighearna, bhi air m' ath- 
nuadhachadh 'an spiorad m' inntinn ! Builich orui 
cridhe nuadh, agus cuir spiorad nuadh an taobh a 
stigh dhiom ! dean mi a' m' fhear co'-pairt denàdur 
na diadhachd! Agus a reir mar a ta easan a 
ghairm mi naomha, bitheamsa naomh mar an ceud- 
na anns gach gnè chaithe-beatha ! Biodh an inn- 
tinn cheudna annamsa a bha 'an losa Criosd ; deon- 
aich dhomh ghiasad mar ghluais easan ! Saor mi 
o 'n inntinn fheolmhor, ni is bàs, agus deonaich 
dhomh an inntinn spioradail, o'n is beatha agus 
siochaint i ! agus deonuich dhomh trid mo chuairt 
tre n t-saoghal so, a bhi gluasad a rèir creidimh, 
agus ni h-ann a reir seallaidh ; 's a bhi laidir an 
creidimh, a toirt gloire do Dhia ! 

Deonuich dhomh, O Thighearna, do ghràs, a 
dh'fhoillsicheadh do na h-uile dhaoinibh, agus 
dhomhsa leis na h-urrad dhearbhaidh agus shoilleir- 
eachd, gam' tkeagasg gu h-eifeachdach, a dh' àicli- 
G3 



66 



eadh gach mi-dhiadhaclid agus anamhianna saoghalta, 
agus mo bheatha a chaitheadh gu stuama, gu coth- 
romach, agus gu diadhaidh ! oibrich arm am chridhe 
an diadhachd a tha tarbhach chum nan uile nithe ; 
agus teagaisg dhomh, trid deachda do Spioraid 
bheannuichte, thus' an Tighearnamo Dhia, aghràdh- 
achadh le m' uile chridhe, agus le m' uile anam, 
agus le m' uile inntinn, agus le m' uile neart! 
deonuich dhomh mi fein a thoirt suas duit, mar air 
bhi beo o na marbhaibh ; agus mo chorp a thoirt 
suas na bheo iobairt, naoraha, agus thaitnich a' d' 
f hianuis, ni is e mo sheirbhis reusonta ! Deonuich 
dhomh mòr-spèis a bhi agam do Chriosd mo Shlan- 
uighear, do Mhacs' a thainig san fheoil, neach is e 
dealradh do ghloir, agus fior iomhaigh do phear- 
sadh ! agus ge nach fhacamise, deonuich dhomh 
a ghràdhachadh ; agus le bhi creidsinn ann, ge nach 
'eil mi nis ga f haicinn, a' deanamh mòr ghàirdeach- 
as le aoibhneas air dol thar labhairt, agus lan do 
ghloir : Agus gun robh a bheatha a ta mi nis a' 
caitheamh san fheoil, air a caitheadh tre chreidimh 
Mhic Dhe ! gun robh mi air mo liona leis an spior- 
ad ; agus air mo threoruchadh leis ; agus deonuich 
gu 'm bi e soilleir do dhaoin' eile, ach gu h-àraidh 
do m' anam fein, gu 'm bheil mi le Dia, agus a' m' 
oighre air glòir ! deonuich nach faigh mi spiorad na 
daorsa chum eagail ; ach Spiorad na h-uchd-mhac- 
achd, tre 'n glaodh mi Abba, Athair ! deonuich 
gun oibrich e annam, mar spiorad a ghràidh, agus 
na h-inntinn f hallain ; chum gu 'n cuir mi ri m' 
chreidimh, subhailc ! deonaich dhomh a bhi laidir, 
agus ro-mhisneachail ; agus mi fein a dhearbhadh a' 
m' dhuine ; agus a 'm chriosduidh, san obair chum 
a' bheil mi air mo ghairm, agus anns a chòmhrag 
sin a bh' agam san amharc, an uair a ghabh mi fo 
bhrataich krd Cheannard mo shlainte ! 

Teagaisg dhomh, O Thighearna, nàdur m' anama 
a thoirt gu dùrachdach fainear, agus meas iom- 
chuidh a bhi agam air ! Deonaich nach saothraich 
mi a mhàin air son an lòin a theirigeas, ach air son 
a bhidh a mhaireas chum na beatha siorruidh! 



67 



Deonaicli dhomh mi fein irioslachadh, fo d' lainih 
chumhachdaieh, agus a bhi air m' èideadh le h-irios- 
lachd ; air mo sgianihachadh le riomiiadh spioraid 
mhaeanta agns chiuin, ni a tha ro-laaclimlior an seal- 
la Dhe ! Deonuich dhomh bhi glan a' m' chridhe. 
chum gu ? m faic mi Dia ; a" claoidheadh mo chnirp a 
ta air an talanih; ionnas ma chuireas sùil dheas 
corruich orm, gun spion mi asam i, agns ma bheir 
lamh dheas oibheuni dhomh. gu n gearr mi dhiom 
i ! Deonuich dhomh bhi nieasarradh amis na h-nile 
nithibh, toilichte leis na bhios again ! agns air mo 
theagasg gn bhi mar sin amis gach staid anns am 
bi mi ! Gun robh aig foighidinn a h-obair dhiong- 
mhalta annam, chnm gu "m bi mi iomlan, gnn uir- 
easbhuidh ni sam bith ! 

Dealbh annam nàdur iomchuidh a thaobh mo cho- 
bhraithre. deonaich dhomh mo choimhearsnach a 
ghràdhachadh mar mi fein ; agns ge b'è ni a b' àill 
learn daoin' eile dheanamh dhomhsa, gnn dean 
mi a shamhuil dhoibhsan ! Deonaich dhomh macant- 
as a chnir nmam fo no h-ana-eeartais agus a bhros- 
nachaidh is mò ; agus co fad 's a's urrainn domh, a 
bhi rèidh ris gach aon duine ! Deonaich dhomh 
bhi tròcaireach, mar tha m' Athair air neamh tròc- 
aireach! gun labhairmi an fhirinn o' m' chridhe, 
ann an gràdh; agus a bhi air m ? fhaicill an aghaidh 
run gamhallasach, miorùnach a bhi agam ; a toirt an 
aire nach toir mi breth obainn chlaon, mar nach bu 
mhiann learn gu tugtadh breth orm le teann cheart- 
as, a tha fios agads, O Thighearna, agus aig mo 
choguis fein. nach b' nrrainn domh a ghiulan ! 

Guidheam ort, O Thighearna, gun oibrich thu 
annam gach earrann sin do ghnè a chriosduidh, a 
dh' f hàgas taitneach dhuitse e. agus a bhios ciatach 
do m' aidmheil san t-saoghal. Ath-nuadhaich, 
guidheam ort, spiorad ceart an taobh a stigh dhiom ; 
agus dean mi a' m' Israeleach da rireadh, anns nach 
eil cealg ! am feadh a tha mi 'gleidheadh na cuirm 
air Criosd, mar m' uan càisge air iobradh air mo 
shon. deonaich gu n gleidh mi an f hèill le aran 
neo-ghoirtichte an treibh-dhireis agus na firinn ! 



68 



Dean mi, guidheam ort, Thighearna, agus a 
Dhe Uile-chumhaehdaich, agus neo-chaochlaidich, 
daingean agus neo-ghluasadach, a sior-mheudachadh 
a' d' obair, air dhomh fios a bhi agam, nach bi mo 
shaothair diomliain arms an Tighearna ! Deonaich 
gu 'm bi mo chridhe maoth, furasda drùghadh air 
le d' f hocal agus le d' f lireasdail, air mo bheoth- 
achadh gu blii gu caomhail cùramacli mu d' ghlòir, 
agus mothachail mu gliluasaid do spioraid! Gun 
robh mi cudmhor as leth mo Dhe, le dealas a reir 
eolais agus gràidh; agus teagaisg dhomh a' d* 
sheirbhis, gu gliocas na nathrach a chuir ri misnich 
an leoghainn, agus ri neo-chiontas a cholumain ! 
Mar so deonaich gu 'm bi mi ti id do ghràis a 'm 
choslas dealrach air m' Fhear-saoruidh gràdhach; 
agus fa'-dheoidh deonaich dhomh fior choslas deal- 
rach a naomhachd agus a ghlòir a bhi agam san t- 
saoghal sin a' bheil a chòmhnuidh ; chum gu'n cuir 
mi urram siorruidh as a leth-san, agus dhuitse, O 
Athair nan uile throcair, agus do d' Spiorad 
Naomh, trid oibreachaidh, a tha dòchas agam gu 'm 
faod mi gu h-iriosal m' Athair a ràdh riutsa, agus 
mo Shlanuighear ri Iosa ! Amen, 



Urnuigh iriosal ag iarruidh drùghadh Gràs Dhe, 
chum Diadhachd a dhealbh agus a neartuchadh san 
Anam. 

O ! dhe bheannuichte ! tha mi gu durachdach ag 
aideachadh mo laigsinn agus mo neo-fhoghantaich- 
ead fein a' d' f hianuis air son aon ni math spioradail. 
Mhothaich mi e iomadh uair o' m' f hiosrachadh fein ; 
agus gidheadh b' àill le m' chridhe amaideach earbs' 
as, agus cuir roimhe a ris 'na neart fein. Ach gu 
ma h-è so ceud thoradh do chumhachd ghràsmhoir 
air, a thoirt gu an-earbs' as fein, agus gu a dhòchas a 
chuir annadsa ? 



69 



Tha mi a' deanamh mòr gliairdeachas, a Thigh- 
earna, air son an làn-chinnte a thug- thu dhomh air 
co ullamh 's a tha thu air sochair co mòr a bhuil- 
eachacdh gu fiughantach pailt. Tha mi air an 
aobhar sin, a reir do chuireadh thròcairich, a' teachd 
le dànadas gu righ-chaithir nan gràs, chum gu 'm 
faigh mi gràs chum cobhair an àm feuma. Cha 'n 
'eil a mhiann orm, O Thighearna Dhe, do ghràs a 
thionnda gu macnus, no m' anmhuinneachd a ghabb- 
ail mar leithsgeul air son dearmad no neo-churam. 
Tha mi 'g aideachadh gun do bhuilich thu chean 
orm tuille comais na ghnàthaich mise ; agus tha mi 
fàgail na coire orm fein, agus ni h-ann ortsa, nach 
d' f huair mi o cheann fada am barrachd cumhachd. 
'Se mo mhiann a so suas a bhi ni 's oirpicheadh 'an 
gnàthacha gach meadhon òrduichte ; ni tha fios 
agam le n' dearmad gu 'm biodh athchuinge mar so 
mar fhanoid mhi-naomh, agus gu 'in faodadh e bhi 
na aobhar gu d' bhrosnuchadh chum na tha agam a 
thoirt uam, seach tuille bhuileachadh orm. Ach 
tha mi gu durachdach a' cuir romham mi fein a 
chuir thuige mar mo dhùlan, agus ag asluchadh ort 
copairteachadh do ghràis, chum gu 'm bi mi air mo 
neartuchadh a choilionadh an rùin-shuidhichte sin. 

Bi, O Thighearn, an urras air t-òglach chum 
maith ! Deonaich do chumhachd naomhachaidh a 
dhortadh a stigh air m' anam, chum mo dhealbh air 
son gach dleasnas a dh' iarras tu! Suidhich, guidh- 
eam ort, gach subhailc agus gràs domhain aim am 
cbridhe ; agus cum suas mo dheagh rùn am meadhon 
gach ionnsuidh, gam bheil mi buailteach, on leith a 
muigh agus a stigh, am feadh a bhios mi sa bheatha 
so, 's 'a giulan m' an cuairt domh a choilon an- 
mhuinneachd ! Lion mo chridhe le deagh thograidh 
dhuitse, mo Dhia, agus do m' cho'bhraithribh ! 
Cum do ghna a' m' chuimhne gu 'm bheil do lathair- 
eachd anns gach àite ; agus deonaich dhomh a 
chumail a* m' aire gu bheil an rùn is diomhair' a* 
m' anam aithnichte leatsa ! Deonaich dhomh ma 
ta, bhi air m' fhaicill an aghaidh a cheud togradh 
chum peacaidh ! Is a chum nach faigh Satau coth- 



70 



rom air olc a chuir a' m' aire, guidheam ort gu 
dùrachdach, O Thighearna, gun lionadh tu mo 
chridhe le d' Spiorad Naomh, agus gu 'n gabhadh 
tu còmhnuidh ann ! Gabh còmhnuidh annam, agus 
gluais maille rium ; agus deonaich gur e mo chorp 
teampull an Spioraid Naoimh ! 

Deonaich dhomh bhi air mo cheangal ri Criosd, 
chum bhi a' in' aon Spiorad ris, 's a mothachadh a 
chumhachd ga m' bheothachadh gu sior-dhol air m* 
aghaidh, 'an aghaidh gach buaireadh agus truailli'- 
eachd ! Am feadh a bhios na h-òigfhir a' fàs lag 
agus sglth, agus an òigridh thaghta a tuiteam gu 
làr, gu'm feith mis air an Tighearna air sheol 's gum 
bi mo neart air ath-nuadhachadh ; agus deonaich 
dhomh bhi dol air m' aghaidh o aon tomhas creidimh, 
gràdh, eud, agus naomhachd gu tomhas eile, gus an 
nochdar mi foirfe a' d' lathair an Sion, chum òl 
uaitse an togradh agus an gràdh neo-thruaillidh, 
mar o thobar siorruidh gach aon diubh, trid losa 
Criosd mo Thighearna, anns am bheil fireantachd 
agus neart agam ; agus 's ann as a leth-san a tha mi 
miannuchadh cliu a chuir air son mo theachd air 
aghaidh san da chuid. Amen. 



Am Peacach ga earbsa fein ri Dia. 

A dhe bheannuichte, is ann a dh' ionnsuidh do 
neart Uile-chumhachdaich-sa a tha mi a' teicheadh. 
Feuch mi air mo chuairteachadh le cruaidh-chais 
agus le cunnartaibh, agus sin amach do lamh uile- 
chomasach a chum mo thearnadh ; O thusa a shaoras 
le d' dheas-laimh iadsan a dh' earbas asad, uathasan 
a dh' èirgheas suas nan aghaidh. Tha mi air an 
latha 'n diugh gu follaiseach ga m' chuir fein fo d* 
sgiath-dhion : cuir do chumhachd 'an gniomh as mo 
leith, agus ceaduich dhomh tearmunn a ghabhail fo 
ggàile do sgiathan ! Deonaich gu m' bi do ghràs 



71 



foghain teach air mo shon, agus do chumachd air a 
dheanamh foirfe ann am anmhuinneachd ! Cha 'n 
'eil a chridhe agam a ràdh, nach trèig mi am feasd 
thu, nach àicheadh mi a chaoidh thu. Ach tha 
dòchais agam gu 'm faod mi gu firinneach a ràdh, 
O Thighearna, nach bu mhiann learn a dheanamh ; 
agus a rèir an rùin agus na barail a tha agam san 
àm, gu 'm bu lugha an t-aobhar eagail learn am bàs 
fhulang, na corruich a chuir ort am dheoin. Och ! 
freumhaich a mach trualli'eachd sin mo chridhe, a 
dh' f haodadh an uair teann bhuairidh m' aomadh gu 
atharrachadh a bharail, agus a thoirt orm gèilleadh 
do 'n bhuaireadh ! Neartuich mo chreidimh, O 
Thighearna, agus ath-bheothaich mo dhòchas ! 
Neartuich mi le run-suidhiehte seasmhach, chum 
cuir an aghaidh gach ni a bhiodh an cunnart mo 
thoirt as an t-slighe gu neamh ; agus deonaich dhomh 
m' aghaidh a chuir mar chloich-theine, an aghaidh 
gach ionnsuidh a bheir talamh agus ifrinn orm ! 
Ma bheir peacaich ionnsuidh mhealluidh orm, na 
leig learn aontachadh leo ; ma bheir iad tàmailte 
dhomh, na leig learn suim a ghabhail deth ; ma ni iad 
maoidheadh orm, na leig learn a bhi fo eagal ! Gu ma 
fearr leam le h-eud naomh agus dian air a dheagh- 
riaghladh, cionfath a ghabhail o'm mi-run cridhe-san, 
air oirp a thoirt air an iompachadh agus air an ath- 
leasuchadh ! Mar is lugha, na leig leam nàir a bhi 
orm a' d' chùis a thagradh, 'an aghaidh na muinntir 
a bheir tàir do dhiadhachd ; deonaich dhomh aoibh- 
neas agus subhachas a mhothachadh ann am chridhe ; 
agus bheir mi oirp air do shlighe a theagasg do 
luchd-eusontais, agus peacaich iompachadh a d' 
ionnsuidh! Seadh, a Thighearna, am feadh a 
bhuanaicheas m' eagail, ge d' a mheasas mi mi fein 
air mo dhite, tha mi air mo dhite co cothromach 
as leth m' amaideachd, 's gu m' firinnichinn a 
bhreth, ge d' a b' anu a' m' aghaidh fein. 

Coimhead mi a nis, O Thighearn, agus gach aon 
am ! Na ceadaich dhomli bhi am barail, ge V e 
aois na inbh air an ruig mi, gu bheil mi comasach 
air mi fein a chiomhead as t-eugais-se! ni mò a 



72 



ìeigeas tu dhomh bhi 'am barail, 'an naoidheanachd 
so na diadhachd a' m' anam, a bhi co lag, is nach 
urrainn duitse mo chumail suas ! Ge b' e taobh a 
threoruicheas tu mi, deonaich dhomh do leantuinn ; 
agus ge b' e dreuchd a shònraicheas tu dhomh, 
deonuich dhomh saoithreachadh ann ; an sin deon- 
aich dhomh an còmhrag spioradail a chumail an 
aghaidh uile naimhde mo Shlainte, agus gu ma 
fearr tuiteam san àraich, no cul a chuir ris gu neo- 
dhuineil ? 

Agus deonaich dhomh, O Fhir-shaoruidh bhean- 
nuichte, Ceanard mo shlainte, Ard Ughdar agus 
fear-criochnaich mo chreidimh 'n uair a bhios mi an 
cunnart t-àicheadh, mar rinn Peadar, gun amhairc 
thu orm le cumhachd agus le caomhalachd, a dh' 
f haodas mo chumail o thuiteam, no a ghrad aisigeas 
mi a ris a chum mo Dhe agus mo dhleasnuis ; agus 
teagaisg dhomh, o' m' f hàillnean, mi fein irioslach- 
adh gu mòr air son gach mearachd, agus mi bhi ni 
's durachdaiche fhaicilliche san àm a tha ri teachd. 
Amen. 



Samhladh air Fein-choisrigeadh, no riaghailt 
fholllaiseach air ar Coi-cheangal ath-nuadhachadh 
ri Dia. 

A iehobhah shiorruidh agus neo-chaochlaidich ! 
Cruthai'ear neamh agus na talmhuinn, agus Triath 
aithrigh air aoradh aingle agus dhaoine ! Tha mi 
miannuchadh le mòr irioslachd anama, tuiteam sios 
san àm so a' d' fhianuis ; agus a' guidhe gu durachd- 
ach gun troi-lot thu mo chridhe le mothachadh 
iomchuidh air do ghlòir nach urrainnear a chuir an 
cèill no a thuigsinn ! 

'S ceart a dh' f haodas geilt chrith mo ghlacadh 
an uair a ghabhainse, cnuimh pheacach, de dhànadas 
mo cheann a thogail suas riut, de dhànadas mi fein 



73 



a thaisbeineadh am fianuis do mhòrachd air a leithid 
so de àm. Co mise, O Thighearna Dhe, no ciod 
e teaghlach m' athar? ciod e mo nàdur no mo 
bhreith, mo chliu no mo thoilltinneas, gun labhruinn 
m' an ni so, agus gu 'm miannaichinn a bhi am 
phàirtidh ann an Coi-cheangal, far an d' thusa, Righ 
nan High agus Tighearna nan Tighearnan a phàirt- 
idh eile ? Tha rughadh gruaidh agus nàir orm 
ainmeacliadh a' d' làthair. Ach, O Thighearna, 's 
mòr do mhòrdhachd, *s eiginn do d' nadur an-àrd 
cromadh sios anabharra iosal. Agus tha fios agam, 
gu bheil thu, ann agus trid Iosa Mac do ghràidh, a'g 
aontachadh peacaich thruaillidh fhiosrachadh, agus 
a' ceaduchadh dhoibh teachd a' d' ionnsuidh, agus 
inndrinn an Coi-cheangal riutsa ; cha 'n e a mhain 
sin, ach 's fiosrach mi gur tu fein a dhealbh an t- 
innleachd ; agus gun do thairig thu gu càirdeil 
dhuinne e ; oir cha b' urrainn aon neach gun bhi 
air a theagasg leatsa na dhealbh, no idir gabhail ris 
an uair a rachadh a thairgse. 

'S ann a' d' ionnsuidhs' a nis a tha mi teachd, air 
mo chuireadh tre ainm do Mhic, 's a'g earbsa a 
f hireantachd agus as a ghràs. Ga m' irioslachadh 
fein aig do chosaibh le nàir agus le rughadh gruaidh ; 
agus a' bualadh m'uchd, ag ràdh, leis a Chis-mhaor 
iriosal, a Dhia dean trocair ormsa ta m' pheacach ! 
Tha mi 'g aideachadh, O Dhe, gun robh mi a' m' 
chiontach mòr. Ràinig mo pheacaidh suas gu 
neamh, agus thogadh suas m' eucearta gus na 
speuraibh. Dh' oibrich an-tograidh mo nàduir 
thruaillidh air ioma mile doigh anntromaichte, a 
thoirt amach toradh a chum bàis. Agus nam biodh 
tu geur-theann a chomharrachadh mo chiontai, b' 
eiginn domh a bhi a m' thosd fo uallach peacaidh, 
agus air ball dol fodha an leir-sgrios. Ach dheon- 
aich thu cuireadh gràsmhor a thoirt domh pilleadh 
a' d' ionnsuidh, ge d' a bha mi mar chaora sheach- 
ranaich, mar mhac stròghail, agus a'm' leanamh cul- 
sleumhnachaidh. Feuch uime sin, tha mi air teachd 
a' d* ionnsuidh. Tha mi air teachd, cha 'n e a 
mhàin, le mothachadh air mo pheacadh, ach air m' 
H 



74 



amaideachd cuideachd. Tha mi a' teachd le lan run 
mo chridhe, a' gabliail nàire dhiom fein, agus ga 
aideachadh le treibh-dhireas agus irioslachd in' 
anama, Gun d' rinn mi gu h-amaideach, agus chaidh 
mi air seacharan gu ro-mhor. Tha mi fo amhluadh 
le blii cuimhneachadh air na nithe sin : Ach bi 
thusa tròeaireach do in' euceartaibh, agus na cuimh- 
nich mo plieacanna agus m' aingidheachd a' m' 
aghaidh ! Ceaduich dhomh, O Thighearna, na 
cumhachdan agus na ceudfaithean, a thug mi gu 
neo-thaingeil agus gu mi-naomha air falbh o d' 
sheirbhis, a thoirt a ris air an ais; agus tha mi 
'guidhe ort gabhail ri d' chreutair bochd ceaunairc- 
each, aige bheil a nis mothachadh air do choir air, 
's nach 'eil co dèigheil air aon ni sa bheatha so 'sa 
tha e air bhi leatsa ! 

A Dhe bheannuichte, 's ann leis an dùrachd is 
mò a tha mi g' am thoirt fein suas duit san am so. 
Eisd O neamha, agus cluinn, O thalamh; Rinn mi 
roghainn an diugh de 'n Tighearna, gu bhi na 
Dhia agam ; agus tha mi 'g aideachadh air an latha 
*n diugh gu bheil mi a' m' aon d'a chloinn agus d'a 
shluagh an coi'cheangal ris, Cluinn, O Dhe nèimhe, 
agus sgriobh e a' d' leabhar cuimhne gum bheil mi 
leatsa as so suas, leatsa gu h-iomlan. Cha n' e gun 
coisrigidhean duit cuid de m' cheudfaithean, no 
earrann de m' mhaoin ; no cuid àraidh a thoirt duit 
do m' sheirbhis, no a mheud 's as urrainn domh car 
ùine shronruichte ; ach bithidh mi gu h-iomlan 
leatsa, agus leatsa gu siorruidh. O'n latha so, tha 
mi gu follaiseach a' cuir cul ris na tighearnan eiie 
aig an robh ceannas orm, eadhon gach peacadh agus 
ana-miann ; agus tha mi a' toirt dulan do chumh- 
achdaibh ifrinn, aig an robh ceannas air m' anam, 
agus do gach truailli' eachd a thug iad trid buairidh 
a steach ann. Tha mi toirt suas duit an diugh 
dealbh mo nàduir uile, ceudfaithean rn inntinn, agus 
uile bhuill mo chuirp, mar bheo iobairt, naomha 
agus thaitneach do Dhia, ni a tha fios agam gur e 
mo sheirbhis reusonta. Tha mi a deanamh thairis 
duit gach ni a tha mi a' sealbhachadh : Tha mi mian- 



75 



nachadh a chuid a tha romliam de m' bheatlia a 
bhuileachadli a d' sheirbhis, agus tha mi 'guidhe ort 
gun seol agus gu 'u cuir thu ann am aire, co dhiubh 
a bhitheas mo shaoghal fada no gearr, gum bi gacli 
aon àm dheth air a chosd air a mhodh is ro eifeachd- 
aich chum urram a thoirt duitse, agus is fearr a 
fhreagras do rùin do fhreasdail ghràsmhoir. Agus 
tha mi a' guidhe gu ro-dhùrachdach, ge b' e murrachas 
a bheir thu dhomh os ceann dhaoin eile, an aon sam 
bith de staid àrd na beatha anns am faod mi bhi, no 
a thaobh aon mheas sonruicht' a chuirear orm, gun 
tugadh tu dhomh neart agus misneach chum mi fein 
a chuir gu m' dhùlan air son do ghloir: A' cuir 
romliam nach e a mhain gun dean mi fein, ach gun 
dean daoin eile, co fad 's as urrainn domhsa gu 
riasonta impidh a chuir orra, seirbhis do 'n Tigh- 
earna. Ga m' ghiulan fein air an doigh so, O Dhe 
bheannuichte, b' àill learn buanacha gu seasmhach 
daingean gu latha mo chriche; a* guidhe gu dur- 
achdach gum faod gach latha dheth mar thig barr- 
achd a thoirt ann an deagh bheus air an latha a 
chaidh seachad trid còmhnadh gràs Dhe. 

Cha 'n e a mhain gu bheil mi ga m' choisrigeadh 
fein agus gach ni a ta agam a chum do sheirbhis ; 
ach tha mi mar an ceudna gu ro-iriosal a' toirt 
thairis agus a' striochda do d' thoil naomh àrd- 
uachdranaich, mi fein, agus gach ni is learn. Tha 
mi a' fagail, O Dhe, gach ni a ta mi 'sealbhachadh, 
agus bu mhiann learn, gu bhi air a stiuradh agus air 
òrduchadh leatsa; agus gach ni a tha mi a meal- 
tuinn, gu dheanamh ris mar is deonach leat, aon 
chuid a bhuanachadh dhomh, no a thoirt uam, na 
bhuilich thu orm ; builich orm, no diult, an ni a 
shaoileas mis a b' fheaird mi, mar a chi thus, a Dhe 
iomchuidh ! agus ge nach 'eil do dhànadas agam a 
ràdh, nach dean mi gearan ; gidheadh tha dòchas 
agam gum faod mi a ràdh, nach e gun saothraich mi 
gu striochda, ach a bhi toilichte ; ni h-è a mhain 
fhulang aon triobluid is deonach leat a chuir a'm' 
charamh, ach co-aontachadh leis, agus cliu a thoirt 
duits air a shon ; a* cuir romham anns gach ni a dh' 
H 2 



76 



òrduicheas tu dhomli, gun mo thoilse ach do thoilse 
gun robh deanta ; ga m' mheas fein mar neo-ni, agus 
ga d' mheas-sa, O Dhe, mar an t-aon Mhath mor agus 
siorruidh, bu chòir do d' f hocal gach ni a rùnachadh, 
agus do Riaghladh a bhi na aoibhneas do 'n chinne- 
daoine gu h-iomlan. 

O Dhe, tha mi 'guidheadh ort gu 'n gnàthaich 
thu mi, mar inneal a chum do ghloir agus do chliu, 
aon chuid le dheanamh no f'hulang na dh' òrduicheas 
tusa dhomh, chum do ghloir fein, no chum math an 
t-saoghail sa bheil mo chòmhnuidh! agus gu ma 
deonaich leat o'n latha so m' àireamh 'am measg do 
phobuill shonruichte, chum 's nach bi mi ni 's mò 
am choigreach agus am choimheach, ach a' m' fhear 
aon bhaile ris na naomhaibh, agus am muinntir 
teaghlaich Dhe ! Gabh, O Athair neamhuidh, ri d' 
strògh-fhear aithreachail ! ionnuil mi am fuil do 
Mhic ghràdhaich ; sgeudaich mi le f hireantachd 
iomlan ; agus naomhaich mi trid cumhachd do spior- 
aid ! cuir as, guidheam ort, ni 's mò agus ni 's mò 
do chumhachd a pheacaidh ann am anam! cruth- 
atharraich mi ni 's mò churn t-iomhaigh fein, agus 
dealbh mi gu bhi cosmhuil ri Criosd, a mheasas mi 
as so suas mar m' fhear teagaisg agus m' iobairt, in' 
Eadar-ghuidh'ear agus m' Fhear-saoruidh ! Run- 
phairtich rium, tha mi a' guidheadh ort, gach cumh- 
achd feumail o' d' spiorad glanaidh, shuilbhearraich, 
agus shòlasaich ! agus tog orm solus sòlasach sin do 
ghnuis, a chuireas an t-aoibhneas agus an gàir- 
deachas is mò ann am anam ? 

Cuir mo ghnothaichean anns an riaghailt, O Dhe, 
is ro-fhreagarraiche chum do ghlòir sa agus m' 
f hior shonas fein ; agus an uair a ni agus a ghiul- 
aineas mi do thoil a bhos an so air thalamh, gairm 
mi as, ge b'e uair, no doigh air an deonach leat : 
Ach deonaich a mhain, an uair a bhios mi gu dol 
eug, agus 'an dlù shealladh air siorruidheachd, gum 
fàod mi mo cho-cheangal an trà so riutsa a chuimh- 
neachadh, agus an deo ma dheireadh a bhuileachadh 
a d' sheirbhis ! Agus deonuich, O Thighearna, an 
uair a bhios mis a' toirt suas an deo, gun cuimhnich 



77 



thusa mar an ceudna an coi-cheangal so, eadlion ge 
nach bi mise comasach air sin a dheanamh ! Seall 
a nuas, O Athair neamhuidh le sùil tlirocair air do 
dhuine cloinne lag a' dol èug : cuir do ghàirdeana 
siorruidh m'arn thimchioll a chum mo chòmhnadh, 
builich neart agus muinghinn air mo spiorad ata ri 
dealacliadh ri m' chorp ; agus gabh ris an glacaibh 
do ghràidh ! dean a bheatha do ionad comhnuidh 
na muinntir a choidil ann an Iosa a dh' f heitheamh 
maille riusan ris an latha ghlòirmhor sin, a choilionar 
do ghealladh deireannach dhoibhsan a tba an coi- 
cheangal riut, nan aiseirigh bhuadhar, trid an t- 
slighe shaibhir sin, a theid a f hritliealadh dhoibh do 
'n rioghachd shiorruidh, air an d' tbug thu dearbh- 
chinnte dhoibh le d' choi-cheangal, agus an dòchas 
ris na tha mi n is a gabhail greim air, a miannuchadh a 
bhi beo agus bàs fhaghail, mar le m' laimh air an 
dòehas sin ? 

*S an uair a bhios mis air m' àireamh am measg 
nam marbh, 's a bhios gnothaichean an t-saoghail-so 
thairis leam, ma dh' èireas do 'n chuimhneachan 
dhùrachdach so tuiteam 'an lamhaibh a h-aon do m' 
chàirdibh, deonaich gum bi e na mheadhon air 
drùghadh air an inntinn ! deonaich dhoibh a leugh- 
adh 's a ghabhail cha 'n arm mar mo chainntse, 
ach mar am briathra fein ; agus gum foghlum iad 
eagal an Tighearna mo Dhe a bhi orra, agus gun 
cuir iad leamsa an earbsa fo sgàil a sgiathaibh car 
ùine agus gu siorruidh ! agus deonaich dhoibh leamsa 
cuideachd, mòr mheas a bhi againn air a ghràs sin, 
a tha 'g aomadh ar cridheachan gu inndrinn a stigh 
do 'n choi-cheangal, 's a co'-aontachadh gu 'r gabhail 
a stigh an uair a bhios sinn toileach, a' cur as leth, 
leamsa, agus leis gach cinneach a shaoradh, an 
Athair, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh, a ghloir, 
an urraim, agus a chliu, a tha co dligheach do gach 
pearsa de 'n Trionaid, air son na h-earrainn a ghabh 
iad os laimh san obair luachmhor so ! Amen. 



H3 



78 



Air an sonsan a mheasas an riaghalt so tuille is 
fada ri bhi air a sgriobhadh, air iarrtas caraid àraidh 
chuir mi sios an riaghailt aithghearra so a leanas, 
agus bu choir an aire dhurachdaeh a thoirt do gach 
earrann deth, ma'n cuirear an gniomh e ; agus aon 
f hocal nach 'eil a còrdadh ri d' staid atharrachadh, 
chum 's gun co-aontaich an cridhe leis an iomlan. 



A Dhe shiorruidh agus uile bheannuichte ! Tha 
mi miannuchadh tighinn a d' làthair, le trom iriosl- 
achd anma, fo mhothachadh air co neo-aithrigh sa 
tha mo leithidse do chnuimh pheacach, air teachd 
an làthair Uachdaran naomh neamh, Righ nan Righ 
agus Tighearna nan Tighearnan, agus gu h-àraidh 
air gnothach mar so, eadhon gu inntrinn 'an Co'- 
cheangal riutsa. Ach 's tu fein a dheilbh an t- 
innleachd. Thairig do cho-aontachadh neo-chrioch- 
nach e trid do Mhic, agus dh' aom do ghràs mo 
chridhe gu gabhail ris. 

Tha mis' air an aobhar sin a' teachd, a 'g aideach- 
adh gu bheil mi ro-chiontach, a' bualadh air m' uchd 
agus ag ràdh, leis a chis-mhaor iriosal, a Dhe dean 
trocair ormsa a ta m' pheacach ! Tha mi tighinn 
air cuireadh 'an ainm do Mhic, a'g earbsa as fhir- 
eantachd iomlan-san ; a'g asluchadh, air a sgàthsan 
gu'm bi thu trocaireach do m' neo-fhireantachd, agus 
nach cuimhnich thu mo pheacaidh ni 's mo. Gabh 
air ais, guidheam ort, do chreutair ceannairceach, 
aig am bheil a nis mothachadh air do chòir air, 's 
nach 'eil co-deigheil air aon ni 's a tha e air bhi 
leatsa. 

Tha mi air an là an diugh, leis an dùrachd is mò, 
ga in' thoirt fein suas duitsa. Tha mi cuir cùl ris 
gach Tighearna aig an robh roimh so ceannas orm ; 
agus tha mi ga m' choisrigeadh fein agus gach ni a 



79 



ta agam dhuit; ceudfaithe m' inntinn, buill mo 
chuirp, mo mhaoin shaoghalta, m' ùine, agus mo 
chumhachd os cionn dliaoin eile ; gu bhi air an 
gnàthachadh gu h-iomlan chum do ghlòire ; agus gu 
dian deothasach a' toirt ùmhlachd do d' àitheantaibh, 
am fad 's a bhuanaicheas tu mo bheatha, le dian 
thogradh agus rùn-suidhichte gu buanachadh leatsa 
fad uile linnibh neo-chriochnach na siorruidheachd : 
Ga m' chumail fein a ghnàth deas gu bhi ullamh le 
eud agus gàirdeachas a chuir do thoil 'an gniomh, 
co luath 's a nitear aithnichte dhomh i. 

Tha mi ga 'm striochda fein, agus gach ni a ta 
agam gu bhi air ar stiùradh leat, air an doigh a 
mheasas do bhuan ghliocas a bhi freagarrach a chum 
do ghlòir. Tha mi fàgail riaghladh gach cùis an 
earbsa riutsa, agus ag ràdh gun choigleadh, ni h-e 
mo thoilse, ach do thoilse gun robh deanta ! a 
deanamh gàirdeachas le cridhe dìleas ri d' uach- 
dranachd neo-chriochnach, mar ni bu chòir mòr 
thlachd a thoirt do 'n iomlan de'n chruthachadh 
riasonta. 

Gnàthaich mi, Thighearna, guidheam ort, mar 
inneal a chum do sheirbhis ! Aireamh mi am measg 
do shluaigh shonruichte ! O deonaich dhomh bhi 
air m' ionnlad 'am fuil do Mhic ghràdhaich ! A bhi 
air mo sgeudachadh le f hireantachd ! Air mo 
naomhachadh le spiorad ! Cruth-atharraich mi ni 
's mò agus ni 's mò a chum iomhaigh ! Co-pairtich 
rium, d'a thrid-san, gach dmghadh feumail o' d' 
spiorad glanaidh, shuilbhearraich, agus shòlasaich ! 
Agus deonaich air dhomh mo bheatha a chaitheadh 
fo na tograidh sin, agus ann an solas sòlasach do 
ghnùis ghràsmhoir mar m' Athair agus mo Dhia ! 

Agus an uair a thig uair uamhannaich a bhàis, 
deonaich gun euimhnich mi an coi-cheangal so, air a 
shuidheachadh anns gach ni agus cinnteach, oir 's e 
so mo shlainte uile, agus mo mhiann uile ge d' a 
tha gach dòchas agus gach ni eil' a tha mi mealtuinn 
buailteach do dhol am mughadh ! Agus O Dhe, 
euimhnich thus' e cuideachd ! Amhairc a nuas le 
h-iochd, O Thighearna, air do dhuine cloinne lag, 



80 



aig uair a bhàis ! Gabh rium a d' glacaibh siorruidh ! 
Cuir neart agus muinghinn am' spiorad a tha gu 
dealacliadh ri m chorp ! agus gabh a stigh e do 
àros iia rcminntir a choidil 'an Iosa, gu siochail, 
aoibhneach a dh' fheitheamh coilionadh do gheal- 
laidh do d' phobull uile, aiseirigh ghloirmhor, agus 
sonas neo-chriochnach a' d' làthaireachd neamhuidh- 
se ! Agus an deigh dhomhsa bhi cnàmh anns an 
ùir, ma tbarlas e gum faigh caraid sam bith greim 
air a chuimhneachan so air mi dheanamh coi'-chean- 
gal soilleir riutsa, deonaich gun dean e a shamhuil 
as a leth fèin ; agus deonaich gu 'n gabh thu a 
steach e chum co-pairt do uile shochairibh do choi- 
cheangail trid Iosa Criosd ard Eadar-mheadhon- 
air ; gan robh maille riutsa, O Athair, agus a Spior- 
aid Naoimh, cliu siorruidh air a chuir as 'ur leth leis 
a mhòr choi-thional a shaorar leat, agus leis na 
spioradaibh neamhuidh sin, chum a' bheii thu g' an 
gairm gu co-pairt a ghabhail nan obair agus nan 
sochairibh! Amen. 



Riaghailt chum co -cheangal a dheanamh gu h- 
uaigneach ri Dia, m an tig iad air an aghaidh gu 
Bdrd an Tighearna, le Ughdar eile. 

O Dhe Uile-chumhachdaich, agus a Chruthai'ear 
nan uile nithe, chruthaich thu an duine air tus ion- 
raic agus sonadh ; ach dh' f hàs e peacach agus ro- 
thruagh trid an leagaidh. Tha mi 'g aideachadh 
a thaobh nàduir gu bheil mi am' eas-caraid duit, 
duine-cloinne fearg-thoilltinneach, agus am thràill 
don pheacadh agus do Shàtan. O'n bhroinn bha 
mi ciontach de d' lagh a bhriseadh, agus 's iongant- 
ach an fhoighidinn a rinn thu rium, 'n uair nach 
d' rinn thu o chionn fliada, cuspair dhiom air do 
chorruich ann an ifrinn. Och ciod a ni mi fad 



81 



siorruidheachd ma bhuauaicheas mi 's an staid so ? 
Chuala mi gu bheil tròcair aig Dia do pheacaich 
chaillte trid Iosa a chaidli a cheusadh, a tha toirt 
mòr mhisneach do m' anam brònacli. Och an urr- 
ainn an tròcair so ruigheachd air mo shamhuilse 
de dhuine truagh ? Ach 's cinnteach air a pheac- 
aichead 's ga bheil mi, gur fearr an cotlirom a tha 
agads air saorsuinn do ghràidh, agus eifeachd fola 
do Mhic a nochdadh ; agus ma bhios agamsa co'- 
roirm de na sochairean sin, seinnear laoidhean mol- 
aidh gun sgur do Uan De as mo leth. Tha mi 
uime sin a teachd chum mi fein a thilge sios aig 
stol-coise tròcair neo-chriochnach, 's a chum tag- 
radh air a shon a rèir do ghealluidh trid losa 
Criosd, do Mhac gràdhach. 

O Athair nan uile thròcair, agus Athair mo 
Thighearn Iosa Criosd, tha mothachadh agam a 
nis air mo pheacadh agus m' amaideachd, le cuir 
a t d' aghaidh, agus a chionn mi dhol thairis gu 
feachd Shàtain : tha mhiann orm pilleadh mar strò- 
fhear aithreachail, a dh' ionnsuidh m' Athair 
neamhuidh, a'g aidmheil mo pheacaidh, agus deon- 
ach air mi fein a cheangal ris an Tighearn an coi- 
cheangal siorruidh nach di-chuimhnichear am feasd. 
O Athair, pheacaich mi 'n aghai f hlaitheas agus a' 
d' làthairse, agus cha 'n fhiu mi tuille gu 'n goirte 
do leanamh dhiom ; ach 's toilicht a mheasainn mi 
fein, nan gabht' a stigh mi chum an dreuchd no 'n 
ionaid is neo-inbhiche a' d' theaghlach. Tha mi 'g 
iarruidh do shaor ghràdh agus do ghliocas neo- 
chriochnach àrduchadh, le innleachcl na slainte chum 
peacaich chaillte a thearnadh, trid Eadar-mheadh- 
onair, agus le d' Mhac siorruidh ro-ghràdhach a 
chuir gu bhi na Eadar-mheadhonair, agus na Urras 
a shàsuchadh do cheartais air an son, agus a cheann- 
ach gràs agus glòir dhoibh. A rèir d-aithne, tha 
mi deonach urram a thoirt do d' Mhac, agus 
gabhail gu taingeil toilichte ri innleachd so na 
slainte chum peacaich a thearnadh. O gabh truas 
de d' chreutair fein, obair do làmh ; theirig thair- 
is air t- obair a ris, agus cruthaich mi as ur air son 



82 



Chriosd, a rèir t-iomhaigh fein, chum 's gum hi 
mi iomchuidh air son do sheirbhis agus do ghlòir. 

O Shlanuigh'ear bheannuichte, tha ioghnadh orm 
le d' ghràdh gun choimeas, an gabhuil os laimh bhi 
a' d' Urras agus a d' iobairt air son peacaich 
chaillte, agus le t-fhuil luaclimhoir a thairgse, 
chum mo leithid-se ionnlad. 'S e do bheatha 
agam a Thighearn Iosa ! Tha mi ann an so a' 
cuir cùl ris gach doigh eile chum mo thearnadh, 
agus a' dol a t-ionnsuidh-se mar in' Eadar-mheadh- 
onair agus mo Shlanuigh'ear, tha mi 'gabhail riut 
a t-uile dhreuchdaibh ; agus ga m' thoirt fein suas 
gu bhi air mo thearnadh, air mo theagasg, agus 
air mo riaghladh leat. Tha mi gabhail riut mar 
m' àrd Shagart mòr a thoirt dioladh air son m' 
anama, agus a thagra mo chùis ris an Athair, trid 
do bhàis chliu-thoilltinnich, agus t-eadar-ghuidhe 
chumhachdaich. Tha mi a cuir glan-chùl ri m' 
fhireantachd fein an cùis m' fhirinneachadh agus 
gabhail gu taitneach rium le Dia, agus tha mi amh- 
ain ge d' aidmheil-se mar an Tighearna m' ionracas ; 
tha mi 'gabhuil riut mar m' Fhàidh, agus ga m' 
thoirt fein suas do d' theagasgsa, chum 's gum bi 
mi air mo threorucha leatsa trid an fhasaich so, 
agus mo thoirt sàbhailte gu neamh fadheoidh ; agus 
air son gliocais a leanailt do sheolaidh. Tha mi 
'gabhail riut mar mo High, agus a mionnacha bhi 
dileas duit, agus làn toili elite le d' lagh agus le d' 
uachdranachd ; cuirear suas do righ-chathair ann am 
anam, agus deanar do naimhdean ann nan stol-coise 
dhuit. Tha mi 'gabhuil riut mar m' Fhear-posda, 
agus tha mi a' co-aontacha le cùmhnant a phòsaidh 
anns gach earrann deth. Tha mi gabhail riut mar 
mo Cheann-feadhnaidh, agus tha mi gabhail mar 
shaighidear fo d' bhrataich, gu cath a chuir ann a 
d' neart 'an aghaidh t-uile naimhdibh. Tha mi 
toilichte le uile chùmhnantaibh an t-soisgeil; agus 
tha mi lan toilichte leis an doigh fhein-àicheunaich 
a tha air a thairgs' ann. Tha mi deonach air bhi 



83 



gu siorruidh am fiachaibh do shaor ghràis, agus gun 
cuirear cliu mo shaoruidh gu bràth as leth Iosa 
Criosd m' urras. 

O a Spioraid naoimh, tha mi gu taingeil a' gabh- 
ail riutsa, mar fhear co-chur na cheannuich mo 
Shlanuigh'ear ; agus a' deanamh do bheatha chum 
do dhreuchdan a chuir an gniomh 'am anam, a dh' 
oibreacha creidimh annam, a chreidsinn an t-soisgeil, 
a tlioirt man cuairt atharrachadh an nuadh bhreitb, 
agus a dh' athnuadhachadh m' uile clieudfaithean. 
'S aim a d' chomain a tha mi air son gach gluasad 
agus togradh a tha air am brosnuchadh annam : O 
deonaich dhoibh buanachadh annam chum 's gun 
toirear an deagh obair annam gu foirfeachd. Tha 
mi ge d' roighneacha mar m' fhear-naomhachaidh, 
agus m' f hear-stiùraidh trid mo chuairt. Tha mi a 
striochda do d' thograidh agus do d' ghiulan, agus 
a' miannuchadh an aire dhurachdach a thoirt do d' 
ghluasaid agus do d' gheur-mhothachaidh, an co- 
liona mo dhleasnuis, agus am fuireach o pheacach- 
adh. O oibrich gràs annam a chum na criche sin, 
agus neartuich mi do ghnà a dheanamh agus a 
thaghadh an ni sin a bhios taitneach leat. 

A rèir bòidean mo bhaistidh, tha mi ann an so a 
cuir cùl ri uile naimhdibh na Trionaid bheannuichte, 
an diabhol, an saoghal agus an fheòil ; agus tha mi 
ann an so ga m' thoirt fein thairis dhuitse, Athair, 
a Mine, agus a Spioraid Naoimh, aon Dia, gu bhi 
leatsa, agus amhàin leatsa ; leatsa, agus cha'n ann 
leis an droch-spiorad, leatsa agus cha 'n ann leis an 
t-saoghal ; leatsa 's ni h-ann le m' ana-mhiannaibh ; 
leatsa, 's ni h-ann learn fein. 

Agus air dhomh f haicinn, gu bheil thu, os cionn 
gach ni, ag iarruidh a chridhe, tha mi leis a so a' 
tairgse agus a' toirt thairis dhuit mo chridhe. A 
Thighearna, gabh e, agus dealbh e fa 'd chomhair 
fein. 

A Thighearna, cha'n'eil neart na comas again fein 
a ghleidheadh no a choimhead aon ni a ghabh mi 
os laimh ; ach a' gabhail an iomlan os laimh ann an 
neart m' Urrais, an earbsa ris-san amhàin ; 'S anns 



84 



an Tighearn losa amìiàin a tha ionracas agus neart 
agam ; O Thigh earn a, bi 'n urras air t' òglach chum 
maith. Thoir dhomh do ghnà na dh' iarras tu, 
agus an sin iarr ni 's àill Ieat. 

Mar fhianuis air mo threibh-dhireas anns an 
aidmheil, a choisrigeadh agus anns a cheangal f hol- 
laiseach so, tha mi toileach mo làmh-sgriobhaidh a 
chuir ris do'n Tighearna, a reir 's mar tha barantas 
agam, Isaiah xliv. 5. A nis 's leat mi, a Thigh- 
earna saor mi. Amen. 



Urnuigh air son neach a tha ro-dheigheil air teachd 
chum bòrd an Tighearna, ach aig a bheil càileiginn 
de theagamh mu thimchioll a chòir air an òrduigh 
naomh sin. 

A Due bheannuichte, tha mi a' moladh t-orduigh- 
ean glic agus gràsmlior, chum tairbhe t-eaglais 'an 
naomhachd agus 'an gràdh. Tha mi a' toirt buidh- 
eacliais duit gun d' àithn thu do t- òglaichibh, iad 
fein a dhealbh nam buidhnibh ; agus tha mi a toirt 
cliu do m' Shlanuighear, a dh' òrduich, mar gu 'in 
b' ann, leis an deo mu dheire, cuirm naomh a Shuip- 
earach, chum a bhi na chuimhneachan air a ghràdh 

eis an deacliaidh e gu bàs, agus na cheangal air an 
aonachd sin bu deonach Jeis gun coimheadadh a 
shluagh. Tha dòchas agam, O Dhe, gu bheil 
thusa fianuiseach air an dùrachd leis a bheil a rùn 
orm mi fein a thoirt suas duit ; agus gu 'm faod mi 
do ghairm mar fhianuis air m' anam, ma tha mi nis 
san iomchomhairle mu thimchioll na ceart doigh air 
an dean mi e, nach ann a chionn gun ceadaich mi 
dhomh fein aon de t-àitheantaibh a bhriseadh, no 
tàir a dheanamh air aon air bitli de d' shochairibh. 
Tha mi fiosrach gu bheil thu mothachail, gur ann 
amhain a tha 'n dàil so a' sruthadh o m' ain-eolais 



85 



air mo dhleasnas, agus o m' eagal air mi-flieum a 
dheanarnh de nithibh naomh le mi theachd gu mi- 
iornehuidh a chum do bhùird naomha. Gidheadh 
gu cinnteach. O Thighearna, ma bhuilich thu orm 
nieas air t-àithne, dèigh air co-ehomunn riut, agus 
toil gu mi fein a thoirt suas chum dò sheirbhis, 
faodai mi a mheas mar chomharr air mhath gu 
bheil tha deonacha gabhail rium, agus nach 'eil mi 
tur mi-iomchuidh air son an òrdugh air a bheil na 
h-urrad mheas agus dhèigh agam. Tha mi uime 
sin ag aslucha gu h-iriosal ort, O Dhe, gmn bu 
deonach leat air an latha 'n diugh mo sheoladh a'm' 
dhleasnas, agus mo theagasg mu 'n t-slighe air 
an coir dhomh gluasad ! Rannsaich mi, O Dhe. 
agus dearbh mi, rannsaich m' àirnean agus mo 
chridhe ! Am bheil peacadh diomhair sam bith 
gam bu mhath learn caidreamh a thoirt ? Am bn 
mhiann learn buanachadh an easumhlachd a thoirt 
do aon air bith do t-àithintibh ? Tha dochas agam 
gum faod mi a chùis a leigeadh gu d' bhreth fein. 
nach 'eil. Na ceaduich dhomh uime sin dochoir a 
dheanamh air m' anam fein, le fuireach o d' bhòrd 
naomh gun chionfath iomchuidh ! Ach deonaich, 
O Thighearna, guidheam ort. gun co-aontaich t- 
fhocal, do fhreasdal, agus do spiorad chum mo 
sblighe a dheanamh rèidh ! Sgap air falbh am 
fuigheall an-amharuis a th' annam, mar 'eil thu faic- 
inn nach 'eil cionfath orra ! Lion mi le creidimh 
is dearbh-chinntiche, le gràdh is deothasaiche ; agus 
tagair do chiiis fein ri m" chridhe, air rahodh nach 
ceaduich dhomh tuille dàil a chuir am' theachd 
air m' aghaidh, ni is e mo dhleasnas agus mo choir, 
ma tha mi gun teagamh a' m* òglach dhuitse ! 
Deonaich nach bi e uair air bith as m' aire ; ach 
gun dean mi am barrachd dichill, chums ma tha 
mi f hathast an teagamh sam bith m' an chùis, gun 
cuir thu as an ag mi, le bhi ni 's faicillich chum 
gach ni a sheachnadh a bhios neo-thaitneach dhuitse, 
agus dol gu m' dhùlan a chuir mo dhleasnuis an 
gniomh ! Gun robh bhi beachd-smuain teach air 
fulang-ais Chriosd cho cleachdta do m' inntinn, agus 
I 



86 



mothachadh air a ghràdh gun choimeas a' co-eig- 
neachadli m' anama, 's gum faod m' fhein-f hiosrach- 
adh fein a chuir as gach teagamh, gu bheil mi an 
àireamh na muinntir gan deachaidh a chuirm 
ghraidh so ullachadh ! 

Agns tha mi deonachadh sa cheart am so, air bhi 
dhomh air mo dhlu-clieangal ri d' euglais 'an 
spiorad agus 'an gradh, ge nach 'eil mi f hathast co 
follaiseach no co ionmhuinn 's bu mhath leam, a' 
guidhe gum bi do bheannuchadh air do shluagh 
uile. Gum beathaiclie tu t-oighreachd, agus gun 
àrduiche tu iad gu brath! Gun robh gach co- 
chomunn criosd'uidh a' fàs 'an eolas, 'an naomh- 
achd, agus 'an gràdh ! Gun robh do shagairt air 
an sgeudachadh le slainte, chum tridsan gun deanar 
do shluagh taghta aoibhneach ! agus gum meud- 
aichear t-euglaisean anns gach ionad, leo-san a 
theicheas d' an ionnsuidh, mar cheo, agus mar 
cholumain a dh' ionnsuidh an ionaid-taimh ! Gun 
robh do bhòrd, O Thighearna, air a liona le h- 
aoidhibh ; agus abradh gach neach leis an toil do 
shlainte, gun robh an Tighearn air àrduchadh, aig 
a bheil tlachd 'an sonas a sheirbhisich ! Agus 'se 
mo ghuidhe dùrachdadh, gum bi gach neach a tha 
'g aidmheil gun d' fhuair iad an Tighearn Iosa 
Criosd, cùramach gu gluasad ann ; agus gu 'in bi 
sinn uile gar n-uimeacha fa chomhair lan-cho'thion- 
al nan ceud-ghin, agus a' co-aontachadh san aoradh 
sin is ro-luachmhoire, far an cuirear na samhluidh- 
ean agus na faileis sin air cul; far nach bi feum 
air na cuimhneachain sin tuille, ach far am bi Ffcar- 
saoruidh beo, do ghnàth san làthair na ghairdeach- 
as siorruidh aca-san, aig an robh tlachd sa bheatha 
so an cumail cuimhn' air a bhàs ! Amen. 



87 



Urnuigh freagarrach do staid an anama, a tha 
miannuchadh ruigheachd air caithe-beatha a Ckrios- 
duidh. 

A Dhe bheannuichte, cha 'n fhaod mi cuir an 
aghaidh cumhachd a cho-riasonachaidli sin ; Ocii 
nach mothaichinn do thuiile d' an toradh eifeachdach 
na dli f hairicli mi riamh roimhe ! 'S tusa àrd 
thobar bith, agus sonuis : agus mar is ann uait a ta 
mo bhith, is amhuil is ann uait a ta mo shonus a' 
sruthadh ; agus mar is dhiithe dhuit mi, 's ann is 
fior-ghloine agus is ro-thaitnicli an smth. 'S ann 
maiiie riutsa a ta tobar na beatlia ; a d' shoillse-se 
deonaich dhomh solus fhaicinn ! 'S e cuspair àr- 
aidh mo dhòchais dheireannaich gum bi mo chònih- 
miidl) gu siorruidli maille riut. Deonaich dhomh 
a nis càileiginn de roi-bhlas air an t-solas sin ! 
Builich orm, guidheam ort, gu 'm mothaich mi 
beannuchadh an duine sin air am bheil eagal anTigh- 
earna, as aig a bheil mòr-thlachd na àitheantaibh, 
agus leis sin mo chridhe a dhealbh le d' ghràs chum 
gum bi mi an eagal an Tighearna rè an la uile ! 

Deonaich gur ann orts' a bhitheas mo cheud 
smuainte 'nuair a dhùisgeas mi, agus leis a cheud 
bhaoisge de sholas a dheahuicheas air mo shùilean, 
gun tog thu orm, O Thighearna, solas do ghnùise ! 
'Nuair a bhitheas mo cheudfaithean air am mosgladh 
suas as an staid neo-iomlan anns an robh iad nan 
codal, deonaich gum bi mo cheud dheanadas air a 
choisrigeadh suas dhuitse, O Dhe, a tha toirt domh 
soluis, a tha toirt domh, mar gu 'm b' ann, beatlia 
agus riason ùr gach maduinn ? Neartuich mi chum 
mo chridhe a thaosgadh a mach a d' lathair, le 
urram iomchuidh, le saorsadh agus gràdh ; Agus 
deonaich dhomh èisdeachd a thoirt do Dhia, mar 
bu mhiann learn gun èisdeadh easan riumsa? Gu 
"n robh t-fhocal air a leugliadh gu furachair agus le 
tlachd; gu 'n robh m' anam air a cho-chumadh ris, 
I 2 



88 



agus deonaich dhomh fholach am chridhe, clmm 
nach peacaich mi a' t' aghaidh. Air mo bheothach- 
adli leis na h-aobhair a ta air an cuir an cèill ann, 
gun robli mi gach maduinn ga in' thoirt fein suas 
duit, trid Iosa do Mliac gràdhach ; agus a' faghail 
cuibhrionn ùr do ; n spiorad bheannuichte sin, ni is 
e a dhrùghadh beatha m' anama ! 

Agus air dhomh a bhi mar so air mo dheasuch- 
adh, dean thus', O Thighearna, mo threoruchadh 
air laimh chum uile dhleasnuis f heumail an latha ; 
agus deonaich gu 'in buanaich mi san dreuchd a 
shùnraich thu dhomh do ghnà, a' gluasad maille 
riut: gun bhi leisg an gnothuichibh, dùrachdach 
'an spiorad, a' deanamh seirbhis do'n Tighearna: 
gun robh meas agam air mòr-luach aimsir, do 
ghnàth a' deanamh an fheum is' fearr dheth, 'an 
coilionadh nan dleasnas a shùnraich thu dhomh; 
cia neo-inbheach no draghail a bhitheas iad ! Gu 
ma h-ann a chum do ghloirsa, O Thighearn, a bhios 
saothair mo bheatha air an coilionadh ; agus gu ma 
h-ann a chum do chliusa a bhitheas a sochairean air 
an iarruidh ! co aca dh' itheas no dh' òlas mi, no ge 
b' e ni a ni mi gun robh a chrioch sin do ghnàth 
san amharc, agus deonaich gun ruigear oirre ; agus 
deonaich gum bi gach beothachadh a gheibh mi, 
agus gach fois o ghnothaichibh, ga in' dheasuchadh 
chum seirbhis a thoirt duit leis a bharrachd tog- 
raidh agus deothas ! 

Gun robh mi mothachail air do shochairean, agus 
deonaich dhomh am mealtuinn le suilbhearrrchd 
agus tlachd ! agus an uair a thig triobluidean orm, 
ni ris an ion fiughair a bhi agam, gun robh moth- 
achadh agam gur h-ann uaits a ta iad ; agus deon- 
uich gun d' thoir sin orm a bhi striochdta dhoibh, 
a làn chreidsinn gu bheil an gràdh a ta buileach- 
adh ar n-aran lathail oirn, ag òrduchadh ar triob- 
luidean duinn mar an ceudna; agus bu mhiann 
learn striochda dhoibh, chum gun leanainn mo 
Shlanui'ear gràdhach leis an inntinn cheudna a 
nochd easan, 'nuair a bha e direadh ri sliabh cor- 
rach Chalbhari air mo shonsa, ag ràdh mar thuirt 



89 



e, an e nach òl mi 'n cupan a thug ra' athair 
dhomh? Agus 'n uair a thig buaireadh am char- 
amh, saor a Thigliearna mi o'n olc ! Thoir moth- 
achadh dhomh air mo laigsinn fein, chum gum bi 
mo chridhe a deanamh gnà earbsa asads' a chum 
mo neartuchadh ! An uair a bhitheas mi an cuid- 
eachda dhaoin eile, deonuich dhomh bhi dèigheil 
agus cùramach gum faigh agus gu 'm pàirtich mi 
urrad mhaitheas agus a bhios am chomas; agus 
deonaich gun coi'lion mi aobhar mo chruthachaidh, 
le bhi toirt urram dhuitse, agus a craobh-sgaoil- 
eadh eolais agus souais feadh an t-saoghail ! 'S an 
uair a bhios mi am aonar, deonaich dhomh a thoirt 
fainear gu bheil m' Athair neamhuidh maille rium ; 
gun sealbhuich mi sonas do làthaireachd, agus gu 
"m mothaich mi a chumhachd beothachaidh a dus- 
gadh suas am anam togradh dùrachdach gu smuaint- 
eachadh, agus a dheanamh, mar a' d' f hianuis-se ! 

Gun robh mo làithean air an caitheadh air a 
mhodh so : agus biodh iad a ghnath air an crioch- 
nachadh fo mhothachadh air do làthaireachd 
ghràsmhoir ! Coinnich mi, O Thighearn, am 
uaigneas feasgair ! deonaich dhomh an t-àm is tait- 
niche chuir air leth air an son. Gun robh mi adh- 
artach treibh-dhireach 'an leughadh agus an ùr- 
nuigh ; 's an uair a ghabhas mi sealladh cull de m' 
chaithe-beatha gu ma h-ann gun leth-phairt a ni mi 
sin ! na tugadh fein-spèis orm sgàile cealgach a 
chuir air ; ach deonaich gun toir mi breth orm fein 
mar aon aig a bheil fiughair gun toir an Tighearna 
breth air ; 's a tha fo iomguin gun gabhar gu tait- 
neach ris leatsa, a tha rannsuchadh gach cridhe, 
agus nach di-chuimhnich a bheag de m' oibribh ! 
Thigeadh m' ùrnuigh gach latha a d' fhianuis mar 
thùis, agus biodh togaii suas mo làmh, mar an 
iobairt mhaidne agus f heasgair ! Deonaich dhomh 
mo cheudfaithean a thiomna suas chum codail gu 
sìochail ciùin, le mothachadh iomchuidh gun do 
bhuilich mi an là an eagal De, le lan-chinnte gun 
do ghabh tint gu taitneach rium an Iosa Criosd 
mo Thigliearna, ag earbsa a' d' thròcair da thridsan, 
I 3 



90 



eo ac' a bhios mo laithean air an sineadh, no am 
fuigheall air an gearradh as nam meadhon ! Ma 
thig am bàs orm gu socrach eiuin, gum faigh e mi 
mar so ga m' glinàthachadh ; agus ma gheibh mi 
cuireadli grad gus an saoghal so f hàgail, gun robh 
m' àm mu dheire&dh air a bhuileachadh air an 
doigh so ; chum gum bi 'n t-sliglie eadar an saogh- 
al so agus siorruidheachd air a deanamh taitneach ! 
Tha mi 'g asluchadh so air a sgath-san, neach am 
feadh a bha e air thalamh, a b'e fein an samhladh 
a b' fhearr air gach deagh-bheus agus gràs, 's a 
tha nis beo, agus a rioghachadh leatsa, 's a tha lan- 
chomasach air sàbhaladh gu h-iomlan: Da ionn- 
suidh-san V kill learn dol, le aidmheil iriosail gur 
seirbhiseach neo-tharbhach mi ; Dhàsan gun robh 
gloir gu saoghal nan saoghal. Amen. 



Urnuigh Mhaidne arson la Traisg 1 agus Irios- 
lachaidh. 

O Athair spiorad gach uile fheola, is iomchuidh 
dhomhsa, air an là traisg agus iriosleachaidh so, 
teachd chum cos-stòl righ-chathair do ghràis, le 
cridhe fior aithreachail, oir tha m' aiugidheachd a' 
faighinn buaidh orm, agus air fàs nan eireadh ro- 
throm nach urrainn domh an giulan. 

Is mòr, O Dhe, na sochairean a bhuilich thu 
orm, — chuir thu dh' urram orm a bhi am aon de d' 
mhòr theaghlach a tha 'g àiteachadh an t-saoghail 
so. — Is òg a bhuilicheadh orm fòghlum cràbhach, 
— chuireadh deagh shamhladh romham an aois m' 
òige, — fhuair mi sanus air truaighe na muinntir 
sin a chuireas peacadh 'an gniomh, — agus ghairm 
do f'hreasdal fiughantach mi gu minic, gu mi fein 
a thoirt suas chum do sheirbhis, a chionn gu bheil 



91 



thu maith, agus a' deanamh maitli dhoibhsan a 
blieir gràdh dliuit. 

Mo thruaighe, O Dlie, is mòr am mughadh a th' 
eadai* mo cliaithe-beatha seach mar dh' fliaodainn 
a blii ! Nam mothaichinri, mar bu cliòir dhomh, 
gach maitlieas a bhuilich tliu orm, agus gun eisdinn 
mar bliuineadli dhomh, ri bagradh do chorruich, 
— na 'n gabhainn sanus o chor na h-aitim a b' 
fhianuis mi air an lochdan, — no nan leanainn le 
càileigiim de dhanarrachd, na min-shuidhichte a chuir 
mi gu minic romham, — is iomad peacadh, a tha nis 
nan trom orm, o 'm faodainn a bhi saor ; agus leis 
am faodainn leis a bharrachd sith inntinn, do 
dheadh-gheans asluchadh, air an làtha irioslachaidh 
so. Dh' f'haodadh mo chuairt a bhi mar an solas 
dealrach ; agus 'an ionad nan eagal oillteil a tha 
nis a' cur uabhas orm, 'nuair a ghabhas mi beachd 
air siorruidheachd, 's ann a dh' f haoduinn solas an 
duine sin fhaireachduinn ga'm bheil tlachd agad, 
agus an dearbh-chinnte bheannuichte a th' aige-san 
nach agair thu e arson a pheacaidh. 

Ach, O Dhe, 's diomhain domh bhi gabhail 
beachd air mar dh' fliaodainn a bhi, am feadh a 
tha mo staid bhochd san àm a' dùmhlachadh air m' 
inntinn. Cha'n'eil earrann air bith de m' chaithe- 
beatha, san àm a chaidh seachad, air an ion domh 
amharc le fior-thoilinntinn, — agus is iomadaidh iad 
a dliùraiginn bhi air an dubhadh a mach a' leabhar 
do chuimhne. Oir is aithne dhuitse, O Dhe, na 
h-uile nithe ; agus tha mo chaithe-beatha gu h-iom- 
lan follaiseach do d' shùil uile-leirsinnich-san. 

Cionnas uime sin, O Thighearna, a thig cnuimh 
pheacach mar tha mise, ann ad fhianuis? Gu ma 
beannuichte gun robh t-ainm, nach d' fhàg thu sinn 
gun dòchas, — oir is aithne dhuit ar dealbh, is 
cuimhne leat gur duslach sinn ; agus, a measg uilc 
easontais do chreutairean, tha thu fhathast fad- 
f hulangach, agus ullamh a dheònachadh maitheanais. 
Gu ma beannuichte t-ainm, O Dhe, gu bheil sinn 
mothachail, ann an àm ar peacaidh aideachadli, gu 
bheil maitheanas ri f haotainn annta, — trid na linn 



92 



agus na dli' fhuiling ar Slanuighear beannuichte* 
Buidheaehas siorruidli gun robh dhuit, O Dhe, 
arson gun do leig tliu ris duinn gu bheil maithean- 
as 'n ar tairgse, mar tha e air a cliuir an cèill ann 
ad fhocal neo-mhearaclidach. 

Seadh, O Dhe, sior-bheannuiclite gun robh t- 
ainm, arson, chum ea*jail an duine a chiùineachadh, 
gun do labhair thu ris le guth o neamh, agus gun 
d' fhoillsich thu dha, nuair a philleas an droch 
dhuine o aingidheachd, 's a ni e na tha laghail agus 
ceart, gun saor e anam beo, — nach 'eil tlachd agad 
ann am bàs peacaich, ach gum b' f hearr leat gum 
pilleadh e o easontas agus a bhi beo, — agus gu 
bheil gairdeachas air neamh arson aon pheacach a 
ghabhas aithreachas, ni's mò na arson naoi-deug 
agus ceithir-fichead ionracan aig nach 'eil feum air 
aithreachas. 

Ach, cliu air mhodh ro-shonraichte gun robh 
dhuit, o Dhe, arson na sochair a tha toirt barr air 
gach sochair eile chaidh riamh a bhuileachadh air a 
chinne-dhaonna, eadhon, gun dthainig Iosa Criosd, 
Mac do ghràidh, a dh' ionnsuidh an t-saoghail, a 
shireadh agus a shaoradh pheacach ; gun do ghabh 
e ar nàdur air fein, a mheud dheth 's a bha coit- 
chionn agus neo-lochdach, — gun dthug e dioladh 
arson ar peacaidh, trid f'hulangais air a chrann, 
agus fadheoidh gun d' èirich e o na marbhaibh trid 
cutuhachd a Dhiadhachd, chum sinne fhhinneach- 
adh. Gu cinnteach, O Dhe, tha do thròcair os 
cionn nan neamh, agus tha do thairisneachd a' 
ruigheachd nan neul. 

Ach, O Dhe, deonaich nach cuir mi barrachd 's 
a chòir de mhuinghinn ann ad ghràs a' lughadh 
peacaidh, oir tha thu do ghnàth a' d' Dhia air am 
beag peacadh ; agus dh' aithris thu, gad iadhadh 
làmh mu làimh, cha d' thèid an t-aingidh as gun 
pheanas. Deonaich, O Athair neamhaidh, gun 
aidich mi mo pheacaidh le cridhe iriosal, aith- 
reachail, ùmhal ; na ceadaich dhomh a bheag de m' 
easontais a chleth air mo choguis, — ach, air dhomh 
a bhi fiosrach gu bheil iad aithnichte clhuitse, ge 



93 



b'e co dìomhair 's a chuireadh an gniomh iad, no 
idir cia co fad o thachair sin, deonaich dhomh an 
t-iomlan aideachadli, an làn-earbsa ri d' thròcair, ar- 
son maitheanas annta, trid Chriosd, ar n-Eadar- 
mlieadlionair. 

Agus deonaich dliorali, O Dhe, an suidheachadh 
iriosal, sèimh, ciallach, inntiun sin, is iomchuidh 
bhi acasan a thuit ann am peacadb. Gun robh 
mothachadh air mo chionta san am a chaidh 
seacliad na impidh air mo dheanamh ni's faicilliche 
san am a tba ri teachd ; agus fo throm-mhothach- 
adb air a chunnart anabarrach a th' air a bhagradh 
air a mlminntir a tba easumhal, gun oibricb mi 
macb, trid gràis, mo sblainte sbiorruidb le eagal 
agus ball-chrith. 

Bu trie leat, O Tbigbearna, san àm a chaidb 
seacbad, a nochda gun robh tlachd agad anns na 
gniombaraibh iriosal aoraidh a rinn do sbeirbhisich, 
— agus dh' aontaich tbu an irioslachd agus an luach- 
saothaireacb, a cbuir sios ann ad fhocal, mar cbul- 
aidh-mhisnich dboibhsan uile a tbigeadh nan diaigb. 
Agus gu ma beannuichte t-ainm gu bbeil fbathast 
do thròcair co'-ionann do gach neacb aithreachail. 
O Athair tbròcairich, — a Dhe nan uile gbràs agus 
shòlais, — tbig a nuas an diugb, tre oibreacha do 
Spioraid Naoimb, do m' chridbe ; agus am feadb a 
tha mi 'g aidmheil mo pheacaidb, deonaich dhomb 
an cridbe nuadh, anns an ionmbuinn leat eomh- 
nuidh a gbabbuil. Tba do dhòighean ris an 
duine, O Dhe, làn de rùin-dhìombair, ach tha iad 
mar an ceudna làn gliocais agus tròcair, — agus is 
aithne dhuitse, a tba eolach air gach gluasad agus 
run san inntinn, eadhon m' an tèìd iad 'an tàdha 
ri cheile gu riagbailteach, — is aithne dhuit mar an 
ceudna ciod an tomhas f'ulangais is freagaraich 
chum an duine dhaighneachadh ann an cumhnanta 
na sith. Neartuich mi gu feitbeamh gu foighid- 
neach ri oibreacbadh do Spioraid Naoimb ; agus gun 
oirpich mi do ghnà bhi ann an slighe mo dbleas- 
nuis, chum, ann ad am ionchuidh, gun dtboir tbu 
an ni a bhuineas domh chum foirfeachd. 



94 



O Athair neamhuidh, soirbhich, chum math in' 
anama, le uile dhleasriuis chràbhach an là an diugh, 
— thoir orm bhi iriosal, ach san àm cheudna aoibh- 
neach, ann ad thigh ùrnuigh, — agus ri àm an aor- 
aidh deonuich dhomh beachd is soilleire fhaotuinn 
air innleachd na sìainte, agus làn mhuinghinn gur 
deoin leat mo shaoradh. 

Agus deonaich, O Dhe, gum bi deagh thairbhe 
an latha irioslachaidh so soilleir ri fhaicinn ormsa 
an dèigh laimhe. Gun robh mi as so suas air m- 
athnuadhachadh ann an spiorad m' inntinn ; agus 
gun robh mo chèilidh sa bheatha so air a riaghladh 
air mhodh, gum bi gach ni a ni mi taitneach ann 
ad shealladh, trid losa Criosd mo Thighearna, d' 
an robh, maille riutsa, agus an Spiorad Naomh, 
gach gloir agus urram, uachdranachd agus moladh, 
saoghal gun chrioch. Amen. 



Urnuigh arson maduinn latha Comunaich. 

O ! Athair neamhuidh, mar thug thu air solas là 
sàbaid Comunaich dealradh orm air an là 'n diugh, 
gu^ma h-amhuil a dhealruicheas tu air mo chridhe, 
a thoirt domh solas eolais air do ghloir, ann an gnuis 
losa Criosd. Oh ! thoir a chum do bhùird mi, 
chum còdhail a chumail riut air an latha 'n 
diiigh, 'sa chumail co'-chomunn ris an Athair, 
ris a Mhac, agus ris an Spiorad Naomh : deonaich 
gu'n cluinn mi an cuire càirdeil, " Thigibh am 
ionnsuidh, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo 
throm uallaich;" agus leig dhomh a mhotbachadh 
iadsan a thig a d' ionnsuidh, nach cuir thu idir uait 
iad. A Shlanuighir bheannuichte, builich orm an 
t-aoibhneas sin annad-sa, *s a tha srutliadh uait, air 
nach *eil an saoghal fiosrach. O ! thoir dhomh 



9,5 



ullachadh a chridhe a tha teachd uaitse; agus deòn- 
aich gum bi e air a tliarruing o nithibh aimsireil, 's 
gum bi e air a shocrachadli air nithibh spioradail. 

O ! Thighearna, meudaich mo chreidimh : gun iarr 
mi aig bòrd an Tighearna, gum bi na peacaidh sin 
air an ceannsachadh : — seachrain mo chridhe, uabhar, 
àrdan, agus gach peacadh eile ; agus gum bi mo 
ghràsa lag air an neartachadh ; agus gun taosgadh 
an Tighearn a mach a Spiorad orm, chum mo neart- 
achadh an aghaidh buairidh, agus gu toil De a bhi 
na riaghailt domh. O ! lion mo chridhe le gràdh 
do Dhia m' Fhear-saoraidh, agus do m' cho'-luchd 
comunachaidh. Coilion annam, O Dhe, uile dheadh- 
gheau a mhaitheis, agus obair a chreidimh le cumh- 
achd. 

O ! Shlanuighear bheannuichte, is tu m' uile 
shlainte, agus m' uile mhiann : agus tha mi gu 
chridheil a' gabhail riut mar mo Shlanuighear, mar 
tha thu air do thairgse san t-soisgeul. Tha mi gabhail 
riut mar m' urras, a dhioladh gach ni a th' aig ceartas 
'a m' aghaidh. Earbaidh mi a t' fhuil a mhàin 
arson maitheanas, agus a' falluing t-f hireantachd, 
chum mo nochda le taitneachd 'an lathair Dhe. O 
mo Thighearna, m' aon Slanuighear, so dhuit mo 
chridhe ; biodh e leatsa gun choigleadh. O ! cuir 
do Spiorad Naomh ann, chum spèis agus ceannas a 
pheacaidh a thoirt air falbh ; agus a chum gach 
deagh-rùn gràis agus naomhachd a shuidheachadh, 
àrach, agus a thoirt gu foirfeachd. 

Tha mi tiomna suas duitse mo chorp agus m' 
anam. O ! na leig le m' chridhe dol air seachran, 
mar is minic a rinn e, 'nuair thig mi 'am flanuis De. 
Neartuich mi gu teachd 'am fagus, agus gu inndrinn 
air seirbhis fhollaiseach an là so, le cridhe trèibh- 
dhireach, agus dearbh-chinnteachd creidimh. Ged 
a chuir mi gu minic campar air do Spiorad. a Dhe, 
deònaich gum pill thu rium ann an gràdh, agus gu 'n 
gabh thu còmhnuidh annam chridhe. Is leatsa mi, 
a Thighearn Iosa, saor mi le slainte shiorruidh. 

Bu mhiann learn, aig do bhòrd naomh, do shaor 
ghràs àrd uachdranach a mholadh, a chaidh a nochd- 



96 



adh aim an innleachd na saorsa. *Se bhi beachdach- 
adh air, sonas do shluaigh air thalamh, agus culaidh- 
iongantais t-ainglibh air nèamh. A Thighearna, 
tha mi gu h-iriosal ag asluchadh gum faigh mi còir 
air ; agus tha mi 'g amharc riutsa mar air do leon 
arson rn' easontais, agus air do bhruthadh arson m'- 
aingi/eachd, agus mar a' giulain mo pheacaidh, agus 
ag iomcliar mo dhoilghiosan. O Dhe bheannuichte, 
deonaich gum bi mi firinnicbte ami ad f hianuis, tre 
fhireantaehd an Tighearn losa, 'an sin nochdar mi 
le taitneachd ami ad làthair, agus bitliidh an lot a 
rinn am peacadh air a leigheas. Gum mo thai ch mi 
solas air còir a bhi again air an fhirinn mhoir, gur 
e Dia a dh' f hireanaicheas ; gur e Criosd a f huair 
bàs ; seadh, a dh' èirich a ris, 's a tha aig deas-laimh 
Dhe, a* deanamh eadar-ghuidh as ar leith. " C 
arson a tha thu air do leagadh sios, O m' anam, 
agus c'arson a tha thu fo bhuaireas an taobh a stigh 
dhiom ? earb thusa a Dia ; oir fathast molaidh raise 
e slainte mo ghnùise, agus mo Dhia." 

' S e'n Dia so mo Dhia-sa, gu suikainn agus gu 
sìorruidh ; stiuraidh e mi, eadhon gu bàs. losa 
ghràdhaich, tha mi gabhail riut mar m' fhear- 
teagaisg, m' eadar-mheadhonair agus mo riaghlear, 
m' fhear-stiùraidh agus mo chòmhnadh, tre'n 
bheatha so ; agus ann an àm aire agus buairidh, 
gun tuig mi gum bi do ghràs foghainteach air mo 
shon. Agus ma niheasas mi, uair air bith, gum bi 
gnàthachadh an Fhreasdail do m' thaobh-sa, dorcha 
do-thuigsinn, O ! an sin, thoir gu m' chuimhne 
gliocas neo-mhearachdach agus firinn neo-chaoch- 
laideach na Ti sin a thug dearbh-chinnte dhuinn, 
gun oibrich gach ni chum math na muinntir a bheir 
gràdh do Dhia. 

O Fhir-shaoruidh bheannuichte, 'nuair a thig an 
t-àm sin, nach cuir nithe na beatha so tuille curam 
orm, 's a dhealaicheas m' anam ri m' chorp, 's a 
tha e ri dol do shiorruidheachd ; O ! mata, gun 
robh do làthaireachd dlù dhomh, a leig fhaicinn 
domh tre shùil a chreidimh, ionaid shoillseach an 
latha shiorruidh, agus gu m' neartachadh gu ràdh, 



97 



" Is aithne dhonih cò ann a clireid mi, agus is 
dearbh learn gu blieil esan comasach air an ni sin 
a dh' earb mi ris a choimhead fa chomhair an la 
sin.*' Gun robh do làthaireachd fagus domh chum 
misneach a thoirt domh, agus gam chumail suas, 
'an àm dhomh bhi dol thar Iordan a bhàis, agus 
gum' thoirt chum nan ionada còmhnuidh a tha 
feitheamh air do shluagh taghta. 

Agus a nis, O Athair, a Mhic, agus a Spioraid 
Naoimh, tha mi air do ghabhail mar mo Dhia agus 
mo chuibhrionn am feasd. Tha mi 'g amharc ri 
Dia an t-Athair, mar mo Dhia agus m' Athair 
rèidh rium ann an Iosa Criosd. Ann an Dia, am 
Mac, chi mi mo Shlanuighear, mo charaid agus mo 
bhràthair, mo ghliocas, m' fhireantachd, mo 
naomhachadh, agus mo shaorsadh : m' f hear-iùil 
sa bheatha so ; mo neart agus m' aoibhneas, 'an 
am laigsinn agus aire ; mo chas-sheasamh agus mo 
bhuaidh ann am bàs; agus culaidh mo chiuil tre 
linnibh na bith-bhuantachd. Ann an Dia, an 
Spiorad Naomh, tha agam fear càramh rium na 
sochairean a choisinn mo Shlanuighear ; an Ti sin 
a chraobh-sgaoil cheana gathan dealrach gràidh 
agus soluis air mo chridhe, a bha aon uair na 
dhorchadas, agus na nàmhuid do Dhia ; agus a 
thòisich air deagh obair nan gràs ann, tha dòchas 
agam gum buanaich e oibreacha slainteil, gus am 
bi mi iomchuidh air co'-chomunn ris na naoimh, an 
uair a dh' iompaichear gràs gu gloir, agus dòchas 
gu làn shealbhachadh. 

O Dhe na slainte, co'-aontaich gabhail rium san 
àm aig do bhòrd naomh, mar neach a dh' uchd- 
mhacaich thu ann an Iosa Criosd. Eisd ri m' ur- 
nuigh air a sgàth-san ; agus do'n Athair, do'n Mhac, 
agus do'n Spiorad Naomh, gun robh gloir shiorr- 
uidh. Amen. 



K 



98 



Urnuigh arson feasgar là Comunaick. 

A Dhe naomh agus uile-bheannuichte, ciod a dli' 
iocas mi dhuit arson na sochair shonruichte gun 
do shuidli mi sios aig bòrd an Tighearna, agus gun 
do chuireadh ann am làmhaibh comharan air gràdli 
an Fhir-shaoruidh. Tha mi toirt buidheachais duit, 
arson an tomliais sitli agus aoibhneis, a fhuair mi 
le blii creidsinn. Gad a bha mo chreidimh lag, bha 
mi comasach air Criosd fhaicinn air a chrann a 
sliaoradh a phobuill; seadh gu mis' a shaoradh. 
Tha mòr aobhar agam gu bhi taingeil gun do 
mhothaich mi dèigh gum biodh mo chridhe agus 
mo cheudfaithean leis-san. Anns an òrdugh naomh 
so ghabh mi greim air a chumhnanta sin, ni is 
e m' uile shlainte, agus in' uile mhiann. 

Cia so-ghràdhach do phàilliuna, a Thighearna 
nan sluagli! Is beannuicht iadsan a tha do ghnà a 
chòmhnuidh ann ad thigh ; oir bheir iad sior mhol- 
adh dhuit. Pill, O ni anam, gu d shuaimhneas ; oir 
bhuin an Tighearna riut gu fial. Oir shaor thu m 
anam on bhàs, mo shùil o dheuraibh, agus mo chos o 
shleumhnachadh. A Thighearna coimhid mi o dhi- 
chuimhneachadh gur leatsa mi ; gu bheil mi fo gach 
ceangal, gu gloir a thoirt 'am spiorad, agus am 
chorp, a tha leatsa. A Dhe, tha mo chridhe so- 
aomaidh gu dol air seachran; coimhead mi mar 
chloich do shùl; na rachadh mo ribeadh anns an 
lion a sgaoil an nàmhuid air mo shon ; gun robh 
mi laidir ann ad neart, glic ann ad ghliocas, agus 
fior-ghlan ann ad naomhachd. Tha aiteas orm, a 
chionn mar chaidh an Slanuighear gu bàs arson a 
shluaigh, gu bheil e nis beo air an son : agus nach 
bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachda, no 
cumhachda, no àirde, no doimhne, no nithe a ta 
làthair, no nithe ri teachd, comasach air sinne a 
sgaradh o a ghràdh. 

O Dhe, tha mi toirt buidheachas duit arson nan 



99 



sochairean a blmilich thu air daoin eile : tha 
dòchas agam, gun d' f huair mòran sìth agus aoibh- 
neas ann an creidsinn ; agus gun robh deagli aobhar 
aca ràdh, cha'n àite air bith eile so acli tigh Dhe, 
agus 's e so geata nèamh. O ! deonaicli nach e 
bhios ann, platha ealamh, ach gum bi aige samh- 
ladh ris an t-solus shoilleir, a dhealraicheas ni *s 
mò agus ni's mò, gus an latha iomlan. Lugh do 
aon neach a thainig gu h-an-dàna neo-dheas air an 
aghaidh ; gun robh aithreachas grad air oibreacli- 
adh annta, agus gun tig iad gu blii air an ionnlad 
anns an fhuil sin air an d-rinn iad tàir. Agus gun 
robh iadsan nach do mììothaich an solas ris an robh 
fiuthair aca, air an cumail o thuiteam ann an ea- 
rl òchas. Thug thu misneach dhoibhsan a tha siubhal 
ann an dorchadas, agus aig nach 'eil solas, earb- 
sadh as an Tighearna, agus iad fein a thaice ri 
Dia. 

Agus, a nis, O Dhe, tha mi ga m' thilgeadh air 
do chùram. O ! gleidh do chreutair dearmadach o 
bhi air mo tharruing air falbh le mearachd nan 
aingidh. O ! biodh do ghràs foghainteach air mo 
shon, agus dean do neart iomlan ann am laigsinn. 
Cuidich leam, O Dhe, gu amharc ni's bunailtich ri 
cliu agus eisimpleir mo Shlanuighir, chum le blii 
beachdachadh air gum bi mi air mo chruth-atharr- 
achadh do 'n iomhaigh cheudna. Cuidich leam gu 
mi fein àicheadh, mo chrann-ceusaidh a thogail, 
agus an Ti sin a thug thu gu bhi na Cheann-feadh- 
na agus na Cheannard do d' shluagh, a leantuinn. 
Gun robh mi gach là a' fàs ann an gràs, agus ann 
an eolas an Tighearn agus an t-Slanuighir, Iosa 
Criosd. Agus, O ! gum fairich mi mi fein fo 
fhiachaibh tre ghràdh gu m' beatha a chaitheadh 
dhà-san a chaidh gu bàs air mo shon ; dhàsan a 
ghairm mi a dorchadas chum a sholuis iongantaich 
fein ; dhà-san 'na f hianuis a tha dòchas agam gun 
sealbhaich mi sonas siorruidh. 

Fhir-shaoruidli ghràsmhoir, dh' aidich mi gur 
leatsa mi, le m* shaor thoil ; agus leis a cheangal 
ath-nuadhaichte so, tha mi, ma 's comas e, a' tuig- 
K 2 



100 



sinn am barrachd ceangail orm, chum gràdh agus 
seirbhis a thoirt duit na thug mi riamh roimhe, 
Dh' aidkh mi 'n t-iomlan fhàgail, agus thus' a 
leantuinn : ach 's ann a chuir mi sin romham a 
mhàin ami ad neart fein; mar cuidich thus', a 
Thighearna, learn theid mi am mugha. O ! na h- 
earbam asam fein, a cuimhneacha gur ann arson 
fein-earbsa a tha Dia gu minic a' folach a ghnuis air 
a shluagh. 

A Shlanuighear ionmhuinn, ghabh mi riut mar 
mo shaoradh iomlan. O ! gum b' ann agads a bhios 
an t-àit is toisictf ann am aigneadh ; rioghaich ann 
am chridhe, agus cuir as de 'n dorchadas a th' ann, 
Cuir an cèill toilltinneas t-iobairt-reitich as mo leith; 
agus làn cheannsaich mi dhuit fein, agus bac agus 
thoir buaidh air mo naimhde uile. O ! gun robh 
mo chridhe agus mo chaithe-beatha air an toirt suas 
chum do thoil a dheanamh. O ! cum beo air 
smuainte mo chridhe, na chunnaic, na bhlais, agus 
na laimhsich mi, de fhocal na beatha: agus gun 
robh do shluagh uile air an ath-bheothachadh leis 
a mhanna neamhuidh so, a thug thu dhoibh anns 
an f hàsach ; gun dthèid iad air an aghaidh o neart 
gu neart, gus an nochdar gach aon aca am fianuis 
De ann an Sion. O ! buanaich do chaoimhneas 
gràdhach dhoibhsan aig a' bheil eolas ort, agus do 
dheadh-ghean dhoibhsan a tha ionraic na'n cridhe. 

Eisd ri m' iarrtuis, O Dhe, agus deònaich iad gu 
saibhir, air sgàth Iosa Criosd mo Shlanuighear. 
Amen. 



Urnuigh an neach a tha air ùr-iompachadh, ag iarr- 
uidh còmhnadh Dhe, 'an aghaidh buairidh. 

O dhe bheannuichte ! Ann am meadhon ioma cun- 
nart agus rioba a ta ga m' chuairteachadh o'n leth a 



101 



muigh agus a stigh, ceaduicli dhonih amharc suas 
riut le iarrtas iriosal, gun saoradh tu mi uathasan a 
tlia 'g èiridh a' m' aghaidh, chum gu 'm bi do shùil- 
ean orm chum maith ! 'Nuair a bhios dearmad agus 
neo-churam ullamh gu 'm ghlacadh, mosgail suas mi 
o'n bhruadar f liaoin sin, le beaclid beothail togarrach 
air an t-saoglial neo-fhaicinneaeh clmm a bheil mi 
a* treoruchadh ! cum am ckuimhne co ro-f heumail 
'sa tha e gu 'n dean mi am feum iomcliuidh do 'n 
ùine ghearr a shùnraich tliu dhomli chum m' ullacli- 
adh fa chomhair ! 

'Nuair bheir peacaich oirp mheallaidh orm, deon- 
aich nach aontaicli mi leo ! Gun robh eo-chomunn 
naomha ri Dia na impidh air fuatli a tlioirt domh air 
eo-chomunn riusan a tha na'n coigricli ortsa, agus 
leis am b' àill eadar-dìiealuchadh a chuir eadar thus' 
agus m' an am ! Deonaich gun toir mi urram 
dhoibhsan air am bi eagal an Tighearn, agus air 
dhomh bhi siubhal maiile ri daoine glic agus naomha, 
thoir orm gu 'm mothaich mi mi fein a sior-fhàs 'an 
gliocas agus 'an naomhachd ; brosnuich mi, O Dhe, 
leosan, chum triomsa gun ath-bheothaich thu daoin' 
eile ! Dean mi a' m' inneal sonàdh air gradh diadh- 
uidh a bheothachadh nan cridheachan ; agus deon- 
aich dha dol o chridhe gu cridhe, 'sa bhi sior-fhàs 
na dhol air aghaidh ! 

Dion mi, O Dhe, o spèis do thoil-inntinn fheol- 
mhor ! Deonaich gu 'n toir mi gu curamach fain ear, 
gur bàs an inntinn fheolmhor ! Gum bu deonach 
leat m' anam a ghlanadh trid drùghadh do Spioraid 
naomha, chum gun sior-sheachain mi toileachadh 
neo-cheaduichte leis an tuille dichill na bhios muinn- 
tir eile 'an tòir oirre ; agus gum bi na cheadaieh thu 
do shòlais fheolmhor a tha feumail, air an gnathach- 
adh gu measarradh stuama ! Deonaich dhomh àrd- 
ghne agus urram mo naduir spioradail a chumail a' 
m' chuimhne, agus gum bi sòlais an duine agus a 
Chriosduidh air an iarruidh learn mar m' àrd- 
shonas ! Gun robh m' anam ag èiridh suas le 
beachd-shealladh naomh, gu ionadaibh neo-fhaicinn- 
each na glòire ; agus deonaich dhomh bhi 'g oirp- 
K3 



102 



eaehadk mi fein ullachadh, le còmlinadli gràs Dhe, 
chum co-chomunn a chumail ris na h-ainglibh beann- 
uichte sin a tlia 'n còmhnuidh a' d' lathair ! 

Deonaich dhomh, O Thighearna, an staid san do 
shuidhich thu mi a thuigsinn, agus a dleasnuis a 
chuir an gniomh gu firinneach; Acli saor mi o 
thuille 'sa chòir de chùram mu nithe na beatha so, 
a bheireadh orm dearmad a dheanamh air an aon ni 
fheumail ! Gun robh mo dhèigh air nithibh saogh- 
alta measarradh, le'n gnè neo-chinnteach agus neo- 
shàsuichte a thoirt fainear ; 's am feadh a bhios 
daoin eile a' càrnadh suas ionmhas air thalamh, gun 
robh mise saibhir a thaobh Dhe ! Deonaich dhomh 
gnà aire thoirt do na nithe a bhuineas do m' shonas 
siorruidh ! Gum bi mo chuairt air thalamh air a 
ruith le m' chridhe agus mo mhuinghinn socraicht' 
air neamh, agus gu 'm mothaich mi an drùghadh 
dhì-thàirneach a' fàs ni 's laidire, agus ni 's laidire, 
mar a bhios mi a' dol ni 's dluithe air an ionad ro- 
thaitneach sin ; gus an tig an t-àm sonadh, anns 
an d' theid gach cuspair talmhuidh as mo shealladh, 
agus gun tig glòir dhealrach an t-saoghail neamh- 
uidh san f hradharc, a bheir mòr shòlas dornh ! 
Amen. 



Beachd-shealladh dùrachdach air a Bhàs, a tha 
iomchuidh a ghabhail 'n uair a thèid sinn a laidhe. 

O m' anam, amhairc air t-aghaidh car tamuill le 
dùrachd agus faicill, agus foghlum gliocas le d' 
chrich dheireannaich a thoirt fainear. Tha nis aon 
eile de laithcan do beatha air àireamh agus air a 
chriochnachadh : Agus mar a chuir mi m' aodach 
dhiom, 's a luidh mi sios air mo leabuidb, chum fois 
na h-oidhche; 's amhuil athig an ùine ghearr crioch 
mo chuairt 's an eiginn do m' chorp a bhi air a 



103 



thasguidh 'an leabuidli thosdaich na h-uaiglie. An 
sin luidheadli e ; oir cha mhò a bhios do sgoinn ag- 
amsa dbetb na de'n aodach a chuir mi san àm so 
dbiom. Tha cùis gu mor is cudtbromaiche na sin 
agam mu lainib. Smnainicb O m' anam, an uair a 
thig am bàai, gu bbeil thu ri seilbb a gbabbail air 
siorruidheacbd, an darna cuid air neamb no 'an if- 
rinn. Bitbidb gacb innleachd agus cùram, gacb 
dòchas agns eagal, gacb solas agus triobluid a 
bhuineas do 'n bheatba so air teacbd gu n ceann, 
agus fosglaidb saogbal nan spiorad duit. Agus 's 
beag tha fios agad cia luath a dh' f baodas sin tach- 
airt I Tbeagamh gun tacbair e mu 'n eirich grian 
air adbar. Faodaidb e bith nacb soillsicb grian an là 
màireacb mo sbùilean, acb ambain gun dealruich i 
mu tbimcbioll cuirp neo-mhotbachail, a db' fhaodas 
a bbi na sbineadb an ionad a cbuirp bbeotbail so : 
Aii- a chuid is lugha, faodaidb bàs iomad neach a 
bba 'n trèin an neart, 's a bba na bu chomasaicbe na 
mise 'an cràbhadb, agus gu maith a dlieanamh, 
rabhadb a tboirt domb gun earbs' a dheanamb a 
beatba fhada, agus mo bbrosnucbadb gu bhi fo 
iogbnadb gu bbeil mi co fada air mo cbaombnadh, 
's nacb robb mi air mo tboirt roimbe so air falbh. 

Agus a nis, O anam, freagair mar 'am fianuis 
De ; Am bbeil tbu ullamb ? Am bbeil thu deas ? 
Am bheil peacadb sain bith ge nacb do gbabh thu 
aitbreacbas, agus nacb do thrèig thu, ga 'm lionadh 
le cràdh san am mu dheire de m' bheatha, 's a 
toirt orm bhi air bhall-chritb air bruaich siorruidb- 
eacbd ? Biodh uarahann ort a bbi fo 'n cbionta, 
agus air ball ath-nuadbaicb do ghuidbe dùrachdach 
ri tròcair Dhe, agus ri fuil an Fhir-shaoruidh. chum 
do shaoradb uaithe. 

Ach ma tha do shìtb-rèite cheanadh air a nasgadh, 
ma ghabb thu aitbreacbas cridbeil dùrachdach de d' 
eusontais lionmbor, ma dh' earb thu tbu fein tre 
cbreidimh gu neo-chealgacb ri glacaibh do Shlan- 
uighear bheannuichte, agus nacb do chuir thu cùl 
ris a cbumhnant a rinu thu ris, le pilleadh ri gnàth- 
achadh peacach, an sin na biodh giorag ort le bhi 



104 



smuainteachadh bhi dealuchadh ris a bheatha so ; 
cha'n'eil e 'n comas a bhàis dochair a dheanamh air 
anam a tha air a thoirt suas do Dhia, agus air a 
dhlu-cheangal ris an Fhear-shaoruidh. Faodaidh e 
mo thoirt air falbh o tlioil-inntinn an t-saoghail so ; 
faodaidh e bac' a clmir air m' innleachdan gu feum a 
dheanamh air thalamh : Ach, O anam, tha sòlais gu 
mòr is cràbhaiehe, agus seirbheis is io-luachmhoire 
na iad sin a' feitheamh ort an taobh thall de 'n bhàs. 
Gu ma beannuichte gu siorruidh gun robh ainm 
Dhe, agus gràdh Chriosd air son nan seallaidh 
mhisneacbail agus aoibhneach sin ! Luidhidh mi 
nis sios an sàmhchair, agus coidlidh mi, saor o 
eagal ciod a thacharas domh an nochd, co dhiubh 
is bàs no beatha tha air òrduchadh dhomh. Athair, 
tha mi tiomna mo spioraid suas do d' lamhaibhse ; 
oir shaor thu mi, O Dhe na firinn ; agus air an 
aobhar sin 's urrainn mi gu togarrach a leige gu d' 
thoil fein, co dhiubh a mhosglas mi san t-saoghal so, 
no san t-saoghal a ta ri teachd. Amen. 



Urnuigh arson neach a tha dol air ais na chreidimh. 

O Iehobhah bhith-bhuan agus neo-chaochlaideach ! 
tha t-iomlaineachd agus do ghloir cosmhuil ri d' 
bhith, neo-chaochlaideach. Tha do Mhac, Iosa, an 
dè, an diugh, agus gu siorruidh an ti ceudna. Tha 
'n saoghal siorruidh chum a bheil mi a sior-thriall, 
do ghnàth san aon tomhas feumalachd, agus a dian- 
earulachadh am barrachd curaim a ghabhail deth, a 
rèir mar tha e tarruing ni 's faigse oirn. Ach mo 
thruaighe, tha mo bheachdsa, mo thograi'ean, agus 
mo rùin-shuidhichte is fearr, a sior-chaochladh, 
cosmhuil ris a chorp bhochd so, gu lathail a'g ath- 
arrachadh na staid agus na chor. Cia as, O Thigh- 
earn a thainig an caochladh truagh so, a tha mi nis 



105 



a' mothachadh am inntiim ad' thaobh-se ? C ar son 
nach urrainn domh teachd ad' ionnsuidhse le muin- 
ghinn agus le gràdh mic, mar b' àbhaist domh ? Cia 
as a thainig m' anam a bhi claonadh uait ? Car 
son a tha mi co fionnar neo-ehùramach 'an àm aor- 
aidh a thoirt duit ? Agus c' ar son a tha bhi ga 
chleachda co mi-thaitneach dhomh san àm so, ni a 
b' àbhaist mòr shòlas a thoirt domh ? C àit, O 
Dhe, a' bheil an sonas air an do labhair mi roimhe 
so, 'n uair bha m' aoibhneas annad mar m' Athair 
neamhuidh, co ro-chomharraichte, 's gun tugadh 
coigrich an aire dha ; 's an uair a bha mo chridhe 
air a lionadh le gràdh dhuit, agus le dealas chum do 
sheirbhis, ionnas nach b' f hurasda dhomh togradh 
laidir m' anama an tòir ort a chleth, 'n uair a bha 
crionnachd agus dleasnas ga iarruidh ? 

Mo thruaighe, a Thighearna, c' àit a thuit mi ! 
tha do shuil a sìor-dhearcadh orm f hathast ; ach, mo 
thruaighe, cia neo-chosmhuil ris mar bu ghnàth 
leatha m' f haicinn ! Caoin-shuarrach agus neo- 
mothachail mar tha mi, bheir a bhi smuaineachadh 
air rughadli am' ghruaidh. Tha thusa ga m' f haic- 
inn an uaigneas, agus faodai e bith, gu bheil thu 
ga m' fhaicinn gu minig ga m' thoileachadh fein le 
faoineachd san ùin' a b' àbhaist domh a choisrigeadh 
gu follaiseach chum do sheirbhis-se. Tha thu faic- 
inn mi tighinn a d' fhianuis mar gam b' ann a dh' 
aindeoin ; 'san uair a tha mi a d' làthair, cho chuibh- 
richt' a m' spiorad, 's gur gann a tha fios agam ciod 
a their mi riut, gad is tu an Dia ris a bheil mo 
ghnothach, agus gur e co-chomunn iriosal agus 
dleasnach a chumail suas riutsa priomh obair mo 
bheatha. Agus an uair a bhios mi labhairt riut, cia 
fionnar agus a reir riaghailt a bhitheas e ? Faodai 
e bith gur e h-ann gniomh nan smuainte agus saoth- 
air nam bilean : Ach c' ait' a nis a bheil na tograidh 
dheothasach agus an dian-ghluasad an geall air Dia 
bu chleachda learn fhaireachduinn ? C' ait a bheil 
an suaimhneas taitneach a b' àbhaist a bhi agam an- 
nad, le bhi dlùth do m' f hois dhiadhuidh, le bhi 
sonadh san dlù-dhaimh sin, agus a' cuir romham, 



106 



nam bu chomasach e, nach tugta tuille uaithe mi ? 
Ach mo thruaighe, 's fhad' a chuireadh uaithe nis 
mi. An uair a bliios an t-aoradh goirid sin, ma 
dh' fhaodar aoradh a ràdh ris, thairis, nach fhad a 
tha mi rithist ga d' dhi-ehuimhneachadh, agus cho 
neo-ehosmhuil ri bhi air mo bheothachadh le d' 
ghràdh, agus co beag air mo thoirt suas chum do 
sheirbhis, 's gu'm faodadh coigreach bhi iomadh 
seal a' cainnt rium gun a thoirt fa'near gun robh 
eolas riamh agam ort, gun a thuigsinn gu 'n cualadh 
mi urrad agus iomradh air Dia ! — Tha thu, O Thigh- 
earna, air do latha naomh ga m' ghairm a chum 
do thighe fein ; ach mo thrualghe 's neo-shunntach 
m' aoradh ann. Tha mo smuaintean agus mo thog- 
rai'ean 'an tòir air cuspairean eile, am feadh a tha 
mi tarruing dlu dhuitse le m' bheul, agus a' toirt 
onoir dhuit le m' bhilibh. — Tha thu toirt cuireadh 
dhomh chum do bhùird, ach tha mo chridhe co 
reòdhta 's gur gann a leaghas e aig bun a chroinn- 
cheusaidh; 's gann a mhothaicheas e èifeachd air 
bith ann am fuil Chriosd. Och is duine truaighmi! 
cha 'n f hiu mi bhi air mo ghairm leatsa ! tha mi 
neo-aithrigh air ionad a measg do chloinne, no an 
dreuchd is neo-inbhich a d' theaghlach ; ach 's ann 
is mò a thoill mi bhi air mo thilge maeh, chum bhi 
air mo thrèigsinn, seadh, gu bhi gu tur air mo 
icir-sgrios ! 

An e so an t-seirbhis, O Thighearn, a gheall mi 
roimhe so dhuit, 's a bha choilion dlighe agad air 
f haotuinn ? An e sin a chomain a tha mi dioladh an 
èirig do churaim fhreasdalaich m' am thimchioll, 
iobradh do Mhic, co-pairteacha do spioraid, maith- 
eanas am pheacaidh an-tromaichte gun àireamh, 
agus air son dòchas no glòire ? O Thighearna, 's 
nàr learn seasamh, no mo ghlùn a lùbadh a d' lath- 
air. Ach guidheam ort, gabh truas diom, agus 
dean còmhnadh rium : Oir 's aobhar thruais da rir- 
eadh mi ! Tha m' anam a' leantuinn ris an ùir, 
agus ga irisleachadh fein mar san duslacli a d' lath- 
air : ach, O, beothaich mi a reir t' f hocail ! Na 
«;eadaich dhomli bhi ri faoineachd ni 's faide, oir tha 



107 



mi air bruaich ionad corrach ! Tha mi smuaineach- 
adh air mo shlighibh, Och builich gràs orm chum 
mo cliosan a philleadh ri d' theisteasaibh ; chum 
deifir a dheanamh, gun tuille màirneil chum t' àith* 
eantan a choimhead ! Rannsaich mi, O Thigh earn, 
agus dearbh mi ! Their ig a chum freumh-bhunadh 
na h-èucail so, a ghabh greim air m' a nam, agus 
ath-bheothaich uaithe mi ! Leig ris domh, O 
Thighearn am peacadh, chum gu "m faic mi e le 
grain ! agus nochd dhomh an Tighearn Iosa Criosd, 
an seadh, gun amhairc mi air, agus gun dean mi 
bròn, gum faod mi amharc air agus gràdh a 
thoirt da I Deonaich dhomh dusgadh as a mharbh- 
chodal so, arms a bheil mi a tuiteam; agus gun 
deonaicheadh Criosd domh am barrachd tomhais de'n 
bheatha spioradail, agus do thogradh, na fhuair 
mi riamh roimhe ! agus gun robh mi air mo bheoth- 
achadh agus air mo neartuchadh leis-san, air chor 
's gum buithinn mi tuille s na chaill mi, agus gun 
d' theid mi air m' aghaidh ni 's luaithe na chaidh 
mi san am a b' f hearr a bha riamh agam ! Dòirt a 
nua^, O Thighearna, gu saibhir pailt orm drughadh 
àigh do dheagh spioraid ! Gun gabh e còmhnuidh 
an n am, mar aim an teampull a choisrig e dha fein; 
*s am feadh a bhitheas an t-seirbhis uile air a stiur- 
adh agus air a riaghladh leis, gun robh iobairtean 
naomh agus taitneach air an gnàth-thairgse ! gun 
robh 'n tùis bitheant agus cùbhraidh ! gun robh 'n 
teine caisrigte a' sior losgadli agus a lasadh ; agus 
nior robh a h-aon da shoitheachean am feasd air am 
mi-naomhachadh, le bhi air an gnàthachadh gu 
feum truaillidh no toirmisgte ! Amen, 



Urnuigh chum neach a chummlo Chid-sleumhnachadh. 



O Thighearna, 's tu mo thearmunn agus mo neart. 
'S ann annads a mhàin a tha mo chòmhnadh. 'S 



108 



arm an comaine do shaor ghràis shaibhir, ann an 
losa Criosd mo Thighearna, is èiginn domh a bhi 
arson mo shaoruidh. Nan sguireadh an gràs sin o 
shruthadh a' m' ionnsuidh, na obair bheothachaidh 
agus naomhachaidh, cha b ? f hada gus an claonadh 
mo chridbe uait. An diaigh gach ni a nochd thu 
dhomh, 's a rinn tbu as mo leith, mar cum thus', O 
Dhe, suas mi, aomaidh an nàdur truaillidh so mi gu 
cùl a chur riut, agus do dhi-chuimhneachadh, agus 
long-bhriseadh a dheanamh de chreidimh agus de 
dheagh choguis. 

Is tus, O Dhe, m' ionad folaich, agus mo sgiath. 
Cnm suas mi, a rèir t-Fhocail, chum gum mair mi 
beo : agus na biodh nàir orm as mo dhòchas. Cum 
suas mi, agus bithidh mi tearuinte : agus bithidh 
tlachd agam ann ad reachdaibh a ghnàth. Amhairc 
orm, agus bi tròcaireach dhomh, mar is gnàth leat 
a dheanamh dhoibhsan aig a' bheil gràdh do t-ainm. 
Orduich mo cheumanna ann ad Fhocal: agus na 
ceadaich do easontas air bith ceannas fhaotainn 
orm. 

Bi thusa, O Dhe, an urras orm chum maith. 
Deonaich dhomh amharc suas riut mar mo thearmunn 
agus mo neart, ann am meadhon deich mile rioba 
agus cunnart, o'n leith a muigh agus a steach. 
Deonaich dhomh, O Dhe, an cumhachd diadhaidh 
sin, a neartaicheas mi gu naomhachd a dheanamh 
foirfe ann an eagal an Tighearna. Ged a tha tlachd 
agam ann an lagh Dhe o'n leth a stigh, tha mi fair- 
eachduinn lagha eile a'm bhallaibh, a' cogadh an 
aghaidh lagha m' inntinn, agus ga m' thoirt am 
bruid do lagh a pheacaidh. Tha mi 'g aideacha so 
agus duilich air a shon, ann ad f hianuis, O Thigh- 
earna, mo Dhia, a tha a mhàin comasach air mo 
shaoradh. Och! cuidich mi, a Dhe mo shlainte, 
'an aghaidh cumhachd a pheacaidh, agus dubh a 
mach mo chionta, air sgàth t-ainm agus do thròc- 
air. Och ! na biodh aig a pheacadh ni's mò uachd- 
ranachd orm, a dh' aomadh mi gu gèilleadh da 
ana-mhiannaibh. Claoidh agus cuir as deth gach 
togradh mi-naomh, a tha ga àrdachadh fein an 



109 



aghaidh ùghdarras rao Dhe, 's a bheir buaidli do'n 
droch-spiorad orm. 

Coimhead mi, O ! Dlie, o na sòlais pheacach sin 
a cbumadh nam an subhachas a th' aig do dheas 
laimk gu siorruidb. Deonuich gu'n cum mi do 
gbnà a'm' chuimbne gur bàs an inntinn fheolmhor. 
Gun neartaicheadb do ghràs mi gu cùl a cbuir ri 
m' leannan peacaidh, chum gum faigh mi buaidh 
air. O ! gun robb na peacaidh a tha gu furasd ag 
iadhadli umam, gus a bheil mi gu dian air mo 
bhuaireadh, gu h-eifeachdach air an ciosnachadh. 
Bi thus a mhàin a' riaghladh mo chridhe agus mo 
chaithe-beatha, le d' Fhocal agus le d' Spiorad. 
Crioslaich mi le neart, O Dhe, chum a chòmhraig 
spioradail a th' agam mu laimh, chum gu'n cuir mi 
deagh chath a chreidimh, a dh' f'haighinn greim 
air a bheatha mhaireannaich. Fo Cheannard mo 
shlainte, neach a thug thu na Cheann-feadhna agus 
na Uachdaran do na slòigh, thèid mi air m' agh- 
aidb, an dòchas, da thridsan, gun dthoir mi faidh- 
eoidh tuille agus buaidh. 

Am feadh a tha mi 'guidhe bhi air mo neartach- 
adh gu dleasnuis mo ghairm a cbuir an gniomh gu 
h-iomchuidh, saor thusa mi o'n ghràdh sin do'n t- 
saoghal a bha na chionfath air co liugbadh anam 
priseil a chall. Saor mi, O Dhe, o iomaguin agus 
o churam anabarrach an t-saogbail, a ghlacadh na 
h-urrad de in' ùine agus de m' smuainte, 's gun 
deanainn dearmad air an aon ni fheumail. Gun 
robh mo dhèigh air nithibh saoghalta ann am 
measarachd, le 'n gnè neo-chinnteach agus dhiom- 
buan a thoirt fainear ; 's am feadh a tha muinntir 
eile a' càrnadh suas ionmhais air thalamh, gun 
robh mise saibhir do thaobh Dhe. Na ceadaich 
dhomh, O Dhe, ro-ghràsmhoir, a bhi neo-tbarbh- 
ach, le cùram an t-saoghail so, agus le mealltoii- 
eachd saibhris, a tha mùchadh an Fhocail. Na 
leig learn de churam a bhi orm mu nithibh saogh- 
alta, na chuireas eadar thus' agus cùis m' anama 
neo-bhàsmhoir ; agus nior robh mi am feasd air mo 
rioba co mòr lc nithibh na beatha so, 's gun dean 
L 



110 



mi dearmad air mo leas siorruidh. Gun siubhail 
mi trid na beatha so le m' chridhe agus le m' dhòch- 
ais socraichte air neamh ; agus gum mothaich mi 
an cumhachd dlù-thàirneach a' fas ni's iaidire mar a 
dlilùthaicheas mi ni's tinne air rioghaclid shiorruidh 
Dhe, mo Shlanuighear. 

O Dhe, dh' asluichinn gu h-iriosal gu'n coilion- 
adh tu annamsa, do gheallaine gu m' choimhead o 
chùl-sleumhnachadh. Gheall tha gu'n coimhead- 
adh tu do shluagh, tre d' chumhachd neartmhor, 
trid creidimh chum slainte. Gheall thu, gad a 
thuit iad, gu'n cum thu suas iad le d' laimh, agus 
gu'n cuir thu t-eagal na'n cridhe, ionnas nach deal- 
aich iad a chaoidh riut. Thug thu dearbh-chinnte 
dhoibh gu'n caomhnadh tu iad chum do rioghachd 
neamhaidh, agus gum faigh iad a bheatha mhair- 
eannach. Neartuich mi gu chreidsinn gur firinn- 
each Esan a gheall, neach mar an ceudna a cho'- 
gheallas e. 

An uair a bhios eagal orm, euiream mo dhòchas 
annad, O mo Dhia, a rinn cheana na h-urrad de 
nithe mòr air mo shon. Deonaich gun taisg mi 
suas caomh chainnt do gheallaidh, mar an t-ionmhas 
is luachmhoire, agus mo làn earbs' a chuir annta 
gus a chrioch. " Co th' agam anns na nèamhaibh 
ach thusa? agus an coimeas riut cha'n'eil neach air 
thalamh air a' bheil mo dhèigh. Tha m' fheoil 
agus mo chridhe air fàillneachadh : is e Dia neart 
mo chridhe, agus mo chuibhrionn gu siorruidh." 
Gun robh na sochairean sin uile air am buileachadh 
ormsa, trid losa Criosd, m' aon Slanuighear agus 
mo Thighearna ! Amen, 



in 



Urnuigh air son neach a tku.it 'am peacadh antrom, 
a?i diaigk dha ridn- shuidhichte chràbhach a chuir 
roimhe. 

O Thighearna Dliia, ro-Naomha, Naomha, 
Naomha ! an uair o bheir mi gu dùrach- 
dach fa'near t fhior-ghloine gun smal, agus air 
meadhona neo-chlaon do fhritliealaidli neo-leth- 
phairtich, an co-chuideachda ri d' neart Uile-clmmh- 
achdach, a tha comasacli air uile sinuainte do 
cliridhe a cliuir gu grad an gniomii, faodaidli mi 
gu ceart-bhreitheach a bhi air an latha 'n diugh air 
mo nochdadh a t' f hianuis le nàir agus uamhann* le 
rughadh gruaidli agus buaireadh spioraid. Bu 
inhiann learn, O mo Dliia, air an latha eagallach 
so, am hare air m' ais air ceud thobar ar ciontaidh 
agus ar truaighe, eadhon air eionta ar ceud- sinn sir, 
agus a ràdh le' Daibliidli a chiontaich a t' aghaidh, 
feuch an euceart dhealbhadli mi, agus ann am peac- 
adh ghabh mo mhàthair mi 'na broinn. Agus b'e 
mo run a bhi dubhach arson na ciontai sin do m' 
thaobh fein. Agus mo thiuaighe cia lionmhor ciont' 
a tha sruthadh uaith sin ! Faodaidli cuimhneach- 
adh air peaeaidh mo staid neo-iompaichte, agus air 
fàilnean agus laigsinn mo bheatha an diaigh sin gu 
cothromach mo chuir gu nàire ! cia mòr is mò na 
sin na tha nis sgaoilte ri in' choguis fein agus ri d' 
shùil tha uile-leirsinneach ? Oir 's aithne dhuits', O 
Thighearna m' amaideachd, agus cha'n'eil mo loch- 
da f'olaichte ort. Dh' àireamli thu mo sheachrain 
o d' reachd. 'S leir dhuit agus tha thu cuir sios 
gach easumhlachd agus ceannairc a tha mi 'cuir an 
gniomh a' d' aghaidh. Tha thu gam faicinn air 
gach doigh antrom is urrainn domh a thoirt fain ear ; 
agus air iomad doigh nach do thùr mi riamh. — 
Cionnas ma ta a thig mi a' d' fhianuis, na thogas 
mi in' aghaidh riut. Tha mi lan masluidh, agus 
L 2 



112 



tlia mi-ghean diomhair orm gur h-eiginn domh teaclid 
a t' ionnsuidh. Ach, O Dhe, co ionnsuidh bu chòir 
dhomh dol, ach do t' ionnsuidhse ! A' t' ionnsuidh- 
se ris a blieil mo blieatlia no mo bhàs 'an earbsa ; a' 
t' ionnsuidhse a tha a mhàin comasach air uallach 
mo chiontai a thoirt diom, a tha san àm ga m' 
chromadh a chum an duslaich ; a tha a mhàin com- 
asach air an t-sith agus an f hois sin a chaill mi ais- 
eag dhomh s 's a thoill mi a chaillinn am feasd ? 

Feuch mi, O Thighearna Dhe, a' tuiteam sios 
aig do chosaibh ! Feuch tha mi 'g aideachadh bhi 
ciontach a' d' làthair, agus tha mi a' striochda do 
"n ch cartas sin o nach urrainn mi dol as ! Cha'n'eil 
aon fhocal agam r'a ràdh 'am leithsgeul fein. An 
àite cainnt a ghabhail mo leithsgeil, cha 'n urrainn- 
ear cainnt laidir ni's leoir a ghnàthachadh a chuir 
an cèill duaichnieachd agus meud mo pheacaidh. 
'S ann agads' a mhàin, O Dhe, a tha dearbh-fhios 
air a ro-antromaichead. 'S e do ghliocas neo- 
chriochnach-san a tha comasach air a làn thomhas. 
Tha mis', air iomadh doigh, eacomasach air a 
dheanamh. Cha 'n urrainn domh mòr-luach fola do 
Mhic gbràdhaich, air an d' rinn mi tàir, a mheas ; 
no mòr-urram do Spioraid bheannuichte a bha mi 
'euir 'an aghaidh oibreachaidh le m' uile neart, 's a 
bha mi mar g' am b' ann, a sior chuir as a bhun an 
gràs slain teil sin, bu chòradh dhomh a bhi dion le 
m* bheatha, agus ga uisgeachadh le m' f huil. Qch 
mo thruaighe, bu bhochd ea-ceillidh mo chaithe- 
beatha ! gun deanainn air an doigh so, mar g'am b' 
ann, creuclidan m' anama a reubadh, a bheireadh o 
chionn fhada mo bhàs, m'ar càireadh do lamh fein 
cùngaidh leighis rium, agus m' ar dòirteadh do 
Mhac f huil luachmhor chum uallachadh ! gu 'm 
bristinn an coimhcheangal a rinn mi riut le h-iobairt, 
le cuimhneachain air a shamhuil sin do iobairt, 
eadhon Iosa Criosd mo Thighearna, leis a bheil mi 
ciontach da chorp agus da fhuil ! gun d' thugainn 
na h-urrad do mhi-chliu air diadh'achd, le giulan co 
neo-chiatach, agus theagamh cionfàth a thoirt da 



113 



fhior naimhdibli air tailceis a dheanamli air le m' 
ghiulan-se, agus gu fuath a tlioirt da chum an leir- 
sgrios fein ! 

Tha ioghnadh orm, O Dhe, gu bheil mi air mo 
chaomhnadh a dh' aideachadh so uile. 'S ioghnadh 
learn nach do nochd thu thu fein fada roimhe so 
mar fhianuis luath am' aghaidh; nach do thilg thu 
tairneanach do chorruich loisgich orm, agus mo 
thilgeadh do ifrinn ; agus mo dheanamh 'am 
uabhas do gach neach a bhiodh m' am thimchioll, 
co math agus domh fein, trid dioghaltais agus leir- 
sgrios a bhiodh comharraichte san ionad chlaoidh- 
tich sin, far a bheil gach aon neach truagh agus 
ea-dochasach. 

O Dhe, tha t-fhoighidinn ro-iongantach ! ach is 
ro-iongantaiche do ghràs, a tha 'n deigli so uile a' 
toirt cuireadh dhomh a t-ionnsuidh ! Am feadh a 
tha mi 'n so a' tabhairt breitheanas 'am aghaidh 
fein, gur aithrigh air bàs mi, eadhon air bàs siorr- 
uidh, tha thus' a' cuir 'am ionnsuidh briathran na 
beatha shiorruidb, agus ga m' ghairm mar leanabh 
a chùl-sleumhnuich, chum pilleadh riut. Feuch 
uime sin, O Thigh earn a, tha mis' a' teachd a d' 
ionnsuidh air cuireadh t' f hocail, agus air iartas do 
ghràis ; agus ga lionmhor mo pheacaidh, tha mi gu 
h-umhail a' guidheadh ort saor mhaitheanas a thoirt 
domh annta; do bhri gu bheil fios agam, ged a 
ràinig mo pheacanna neamh agus gad a thogadh 
suas iad chum nan speur gu bheil do thròcair s', O 
Thighearn, os cionn nan neamh. Deònaich dhomhs' 
an tròcair sin, O Athair neamhuidh ; agus foillsich 
air an doigh chomharrai elite so, saibhreas do ghràis, 
agus èifeachd fola do Mliic ! oir 's cinnteach, ma dh' 
fhaodar peacaidh co antrom arm an dath ri m' 
pheacaidh-se, a dheanamh geal mar shneachda, 
agus mar olainn, agus ma bheirear ceannairceach 
mar tha mis' a steach do ghlòir shiorruidb, 's eiginn, 
co fad' sa chluinnear iom radii air, gum bi an clomh- 
an air a lionadh le iongantas, agus flaitheas le mol- 
adh ; agus faodaidh am peacach is ciontaiche maith- 
eanas iarruidh, ma 's e 's gu'm faigh mis' e, a tha 
L3 



114 



am chiontach co mòr. Agus Ocli, 'n uair a luidh- 
eas mi sios a' cumhadh agus fo lèon aig do chosaibh, 
co fad 's a clii thu iomchuidli, gum hu deonach leat 
m' anam a leiglieas a pheacaich a d' aghaidh ; agus 
maise an àite' luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, 
agus èididli mholaidh an àite spioraid airsneil a 
tlioirt domli! Och gum bu deonach leat gàir- 
deachas do shlainte aiseag dhomh, agus gu'n cluinn 
mi gutli subhachais, chum gun dean na cnàmhan a 
bhris thu gàirdeachas ! 's an sin, 'n uair a bhios 
mothachadh agam gun d' fhuair mi maitheanas, 
cuiridh mi an cèill do ghràs do dhaoin eile ; teag- 
aisgidh mi do luclid-easontais do shlighibh, agus 
iompaichear peacaich a t-ionnsuidh: Rithidh mis- 
neach air a thoirt dhoibhsan chum t' iarruidh a 
chùl-sleumhnuich uait, leis mar thachair dhomhsa, 
ni a chuireas mi gu follaiseach ait an cèill chum do 
ghlòirsa, ga d' a robh e gu rughadh gruaidh agus 
nàire dhomh fhein. Agus gu ma h-e gàirdeachas 
so an Tighearna mo neart S chum agus leis gun dean 
mi seirbhis duit a so suas le togradh agus eud fada 
thairis air na b' aithne dhomh roimhe so ! 

B' àill learn so iarruidh le striochda iriosal chum 
do thoil; oir cha ghabh mi do dhànadas orm fein 
na ni mòran ga iarruidh. Ma chi thus' iomchuidh 
mo dheanamh mar eisimpleir do dhaoin e eile, le a 
thoirt orm triall 'an dorchadas rè uile làithe mo 
bheatha, agus fa-dheoidh dol eug fo d hub liar, do 
thoilse gun robh deanta! Ach O Dhe, deonaich, 
air sgàth do Mhic, gum bi thu tròcaireach do m' 
anam peacach air a cheann fa dheire ; agus tabhair 
dhomh ionad eiginn, arm an rioghachd na glòire, 
gad' is ann aig cosan a chuid eile do d' sheirbhisich 
a bhitheas e ! Och deonaich gun tabhair thu fadh- 
eòidh mi, gad' is ann trid a ghlinne is duaiclinidh 
agus is doirche a dh' imich neach riamh, clium an 
t-saoghail bheannuichte sin, far nach dealuich mi ri 
Dia ni's mò, far nach leon mi mo choguis fein, agus 
nach tabhair mi easurram do t' ainm naomh a 
chaoidh ! an sin cuirear mo theangadh fa sgaoil ge 
b' e sam bith fhad 's o bha i fo chuibhreach fo 



115 



mhothachadh air cionta ; agus ìocar cliu neo-chrioeh- 
nacli do 'n fliuil bhuadhar sin, a shaor mo leithidse 
de thràill ghràineil do 'n pheacadh, 's a 's eiginn 
domh aideachadk a tlia mi, 's a thug mi o dhaorsa 
agus o thruailli*eachd, a dli' f'haighinn co' pairt de 
urram agus de naomhachd na muinntir sin a tha 
nan righre agus nan sagarta do Dhia. Amen, 



Urnuigh dhurachdach air son aon air a bheil Dia a 
folach a ghnùis. 

A Dhe blieannuiclite ! 's ami agads' a tha tobar na 
beatlia agus an t-slionais. Tlia mi 'toirt cliu do t' 
ainm air son gun do bhlais mi riamh de d' shruth- 
aibli ; gun do mhothaich mi riamh an solas sònruicht 
a tha 'g èiridh o sholus do ghnùis, agus o sgaoil- 
eadh a maeh do ghràidh air an anam. Ach mo 
thruaighe ; cha'n'eil mise nis a' mealtuinn an àm 
shòlasaich sin ; agus tha bhi cuimhneachadh air a 
toirt orm m' anam a dhòrtadh a mach 'an taobh a 
stigh dhiom. B' àill learn tighinn mar a b' àbhaist 
domh, agus gairm ort leis an ainm chàirdeil sin, m' 
Athair, agus mo Dhia : Ach mo thruaighe, cha 'n 
aithne dhomh cionnas a ni mi e. Tha ciont' agus 
eagal a'g èiridh suas, agus a' cuir stad air a chainnt 
shòlasaich sin. Tlia mi, O Dhe, 'g a d' iarruidh, 
ach 's diomhain domh sin a dheanamh. Bu mhiaun 
learn ùrnuigh a dheanamh, ach tha mo bhile air an 
druideadh. B' àill learn t' fhocal a leughadh, ach 
tha a gheallaine air am folach orm. Tha mi gu 
bitheant' a' taodhall nan òrduighean sin, a chleachd 
a bhi ro-sholasach agus taitneach do m' anam ; ach 
mo thruaighe, cha'n'eil aunt' ach sgàile do na b" 
àbhaist domh fhaireachduinn. Tha am bladh air 
chall : Tha n spiorad beothachaidh air m' f hàgail, 
agus cha'n'eil aunt' ach samhladh air mar bha iad. 



116 



Àch, O Thighearn, an do thilg thu uait gu brati^ 
agus nacli nochd thu do dheagh-ghean ni 's mò ? 
An do chuir tlm romhad gu'm biodh e a' so suas na 
glieamliradli aig m' an am, 'na shamhladh dòineach 
air dorchadas siorruidli ! gun ag b' aithrigh air sin 
mi. Tha mi 'g aideachadh, O Thighearna, gur 
aithrigh mi air bhi air mo tliilgeadh a J t' fhianuis 
le tàir ; gu bhi aìr mo cliuir mòran ni 's isle na tha 
mi : Tlia mi 'toilltinn sgàil' a bliàis a blii air mo 
rosgaibh, 's a bìii air mo ehuairteachadh le tiugh 
dhorcliadas na gainntir ìochdraicli. Ach nach d' 
àrduicli thu iomadli neacli a bha co toilltinneacìi 
riumsa air bin air an cuibhreaehadh 'an slabhruibh 
dorchadais, gu sealladli air do gliloir 'sna h-ionad- 
uibh neamhuidh, far nach fhaod aon sgàile cuir 
eadar thus' agus an spioraid shòlasaich ? Dean 
tròcair orm, O Thighearna, dean tròcair orm ! agus 
gad a thug mo lochdan ort gu cothromach do 
ghnùis fholach orm, gidheadh gu ma deonach leat, 
a rèir cainnt ghràsmhoir t' fhocail, do ghuùis fhol- 
ach air mo pheacaidh, agus m' eucearta gu lèir a 
dhubhadh as ! Thoir solas do m' anam le ath-phill- 
eadh do dheagh-ghean, agus abair ris. Is mi do 
shlainte ! 

Cuimhnich, O Dhe, an latha uabhasach sin air an 
d' fhuiling losa Criosd, do Mhac gràdhacb na thoill 
mo pheacaidh-sa ! cuimhnuich a cliruaidh-spairn sin, 
leis an do dhoirt e 'niach anam a' d' làthair, 's a 
thuirt e, Mo Dbia, mo Dhia, c'ar son a threig thu 
mi ! Nach ann a dh' fhuiling e an t-iomlan deth 
so, O Dhe, a chum gun d' thugadh e peacaich aith- 
reachail iriosal a t-ionnsuidh, agus gun dearcadh iad 
ort le tlachd, mar an Dia agus an Athair? 'S ann 
air a mhodh so tha mi 'miannuchaclh teachd a t- 
ionnsuidh, a Shlanui'ear bheannuichte. Nach d' 
òrduicheadh dhuit a thoirt do luchd caoinidh Shioin, 
maise 'an àit e luaithre, ola aoibhneis 'an àite bròin, 
èididh mholaidh 'an àite spioraid airsneil : O glan air 
falbh modheoir, ùng mo cheann le ola aoibhneis; agus 
sgeudaich mi le truscan na slainte ! Och nach robh 
fios agam c' àit am faighinn thu! Och nach robh 



117 



fios again ciod a thug ort dealucliadli rium ! Tha 
mi 'rarmsuckadh agus a' dearbhadh mo shliglieacha: 
Och b' fhearr gun rannsaiclieadh tu mi, gun aith- 
niclieadh tu mo chridhe, dearbh mi agus tuig mo 
smuainte, agus amhairc am blieil slighe olc air bith 
annara, agus treoruich mi anns an t-slighe shiorr- 
uidh : anns an t-slighe sin 'sain faigli mi fois agus 
sith do m' anam, agus am mothaicli mi foillseach- 
aidh do gliràidh ann an Criosd ! 

O Dhe, a dh' àithn' do 'n t-solus soillseacliadh a 
dorchadas, labhair acli am focal, agus soillsichidh 
gatban soluis air ball a steacli do in' anam ! fosgail 
mo bliilean, agus cuiridli mo blieul 'an ceill do 
cbliu le oran fonnmlior a ghabhail, a nochdas nan 
latliair-san, d' an d' thug mo dhubhachas-sa mi- 
mhisneach, na sòlais agus an cul-taic a th' ann an 
diadh'achd ! 

Gidheadh O Thighearna, tha mi a' striochda do 
d' thoil san iomlan. Ma tha e feumail gum bi mo 
chreidimh air an doigh so air a chleachda, le im- 
eachd 'an dorchadas c'ar làithean, mhìosan agus 
bhliadhna ri teachd, deonaich gun striochd mi dha, 
ge b' e air bith fadul a ghabhas mi as. Bheir mi 
sior-aoradh dhuit, mar Dhia Israeil, agus an Sian- 
uighear, ga d' is Dia thu a tha folach do ghnùis : 
Sìor earbaidh mi as ainm an Tighearn, agus leigidh 
mi mo thaic ri m' Dhia; ag earbsadh asad ge do 
mharbh thu mi ; agus a' feitheamh ort nis mò na 
luchd-faire, seadh, na luchd-faire na maidne. Theag- 
amh gum bi solas ann air teachd an fheasgair. Tha 
fios again, gun do nochd thu iochd air uairibh, do 
d' òglaich aig uair am bàis ; agus gun d' thug thu 
dhoibh, 'an àm am misnich a bin ro-iosal, sealladh 
saibhir air gloir dhiadhaidh agus mar so a' tionnda 
dorchadas gu solas rompa. Gu ma shamhuil is 
deonach leat gleann sgàile a bhàis a shoillseachadh 
le solus dealrach do làthaireachd, 'an àm dhomh bhi 
dol troimhe, agus sin a mach do shlat agus do lorg 
a thoirt comh-f hurtachd dhomh, chum gun d' thig 
crioch air mo bhall-chrith, agus gum bi mo dhubh- 
achas air a thionnda gu h òrain mholaidh ! Ach 



118 



m' a s i do tlioilsa gum bi dubhachas agus dorchadas 
air am buanachadh dhomh gu là mo chrìclie, Och 
deonaich gun caochail iad leis an deo mu dheireadh, 
agus mo thabhairt a chum an t-solais sin a dli' ull- 
aicheadh do 'n fhirean, agus an aoibhneis sin a 
gheibh iadsan a tha ionraic 'nan cridbe ; do ionad- 
aibb neo-bliruaidnealacb a ghreadhnachais agus an 
aoibhneis shiorruidh, far am bi làn ùngadh do 
Spioraid air a dhortadh a mach air do shluagh uile, 
agus nach folaich thu do glinùis uatlia tuiile nis 
mo ! 

'Si so, a Thighearna, do shlainte, air son a' 
blieil mi a feitheamli ! 's am feadh a mhothaicheas 
mi dèigh aig m' anam oirre, clia d' tboir mi dùil 
nach faigh mi i. Buanaich agus meudaich an dèigh 
sin, agus fadheoidh sàsaich agus thoir bàrr air an 
iomlan, trid saibhreas do ghràis 'an losa Criosd. 
Amen. 



Urnuigh iriosal ri Diet, fo theanndachd trom 
àmhghair. 

O ard-uachdarain chothromaich agus ghràsmhoir 
na cruinne-ce gu h-iomlan ! neo-luach'or agus neo- 
inbheach 's a tha 'n earrann bheag se do d' mhòr 
iompaireachd, gidheadh cha 'n 'eil thu a deannad 
an domhain agus a luchd-àiteachaidh ; ach tha thu 
'gabhail cùram dhiubhagus d'an leas, leis a cho'-aont- 
achadh agus leis a bhàigh is mò. Tha thus' a' 
rioghachàdh agus tha aiteas orm ga chionn, agus is 
cionfath aoibhneas coitchionn e. Tha mi lan-chreid- 
sinn do f hreasdail chàirdeil agus do chùram ; agus 
tha mi a toirt lan-chreideas gu bheil thu a' riagh- 
ladh agus a stiuradh gu glic, naomha, agus càirdeil 
gach ni a bhuineas domh sa bbeatha so. Is tusa aig 
a bheil stiuir an domhain, 's dan leir t' uile chreu- 
tairean, a dhealbh an solus, agus a chruthaich an 



119 

\ 

dorchadas, a tha deanamh sith, agus a' crutbachadli 
dòlas ; a tlia comasach air an darn a h-aon a chuir 'an 
riochd an aoin eile, agus an latha dealrach a thionnda 
gu meadhon oidhclie, agus an duibhre dorcba gu so- 
las glan nan trà. 

O Uacbdarain gblic agus tbròcairicb an t-saogh- 
ail, 's minic a thuirt mi, Do thoilse gun robh deanta ; 
Agus a nis, tha do thoil do-dheanta dhomh : Ach 
air a shon sin, an cuir mi 'an aghaidh na thuirt mi 
co trie ? N' ar leige Dia ! Ach 's ann a tha mi 
'teachd chum mi fein a sbleucbda sios aig do chos- 
aibb, a nocbda gu bbeil mi làn thoileach striochda 
do d' thoil naombsa. Tha thus' O Thighearna, 
cotbromacb agus ceart anns gach aofi ni ! Tha mi 
gu b-iriosal ag aideacbadh a' d' làthair, gun do tboill 
mi so agus ioma mile urrad ; tha mi 'g aideachadh, 
gur ann de d' thròcair nach 'eil mi air mo chaith- 
eadh, 's gu bbeil an solas is lughadh agam a làthair. 
Tha mi, O Thighearna, gu ro-ullamh ag aideachadh 
gum b' aithrigh peacaidb aon latha de m* bheatha 
air an smachdachadh so uile ; agus gun robh gach 
aon latha dhitb ciontach ann a bheag no mhòr. 
Buail tbusa uime sin, O Bbreitheamh chothromaich ! 
agus bbeir mise gnà mholadh dhuit, arson an ionad 
an smacbdachaidh so, nach d' thug thu àitbne do 'n 
chlaidbeamb do cheartas a chuir 'an gniomh, agus 
m' fbuil a dhòrtadb a' d' làthair. 

Ach an labbair mi riut, a mhàin mar mo bhreith- 
eamh ? O Dbe, theagaisg thu dhomh ainm is 
caomhaladh : Cho-aontaicb thu m' athair a ràdh riut, 
agus labhuirt mu m' smachduchadh mar thoradh do 
ghràidb. 'S e beatba nan achmhasan sin a tha nan 
comharradh air do chaomh iocbd atbaireil-se, suaich- 
iontas m' ucbdmhacacbd do d' theagblach; oir 's 
tus' tha fiosrach ciod an smachdachadh a tha feumail 
domh. 'S leir dhuitse, O Thighearna, na tha do 
db' amaideacbd ann an cridhe do leinibh bhochd, 
andàna neo-smaointeachail; agus tha'fios agad ciod 
an smachdachadh a tha feumail chum a chuir air 
falbb. B' àill learn uime sin mo striochda gu h- 
iriosal do athair nan spiorad, a ta ga m' smachd- 



120 



uchadh air mo leas ; gèillidh mi dha agus bithidh mi 
beo. Giulainidh mi le d' smachduchadh, cha 'n aim 
a chionn nach urrainn domh cuir a t' aghaidh, ach 
do blirigh gur toigh learn thu, 's gu bheil m' earbs' 
annad. 'S e mo mhiann a blii làn-toilichte le d' 
thoil, co math agus gèilleadh dhith ; agus a ràdh, is 
maitb focal an Tigliearna. Agus 'sè mo roghainn 
gun aontaich mo bheul agus m' anam leis. Seadh 
a Thighearna, blieir mi cliu dhuit arson gu bheil na 
h-urrad chùram agad dhiom, 's gu bheil thu a' cuir 
an samhuil sin de ioc-shlaintibh ri èucail m' inn- 
tin n : 's gu bheil thu leis a sin ga m' àrach suas 
chum glòir. Cha'n'eil mi 'n aghaidh a bhi fo thriob- 
luid air an dòigh so. An e nach ol mi 'n cupan a 
chuireas m' athair am laimh ? Trid do chòmhnadh- 
san ni mi sin. Ach a mhàin, gum bu deònach leat 
O Dhe, seasamh leam, agus air uairibh sealladh 
càirdeil a thoirt orm 'am meadhon m' fhuiangas- 
aibh ? Cum suas m' anam, guidheam ort, le d' 
cho'fhurtachd 'an co-lorg mo thriobluid ; agus ni mi 
uaill as na triobluidean a tha mar so air am beannuch- 
adh ! 'S minic a thug daoine maithe fa'near le mòr 
thlachd gun robh an àmhghair air an di- chuimh- 
neachadh leis na sòlais a bha iad a' faghail annta. 
'S an diaigh gach ni a rinn thu, am bheil do thròcair 
air an cumail air an ais ? Am bheil do làmh air 
fàs goirid ? air chor 's nach 'eil thu comasach an ni 
ceudn' a dheanamh dhomhsa ? 

Mar 'eil mo chridhe co maoth, no co mothachail, 
tha thusa comasach air sin a leigheas trid nan triob- 
luidean so; Gu ma h-amhuil a bhitheas e, agus fa'- 
dheòidh a t' am iomchuidh, agus air do sheol fein, 
oibrich a mach mo shaorsadh, agus nochd do 
chaoimhneas iongantach, O thusa a shaoras le d' 
dheas-laimh iadsan a dh' earbas asad? Oir tha 
dearbh-chinnt agam, air doirchead oidhche so na 
triobluid, ma their thusa, biodh solas ann, gum bi e 
ann. Ach cha 'n earlaich mi aon ni, gus an d' thig 
an t-àm a dh' òrduich do ghliocas agus do mhaith- 
eas sam bi e. Tha tuille iomaguin orm gum bi m' 
àmhghair air an naomhachadh, seach an toirt air 



121 



falbh. Deonaich, O Dhe, gum hi mi 'n àireamh 
nan daoine sonadh sin, a tha, am feadh a ta 
thu gan smachdachadh, gan teagasg as do lagli ! 
Nochd dhomh, guidheam ort, c' arson a tha thu 
cuir am aghaidh; agus dean mo ghlanadh leis an 
teine a tha co claoidhteach dhomh an àm dol 
troimhe ? Nach ann a chum gum bi do chlann nan 
luchd co'-pairt do d' naomhachd, a tha thu gan 
smachdachadh ! 'S fiosrach thu, Dhe, gur e so 
miann m' anama. Tha co'-pairt agam de d' f hiugh- 
antas gach aon latha agus uair de m' bheatha : tha 
co'-pairt agam de d' shoisgeul, agus tha dòchas agam 
gum faod mi ann an tomhas a ràdh, gu bheil co'- 
roinn agam da ghràs ag oibreachadh air mo chridhe. 
Och gun oibrich e ni 's mò, chum *s gur mò a 
gheibh mi de d' naomhachd ; gun d' thig mi ann am 
nàdur ni 's dlùìthe agus ni 's dlùithe dhuitse, O 
Dhe bheannuichte, àrd shamhladh gach iomlain- 
eachd ! Deonaich gum bi m' anam (mar gam b' 
ann) air a leaghadh, ge d' is ann le dian theas na 
h-àmhuinn, ma 's e agus leis a sin gum bi mi a rèir 
do shoisgeil, a' giulan t-iomhaigh dhealruich agus 
thaitnich ! 

O Dhe, tha m' anam ga d' mhiannuchadh, tha e 'g 
èigheach gu h-àrd air son an De bheo ! 'S urrainn 
domh ni sam bith fhulang ma bhitheas do làthair- 
eachd agus do ghràdh ga m' chumail suas ; agus tha 
mi toileach fhulang, ma 's e agus leis gum bi mi ni's 
taitniche leatsa, agus ni 's iomchuidh air son do 
rioghachd. Thig crioch air laithean mo thriobluid ; 
thig an t-am san tiormaich thu suas mo dheoir uile. 
Ga d' a ni e moille, feithidh mi ris. Tha mo chridhe 
amaideach, 'am meadhon a chruaidh-chais, ullamh 
gu bhi ro-dheigheil air a bheatha so, dòlasacli 's mar 
tha i ; agus deonaich thusa, O Dhe, gum bris thu 
gu gràsmhor na cuibhrich a tha ga m' cheangal ni 's 
tinne rithe. Och gun robh m' anam ga chrioslach- 
adh fein, agus mar gum b' ann, a sgaoileadh a 
sgiathan, a* feitheamh na h uaire àghmhor sin, anns 
an tilg e dheth a chuibhrich cò'-lath, agus gun 



122 

èirich e le anabharra tlachd agus sòlais do ionad- 
aibh na saorsadh, na sìth, agus an aoibhneis ? 
Amen. 



Tha 'n Creideach a miannuchadh gu dùrackdach a 
bhi Fàs ann an Gràs. 

O thusa, a thobair bheannuichte na beatha nà- 
durra agus spioradail ! Tha mi 'toirt buidheachais 
duit gu bheil mi beo, agus gur aithne dhomh gnàth- 
achadh agus toil-inntinn beatba dhiadhaidh; cliu 
dhuit gun do chuir thu annam t-anail bheothail fein, 
ga d a bha mi aon uair marbh ann an euceartaibh 
agus ann am peacaibh ; ionnas gu bheil mi air fàs, 
mar is gnàth le d' cbloinii, am anam beo. Ach 
's e mo ghuidhe dùraclidach nacli e a mhàin gum 
mair mi beo, ach gum fàs mi 'an gràs, agus 'an eolas 
mo Thighearn agus ma Slilanuigh'ear Iosa Criosd ; 
oir 's ann le eolas air-san a tha m' f hàs ann an gràs 
'an earbsa" ! Leis a bheachd so tha mi gu h-iriosaì 
a' guidhe ort, gun d' thoir thu barail cheart do m' 
inntinn mu dhiadh'achd, chum nach bi barail mheall- 
tach agam mu ghràs, agus nach d' thoir mi breth m' 
am fhàs ann le nithibh aimsireil, agus theagamh a 
thoradh truaillidh ? 

Gun robh mi 'an tòir air a bharrachd graidh 
dhuitse, mo Dhia agus m' Athair 'an Criosd, air làn- 
strìochda do d' thoil ghlic agus naomha, agus air 
fiughantachd mhathasach do m' cho-chreutairibh ! 
gun robh mi fàs 'an eud; 'an inntinn neamhuidh 
agus spioradail ; agus le bhi curamach, chum co aca 
bhios sinn a làthair no air choigrich, gum bi sinn 
taitneach do 'n Tighearna ; chum co aca bhios mi 
beo no marbh gur ann chum a ghlòir a bhitheas e ! 
'an aon fhocal, air dhuit a bhi fiosrach gu bheil 



123 



cìocras orm an tòir air fireantaehd, deonaich dhomli 
a bhi mar bu taitneach leat m' fhaicinn. Tarruing 
air m' anam, trid drùghadh shèimli do spioraid 
ghràsmhoir, gach coslas maiseach air am faod do 
shùils', O Athair neamhuidh, dearcadh le tlachd, 
's a dh' aidicheas tu a bhios a rèir t-iomhaigk fein ! 

Tha mi, O Dhe, mothachail nach d' ràinig mi idir 
fhathasd air bhi iomlan, agus tha m' anam fo amh- 
luadh air a shon. Ach so aon ni a tha mhiann orm 
a dheanamh, na nithe tha air mo chùl a dhi-chuimh- 
neachadh, agus bhi gam shìneadh f'ein chum nan 
nithe a ta romham. Och gum beathaicheadh tu in' 
anam le d' f hocal agus le d' spiorad ! air dhomh, 
mar tha dòchas agam a bhi air m' ath-ghinmheinn 
leis, ni h-ann o shiol truaillidh, ach neo-thruaillidh, 
le focal an De blieo, a mhaireas gu siorruidh : mar 
naoidheana air an ùr-bhreith gun iarr mi bainne fior 
ghlan an fhocail, chum gum fàs mi leis. Gun robh 
mo theachd air m' aghaidh follaiseach do na h-uile 
gus an d' thig mi fadheoidh chum duine iomlan, 
chum tomhas àirde lànachd Chriosd ; agus an diaigh 
dhomh solas na muinntir a tha comharraicht' ad' 
sheirbhis a bhos an so air thalamh, a mhealtuinn, 
gun robh mi air mo shocruchadh 'am phàrras shuas. 
'S ann air a sgàth-san, a tha mi ga iarruidh, agus a 
tha dòchas agam ris, o'n d' f huair sinn uile as a làn- 
san, agus gràs air son gràis, Dhà-san gun robh 
gloir a nis agus gu siorruidh. Amen. 



An t-anam taingeil a deanamh gàirdeachais air son 
sochairean an fhreasdail agus a ghràis, agus ga 
dhòrtadh a mack 'am fianuis De, 'an ùrnuigh 
dhùrachdaich ghràidh agus mholaidh. 

O mo Dhia, 's leoir e, bheachd-smuaintich mi, agus 
tha 'n tein' a' lasadh ; Ach O, ciod a chainnt 'sam 
M 2 



124 



bris an lasair a mach ? Ciod ach so a dh' f haodas 
mi a ràdh, gu bheil thu ro-thaitueach do m' chridhe, 
gu bheil e gad' mholadh agus gad ghràdhachadh : 
tha mo shoire beag co làn sa chumas e ; agus b' 
àill learn an làn sin a thaosgadh a mach a' d' làth- 
airse, chum e dh' f has comasach air a bharrachd a 
chumail. 'S tusa mo dhochas agus mo chobhair : 
mo ghlòir agus fear togalach mo chinn. Tha mo 
chridhe a' deanamh gairdeachas a' d' shlainte. An 
uair a tha mi fo chumhachd do dheagh spioraid, a' 
cainnt riut, tha mile smuain thaitneach ag èiridh 
suas cò'-ladh, tha mile tobar sòlais air an leige ris, 
agus a' brùchdadh a stigh air m' anam gu àrach 
agus aiteas a thoirt da, agus tha iad a buileachadh 
orm mòr aoibhneas. 

Tha mi toirt buidheaehais duit, O Dhe, air son 
an anama neo-bhàsmhor so a chruthaich thu ; gan 
do theagaisg thu a ràdh, tha dòchas agam, chum an 
f heum is fearr, C àit am bheil Dia mo Chruith'ear? 
Tha mi toirt cliu dhuit air son an eolais a bhuilich 
thu air ; air sou a ghràis, tha dòchas agam, leis an 
do naomhaich thu e, ga d' a tha mo thruaighe am 
pòr neamhuidh air a chur ann an talamh neo- 
thordhach, 's nach 'eil e a fàs co math 's bu mhiann 
learn. 

Tha mi fòs a' toirt cliu dhuit air son a chuirp a 
bhuilich thu orm, 's a chum thu fhathasd suas 'na 
neart agus 'na shlainte ; cha 'n e a mhàin comasach 
air tlachd a ghabhail anns na sòlais a bhuilich thu 
air a cheudfai'ean fa leith, ach (air son ni gu mòr 
is measaile learn) gu bheil e murrach air càileiginn 
a dheanamh chum do sheirbhis. Tha mi toirt cliu 
dhuit air son luths mo bhalluibh, leis am bheil iad 
comasach, fo d' stiuradh-sa, air riar m' inntinn a 
dheanamh. Tha mi toirt buidheaehais duit, air son 
nach 'eil luchd-gleidheadh an tighe fhathasd air 
chrith, 's nach 'eil na daoine laidir air cromadh; 
nach'eil iadsan a ta 'g amharc a mach air na h-uinn- 
eagan air fàs dorcha, agus nach d' islicheadh nigh- 
eanan a chiuil : Tha mi toirt cliu dhuit, O Dhe, mo 
bheatha, nach 'eil an snàthain airgid fhathasd air 



125 



f huasgladh, no an cupan òir air a bhriseadh : Oir 's 
i do làmhs a tlia cuir treise ann am uilt uile, agus 
's e do sheoltaclid neo-chriochnach a tha 'g ullach- 
adh mo thograidh, a tha bruchdadh a stigh co pailt, 
sau uair a thraoghas iad a tha gam beothachadh a 
ris co saibhir. 

Tha mi 'toirt cliu dhuit air son an f hiughantas 
rioghaif sin, leis am bheil thu a' solar lòn lathail do 
'n chirjne daoine, agus gu sonruichte dhomhsa; 
airson na cuirme eugsamhuil a tha thu sgaoile fa 
nv ehomhair, agus a chupain a tha thu cuir 'am 
laimh. Tha mi 'toirt buidheachas duit air son gu 
bheil mi comasach air tlachd agus co'-pairt a 
ghabhail de f'hiughantais do f hreasdail ; agus 
nach 'eil mi 'g itheadh mo loin am aonar, ach ga 
roinn air a choilion caraid taitneach, a tha nieud- 
achadh ar toilinntinn nan cuideachda. Tha mi 'toirt 
cliu dhuit airson mo dhillsean ionmhuinn am 
theaghlach, 's a choilion caraid caomh 's a tha m' 
an cuairt domh, a tha araon toileach agus comasach 
air feum a dheanamh dhomh. 

Cha b' àill learn dearmad a dheanamh air buidh- 
eachas a thoirt duit airson gu bheil mise comasach 
air math a dheanamh air daoin' eile, agus a thoirt 
orm a thuigsinn gur mo am beannuchadh ni a 
thabhairt na a ghabhail. Tha mi toirt cliu dhuit 
gun do bhuilich thu cridhe maoth orm a cho'-mhoth- 
achadh feum an uireasbhui'ch, agus inntinn a 
dhealbh, a rèir mo chomais, air cobhair a f hrith- 
ealadh dhoibh : Oir tha so fòs a teachd o'n Tigh- 
earna, àrd-ùghdar gach togradh fiughantach, gach 
innleachd ghlic, gach soirbheachadh le r' n-oirpibh 
chum sonus a chraobh-sgaoile m' an cuairt duinn, 
agus gu dòruinn chàich a lughduchadh. 

Agus gu cinnteach, ma tha mi, O Dhe, mar so 
ag aideachadh sòlais co'-mhothachaidh leis an 
fheumach, nach mòr is mò is còir dhomh cliu a 
thoirt duit air son gu bheil co'-mhothachadh agam 
riusan a tha sonadh, eadhon a tha làn-bheannuichte. 
Tha mi 'toirt cliu dhuit air son nan sruithean a tha 
g uisgeachadh phàrrais, 's a tha ga choimhead an 
M3 



126 



solas a tha sior-mheudachadh. Tha mi 'toirt cliu 
dhuit air son na fois, an aoibhneis, agus a ghàir- 
deachais, a tha tliu buileachadh air mòran de na bha 
roimh so ionmhuinn learn air thalamh, air an trie a 
thug mi oirp air an triobluid a lughduchadh, agus 
air an aoibhneis annadsa a mheudachadh. Tha mi 
toirt cliu dhuit air son beannuchadh gach naomh 
agus aingil, a tha cuairteachadh do righ-chaichir ; 
agus tha mi ga d mholadh air mhodh ro-thaitneach, 
air son an dòchuis bheothail sin a shuidhich thu an- 
nam chridhe, gum bi fios agam an uine ghearr, le 
m' shealladh agus o m' fhiosrachadh fein, ciod an 
sonas a tha iadsan a' sealbhachadh, nach 'eil mi san 
am ach a' faicinn fad as, tre ghloine dhoirch a 
chreidimh. Tha mi air an am so, trid do ghràis, 
ga m' mhothachadh air mo ghiulan air m' aghaidh le 
d' ghàirdein cumhachdaeh chum nan ionada beann- 
uichte sin. Tha mi nis a' feitheamh ri d' Shlainte, 
leis an dian-thogradh sin air an dàrna laimh, nacli 
fhaod a mhòrachd fhlathail gun a dhùsgadh 'an 
anam a chreidich, agus an striochda ciuin taitneach 
sin air an laimh eile, a tha neo-chaochlai'ead a 
gheallaidh a' deanamh cinnteach. 

Agus a nis, O mo Dhia, ciod a their mi riut ! 
ciod ? ach gu bheil gràdh agam dhuit thairis air na 
dh' f haodas cainnt a chuir an cèill ! gu bheil spèis 
agam ort air son na rinn tha do d' chreutairibh, a 
tha nan coslais eugsamhuil, gach uair a' faighinn 
bith, eòlas, agus sonas uait, an àireamh agus 'an 
tomhas, fada thairis air aon ni is urrainn domhs' a 
bhreithneachadh. Ach tha mi a' toirt a bharrachd 
cliu agus gràidh dhuit, air son na tha thu dhiot 
fein, an saibhreas iomlaineachd nach deachaidh an 
lughad leis a chruthachadh, agus nach fhaodar a 
chuir 'an lughad leis na tha thu 'pàirteacha dheth ri 
d' chreatuiribh ; an iomlaineachd neo-chriochnach 
sin trid an tu fein do shonus, agus do chrioch ; ana- 
bharra taitneach agus urramach, gad a bhiodh gach 
oirdheirceas agus sonus a tha 'sruthadh uait air an 
dl-chuimhneachadh. 

O Dhe, 's tu 'n ceud chuspair is mò, agus is ro- 



127 



mliaisiche ! tha cion m' anama gu' h-iomlan ortsa, a 
tha a mhàin, mòr, agus àillidli ! — 'S am feadh a tha 
mi 'mothachadli do d' spiorad naomh a' gluasad air 
mo chridhe, 's a' brosnuchadh chum nan tograiclh 
ghràidh sin, cha 'n fhaod mi tuille a chuir an teag- 
anih, ni 's mò na chuireas mi mo bheatha fein 'an 
teagamh, am feadh a tha mi 'g oibreachadh a dean- 
adais, 's a mothachadh a' tograidh. Gu demhin ma 
mhothaich mi riamh ciocras ocrais, tha m' anam an 
geall air fireantachd, 's a' gabhail faduil gu bhi ni 
's mo a reir do ghne bheannaichte agus do thoil 
naomha. Ma bha tart riamh orm, tha tart air in' 
anam am gcall air an Dia bheo 's a dian-thogradh 
chum an barrachd co'-pairt d' a dheagh-ghean. Ma 
bha aig a chorp so, air dha a bhi sgith le saothair, 
agus turus, mothachadh air dèigh air fois agus 
suaimhneas air mo leabuidh, tha m* anam le caomh 
cho-aontachadh a' gabhail fois 'an glacaibh do 
ghràidh, O m' athair neamhuidh, a bhuin co fiugh- 
antach ris. Agus ma chunuaic mi riamh aghaidh 
caraid le tlachd agus aiteas, 's amhuil a tha mi 
'gabhail tlachd am faicinn do ghnùis-se, O Dhe, 
agus 'an g-ràdh m' athair ann an Criosd riut. 'S 
amhuil a tha thu, agus 's amhuil a bhitheas tu c' ar 
ùine agus gu siorruidh. Ciod tuille th' agam r'a 
dheanamh, ach mi fein earbsa riut feadh an dà 
chuid ? Ga fhagail an earbsa riutsa m' oighreachd 
a thaghadh, agus mo ghnothaichean a sdiùradh am 
feadh is e m' uile ghnothach seirbhis a dheanamh 
dhuit, agus m uile shòlas do mholadh. Tha m' 
anam a dluth-leantuinn Dhe, a chionn gu bheil a 
dheas-lamh ga m' chumail suas. Cumadh e do 
ghnàth suas mi, agus theid mi le deothas air m' 
aghaidh a' t' ionnsuidh, gus am bi mo thograidh 
uile air an co'-lionadh ann ad mhealtuinn gu siorr- 
uidh ! Amen. 



128 



An Criosduidk stèigheil a miannuchadh ruigheachd 
air an tuille feumalachd. 

O athair fhiugliantaich, agus àrd-ùghdar gach 
math, aimsireil agus spioradail ! tha mi toirt cliu 
dhuit air son gacli sochair luachmhor a bhuilich thu 
air creutair co neo-aithrigh 's a tha mise. Tha m' 
anam fo thròm amhluadh a' d' fhianuis air son 
lughad an fheum a rinn mi dhiubh. Mo thruaighe ! 
ciod a rinn mi an coimeas ris na b' ion fiughair a bhi 
agad ris, a thaobh mo thuigse naduir a bhuilich thu 
orm, le m' ùine, le m' mhaoin, agus le m' cliumh- 
achd os cionn dhaoin eile ! Mo thruaighe ! tha mi 
trid m' amaideachd agus mo dhearmaid fein, ag 
amharc air m' ais air ionad fàs, far am faodadh e 
bhi na mhachair thorraich, fo làn bhàrr ! 'S ceart- 
bhreitheach a dh' fhaodadh tu 'n t-iomlan a thoirt 
uam, mo thoirt gu cunntas air an son, a bhi air m' 
fhaotuinn neo-dhileas duitse, do 'n t-saoghal, agus 
do m' anam fein \ 's a thaobh an dite sin, a bhi air 
mo thilge do phriosun an dorchadais shiorruidh ! 
ach mhath thusa gu saor m' f hiachan uile. Moladh 
do t-ainm air a shon ! Gabh, O Dhe, ris an striochda 
athnuadhaichte so a tha mi nis a' dol a dheanamh 
dhiom fein agus do gach ni tha mi 'sealbhachadh, 
chum do sheirbhis-se ! Cha 'n 'eil mi 'g iocadh ach 
do chuid fein duit air ais. Dean mi, guidheam ort, 
am fhear-riaraich dileas do m' Thighearna; agus 
nior robli sùil agam ri m' mhath fein, 'an aghaidh 
na bhios a chum do ghlòirsa ! 

Tha mi 'toirt cliu dhuit, O Dhe nan uile ghras, 
ma tha mi, am feadh a tha mi mar so a labhuirt riut, 
a mothachadh gràdh do m' cho-bhràithribh ag èiridh 
snas 'am anam ; ma tha mi faireachduinn mo chridhe 
ullamh gu gabhail ris an iomlan de 'n chinne-daoine ! 
Och dean mi am fhear-riaruich firinneach 'an roinn 
orrasan gach ni a bhuilich thu orm, chum cobhair a 
dheanamh dhoibh ! agus 'an gleidheadh m' earrainn 



129 



fein gun robh mi gu neo-lethphairteach, ga roinn 
eadar iad fein agus mise ! agus gun robh mi taingeil, 
toilichte leis na thuiteas gum roinn fein, agus deon- 
uich dhomh an còrr a riaruchadh gu suilbhearradh, 
glic, dìleas ! stiùir mo lamb, O Athair thròcairich, 
am feadh a tha thu 'cuir de urram orm a bhi 'm 
inneal air caileiginn de t-fhiughantas a phàirteach- 
adh, chum gun tabhair mi iad far am mò a tha 
dh' fheum orra, agus far am freagair iad do 'n 
rùn is fearr ! agus gu ma deonach leat an siol a 
chuireadh a mheudachadh ; soirbhicb learn am 
ghnothaichibh saogbalta, chum gur mò a bbios agam 
r a thoirt dhoibb-san a bbios na fheum ; agus fadh- 
eòidh mo threòruchadh do ionad a phailteis bhith- 
bhuain, agus an fhiughantais shiorruidh ! Agus 
deonaich gun coinnich mi 'an sin ioma neach ris an 
d' rinn mi còmhnadh air thalamh ; agus m' as e do 
thoil bheannuicht-se, mòran a bha mi am mheadhon 
air an treòruchadh chum an ionaid-chòmhnuidh shò- 
lasaich sin ! an sin gabhadh iad rium gu fialuidh an 
ionadaibh na glòire ! agus bi thusa fad aimsir agus 
siorruidheachd deonach air gabhuil ri cliu an iom- 
lain trid Chriosd ; d' am b' àill learn sleuchdadh aig 
a chosaibh ; agus aig am bu mhiann learn an diaigh 
beatha ro-f heumail a chaitheadh, bàs fhaghail, leis 
na h-urrad irioslachd, 's an cuir mo cheud eolais air 
tre chreidimh ; agus gun chothrom riamh agam, le 
aonghniomh umhlachd no taingealachd, air a threibh- 
dhireachd a dhearbhadh ! Amen. 



Urnuigh arson neach a tìì air fhiosrachadh gu goirt. 

O Thighearna Dhe ro-naomh agus thròcairich, a 
tha meas na'ncinneach mar shile-chinn a mheoir, 
agus mar shadach-min na slige-thomhais, seall a nuas, 
le caomh-iochd, air t-òglach fo throm àmhghar. Gad 



130 



a tha mise, a thaobh t-fhiosrachaidh, gad mheas air 
do chuartachadh le neoil agus le dorchadas, gidh- 
eadh O Thighearna, tha mi làn chreidsinn gur iad 
ceartas agus breitheanas àite-tàimh do righ-chaith- 
reach. Tha thu ceart ann ad uile shlighibh, agus 
naomha ann ad uile ghniomharaibh. 

Bu mhiann learn do làmh fhaicinn agus a thuig- 
sinn, O Dhe, anns an fhiosrachadh glioirt so. Tha 
do fhreasdal a' riaghladh os cionn nan uile, agus 
cha tuit eun an adhair a chum an làir, gun chead m' 
Athar neamliuidh. Is tu dhealbh an solus, agus a 
chruthaich an dorchadas ; a* deanamh sith, agus a' 
cruthachadh dòlais; tha thus' an Tighearn a' dean- 
amh nan nithe sin uile. Gidheadh, ann am thriob- 
luid, dh' aidichinn meud do thròcair. Tha 'n Tigh- 
earna tròcaireacli agus gràsmhor, mall chum feirge, 
agus pailt ann an caoimhneas-gràidh. Cha do bhuin 
e rium a rèir mo pheacaidh, cha mhò thug e luigh- 
eachd dhomh a rèir m' eucearta. 

Tha mi nis ga m' shleuchda sìos aig cos-stòl do 
righ-chaithreach, O Athair, thròcairich, ag asluchadh 
gun dean thu striochdta mi do t-thoil naomha. 
Neartuich mi gu ràdh, ann an là so m' àmhghair, mar 
is minic a thuirt mi ann an là mo shoirbheachaidh, 
Do thoilse gun robh deanta. Is math do thoil, O 
Dhe, agus 's ann air mo leas a tha thu ga m' 
smachdachadh, chum gum faigh mi co'-roinn de <T 
naomhachd. O ! is lionmhor na sochairean a bhuil- 
ich thu orm, san am a chaidh seachad ; agus an 
gabh mi math o làimh Dhe, agus nach gabh mi 
olc ? Cha tilg an Tighearna dheth sinn gu bràth : 
ach ged bheir e aobhar bròin, gidheadh ni e iochd 
do rèir lionmhoireachd a thròcairean. Oir cha 
chlaoidh e d' a dheoin, ni mò chràidheas e clann 
nan daoine. 

O m' Athair agus mo Dhia, neartuich mi a ghiul- 
an le foighidinn agus le irioslachd inntinn, an triob- 
luid so. C arson a dheanainn gearan fodha, 'nuair 
is tusa a thug dhomh a choilion dearbhadh air do 
ghràdh, a leag orm e ? Cha do chaomhain thu do 
Mhac fein, cha mhò a churnas tu uaro, na leagas tu 



131 



orm, ach na bhios chum mo mhath aimsireil agus 
siorruidh. Measaidh mi an d' f heuchainn so mar 
chomharadh air do chaoimhneas athaireil, chum mo 
chridhe agus m' aigneadh a tharruing o nithibh 
saoghalta, chum m' ullachadh fa chomhair na h- 
oighreachd nèamhuidh. An e nach ol mi 'n cupan 
a chuireas m' Athair ann am laimh ? Taisbein 
domh do chaoimhneas iongantach, O thus' a shaoras 
le d' dheas-laimh iadsan a dh' earbas asad. 

O Thighearna mo Dhia, tog orm solus do 
ghnùis, ann an uair so a bhròin agus an dorchadais. 
Deonaich dhomh do làthaireachd ghràsmhor, O 
Dhe, agus cuirear as de bhròn agus de dhorchadas 
na triobluid. Bi thusa maille rium, agus cha bhi 
eagal uilc orm. Thoir orm èisdeachd gu ciùin ri 
guth m' Athar ag ràdh rium : " Na biodh eagal 
ort ; oir shaor mise thu, ghairm mi ort air t-ainm ; 
is leamsa thu. 'Nuair a shiubhlas tu trid nan uisg- 
eachan, bithidh mise maille riut ; agus trid nan aibh- 
nichean, cha dthig iad tharad : 'nuair a dh' imicheas 
tu tre an teine cha loisgear thu ; agus cha dean an 
lasair greim ort." A Thighearna, biodh e do d' 
òglach a rèir t-fhocail : agus am feadh a tha thu gu 
caomhail ag ràdh, " Na biodh eagal ort, oir tha 
mise maille riut : na biodh faitchios ort, oir is mise 
do Dhia : neartuichidh mi thu; seadh, ni mi còmh- 
nadh riut ; seadh cumaidh mi suas thu, le deas- 
laimh m' f hireantachd :" neartuich mi gu freagairt, 
agus a ràdh, " Earbaidh mi as, agus cha bhi sgàth 
orm. Amhàin air Dia feith, O m' anam ; oir is ann 
uaith-san a ta mo dhòchas. Is esan ainhàin mo 
charraig agus mo shlainte ; is e mo dhidean ; cha 
ghluaisear mi. Seinnidhmi mu d' chumhachd, seadh, 
seinnidh mi gu h-àrd mu d' thròcair, oir bu dthusa 
mo dhion agus mo thearmunn, ann an là mo thriob- 
luid." 

O ! m' Athair, deònuich gun dthoir am fios r ach- 
adh so ni 's dlùithe dhuitse mi. Och, deonuich gur 
e am meadhon, f'o sdiùradh do Spioraid Naoimh, 
chum mis ullachadh fa chomhair seirbhis agus seal- 
bhachadh nèamh ; agus O ! deonaich gun dean 



132 



dòchas ris an t-suaimhneas sin a tlia feitheamh ri 
luchd-muhintir Dhe, mo chumail suas san àm. Feith- 
idh mi gu foighidneach, O Dlie, ri d' shlainte ; agus 
ged a tha mi, o mheud mo chruaidh-chais, a' gairm 
ort chum mo shaoradh, gidheadh is miann leam 
feitheamh ri d' dheagh àm-san, O mo Dhia. Is 
leoir e gur aithne dhomh cò ann a chreid mi, agus 
gu bheil e comasach air an ni a dh' earb mi ris a 
choimhead fa chomhair an latha mhòir. Is leoir e 
gun do gheall tliu dhomh d' a thrìd-san nèamh mar 
mo dhachaidh shiorruidh, — far an tiormaich thu 
fein gu càirdeil gach deur o m' shùilibh, — agus cha 
bhi bàs ann ni 's mò, no bròn, no èighieh, agus cha 
bhi pian ann ni 's mò. 

A Thighearna èisd ri m' athchuinge, o dhoimh- 
neachd mo thriobluid. " Biodh briathra mo bheoil, 
agus smuainte mo chridhe, taitneach a' d' làthair, a 
Thighearna, mo neart agus m' Fhear-saoruidh." 
Amen. 



Urnuigh ag asluchadh bhifàs ann an Grds agus 'an 
Naomhachd 

A Dhe Uile-chumhachdaich agus bheannuichte is 
iomchuidh dhomh do ghnà dlùthacha riut le taing- 
ealachd agus moladh. Tha mi miannachadh teachd 
chum caithir nan gràs, anns an dòigh nuadh agus 
bheo a choisrigeadh le fuil Chriosd ; gu buidheachas 
a thoirt duit arson eolas na slainte, tridsan. 

Tha mi gu h-iriosal a' toirt molaidh dhuit, mar 
Athair na soillse, o bheil gach tiodhlac' math agus 
iomlan a'teachd. Chunnacas iomchuidh dhuitse gur 
ann arm an Iosa Criosd, Ceannard agus Urras do 
phobuill, a ghabhadh gach iomlaineachd còmhnuidh 
chum 's gum biodh iadsan iomlan aunsan. Tha 
dòchas agam gun deach mo neartachadh chum gabh- 



133 



ail ris mar m' fhireantachd ; agus gur ann a ùmh- 
lachd agus Bàs Mic do ghràidh a tha m' fhiuthair 
ri maitheanas agus ri bhi air ra' fhirinneachadh. 
Ach tha mi faireachduinn uallach mo pheacaidh; 
agus tha mi gu dùrachdach a' guidhe arson an tuille 
de naomhachd cridhe agus caithe-beatha, agus gum 
bi mi a co'-f hreagradh do d' dheagh-thoil. Tha 
thus', O Dhe, a' rannsachadh cridheachan, agus 
àirnean chloinn nan daoine. Rannsuich mi, O Dhe, 
agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig 
mo smuainte ; agus amhairc a' bheil slighe olc 
air bith annam, agus treòruich mi anns an t-slighe 
shiorruidh. 

Tha mi ro-bhrònach a chionn gu bheil an fhirinn 
mar tha i ann an Criosd, a' deanamh co beag drugh- 
aidh orm ; gu bheil mo chreidimh co lag, agus mo 
ghràdh co fionnar. Gun robh mi, O Thighearna, 
air m' athnuadhachadh ann an spiorad m' inntinn. 
Builich orm cridhe nuadh, agus cuir spiorad ceart 
an taobh a stigh dhiom. Mar bha esan a ghairm 
mi, naomha, gun robh mise naomh, anns gach gne 
chaithe-beatha. Gun robh 'n inntinn cheudna ann- 
amsa, a bha ann an Iosa Criosd, agus gu 'n gluais 
mi direach mar dh' imich esan. Coimhid mi o'n 
inntinn fheolmhor, ni is bàs ; agus deonaich dhomh 
an inntinn spioradai], a tha na beatha agus na sith. 

Aig cos-stòl do thròcair, O Dhe, nan uile ghràs, 
tha mi 'guidhe ort, air sgàth Chriosd, mo shaoradh 
o ghràdh agus o chumhachd a pheacaidh. Tha mi 
gu cràiteach a' faireachduinn neo-ghloine agus tru- 
aill'eachd mo nàduir, agus co neo-chomasach 'sa tha 
mi air gach earrann de sheirbhis naomh agus spior- 
adail. Ach cò is urrainn a mhearachdan a thuig- 
sinn ? Ionnail mi o lochdaibh folaich. Gleidh t- 
òglach, mar an ceudna, o pheacaibh dànadais ; agus 
na biodh aca ceannas orm. Deonaich, O Dhe, gun 
teagaisg do ghràs, a dh' fhoillsicheadh do na h-uile 
dhaoinibh, gu h-eifeachdach mi, « a dh 'àicheadh 
gach mi-dhiadhachd agus ana-mianna saoghalta, agus 
mo bheatha a chaitheadh gu stuama, gu cothromach, 
agus gu diadhaidh anns an t-saoghal so alàthair; air 
N 



134 



dhomh sùil a bhi agam ris an dòchas bheannuichte 
sin, eadhon foillseachadh glòire an De mhòir, agus 
ar Slanuighir losa Criosd." 

Mar chuir do thròcair neo-chriochnach fo 'n cho- 
main mi, gun neartaicheadh do ghràs mi, chum mo 
cliorp a thoirt suas na bheo-iobairt, naomh agus 
thaitnicli ann ad fhianuis, ni is e mo sheirbhis 
riasunda. Dearg ni 's doimhne air mo cliridhe, O 
Thighearna, mothachadh iomchuidb air luach neo- 
cliriochnach nan sochairean spioradail, agus m an- 
ama neo-bliàsmhor fein. Agus leis an drùgbadh so 
air m' inntinn, deonaich dhomh saothaireacha arson 
an ni sin a mhaireas chum na beatha maireannaich ; 
agus deonaich gur e mo phriomh ojbair gach là na 
nithe a ta air nèamh iarruidh, far a' bheil Criosd na 
shuidhe air deas-laimh Dhe. Och ! neartaich mi, 
a Dhe, trid do Spioraid, chum nach aomar air falbh 
mi le mearachd nan aingidh, no gèilleadh do dhroch 
cridhe mi-chreideach, chum nach tuit mi uair air 
bith ann am buaireadh. Cha 'n 'eil neart air bith 
agam ann am fein; ach 's ann annadsa, O ! Thigh- 
earna, tha mo dhòchas, Na diobair thusa, obair 
do làmh. Neartaich mi gu mi fein a mheas marbh 
do n pheacadh, ach beo do Dhia, trid losa Criosd, 
mo Thighearna. Deonaich gu 'n cuir mi dhiorn an 
seann duine, le ghniomharaibh, agus gu'n cuir mi 
umam an nuadh dhuine, a tha air ath-nuadhachadh 
ann an eolas, a rèir a dhreach-san a ehruthaich e. 

O Thighearna. coimhead maoth mo choguis: gun 
druigh t-Fhocal agus do fhreasdal gu furasd orm, 
agus air mo bhrosnucha gu cùram teas-ghràdhach a 
bhi agam mu d' ghlòir, agus leas coitchionn mo cho - 
chreutairean. O deonaich dhomh do ghliocas, do 
ghràs, do ghràdh, agus t-f hirinn, a shealbhachadh ; 
oir is e sin a chuibhrionn is fearr nach d-thoirear 
am feasd nam. Gun robh dreach m' Fhir-shaoruidh 
orm trid mo chuairt sa bheatha so, agus gun robli 
mi deas chum còmhnoidh a ghabhail ann ad fhianus 
fein fad saoghal nan saoghal. Gun robh ùile fhrith- 
ealadh do f hreasdail do m' thaobhsa, agus òrduighean 
nan gràs a tha mi 'mealtuinn, nam meadhon air mo 



135 



spèis do'n t-saoghal a lughdachadh ; agus spioradal- 
achd mo mhiarma agus mo thograidh, agus mo 
ghràdh do Chriosd, a mheudachadh. 'San diaigh 
dhorah gach ni a dheanamh agus f hulang, is deonach 
leat a chur a' m' charamh sa blieatha so, gun robh 
mi air mo dhlù-cheangal ris na naoimh air rrèamli, a 
dh' ionnail an truscain, 'sa rinn geal iad ami am fuil 
an Uain, 's a tha 'an làthair righ-chaithir Dhe, 's a' 
deanamh gnà sheirbhis dà a Fa agus a dh' oi'che, na 
theampull ! Amen. 



Beachd-smuainteachadh agus Urnuigh a Chriosd- 
uidh, aig a bheil a chridhe air a dhùsgadh le beachd 
a ghabhail air bàs agus breitheanas. 

O thighearna bheannuiclite ! tha togail ait air m' 
anam leis an t-sealladh sin ; agus ag èiridh suas » 
riutsa arm an lasair. Thuirt tku, gu bheil thu 
teachd gu grad ; Agus tha mi aris a' co'-aontachadh 
aithris le aiteas, Amen, Seadh thig a Thighearn 
Iosa. Thig, oir 's fada leam a ta mi 's a bheatha 
thruaillidh so, 's mithicii leam bhi cuibhte da h-ual- 
laich, da bròin, agus ga buaireannan ! Thig, oir 
tha fadal orm gu dol suas ad fhianuis a dh f haicinn 
do lùthchuirt shuas air neamh ! 

A Shlanuigh'ear bheannuiclite, tha 'm bàs air a 
chruth-atharrachadh, an uair a ghabhas mi beachd 
air san t-seadh so. Cha 'n 'eil Righ nan uamhas r'a 
ghabhail mar sin tuille, co teann air Righ na glòire 
agus a ghràis. Tha mi le aiteas a' cluinntinn fuaim 
do chos. a' tighinn ni 's dlùithe dhomh : Tarruing 
a thaoibh a ghnùis-bhrat 'n uair is àill leat ! fosgail 
croinn mo phriosuin, chum gun leum m' anam tog- 
arrach a t' ionnsuidh, agus e fein a thilgeadh sios 
aig do chosaibh ; aig cosan an Iosa sin d' an d' thug 
mi'gradh ge nach faca mi e; air dhomh creidsinn 
N2 



136 



annad, ge nach 'eil mi ga t' f haicinn, tha mi a' dean- 
amh mòr ghairdeachas le h-aoibhneas air dol thar 
labhairt, agus làn de ghlòir ! feuchaidh tu dhomh 
slighe na beatha : Sdiùraidh do lamh mi cbum t' 
ionaid chòmhnuidh bheannuichte, far am bheil làn- 
achd aoibhneis, agus aimhnichean de shubhachas 
siorruidh. Orduichidh tu ionad-tàimh dhomh maille 
ri d' sheirbhisich dhileas, aig a' bheil an spioraid 
dhealuicht' a chòmhnuidh leatsa, am feadh a tha 'n 
cuirp nan luidhe san ùir. Bha iomadui dhiubh nan 
co'-luchd-saoithreach learn a' d' sheirbhis-se ann am 
foighidinn agus 'an àmhghar do rioghachd. O 
Shlanuigh'ear bheannuichte, nochd dhomh cia son- 
adh a rinn thu mo chompanaich agus mo bhràithre 
ro-ionmhuinn ! feuch dhomh iadsan, ris an abair 
sinn na mairbh ! ciod an t-seirbhis is urramaich 
agus is mò a thug thu dhoibh r'a dheanamh ! chum 
gun tabhair mi am barrachd molaidh dhuit na tha 
mi 'n dràsta comasach air a dheanamh, air son do 
mhaitheis doibh ! Agus O deonaich dhomhsa co'- 
roinn a bhi agam d' am beannachdan agus d' an 
deanadais, agus òran gràidh agus taingealachd a 
thogail, cosmhuil ris na tha iad-san a' gabhuil a d' 
làthairse ! 

Seadh, fòs, O Fhir-shaoruidh bheannuichte, bith- 
idh m' anam anns an ionad sin ag oirpeachadh ruigh- 
eachd air dòchas is urramaiche agus is glòirmhoire; 
agus o'n ghreadhuachas agug o'n t-suaimhneas neo- 
aithnichte so, bitliidh mi 'gabhail fadail a latha do 
theachd dheireannaich-sa. An sin bithidh tuille 
fadail orm na th' orm san àm so, a dh' f haicinn do 
ghiulain air a chliùthachadh, agus do bhuaidh-chaith- 
ream air a foillseachadh ; a dh' f haicinn luaithre do 
sheirbhisich air an ath-bheothachadh, agus am bàs, 
an nàmhuid deireannach-san agus do nàmhuid-sa, air 
a shlugadh suas ann am buaidh. Tha mi 'gabhuil 
fadail air son an àrd-urram a th' agad fa m' chomh- 
air, agus am beannuchadh iomlan chum am bi làn- 
cho'-thional do shluaigh air an treoruchadh. Bithidh 
Thig, a Thighearn Iosa, an aithghearr, air a sheinn 
am measg òrain f hlaitheis, agus bithidh a cho-sheirm 



131 



mar f huaim ìan àireamh do naoimh, a thug" do ghràs 
chum an ionaid sin. 

Gabli, O Fhir-shaoruidh ghradhaich, ris an ao radii 
a tha cridhe taingeil a' toirt duit san àm so, fo mho- 
thacliadli air na dòchais ghlormhor ris a bheil a 
dhùil ! 'S tus' a dhiiisg an t-aoibhneas so ann, agus 
a thog m'anam suas chum an dèigh so air urram ; 
am feadh a dli' fliaotuinn a blii air atharrachadh 
gam' luaithre ann am faoineachd dhiomhain na bea- 
tha so ; 's ag amharc le mòr uamhunn air an àm sin, 
ni is e a nis mo mhiann is fior-dhùrachdaiche. 

O deonaich gum bi thu do ghnàth learn gu crich 
mo chuairt ! agus am feadh a bliitlieas mi a' feith- 
eamli ri d' shlainte, gum bi mi a coimhead t-àith- 
eanta ! gun robli mo leasruidli criosraichte m' an 
cuairt, agus mo lochrann laiste : Deonaich gum bi 
mi furachair a feitheamh caismeaclid àidh do the- 
achd : Chum gun toir m' an am aoibhinn tùr-leam 
ait a' d' cliòdhail, 's gum bi e air a neartuchadh le 
bàs a ghiulan an fhoillseachaidh ghlòire sin, nach b' 
urrainn do 'n staid bhreòite bhàsmhor aims a bheil 
mi san àm fhulang. Amen. 



Urnuigh freagarrach do chor a Chriosduidh aig am 
a Bhàis. 

O ard Riaghlui'ear nan saoghal faicinneaeh agus 
neo-fhaicinneach ! Uachdarain na beatha agus a 
bhàis ; neamh, agus na talmhuinn ! Gu ma bean- 
nuichte t-ainm, 's minic a theagaisgeadh dhomh 
t-iarruidh. Agus a nis aon uair eile, tha mi dòrtadh 
a mach m' an am gu dealachadh ann a t-ionnsuidh. 
Croin do chinas ghràsmhor. O Dhe, agus thigeadh 
ino ghlaodh le taitneachd a' d' f hianuis ! 

Tha 'n uair air teachd san eadar-dhealuich thu 
o'n t-saoghai so mi, m' an robli mi co fada agus co 
N 3 



138 



ionmhuiim eolacli, 's an treoraich thu mi do shaogh- 
al eile, air a' bheil mi fhathasd aineolach. Neart- 
uich mi, guidheam ort, chum an iomlaid a dhean- 
amh, mar is cubhaidh do aon de chloinn Abrahaim, 
a tha air a ghairm leats' a chum oighreachd f haot- 
ainn, a f hreagair, a' s a dh' imich e mach gun f hios 
a bhi aige c' àit an robh e dol ; mar is cubhaidh do 
aon de chloinn De, aig am bheil f hios trid gràis ard- 
uachdranaich, gur i deagh-thoil Athar an oighreachd 
a thoirt da ! 

Tha mi, O Thighearn, a'g aideachadh, gur breith 
chothromach leis a' bheil mi dol gu bàs ; 's a'g aid- 
eachadh do ghliocais agus do mhaitheis, an sònrach- 
adh mo thuruis trid a ghlinn ùdluidh so a tha nis 
romham. Dean còmhnadh learn chum a dheanamh 
na inneal air urram a chuir ortsa, agus an sgiamh- 
achadh m' aidmheil ! Agus bithidh mi taingeil air 
son nan goidheannan leis an glòraichear thusa, agus 
leis an sgaoilear an earrann bhàsmhor agus pheacach 
so de m' nàdur. 

Athair ghràsmhoir, cha 'n f hàgainn an saoghal so, 
agus am bothan creadhe so arms an robh mo chuairt 
am feadh a bha mi ann, gun mo bhuidheachas tain- 
geil a thoirt duit, air son a phailteis mhaitheis air 
an d' thug thu dol seachad a' m' làthair an so. Leis 
an deo ma dheire tha mi togail fianuis air do chùram 
càirdeil m' am thimchioll, nach robh aon ni maith 
am dhith. Tha mi, O Dhe, a' toirt buidheachas 
duit, gun do chaomhainn thu co fada mo bheatha 
chiontach, agus neo-fheumail : Gun do ghnà-chum 
thu suas i le d' fhiughantas saibhir. Tha mi toirt 
buidheachais duit air son gu 'n d' rinn thu toiseach 
so mo bhith cho taitneach dhomh. Gabh ri m' 
bhuidheachas air son sochairean mo laithean agus 
m* oidhchean, mo mhiosan agus bhliadhnan air a' 
bheil a nis crioch air tighinn : Gabh ri m' bhuidh- 
eachas air son sochairean m' òige agus m aois ; air 
son gach caraid caomh taitneach a bhuilich thu orm 
an tigh so mo chuairt, na tha beo agus na chaidh 
eug; air son gach cuideach a fhuair mi o chàch, 
agus air son gach cothrom a dheonaich thu dhomh 



139 



gu còrahnadh le cuirp no anamaibh mo bhràithre de 
'n chinne-daonna. Gu deimhin lean maitheas agus 
tròcair mi uile laithean mo bheatha, agus tha mòr 
aobhar agam gu èiridh am aoidh taingeil toiliclite o 
gach cuirm thaitnich leis an robh mo bhòrd air a 
f hrithealadh gu saibhir leat. Agus cha n aobhar 
mulaid learn am fàgail : Oir, O mo Dhia, an do 
theirig do mhaitheas ? Tha fios agam nach do their- 
ig. Cha dean mi na h-urrad ana-ceartais do d' 
mhaitheas agus do d' chùram, 's gun smuaintich mi 
ge d' a tha mi gus an saoghal so f hàgail, gu bheil 
mi dol o shonas. Tha mi toirt buidheachais do d' 
thròcair, gun do theagaisg thu dhomh beaehd gu 
mòr is luachmhoire trid Iosa do Mhac. Tha mi 
toirt taing dhuit le uile ehumhachdaibh mo nàduir, 
air son gu 'n cualadh mi riamh iomradh air ainm, 
agus air a bhàs : Agus bu mhiann learn gu 'm 
bithinn comasach air a bharraehd taing agus buidh- 
eachais a thoirt duit, na is urrainn domh san staid 
neo-iomlan so a dheanamh ; air son a theagaisg agus 
eisimpleir, air son fhola agus fhireantachd, agus air 
son do spioraid bheannuichte a dheònuich thu 
dhomh, chum mo chridhe peacach a thionnda riut, 
agus mo thoirt fo d' choi-cheangal ; a choi-cheang- 
ail sin, a ta air a shuidheachadh anns gach ni agus 
cinnteach, agus nach urrainn am bàs so, ge d' a tha 
e n dràst' a cuir eadar-dhealuchadh eadar m' anam 
agus mo chorp, a chuir am feasd fa sgaoil. 

Tha mi, O Thighearn a' toirt buidheachais duit, 
nach 'eil mi a dol gu has gun bhi air in' ath-ghin- 
eamhuinn, agus neo-aithreachail, ach gun do mhosg- 
ail thu gu gràsmhor mi, agus gu 'n tug thu motli- 
achadh dhomh; gun d' ath-nuadhaich agus gun do 
naomhaich thu mo chridhe, agus trid do dheadh 
spioraid gun d' oibrich thu ann creidimh neo-chealg- 
ach, fior aithreachas, agus toiseach beatha dhiadh- 
aidh. Tha mi toirt taing dhuit arson mhinistirean 
agus òrduighean. Tha mi toirt buidheachais duit 
arson mo shàbaidean agus mo làithean comun- 
achaidh; arson am beothachadh a rinn iad orm 
gach seachduin agus gach mios : Tha mi toirt buidh- 



HO 



eachais duit arson toradh Chanaain, a chuireadh 
do m' ionnsuidh san fhàsach, 's a tha nis air an 
cuir a' m' ionnsuidh air bruaich Iordain. Tha mi 
toirt buidheachais duit arson t-fhocail bheannuich- 
te, agus arson nan geallaine saibhir agus luach- 
mhor a th' ann, a tha nis mar ioc-shlaint àigh bhlàth 
aig mo chridh san uair dheuchainnich so ; gealladh 
air cuideach an àm bàis, air gloir an taobh thall da, 
agus air aiseirigh mo chuirp a chum na beatha mair- 
eannaich. O mo Dhia, tha mi toirt làn chreideas 
do 'n iomlan diubh, mòr agus iongantach mar tha 
iad, agus tha mi feitheamh ran coilionadh trid 
Iosa Criosd : anns am bheil iad uile nan seadh, agus 
nan, Amen. Cuimlmicli am focal do d' òglach, as 
an d' thug thu orm earbsadh ! Cba 'n ann air son 
saibhreas saoghalta a rinn mi cumhnanta riut, ni air 
an d' thug do ghràdh orm tàir a dheanamh, ach ar- 
son na beatha maireannaich, mar thiodhlaca do shaor 
ghràis trid Iosa Criosd mo Thighearna. Agus cead- 
aich dhomh a nis na ainm mo chòir iriosal air a 
thagradh ! Ceadaich dhomh an spiorad so a tha gu 
dealachadh ris a chorp a thiomna a' d' laimh, oir 
shaor thu e, O Thighearna, Dhe na firinn ! Is leat 
mi, Saor mi, agus dean mi subhach ! 

Ach am faod mi da rireadh a bhi cho dàna 's a 
ràdh gur leat mi ! O Dhe, tha mi nis am sheas- 
amh air bruaich an da shaoghail. Tha mi nis a' 
faicinn nithe, mar an solas do làthaireachd, agus 
siorruidheachd. Cia neo-aithrigh a tha mi gu bhi 
air mo ghabhail gu còmhnachadh le d' ainglibh agus 
le d' naomhaibh an glòir! Mo thruaighe, tha 
aobhar agam amharc air m' ais le niòr irioslachd air 
beatha bhochd, neo-tharbhach, agus pheacach, leis 
an robh mi do ghnà toilltinneach bhi air mo thilge 
do ifrinn. Ach tha 'n t-aon toileachadh s<Masach so 
agam, gun do theich mi a dh' ionnsuidh crann-ceus- 
aidh Chriosd; agus tha mi nis a'g ath-nuadhachadh 
mo theachd d' a ionnsuidh. Bhiodh smuainteach- 
adh air teachd an hithair Dhe, le fireantachd co neo- 
iomlan ri m' fhireantachd fein, deich mile uair ni 
bu mheasa n' am has. Bhitheadh a Thighearna ! 



1*1 

ach 's anii a tha mi teachd a' d' ionnsuidh mar 
pheacach ; ach mar plieacach a chreid ann ad Mhac 
arson maitheanas agus beatha : Tha mi tuiteam sios 
a' d' lathair mar chiontach bochd truaillidh ; ach rinn 
thu easan do d' shluagh 'na ghliocas, na fhirean- 
tachd, na naomhachd, agus na shaorsa. Deonaich 
dhomh mo chrannchnr a bhi am measg luchd-lean- 
mhuinn Iosa ! Buin rium mar bhuineas tu ra chair- 
dean agus ra bhràithrean ! oir tha f hios agad gun do 
ghràdhaich m' anam e, agus gun d' earb' se e fein 
gu follaiseach ri tearuinteachd a shoisgeil. Agus 's 
aithne dhomh co ann a chreid mi. Faodaidh leomh- 
ann ifrinn oirp a thoirt air uamhann a chuir orm air 
an aiseag eagallach so : Ach tha aoibhneis orm gu 
bheil mi an lamhaibh an deagh bhuachaille : agus 
tha mi dùlanachaidh m' uile naimhde spioradail, le 
làn-earbs' as a chùram tairis. Tha mi togail suas 
mo shul agus mo chridhe ris-san, a bha marbh agus 
a tha beo a ris ; agus feuch tha e beo gu saoghal 
nan saoghal/ agus tha iuchraiche a bhàis agus an 
ath-shaoghail aige. A Thighearna bheannuichte 
tha mi bàsuchadh le d' laimh, agus cha'n'eil eagal 
uilc orm a laimh mo Shlanuighear ! Cha 'n eagal 
learn am bàs sin a tha air òrduchadh dhomh le m' 
Thriath ghràdhaich, a dh' fhuiling am bàs e fein 
chum a dheanamh tearuint' agus sonadh dhomhsa. 
Tha mi tighinn, a Thighearna, tha mi teachd ni 
h-e a mhàin le m' thoil, ach le m' làn thoil aoibhinn. 
Tha mi toirt buidheachais duit gun do chuimhnich 
thu orm chum maith ; gu bheil thu a' brise mo 
chuibhreach, agus ga m' ghairm gu saorsa glòr- 
mhor cloinne Dhe. Tha mi toirt buidheachais duit 
nach ceadaich thu dhomh fuireach ni 's faide o d' 
ghlacaibh ; ach an diaigh dhomh bhi cho fada uait. 
's àill leat mo thoirt dachaidh gu buanachadh ann 
gu bràth. 

Tha mo nàdur a' fàillneadh le sealladh de 'n 
ghlòir a tha nis a briseadh a stigh orm : Ach tha 
fios agads' a Thighearna ghràsmhoir, cionnas a 
leigeas tu a stigh air m' anam e an tomhas riagh- 
ailteach, agus do chumhachd a dheanamh foirfe aim 



142 



am anmhuinneachd. Aon uair eile, mar an uair 
dheireannach, dk' amhaircinn sios air an t-saoghal 
thruagh-so a tha mi dol a dh' fhàgail, agus gu 
bòidean mo bhàis a thaosgadh a mach arson a 
shoirbheachaidh, agus arson t-eagluis ann. Thug 
mi spèis dà, O Thighearna, mar bhall beo de 'n 
chorp ; agus tha spèis agam dheth gus an deo ma 
dheire. Tha mi guidhe ort, uime sin, gun dion, 
gu 'n glan, agus gu 'n ceangail thu e an aonachd 
ni 's mò agus ni '$ mò ! Cuir tuille de d' spiorad 
beannuichte a nuas air, eadhon spiorad a ghliocais, 
na naomhachd, agus a gliràidh; gus ann ad am 
iomchnidh gu 'm bi am fàsach mar ghàrradh an 
Tighearna, agus gu 'm faic gach uile fheoil do 
shlainte ! 

Agus air mo shonsa giulain mi, O Athair neamh- 
uidh, air sgiathaibh do ghràidh mhaireannaich, chum 
an ionaid chòmhnuidh shìochail, naomha, aoibhinn 
sin, a dh' ullaich do thròcair dhomh, agus a cheann- 
uich fnil mo Shlanuighear ! Iomchair mi gu làn 
choi'-thional agus eaglais na ceud-ghin, gu cuid- 
eachd do-àireamh de ainglibh, agus gu spioradaibh 
nam firean air an deanamh foirfe ! Agus ge b'e ni 
a dh' fhuilingeas m' fheoil, biodh m' anam bunail- 
teach air a shocruchadh gu taitneach air a ghlòir 
gus am bheil e a'g èiridh ! Cuireadh creidimh a 
h obair dheireannach an gniomh air mhoclh cliuit- 
each ; agus biodh an ùine ro bheag a th' agam r'a 
bhuileachadh air thalamh air a caitheamh a chum 
do ghlòir ; agus mar 'so deonaich dhomh dol suas 
le gràdh ann am chridhe, agus le cliu air mo 
theangaidh a tha nis gun chli, chum an t-saoghail 
far am bi gràdh agus mo]adh iomlan ! Gu ma h-e 
so in' òran deireannach air thalamh, a tha mi dol a 
ghleusadh air neamh ; Moladh, agus urram, agus 
glòir, agus cumhachd, gun robh dhasan a ta na 
shuidhe air an righ-chaithir, agus do 'n Uan, gu 
saoghal nan saoghal. Amen. 



143 



Urnuigh a Chriosduidh 'an dlù bhsachd air a Bhàs. 

A Dhe naomh agus ui]e bheatmuickte, is tu a b' 
ioiiad còmhnuidh do d' shluagh, arms gach Hub. Is 
tu Dia mo shlainte. Dh' fheith mi ort, agus thig 
thu ga m' shaoradh. Theagaisg thu fein domh t- 
iarruidh, a dh' iarruidh annadsa mo shith, m' aoibh- 
neas, agus mo shonas ; agus 'nuair a thuirt thu, 
Iarruibhse mo ghnùis ; thuirt mo chridhe riut> Do 
ghmiis, a Thighearn, iarraidh mi. Na folaich do 
ghmiis uam ; na cuir air falbh t-òglach am feirg*. 
Bu tusa mo chobhair ; na fàg mi, agus na trèig mi, 
a Dhe mo shlainte. Thaosgainn a nis a mach m 
an am, m' an am gu dealachadh, ann ad làthair. Aom 
gu gràsmhor do chluas, O Dhe, agus thigeadh mo 
ghlaodh le taitneachd ann ad fhianuis. 

Tha mi nis a' faireachduinn gum bi mi 'an uine 
ro-ghearr air mo ghairm as an t-saoghal so, do 'n 
t-saoghal sin, m' an do labhair thu gu càirdeil rium. 
Cum suas, O Dhe, mo chreidimh annad fein, 'san 
uair dh' f heuchainnich so ; agus a rèir mar bhios an 
spàirn, gu ma h-amhuil a bhios mo neart. Neart- 
uich mi gu chreidsinn gur tusa, O Thighearn, a tha 
ga m' ghairm o staid so an fhulangais agus a bhròin, 
chum an t-suaimhneis a tha feitheamh air pobull 
De, chum an oighreachd sin a shealbhachadh a tha 
neo-thruaillidh, fior-ghlan, agus nach searg air falbh. 
Nochdai tu dhomh slighe na beatha; annad làth- 
airse tha lànachd aoibhncis, aig do dheas-laimh tha 
mòr shubhachas gu siorruidh. 'An làn earbsa ri d' 
thròcair, trid an t-Slanuighear, tha dòchas agam ri 
d' ghnùis fhaicinn ann am fireantachd, agus an uair 
a dhùisgeas mi, bithidh mi toilichte le d' choslas. 

A Shlanuighear bheannaichte, 's tu mo neart, 
agus m' Fhear-saoraidh, cuiridh mi mo dhòchas 
annad, agus cha bhi eagal orm. Glacaidh mi misneach 
gu dol troi ghleann sgàil a bhàis ; oir bi'dh tusa 
maille rium : bheir do shlat agus do bhata co'-fhurt- 
achd dhomh. Thuirt thu ri d' dheisciobluibh, *< Na 



144 



biodh ur cridlie fo thriobluid ; tha sibh a' creidsinn 
ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna, Ann 
an tigh m' Atharsa tha iomadh àite còmhnuidh ; 
mar biodh e mar sin, dh' innsinnse dhuibh e : tha mi 
dol a dh' ullachadh àite dhuibh. Agus ma theid mi 
agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi ris, agus 
gabhaidh mi sibh a m' ionnsuidh fein ; chum far a' 
bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna." Cuir- 
idh mi a nis m' anam air do chùram, mo Dhia, agus 
mo Shlanuighear. O ! gun robh mi air m' ionnlad 
o uile shalchar a pheacaidh, ann ad fhuil luach- 
mhoirse, agus air mo dheanamh iomchuidh gu dol 
do chuideachd nan naoimh air nèamh ! Cha 'n 'eil 
a bheag agam as an dean mi uaill, ach a d' chrann- 
ceusaidh agus a d' f hìreantachd ; cha 'n 'eil a bheag 
agam ri thagradh 'an làthair Dhe, ach t-ùmhlachd 
agus do bhàs. 'Se so m' uile shlainte agus m' uile 
mhiann. Tha mi 'g a m' thilge sios, bochd, gun 
chobhair, agus neo-aithrigh, air an tròcair sin a 
lughas aingidheachd, agus ag earbs' as an ràdh f hior 
sin, gun dthainig Iosa Criosd a chum an t-saoghail, a 
shàbhaladh pheacach air a bheil agamsa toiseach, 

O Athair, cha b' àill lcam an saoghal so fhàgail, 
gun aideacha gu taingeil a mheud de d' mhòr 
mhaitheas 's air an dthug thu dol seachad orm, am 
feadh a bha mi air mo thurus ann. Buidheachas 
duit, O Dhe, arson gun do chaomhainn thu a bheatha 
chiontach neo-fheumail so co fada, agus gun deach 
a coigleadh, leis na h-urrad de d' f hiùghantas. Tha 
mi toirt taing dhuit arson sochairean mo làithean 
agus m' oidhchean, mo mhiosan agus mo bhliadhnan, 
air a' bheil a nis crioch air tighinn : Tha mi toirt 
buidheachas duit arson sochairean m' òige, agus 
in' aois ; arson na 'n càirdean gaolach a bhuilich 
thu orm, ann an tir so mo chuairt ; arson gach 
còmhnadh a fhuair mi o mhuinntir eile ; agus arson 
gach cothrom a bhuilich thu orm gu bhi feumail do 
chorpaibh agus do anamaibh mo cho'-bhràithre de 'n 
chinne-dhaonna. Gu cinnteach lean maitheas agus 
tròcair rium, uile làithe mo bheatha. 

Le m uile anam tha mi toirt buidheachas duit ar- 



145 



son gu f n cuala mi riamh iomradh air èifeachd a 
bhàis Blieirinn cliu dhuit, O Dhe, arson saibhris 
do ghrais a nochdadh ann ; arson fhola phriseil, agus 
fhireantachd iomlan ; arson a theagaisg agus eisimp- 
leir, agus arson an Spiorad Naoimh a thug thu 
dhomh, chum m' inntinn pheacach aomadh a d' 
ionnsuidh, agus mo thoirt an taobh a stigh do d* 
choicheangal ; an coicheangal sin a tlia air a dheadh 
riaghladh anns gacli ni agus cinnteach, agus o nach 
urrainn am bàs so, gad a chuireas e eadar-dhealach- 
adh eadar m' anam agus mo chorp, a chaoidh a chur 
fa sgaoil. 

Tha mi toirt taing dhuit, O Dhe, arson na fianuis 
shòlasaich a thug thu dhomh, nach 'eil mi dol eug 
ann an cor neo-iompaichte agus neo-aithreachail ; 
ach gun do mhosgail agus gun dthug thu geur-mho- 
thachadh gràsmhor dhomh; gun d' ath-nuadhaich 
agus gun do naomhaich thu mo chridhe, agus gun 
d' oibrich thu ann, trid do dheadh Spioraid, creid- 
imh neo-chealgach, fior aithreachas, agus toiseach 
beatha dhiadhaidh. Buidheachas duit arson òrduigh- 
ean agus mhinistirean an t-Soisgeil; arson toradh 
Chanaain a chuireadh a m' ionnsuidh anns an fhàs- 
ach, 's a tha nis air a chur a m' ionnsuidh air bruaich 
Iordain. Taing dhuit arson t-Fhocail bheannuichte, 
agus arson na'n geallaine mòr agus priseil a th' ann, 
a tha nan ìocshlaint àigh do m' chridhe, anns an 
uair dh' f heuchainnich so ; gealladh air cas-sheas- 
amh an àm bàis, agus air gloir an taobh thall deth, 
agus air aiseirigh mo chuirp chum na beatha mair- 
eannaich. O mo Dhia, tha mi gu deimhin ga 'n 
creidsinn uile, mòr agus iongantach sa tha iad ; agus 
tha mi feitheamh ra'n coilionadh, trid Iosa Criosd, 
anns a' bheil iad uile nan seadh agus nan amen. 
Cuimhnich t-fhocal do d' òglach, air an dthug thu 
orm mo dhòchas a shocrachadh. Do d' laimhse tha mi 
tiomna suas mo spioraid a tha gu dealachadh ; oir 
shaor thus' e, O Thighearna Dhe na firinn ! 

Ach am faod mi da rireadh a shaoilsinn gur leatsa 
mi ? Mo thruaighe ! tha aobhar agam le trom irios- 
lachd, sealla cùil a thoirt air beatha a chaidh a 
O 



146 



bhuileachadh gu neo-fheumail, anns an robh mi gu 
laitheil a' peacacbadh a d' aghaidh. " Ma chomh- 
araicheas tusa, O Dhe, aingidheachd a mach, cò 
sheasas a d' f hianuis ? Ach tha maitheanas agadsa ; 
agus uime sin bithidh eagal air daoinibh romhad. 
Tha mi a' feitheamh air an Tigliearna, tha m' anam 
a' feitheamh, agus na fhocal tha mo dhòigh." 
Theich mi chum crann-ceusaidh Chriosd ; agus tha 
mi nis ag ath-nuadhachadh m' iartuis. Tha mi 
teachd a d' ionnsuidh, o Thighearna, mar pheacach ; 
ach sann mar pheacach a chreid ann ad Mhac arson 
maitheanas, agus flreantachd, agus beatha. Tha mi 
'ga m' shleuchda sios a d' làthair mar chiontach 
truaillidh ; ach sann Uaith-san a tha fluthair agam 
gach ni a ni feum dhomh fhaotainn, neach a rinn 
thu dhomh na ghliocas, na fhireantachd, na naomh- 
achadh, agus na shaorsadh. O ! deonaich dhomh 
mo chrannchur a bhi am measg luchd-leanmhuinn 
losa ! Buin rium mar bhuineas tu riusan a tha 
na 'n càirdean agus nam bràithrean dà. 

A Thighearna. is aithne dhuit gun do ghràdhaich 
m' anam an Slanuighear, agus gun d' earb mi as, 
agus gun d' earb mi mo shonas siorruidh r'a shois- 
geul. Agus a nis tha mi togail suas mo shùl, agus 
mo chridhe, ris-san a bha marbh agus a tha ris beo, 
sa bhios beo gu saoghal nan saoghal, agus aig a' 
bheil iuchraichean a bhàis agus an t-saoghail neo- 
aithnichte. A Shlanuighir ghràdhaich ! Tha mi 
teachd air t-iartus, agus cha bhi eagal uilc orm. 
Taing dhuit gu bheil thu gam' ghairm dhachaidh, 
far an do shocraich mise m' ionmhas agus mo 
chridhe. Thoir mi, ann ad am iomchuidh, gu 
saorsadh glormhor cloinne Dhe. 

Eisd ri m ùrnuigh, O Dhe, as leith soirbheach- 
adh t-eaglais air thalamh. Dion i, guidheam ort, 
agus glan i, agus ceangail suas i ann an aonachd 
ni 's mò agus ni 's mò. O ! gun dealraich an solus 
sin a tha air òrduchadh gus na Cinnich a shoill- 
seachadh, agus gu bhi na uaill do d' phobull Israel, 
thairis air an domhan uile, ionnas gum bi daoine 
beannuichte ann an losa, agus beannuichidh gach 



147 



cinneacìi e< Cuir tuille de d' spiorad beannuicht' a 
nuas air Sion, eadlion Spiorad a ghliocais, na 
naomhachd, agus a ghràidh, air chors gum bi ani 
fàsach mar mhacliair thordhaich, agus a mhachair 
tliordhacli mar fhìonain tharbhaich. 

Agus a nis, O m' Atliair neamhuidh, ciod air a' 
blieil mi feitheamh ? tha mo dhòigh ann ad tliròcair. 
O ! giulain mi air sgiathaibh do ghràidh shiorruidh 
do 'n ionad sliìochail aoibhinn sin a dli' ullaich 
Criosd air mo shon, Ghabhainn a nis còmlirmidh 
'an co'-chricli an t-saoghail neo-fhaicinnich, air an 
ni sin a bhios na chruit-chiùil domli gu linne na 
sioruwidheachd, " Beannuchadh, urram, agus glòir, 
agus cumhachd, gun robh dhàsan a tha na shuidh 
air an righ-chaithir, agus do 'n Uan gu suthain 
siorruidh." Amen. 



Urn dig h teaghlaichy arson maduinn làan Tighearna. 

O dhe gldormhoir agus gliràsmhoir, Atliair ar 
Tigliearn agus ar Slanuighir Iosa Criosd ! tha 
shine do clireatuirean ag iarruidh teachd am fagus 
duit, trid an Eadar mheadhonair, a chum aoradh 
agus urram a thoirt duit, mar is cubliaidh do 
Ughdar ar bith, agus do stèidli ar sonais is ar 
dòchais. Cò nach tugadh glòir dhuitsa, O Dhe, 
cò nach eliuthaieheadh t-ainm, O a Righ nan 
naòmh ! 

Tha sinne ag aideachadh nach 'eil sinn air chor 
sam bith airidh no iomcliuidh air teachd dlù dhuit, 
no air comunn sam bith a bhi againn maille riut ; 
ach tha sinn a' teachd do t-ionnsuidh ann an ainm 
aon Mhic do ghràidh, ar Tighearna, 's ag earb- 
sadh a cuideacha do Spioraid blieannuichte gu 
còmhnadh leinn. 

Cliu dhuit gu bheil sinn air ar gleidhe tearuinte 
gu solus an là so, 's gur e là an Tighearna ta ann. 
O 2 



148 



Anns an là so ni sinne gàirdeachas, agus le miltibh 
d'ar co-chreatuiribh anns gach àite, coimhididh sinn 
an t-sàbaid naomha./ Buidheachas duitsa gu bheil 
an t-sàbaid agus an soisgeul air am buanacha leinn 
fathasd, nacli 'eil ar coinnleir air atharrachadh as 
àite, mar a thoill sinn, agus nach 'eil sinn gu diomh- 
ain a' guidhe gum faiceamaid là do làithìbh Mhic an 
duine. O maith dhuinn co mor as a mhi-bhuilich 
sinn na làithe so san ùine chaidh seachad, agus 
cuidicli leinn an t-sàbaid a choimhead ni's fearr, a 
chum as gum bi sinn ni's iomchuidh arson sàbaid 
shiorruidha glileidbe maille riutsa ann ad riogliachd. 

Tlia sinn a' cumail an là so naomha chum urram 
a chur ortsa, O Due, Athair uile-chumhachdaich, 
a chruthaich nèamh agus talamh, 'sa rinn gach ni 
le focal do chumhachd. Mar a ghabh thusa fois o 
d' shaothair air an là so, is amhuil a ni sinne; ga 
mheas mar an onoir is mò, is mar an obair is 
urramaiche, bhi toirt aoraidh dhuitsa, Cruthai'ear 
is Fear-riaghlaidh an domhain, d'an dligheach aor- 
adh agus urram agus gloir. 

Tha sinn a' cumail an là so naomha mar onoir air 
an Fhear-shaoruidh bheannuicht, a dh' èirich o na 
mairbhaibh air a cheud là de'n t seachduin, leis an do 
dhearbh e le cumhachd gum b'e Mac Dhe. Cliu do 
Dhia, an dèigh dha a bheatha leige' sios arson ar 
peacaidh, gun d' èiricli e ris a chum ar firinneacha', 
mar cheud-thora na h aiseirigh agus na beatha 
dhuinne. O gu mothaicheamaid an diugh ann ar 
n-anamaibli cumhachd aiseirigh, a chum as gun 
èireamaid o bliàs a pheacaidh gu beatha fireantachd ; 
o dhiomhanas an t-saoghail so, gu beatha naomha 
nèamhaidh agus spioradail ! 

Tha sinn a' cumail an là so naomha mar urram 
do d' Spiorad naomh, an Co'f hurtair. a thainig air 
na h-abstoil air a cheud là do'n t-seachduin, a chum 
gun gabhadh e còmhnuidh leis na naoimh gu ath- 
theachd ar Tighearna. \ O gu'n gabhadh e còmh- 
nuidh maille ruinne, 's gun riaghladh e 'nar cridh- 
eachaibh, a chum as gum biodh ar nàdur air a 
naomhachadh ! Thig, O a Spioraid bheannuichte 



149 

» 

iia'n gras ! is beothaich na cridheacha marbha 
so; is arms gach cùis tlioir dhuinn seola, comlma, 
agus co'f hurtaclid : a chum as gum faicear, le 'r giu- 
lan, gur aim do Chriosd a bhuineas sinn san t 
saoglial so, 's nach tig aon again n goirid air glòir 
ann an saoglial eile. 

Tha sinn a' toirt buidheacliais duit, O Thigh- 
earna, arson t f hocail naomh, a thug thu dhuinn 
gu bhi na sholus d'ar cois, is na lòcliran d' 
ar ceuniaibh. Tha sinn a' guidhe' nach bi gràs 
Due air a thoirt duinne an diomhain. Cliu dhuit 
gu bheil ar sùilean a' faicinn soluis, agus ar cluasan 
a' cluinntinn fuaim aoibhneach soisgeil na slàinte. 
Gloir do Dhia aims na h ionadaibh as airde, gu 
bheil anis beatha 's neo-bhàsmhoireachd air an toirt 
gu solus, trid Iosa Criosd, gu bheil sith air thalamh, 
agus deagh thoil o Dhia do dhaoinibh ! 

Maith dhuinn, O Dhe, air sgà Chriosd, ar n 
uile pheacanna, lionmhor agus antromach mar ata 
iad. Pheacaich sinn gu trie is gu dàna; nar giulan, 
is chunnaic do shùilse gach beud air bith a rinn 
sinn. Air sgà Chriosd, O Dhe ! dean trocair ; 
dean trocair oirne, peacaich. Saor sinn o cliumli- 
achd a pheacaidh san t saoglial so, 's o dliite san 
t- saoglial eile. Oibrich annainn aithreachas, creid- 
imh, agus gràdh ; gus am bi sinn mar is àill leat 
sinn a bliitli, air ar naomhacha le d' Spiorad, agus 
iomchuidh arson do rioghachd. 

Tha sinn a' deanamh gàirdeachas anns an dòchas, 
'nuair tha sinne 'n so ri urnuigh aig cathair nan 
gràs, gu bheil ar Slanui' ear beannuichte 'na shuidhe 
aig deas-lainih cathair na glòir, a' deanamh eadar- 
ghuidhe as arleth. Air sgà fhulangais, ùmlilachd, 
agus eadar-ghuidhe, O Dhe, bi reidh ruinn, is na 
biodh ar cionta, mar neul, a' cumail uainn do 
thròcair is do cho'f hurtachd An diugh, na foluich 
do ghnùis, na ceil do ghràs, na cum uainn do 
Spiorad. 

Cuidich leinn, tha sinn a' guidhe, ann an obair 
chràbhaidh an là naomha so. Cuidich leinn dluth- 
acha riutsa le cridhe ceart, le inntinn shuidhichte, 
O 3 



150 



le creidimh beo, 's le gràdh laiste. Coinnich sinn 
ann ad thigh-aoruidh le beannucha: maisich do 
theampull agus t-òrdugh fein le d' làthaireachd ; is 
thigeadh t-f hocal a steacli d'ar n anaraa le beatha 
agus le cumhachd. Biodh e mar shiol air a chur 
ann an deagh fhearann, a ghabhas freumh, 's a 
bheir amach pailteas toraidh. Biodh ar n urnuigh 
agus ar mola na 'n iobairte spioradail, taitneach 
ann ad làthairsa, trid Iosa Criosd ar Tighearna. y 

Biodh do làthaireacbd anns na h uile co'thional 
Criosduidh air an là 'n diugh: biodh peacaich air an 
iompachadh gu aithreachas, agus naoimh air an daigh- 
neacha nan creideamh, a' sior-fhàs anns na h uile 
gràs agus cofhurtachd. Eisd, tlia sinn a' guidhe', 
gach urnuigh a chuireas t-Eaglaisean suas arson 
rioghachd an t Slanuigh'ir a mheudachadh. Eisd 
gach athchuinge arson ar righ agus ar dùtlicha. 
Amhairc air staid gach neach ann am bròn, ann am 
bochduinn, no ann an triobluid air bith, a bhios an 
diugh air an earbsa' riut, oir cha 'n f haillnich gu 
bràth do thròcair. 

Cuidich le d' sheirbhiseach tha ri labhairt ruinne 
'n diugh, a theachdaireachd a reic le cumhachd, is 
focal nafirinn a roinn gu ceart, a chum as gum faigh 
gach aon a chuibhrionn fein ann an àm iomchuidh. 
Ullaich esan arson labhairt, ullaich sinne arson èis- 
deachd, is deonuich dhuinn le chèile gach tiodhlac a 
chi thusa maith dhuinn, a thaobh cuirp agus anama, 
aimsir agus siorruidheachd. So tha sinn a r guidhe' 
ann an ainm agus as leth aon Mhic do ghràidh, ar 
Tighearna, 's na bhriathraibh beannuichte-san tha 
sinn a' co-dhunadh ar n ùrnuigh, 's ag ràdh, Ar n- 
Athair ata air neamh, fyc. 



151 



Urnuigh teaghlaich, arson feagsar là an Tighearna. 

\ 5 Iff Q I ìfilll , itin 10^7 rtù^ 

O Dhe naomha ghlormhor agus bheannuichte, 's 
ann duitsa'mhàin is cubhaidh aoradliagus urram, oir 
is tu an t-aon Dia beo agus fior. Righ nan righ- 
rean agus Tighearna nan tigliearnan. Tha aingil 
agus àrd-aingil a sleuchdadh sios ann ad làthairse 
le urram ; tha milte de spioradaibh glormhor a' frith- 
eala' dhuit, is deich mile na'n seasamh ann a 
t-fhianuis. Tha sinne ga mheas mar an onoir. is 
m , gu bheil comas againne cuideachd teachd am 
fagus duit, a clmm cliu agus urram agus cumhachd 
agus buaidh, a thoirt do 'n Dia sin a tha, a bha, 
agus a bhitheas, is do 'n Uan a tha 'na shuidhe air 
an righ-ehathair. 

Is beannuicht iadsan gun amharus, aig am bheil 
an còmhnuidh ann an cuirtibh naomh do theach air 
nèamh, far am faic iad gun sgàil do ghloir, 's an 
cliuthaich iad gun sgios do mhaitheas. Is sona 
sinne cuideachd aig am bheil comas dol ionnsuidhdo 
theampuill air thalamh, far am bheil thu a' leige' ris 
saibhreis do thròcair is do ghràis, agus a' pairteach- 
adh coilion sochair. Is sona sinne aig am bheil comas 
gach uair teachd a dh' ionnsuidh cathair nan gràs trid 
Iosa Criosd, athacomasach air iadsan a thearnadh gus 
a chuid is faide a thig a dh' ionsnuidh Dhe da thrid- 
san. 

'Na ainmsan, O Athair, tha sinne 'gar taisbeana' 
fein ann ad làthair, ag iarruidh cùl a chur ris an t 
saoghal, ris an fheoil, is ris an aibhisteir, is thns 

a roghnacha' mar ar Dia is mar ar cuibhrionn. 

Ach an gabh Dia gun amharus ri creatuiribh co 
peacach agus co grained? Ann am peaca ghine- 
adh sinn, agus ann am peacadh ghluais sinn. 
Bha sinn easumhal d'ar Dia, faillneach d'ar 
coimhearsnach, is dearmadach air leas ar n anama 
fein. Co de t aitheantaibh nach do bhrist sinn; 
cò de d'thiodhlacaibh nach do mhi-bhuilich sinn, 
is cò de d' shàbaidibh nach do mhi-naomhaich sinn ? 
Dhearmaid sinn na nithe bu chòir dhuinn a dliean- 



152 



amh, is rinn sinn na nithe bu choir dhuinn a sheach- 
nadh ? O'r n òige gu ruig an uair so, bha sinn a' 
cur peaca ri peaca, 's a' càrna feirge dhuinn fein fa 
chomhair là na feirge. Mar f halt ar cinn, no mar 
ghaineimh na tràgha, mar sin oscionn àireamh tha 
lionmhoireachd ar peacaidh. 

'S cha 'n e 'mhàin gu bheil ar peacanna lionmhor, 
ach tha iad ro-antrom mar an ceudna. Pheac- 
aich sinn an aghaidh an Dia a chruthaich agus a 
ghràdhaich sinn; an aghaidh an t-Slanuighir a 
bhàsaich air arson agus a shaor sinn ; an aghaidh 
an Spioraid leis am b' àill ar naomhacha 's a thug 
dhuinn coilion còmhna agus cofhurtachd. Pheacaich 
sinn an aghaidh soluis agus eolais ; an aghaidh 
ar n-aidmheil agus ar dòchais an aghaidh ar 
mòidean, ar geallaidhean ar n-ùrnaighean, is ar 
coguis; an aghaidh gach bagradh eagallach san lagh, 
's gach gealla sòlasach 'san t soisgeul ; air chor as 
nan gairmeadh lu sinn gu cunntas, nach b' urra 
sinn lethsgeul air bith a thoirt duit arson aon ann 
am mile d'ar lochdaibh. Nan tuga tusa dhuinn, O 
Dhe, am mile cuid d'ar toillteannas, bha sinn fada 
roimhe so air ar glasadh ann am priosun truaighe 
gun dùil ri tròcair, 's gun dochas gu bràth ri furtachd. 

Tha sinn, O Atliair neamhaidh, le bròn agus le 
doilghios cridhe, ag aideachadh ar cionta, 's a' 
caoidh ar n-amaideachd. Tha sinn ag aideacha' 
nach airidh sinn air a chuid is lugha de d' thròcair, 
's gun do thoill sinn gu trie an t-iomlan de d' chor- 
ruich. Ach cliu do t ainm, ge do rinn sinne sinn 
fein a sgrios, annadsa gu bheil ar cobhair. Buidh- 
eachas duit gun do dheasuich thu fein iobairt agus 
Eadar-mheadhon'ear, 's gu bheil iad so air an tairgse 
dhuinn gu saor anns an t-soisgeul. Tha sinn ag 
iarruidh greim a dheanamh air an t-slainte mhòir so, 
's ar dochas a chur ann am fuil, fulangas, agus 
fireantachd an Fhir-shaoruidh. 

'Sa chum as gum faodamaid so a dheanamh le tearuin- 
teachd, tha sinn a ' tairgse gun ghnothach tuille bin 
againn ri peaca, 's a' guidhe gum bi sinn air ar 
saoradh araon o a chumhachd agus o a chionta. 



153 



O Athair, seall anuas oirn aim an iochd trid losa, 
's gabh ruinn gu gràsmhor ; oir is sinn do chlann, 
ge do chaidh sinn air seachran ; obair do làmha fein, 
na trèig sinn. 

Air sgà Chriosd, a bha na iobairt-reitich arson 
peacaidh, labhair sitli ruinn, agus lion sinn le uile 
ghràsaibh do Spioraid. Claoidh ar n-uabhar agus 
sgeadaich sinn le li-irisleachd. Ceannsuich ar n-ana- 
mianna, 's eomhdaich sinn leis an spiorad mhacant 
agus chiùin sin, a tha ro-luachmhor ann ad sliealla. 
Claoidh gacli sannt, fuath, farmad, mi-run agus mi- 
sheirc nar cridhe, 's lion ar n-anama le gràdh neo- 
chealgach do na li-uile dhaoinibh, agus le gràdh gun 
chaochla' dhuitse. 

Leig fhaicinn duinn diomhanas an t-saogbail so, 
a chum as nach saoil sinn gum faod e ar deanamh 
sona. Leig fhaicinn duinn grainealachd a pheacai, 
's an truaighe thig na dhèigh, a chum as gum fuath- 
aich sinn e le h-eagal. Leig fhaicinn duinn cia 
luachmhor an t-anam, cia cudthromach siorruith- 
eachd, is cia priseil an cothrom a th'againn aris air 
bhi gu siorrui' sonadh. O gun deanadh do ghràs ar 
deasachadh arson an atharrachaidh mhòir sin a thig 
oirn gu cinnteach agus gu goirid, 's a dh' fhaodas 
teachd oirn gu grad : a bheir air falbh sinn o shaogh- 
al dhaoine gu saoghal spiorad ; o staid deuchainn 
gu staid luigheachd. O gun deanadh do Spiorad 
iomchuidh sinn arson pairt a bhi againn an sin de 
oighreachd nan naomh ann an rioghachd an t- 
soluis ! 

Ullaich sinn, O Dhe, arson ni sam bith a dh' 
fhaodas tachairt duinn eadar an oi'che so 's an 
uaigh. Cha'n 'eil fios againne ciod tha romhainn, 
ach tha fios agadsa; 's tha sinn a' guidhe' gun 
cuidich thu leinn do thoiJ a dheanamh, agus do thoil 
a ghiulan, mar is cubhaidh dhoibhsan aig am bheil 
fios gun toir thu air na h-uile nithe oibreacha' le 
chèile chum leas na muinntir tha tabhairt gràidh 
dhuit. Cuidich leinn thusa chur romhainn anns gach 
ball, ar cridheachan a thoirt suas do d' thoil, co- 
chomunn a ghloidhe' riut 'nar n-anam, agus earbs' 



154 



a dlieanamli as do chumhachd, as do fhreasdal, as do 
ghealla, 's as do thròcair ; a chum as gum bi ar diadh- 
achd 'na solas duinn, co maith as na h-obair. 

Cuidich leinn, trìd docair agus socair, leantuinn gu 
dlù ri Criosd ar ceannard, gu la ar criche. An sin, 
O deonuich gum bi ar n-obair criochnaicht, is ar n- 
anama reidh riut ; 's gun òrduich do fhreasdal agus 
do Spiorad na h-uile nithe air sheol as gum bi ar n- 
atharracha' gu saoghal eile làn de shòlas is de cho- 
fhurtachd. An sin bi leinn roi' ghleann dorcha 
sgàile bhàis, is thoir ar n-anam sàbhailte gu aoibh- 
neas ar Tighearna. 

O gun dealradh solus nan uile Chriosduidhean air 
feadh an t-saoghail gus am bi na h-uile dhaoine na'n 
Criosduidhean. Soirbhich le d' shoisgeul gu h- 
àraid anns na rioghachdaibh so d'am buin sinne. 
Beannuich dhuinne, 's do gach neach a bha ga èisd- 
eachd, am facal a chuala sinn air an là 'n diugh. 
Gabh ri'r n athchuinge 's ri'r n iobairt trid Chriosd ar 
n Ard-shagart, is na agair sinn arson faillinn air bith 
'nar n-aoradh. Tha sinn a' caoidh gun robh ar n- 
aigne co mall, ar cridhe co fuar, 's ar smaointe co 
luaineach. Lugh dhuinn co trie as a mhi-bhuilich 
sinn meadhona nan gràs ; co trie as a leig sinn le 
gnothaichibh, le cùram, is le solas an t-saoghail so 
am focal a mhuchadh ann ar n-anam. O na biodh 
a' chùis mar so an diugh, is na biodh an t-sàbaid so 
air a cur sios ann an àireamh nan sàbaidean a chaill 
sinn ! 

An diugh ma chaidh smaointe cuidreamach sam 
bith a dhùsgadh 'nar n-anam, na leig leinn an call, 
nuair a philleas sinn gu obair na seachduine 's gu 
gnothaichean an t-saoghail. Ma fhuair sinn sealla 
de chuid sam bith d'ar peacaidh, cuidich leinn air 
ball an trèigsinn : ma fhuair sinn eolas air tuille 
d'ar dleasnas, cuidich leinn air ball cur ma thim- 
chioll. Bitheamaid an diugh air ar toirt astar là 
sàbaide ni's dlùithe do Dhia 's do neamh na bha sinn 
roimhe : air chor as gum faod sinn a ràdh, gur fearr 
aon la ann an aoradh Dhe na mile là ann an àit 
eile. 



Bi crocaireacb, a Dhe, do gach uireas'ach agus 
easlainteach a chaidh an diugh earbsa riut, is do na 
h-uile ta 'sa chor cheudna. Dean ioclid air an cuirp 
is air an anamaibh, is na dearmaid aon neach d an 
dòchas thu le cridhe treibhdhireach. 

Anis, O Athair, tha sinne gar fàgail fein a nochd 
air do chùram, 's a' tairgse luidlie' sios fo sgàil do 
sgèith agus cadal. O dean thusa faire os ar cionn : 
sgaoil brat do gliràidh tharuinn, is thoir àithne do 
t-ainglibh mu'r timchioll. Deonuicli gur tu fein is 
deireannaiche bhìos 'nar smaoirtibh 'nuair a luidheas 
sinn, 's is luaitlie bhios 'nar n-aire 'nuair a dhùisgeas 
sinn, Tha sinn a' guidhe' gu h-àraid, nuair a chaid- 
leas sinn an cadal deireannach, gum bi ar anama 
rèidh riut, is 'nuair a dhùisgeas sinn air là na h- 
aiseirigh, gum fàiiltich ar Tigbearna sinn a steach d'a 
aoiblmeas. Annsan dcchas so, dhuits' O Athair, 'a 
Mhic, agus a Spioraid naoimh, gun robh gach cliu, 
agus moladh fad saoghal nan saogbal. Amen. 




Urnuigh mkaid?ie, arson Teaghlaick, air là seachdit in-. 

O Dhe ghlormhor agus naomha, bheann^icht agus 
mhaith, a chruthaich sinn, 's a chum gu ruige so 
beo sinn ! tha sinn a' tairgseadh, air maduinn an là 
so, sleuchdadh aig stòl do choise, gu d' mhaitheas 
aideacha ? s gu d' thròcair iarruidh. Is Tusa, O 
Fhir-faire Israeil air nach aom cadal no suain, a 
ghleidh tearuinte sinn air feadh na h-oi'che cbaidh 
seachad, 's a thug air an là nuadh so dealradh oirn. 
Bha do ghairdean mu thimcbioll ar fardaich agus 
ar leapach is rinn thu ar coimhead an àm ar codail, 
o uile chunnartaibh agus uabhasaibh na h-oi'che. 

Ciod a dh" iocas sinn duit, O Dhe, arson meud d» 
mhaitheis do chreatuiribh peacach mar sinne, nach 
'eil a toilltinn an aon is lugha de d' thiodhlacaibb ? 



156 



Ann an àìte cùram air bith a ghabhail dinn air an 
oi'che chaidh seacbad, '& ann a thoill sirm gun deanadh 
tu ar codal 'na bhàs, agus ar leaba 'na h-uaigh dhuinn. 
O gun deanadh do mhaitheas agus t-fhoighidinn, a 
choigil sinn gu là eile, ar stiuradh a nis gu aitbreach- 
as agus leasacha-beatha. 

Tha sinn, O Dhe, a' gabhail nàire is rugha gruaidb 
dbuinn fein, tra smaointicheas sinn air Jionmhoir- 
eachd ar locbdan. Cia trie a bba sinn eas-umbal do 
d' lagh naomha-sa, gun suim againn do cheanglaich- 
ibb no do chomainibh ar De ! Cia trie a pheacaich 
sinn an aghaidh gràis do sboisgeil, 's an aghaidb 
saibhreis do ghràidh ann an Iosa Criosd ! 

'An so, O Dhe, aig cathair nan gràs, tha sinn ag 
aideachadh ann ad lathairsa ar n-uile easaontais ; 
peacaidh ar smaointe, ar briathra, agus ar gniomh- 
ara; peacaidh dearmaid, agus deanadais, a t-agh- 
aidh-sa, an' aghaidh ar coimhearsnaich,' s an aghaidh 
ar n anama fein ; is tha sinn le'r n-uile dhurachd a' 
guidhe' maitheanas annt air fad, air sgà aon Mhic 
do ghràidh, ar n-aon Fhear-saoruidh is fear-tagraidh 
ar cùise ris an Athair. As a leth-san tha sinn a' 
guidhe gun dean thu iochd oirn, *s naeh cuimhnich 
thu ar n-aingidheachd ni's mò 'nar n- aghaidh. 

Tha sinn a' tairgse' bròn diadhaidh a dheanamh 
arson ar peacaidh, cul a chur riu air fad, agus sinn 
fein a thoirt suas duitsa, chum naomhachd beatha 
ann an Criosd. Is i ar guidhe gum hi ar corp, ar n- 
anam, agus ar spiorad, air am buileacha do ghnà ad 
sheirbhis, 's gum bi ar giulan mar is cubhaidh do 
luchd ar n-aidmheil agus ar dòehais. Is i ar guidhe 
bhi cothromach agus diadhaidh, ciuin, iriseal agus 
iochdmhor, gun chomunn sam bith a bhi againn 
ri peaca no ri peacaich; ach a' caitheamh ar beatha 
do è,hnà a r&lr focail ar De agus eisempleir ar 
Tighearna. 

'S a chum gum biomaid comasach air gluasad 
maille riutsa air an doigh so, tha sinn a' guidhe', O 
Athair neamhaidh, gun toir thu dhuinn comhnadh 
agus gràs do Spioraid. Gheall thu so do gach 
neach a dh'iarradh e gu treibhdhireach ; biodh e 



157 



dhuinne do rèir t-fhoeail, anns an do chuir sinn ar 
dòchas. Ge do mhùch sinn gu trie do Spiorad, 's 
ge do thilg sinn air cùl a chomhairle ; gidheadh na 
tilg thusa gu tur sinn as do làthair; na ceil oirn do 
ghras, is na buin uainn do Spiorad. An àite sin, 
deonuich gun gabhecòmhnuidh shuidhichte narcridh- 
eachaibh, mar ann an teampuill thaghta ; gun cuid- 
ich e leinn ar n-anamianna chlaoi' 's a chumail fo 
cbois ; is gun toir e dhuinn seola, còmhna, agus 
cof hurtachd ; a chum as gun ruith sinn le solas ann 
an sligbe t-àitheantan, gus an ruig sinn crioch ar 
docliais, eadhon slaint ar n-anama. 

Anis nuair tba sinn a' tionsgnadh air là eile, tha 
sinn a' guidhe', O Dhe, gum bi do thearna', do 
stiura', 's do bheannuchadh againn trid an iomlan 
detb. Biodh ar smaointe, ar briathra, 's ar gniomha, 
gu leir air an riaghla leatsa. Biodh fuath againn 
do gach ni tha fuathach leatsa, agus tlachd do gach 
ni sam bheil tlachd agadsa ; a' deanamh do thoil, no 
ga fulang, 's a' feitheamh ri d' shlainte trid Iosa 
Criosd ar Tighearna. 

Nuair tha sinn a dol amach feadh saoghail, anns 
am bheil mile cunnart agus buaire 'gar cuartachadh 
air gach taobh, tha sinn a' guidhe' nach fàg thusa 
sinn gu'r stiura' fein, 's nach leig thu dhuinn a bhi 
air ar glacadh ann an rib a pheacaidh. Gun robh 
Dia mar ghrian agus mar sgia dhuinn an diugh, s 
gun deanadh a Spiorad ar coimhead o shlighe gach 
buairidh ! Gun robh sinn gu sonraicht air ar coimh- 
ead o gach peaca leis an usa na chèile iadhadh mu'r 
tiomchioll, a chum as nach faigh ar nàmhaid oirn 
fàth no cothrom ! 

Soirbhich leinn, tha sinn a' guidhe', ann an 
gnothaichibh an là so, agus na seachduine. Deon- 
uich, ann ar n-uile dhreuchd agus obair, gun gluais 
sinn maille riutsa; 's nar n uile ghnotbaichibh ri 
daoine, gun dean sinn riusan mar bu mhaith leinn 
iadsan a dheanamh ruinne ; 's mar is cubhaidh do 
luchd aidmheil a chreidimh sin a tha teagasg 
dhuinn gach uile mhi-dhiadhachd is anamianna 
saoghalt àicheadh, 's a bhi measarra, cothromach 
P 



158 



agus diadliaidh. An sin gabhaidh sinn misneach 
gum beannuich thus' ar saothair, 's gun daighnich 
thu obair ar làmhan. 

Na leig dhuinn, tlia sinn a' guidhe', bhi uair sam 
bith co mor air ar buaire' le gnothaichibh is cùram 
na beatha so, 's gun dean sinn dearmad air an aon 
ni fheumail, slaint an anama neo-bhàsmhor. A Dhe 
cuidich leinn so a chuimhneacha leis a cbùram is 
leis an durachd is mò ; a chum as nuair thig oi'che 
bhàis, gum bi misneach laidir againn gun duisg sinn 
gu sonas bithbhuan. 

O Thusa ghabh curam dhinn feadh na h-oi'che 
chaidh seachad, 's a thug comas duinn cruinneacha' 
le cheile aig cathair nan gràs air maduinn an là so, 
tha sinn a' guidhe gun dean thu fair oirn mar an 
ceudna fad oi'che bhais agus cadal na h-uaighe, 's 
gun taisbeanar sinn le gairdeachas, gun aon againn 
air chall, aig cathair na gloir air maduinn na li- 
aise irigh ! 

Seall, a Dhe, ann an iochd air an iomlan de d' 
theaghlach mor air thalamh ; is fiosraich cor gach 
neach, a reir am feum fa leth. Bi ann ad charaid 
d'ar càirdibh ; thoir maitheanas d'ar nàimhdibh ; is 
meudaich gràs do na h-uile dhaoinibh. Faigheadh 
an soisgeul tuille buaidh, is thugadh e mach tuille 
toraidh. Faicear gu h-àraidh a thoradh ann an 
giulan gach aon againne. — Na nithe so, 's gach ni 
eile chi thu' iomchuidh ar arson, tha sinn a' guidhe' 
ann an ainm aon Mhic do gràidh, ar Tighearna ; 
a theagaisg dhuinn a ràdh, Ar n-Athair ata air 
neamh, &c. 



Urnuigh Fheasgair, qrSon Teaghlaich. 

O Thighearna Dhe ! is tusa Righ nan righrean 
agus Tighearna nan tigliearnan ; tha do riogliachd 



?%71 MÙL 



159 



oscionu na h-uile rioghachd, is t-uachdranachd o 
linn gu linn. Tha thu neo-chriochnach ann an 
gliocas, ann an cumhachd is ann an trocair : is tu 
uime sin stèidh dochais chloinn nan daoine. Co 
ionnsuidh thèid sinne ach do t-ionnsuidh-sa ; oir is 
tu amhàin o'n tig ar cobliair ? 

Gu ma beannuichte gun robh t-ainm, ge d' tha 
thu air t-àrdachadh os cionn cliu agus smaointe nan 
aingeal, gidheadh gu bheil thu ag amharc oirne, 
tha ni's lugha na chuid is lugha de d' throcair, 's a' 
toirt misnich dhuinn teachd am fagns duit, trid 
losa Criosd an t-Eadar-mheadhonair, a dlliarruidh 
trocair agus gràis a rèir ar feum. 

Air a sgà-san, O Athair nèamhaidh ! tha sinn a' 
guidhe maitheanais nar n-uile pheacaidh, lionmhor 
agus antromach mar ata iad. Tha sinn le bròn gan 
aideachadh ann ad làthair : a caoidh aing'eachd ar 
cridhe, is eaceartan ar coluadair agus ar giulain. 
Ach co thuigeas a sheachrain ! saor thusa sinn, a 
Thighearna, o'r n-uile lochdaibh, agus tearuinn sinn 
o'r truaighe. 

Bitheadh, tha sinn a' guidhe ; cumhachd a pheac- 
aidh air a a chlaoidh an' taobh astigh dhinn, agus 
comhnadh air a thoirt duinn o d' Spiorad gu catha- 
chadh an' aghaidh na h-uile peacadh agus buaire ; 
gus am bi mothacha sòlasach againn gu bheil sinn 
air dol as o bhàs gu beatha. 

Deonuich gum bi ar creideamh gach là a' dol am 
meud ; 's gum bi sinn a' sior-chur r' ar creideamh 
cruadal, eòlas, measarachd, faighidinn, diadhachd, 
gràdh bràthaireil, agus seirc : air chor as nach bi 
aon neach againn mi-tharbhach ann an obair an 
Tighearna. — Cuidich leinn bhi durachdach agus 
eudmhor gus na h-uile dheagh obair : a* meas gur 
e beatha agus solas ar n-anama, bhi cosmhuil ri 
Criosd, ciùin, macant', naomha ; 's a' sior-dheanamh 
maith, a rèir ar cothrom agus ar comais : air chor 
as gum feud gach aon againn a ràdh, gu bheil a 
bheatha ta aige san f heoil trid creideimh ann am 
Mac Dhe, a ghràdhaich sinn, 's a thug e fein seach- 
ad air arson. 

P 2 



160 



O gum biodh ar cridheachan air an liona' do ghnà 
le cuimhne thaingeil air a ghràdh sin leis an do 
ghràdhaich Esan sinn, a thug e fein air arson mar 
iobairt, a chum as gum faigheamaid sith ri Dia agus 
slainte bhith-bhuan. Nior leige' Dia gun dean peaca 
no buaire, on t-saoghal, on fheoil, no o'n aibhis- 
teir, ar sgaradh gu bràth o ghràdh ar Tighearna. 
Nior leige Dia gun reic sinn air neo-ni, a choir a 
fhuair sinn air oighreachd shiorruidh ann an riogh- 
achd ar n-Athar. 

Tha sinn earbsach, O Dhe nach do chaomhainn 
aon Mhac do ghràidh air arson, gun toir thu dhuinn 
maille risan na h-uile ni eile bhios feumail, 's nach 
treig thu gu buileach no gu bràth sinn. O dean ar 
dion agus ar stiura roi' gach cunnart agus caochla 
ta 'sa bheatha so, air chor as nach caill sinn ar n- 
ionracas agus nach fàillnich ar dochas, no gun tig 
aon neach againn goirid air a' ghloir sin a dh' ullaich 
thu arson do phobuill. 

Bi tròcaireach, a Dhe, do 'n t-soaghal thruagh so, 
's beannuich gach sluagh air thalamh. Greas an la 
aims an èirich Grian na fireantachd air na riogh- 
achdaibh dorcha sin ata fhathasd fo sgaile bàis agus 
aineolais ; a chum as gum bi Iosa 'na sholus do 
na Cinnich uile, 's 'na ghlòir do d' shean phobull 
Israel. 

Beannuich gu h àraid na rioghachdan so dam 
buin sinne. Buanaich leinn ar sochairean lionmhor 
agus àghmhor, ge nach 'eil sinn airidh orra, 's teag- 
aisg dhuinn buil ni 's fearr a dheanamh dhiu na rinn 
sinn, a chum do ghloirsa. — Tha sinn a' cur ar cair- 
dean 's ar luchd-dàimh gu sonraicht air do churam ; 
's a' guidhe' gum faigh iaddo bheannacha. Beannuich, 
a Dhe, an teaghlach so, 's thoir do gach aon againn 
gràs anis, agus 1 glòir 'na dhèigh so. 

Maille ri'r n-urnaigh, tha sinn, O Dhe nan uile 
ghras, ag iòcadh dhuit ar buidheachais, arson na h- 
uile ni tha againn, 's arson na h-uile ni tha suil 
againn ri fhaotainn. Tha sinn a' toirt buidheachais 
duit arson ar cruthachaidh ; gun d' rinn thu sinn 
'nar creatuiribh reasont agus neo-bhàsmhor ; comas- 



161 



acli air do cliliuthacha' san t-saoghal so, 's air do 
mhealtuinn gu siorruith ann an saoghal eile. Buidh- 
eachas duit arson a churam a ghabh thu dhinn fad 
ar beatha, 's gu h-àraid feadh an là chaidh seachad. 
Ghleidhthu sinn 'nardol ainaeh is'nar teachd asteach, 
is bha thu leinn o'n mhaduinn gu ruig an t- 
anmoch. Tliearuinn thu sinn o gach cunnart agus 
gàbha , 's thug thu slkinte, trusgan agus teachdantir 
dhuinn. Ach thar gach ni, tha sinn gad chliuth- 
achadh arson saorsa 'n t-saoghail trid do Mhic ; 
arson meadhona nan gràs, agus dùil ri slàinte 
bhith-bhuan. 

Làn do thaing arson a mhaitheis mhoir a dheon- 
uich thu dhuinn, tha sinn anis gar toirt fein gu 
soilleir suas duit, is gar cur trid na h-oi'che so air 
do churam. Dean a nochd faire os ar cionn, O 
Thighearna, 's dion ar n-àite còmhnuidh o aimhleas. 
Luidheamaid sios ann an rèite riutsa, 's biedh ar 
smaointe maille riut an uair a dhuisgeas sinn. Gach 
là is oi'che d'ar turas air thalamh, bi thusa maille 
ruinn, is gabh sinn fadheoidh asteach do t-àros 
glormhor air neamh. So tha sinn a' guidhe air sgà 
Iosa Criosd, ar n-aon-Fhear-saoruidh agus ar n-àrd- 
shagart, d'an robh, maille ris an Athair agus ris an 
Spiorad naomh, gach cliu agus urram anis is gu 
siorruidh. Amen. 




Urnuigh Mhaidne, arson Teaghlaich. 



O Dhe shiorruidh agus uile-chumhachdaich ! is tusa 
tobar gacli bith, gach buaidh, agus gach beannachd. 
Tha t ainm àrd agus ionmholta, tha do mhòrachd 
do-ran nsachaidh, 's cha'n f haodar le neach air bith 
do thiolacan àireamh, no do mhaitheas innseadh. 
Cionnas mata is urra sinne clmr an cèill, creatuir- 
ean aig am bheil ar stèidh anns an duslach ? 

P 3 



162 



Gidheadh, mar a thug thu misneach dhuinn 
teachd am fagus duit le aoradh, tha sinn air maduirm 
an la so gar taisbeana' fein ann a t-fhianuis, a' 
guidhe gum buanaiche' tu leinn na tiolaca ta againn, 
's gun tuga tu dhuinn na chi thu fathasd feumail. 
Ach cia leis a thig sinn am fianuis an Tighearna, is 
cionnas a striochdas sinn sinn fein air mhodh tait- 
neach an' lathair an Dia is àirde? Cha'n fheud 
sinn, O Dhe, teachd am fagus duitsa mar chreatuire 
neo-chiontach, no tròcair sam bith iarruidh arson ar 
fireantachd fein ; oir chaidh sinn gu leir air seachran, 
is thainig sinn goirid air do ghloir. Ach tha sinn a' 
teachd do t-ionnsui' trid Iosa Criosd an t-Eadar- 
mheadhonair, 's a' guidhe trocair air a sgà-san. 

Mar chreatuirean reasont' agus neo-bhàsor, com- 
asach air sonas siorruith a mhealtuinn, tha sinn a' 
guidhe, oscionn na h-uile nithe, gum bi thu fein ad 
chuibhrionn is ad Dhia dhuinn. Tha fios againn 
nach urra nithe faoin agus diombuan an t-saoghail 
so ar 'n anama neo-bhàsor a shàsucha ; 's air an 
aobhar sin tha ar 'n anam an geall air an Dia bheo, 
tha mhàin comasach air ar deanamh sona gu siorr- 
uith. As eugais Dhe, tha ar staid san t-saoghal so 
truagh, 's ar dòchas a thaobh saoghail eile ro-eagall- 
ach ; ach ma bhios Dia leinn, faodaidh sinn a bhi 
toilichte, ciod air bith ar staid san t-saoghal so, agus 
sealtuinn romhainn le gairdeachais gu saoghal eile. 

Is mar bu mhaith leinn gum biodh tus ad 
chuibhrionn is ad Dhia dhuinn, tha sinn a' guidhe 
gum bi sinn air ar deanamh iomchuidh air an t- 
sonas mhòr so, 's gum bi ar 'n uile pheacaidh air am 
maitheadh dhuinn air sgà iobairt uile-f hogantaich 
ar Fir-shaoruidh. Air a shon-san, tha sinn a' 
guidhe gun glan thu ar 'n easontas air falbh mar 
neul, agus ar 'n aingeachda mar neul tiugh as t- 
fhianuis, air chor 's nach cum iad uainn solus do 
ghnuis, as nach bac iad cursa do throcair. 

Air dhuinn bhi mar so rèidh ri Dia trid Iosa 
Criosd, tha sinn a' guidhe gum bi sinn as so suas 
air ar coimhead ann ad' f hàbhar, agus air ar dean- 
amh comasach air gluasad anns na h-uile nithe mar 



163 



is cubhaidh do chloinn De : O ! neartuich thus ar 'n 
anfhainneachd, is cuidich sinn le d' dheagh Spiorad 
gu bhi faicilleach mu'r giulan, is cùramach gu fuath 
thoirt do na h-uile peacadh. Claoidh fein le d' 
Spiorad cumhachd a pheacaidh an taobh astigh 
dhinn, glan ar cridhe, naomhaich ar nàdur, thoir sith 
d'ar coguis, is meudaich ar 'n aoibhneas agus ar co- 
f hurtachd ami an sliglie t-àitheantan. 

Tha sinn feumail air gràs gu 'r neartachadh ; air 
misneacli gu 'r toirt air ar 'n aghaidh 'nar dleasnas ; 
air creideamh a thoirt buaidh air an t-saoghal 's air 
a bhuaireanna ; air dòchas daingean agus foighidinn 
a chum buanachadh ann an toil De adheanamh agus 
a ghiulan gu teachd ar crìche : 's co air am faod 
sinn na sochairean so iarruidh, O Thighearna, ach 
ortsa, bheir do gach neach gu saibhir, 's nach dean 
maoidheamh ? O ! daighnich, neartuich, agus soc- 
ruich sinn ann an naomhachd. Gleidh sinn o 
thuiteam ann am buaire ; meudaich ar creideamh ; 
is lion sinn le aoibhneas do-labhairt agus làn de 
ghloir, ann am fradharc na gloir, onoir, agus neo- 
bhàsmhoireachd sin a thaisg thusa fa chomhair do 
luchd-muinntir. 

'S an uair a tha sinn an' tòir air na nithibh glor- 
mhor so, deonuich gun gnàthaich sinn le curam na 
meadhona sin a stiuras d'an ionnsuidh. Deonuich 
gun bi neamh agus siorruidheachd do ghnà 'nar sùil, 
is Dia do ghnàth 'nar cridhe. Biodh ar smaointe, ar 
coluadar, agus ar giulan, mar is cubhaidh do'n t- 
soisgeul, agus sinn fein mar sheirbhisich dhileas, 
eudmhor mu dheagh oibre. Biodh ar caithe-beatha 
ann an gràdh, is iomhaigh ghràdhach ar Tighearn 
air a tarruing air ar cridheachan ; a chum as le bhi 
cosail risan air thalamh, gu meal sinn air neamh a 
rioghachd, 

Ach am feadh ata ar còmhnuidh anns a' cholainn, 
tha fìos agads', O Dhe, gu bheil ar cuirp, mar ata 
ar 'n anama, feumail air do fhreasdal is air do 
churani. Thoir dhuinn air an aobhar sin, tha sinn 
a' guidhe, an tomhas a chi thu iomchuidh oirn de 
shlainte, de theachdantir, is de shochairibli na 



164 



beatha so ; oir is tusa Fear-deilbh ar cuirp, mar h 
tu Athair ar spioraid. Gu ma beannuichte gun 
robh t-ainm arson gacli tiolac a dheonuich thu 
dhuinn cheana. 'S tu ghleidh ar corpa bàsmhor 
beo, 's a shaor iad gu trie o'n easlaintibh ; air chor 
as ge do bha sinn buailteach gu bhi air ar bruthadh 
leis a chnuimh, gu bheil sinn, le cùram ar De, air 
ar coimhead beo gu ruig an uair so. 
vGu ma beannuichte gun robh t-ainm gu sonraichte, 
arson tàmli agus tearuinteachd na h-oi'che chaidh 
seachad, is arson na sith is an t-sòlais leis am bheil 
sinn anis cruinn mar theaghlach ann ad làthair. Tha 
sinn a' guidhe' gum buanaich thu leinn do fhreasdal, 
's gun toir thu dhuinn slainte cuirp agus subhachas 
inntinn, a chum as gum biodhmaid iomchuidh gach 
àm arson do sheirbhis. Deonuich gun gleidh sinn 
ar cuirp do ghnà o neo-ghloine ann am measarrachd, 
ann an geanmnuidheachd, ann an naomhachd is ann 
an onoir, mar theampuill do 'n Spiorad naomha' 

Tha sinn a' guidhe, maille ruinn fein, gum bean- 
nuicli tbu an cinne-daoine gu leir, 's gum meal iad 
anns gach àite sochairean àghmhor an t-soisgeil. 
Beannuich gu sonraichte ar righ, ar dùthaich, ar 
càirdean 's ar luchd-gaoil. Gabh truas do staid 
nan uir'easach agus nan easlainteach : thoir cofhurt- 
achd do 'n mliuinntir a tha ri bròn, is còmhna do 'n 
mhuinntir a tha fo' bhuaire. Thigeadh osnadh a 
phriosanaich ann ad làthair, is cum bàigh ris a' 
bhantr'aich is ris an dilleachdan. 

O Athair nan uile theaghlach agus Ughdair nan 
uile bbeannachd! beannuich an teaghlach so, agus 
gabh air do churam gach aon ata ann, beag is mor, 
sean agus òg. Biodli ceannardan, clann, agus 
seirbhisich, air an comhairleachadh, air an stiùr- 
adh is air an tearnadh leatsa, feadh an là so. 
Cuidich leinn obair gach là chur seachad 'na thrà 
fein, 's a bhi gach uair rèidh fa chomhair bàis 
breitheanais agus bith-bhuantachd. 'S o nach 'eil 
fios againn ciod a dh' fhaodas teachd gu crich le 
aon là, tha sinn air an là so gar 'n earbsa fein riutsa, 
eadar chuirp agus anama, 's gar cur fein is gach ni 



165 



bhuineas duinn fo stiuradh is fo chùram do f hreasd- 
ail, trid Iosa Criosd, o'n d' ionnsuich sinn a ràdh ? 
Ar n-Athair ata air neamh, fyc. 

Urnuigh Fheasgmr, arson Teaghlaich. 

O Dh e ghloirmhoir, bheannuichte, mbaith ! is tus 
.an Righ siorruidh, neo-bhàsmhor, agus neo-f haicinn- 
*XJeach, aig am bheil do chòmhnuidh ann an solus, 
^\iach faod suil bhàsmhor fhaicinn 's a bhi beo. Ann 
^ • ad shealla-sa cha'n 'eil neamh agus talamb ach mar 
neo-ni, 's na slòigh a tlia gan àiteacha' mar neo-ni 
is mar dhiomhanas. Gidheadh tha thu gad' iris- 
Teach a' fein a dh'amharc oirne, 's a' toirt fanear gach 
aon againn, mar nach biodh creatuir sam bitli an* 
earbsa riut ach sinn fein. O'n aingeal is àirde gus 
* a chnuimh is dìbli, cha 'n 'eil ni no neach nach eil 
air an toirt fanear leatsa. Tha thu gu sònraicht 
a' toirt fainear na muinntir sin aig am bheil 
spiorad iriseal agus ùmhal, 's a tha 'g iarruidh 
teachd dlù dhuit trid an Eadar-mheadhonair. 

Gu ma beannuichte gun robh t-ainm a dh' ullaich 
a leithid so de rathad arson chreatiiire peacach mar 
sinne ; air chor as ge nach faodamaid seasamh ann 
a t-fhianuis 'nar fireantachd fein, gidheadh trid 
fireantachd neach eile, eadhon Iosa, gu bheil comas 
againn teachd am fagus duit le muinighinn cloinne. 
O ! bi trocaireach ruinne air a sgà-san ; gabh ruinn 
anis mar a luchd-muinntir, is labhair sith ruinn. 

Tha sinn anis, Q Dhe, air crich la eile ag teachd 
a chliuthachadh do mhaithis, a bha leinn o'n mhad- 
uinn gu ruig an t-anmoch. Fiosrach air ar laigse 
fein, is air an fheum tha againn do ghnk air curam 
is cuideacha Dhe ; dh' earb sinn sinn fein riut anns 
a' mhaduinn, gun fhios ciocl a dh' f haodadh aon hi a 
thoirt mu 'n cuairt 5 's a nis, air dhuitsa cùram a 
ghabhail dinn 'nar dol amach 's 'nar teachd astc;u-Y. 



166 



's ar toirt an tearuinteachd 's an' cof hurtachd trid 
an là, tha sinn le cridheachaibh làn do thaing, gar 
striochda' fein ann ad làthair, a thairgse' dhuit ar n- 
iobairt bhnidheachais. 

O gum biodh ar n-anama air an dùsga' gu cliu 
thoirt duitsa mar is coir, arson lionmhoireachd is 
saibliireachd do thiolaca! Tha gach maduinn a' 
toirt duinn dearbhaidh air do ghràdh, is tha gach 
oi'che toirt fios duinn air do dhilseachd. Tha ar 
sochairean aimsireil agus spioradail oscionn àireamh, 
a thaobh na beatha tha làthair is na beatha tha ri 
teachd. Is mòr na nithe tha againn, agus is mo na 
sin na nithe ris am bheil ar dòchas. 

Nuair tha do thròcair, O Dhe, co mòr dhuinn, cò 
nach measadh gum biodh giulan gach aon againn 
mar bu chubhai' do chloinn De ? Ach an àite so, 
bha sinn co fàilneach is co ceannairceach, as gu 
bheil aobhar againn nàire bhi oirn sinn fein a thaisb- 
eanadh ann a t-fhianuis. O cia lionmhor peaca is 
failinn tha fathasd ceangailte ruinn, leis am bheil 
sinn air ar tarruing air falbh uaitsa ! Cia dichuimh- 
neach sinn air do ghradh is air do mhaitheas ; cia 
neo-mhothachail sinn air do chaoimhneas ! Cia faoin 
ar smaointe ; cia fuar agus neo-dhiadhaidh ar n-aigne ; 
's cia beag buil a thug sinn riamh as ar n-ùine, as 
ar tàlandaibh, agus as ar cothromaibh ! Tha sinn, 
O Thighearna, 'gar n-irisleacha' fein aig stòl do 
choise, 's ag guidhe' gum bi maitheanas air ùracha' 
dhuinn, agus t-iochd air a bhuanacha* leinn, air sgàth 
Iosa Criosd ar Tighearna. 

An diugh, ma rinn sinn ni sam bith cosail ri 
daoine aig nach 'eil Dia anns an t-saoghal ; ma bha 
ar giulan ann an ni sam bith neo-iomchuidh no neo- 
f haicilleach ; ma thug sinn masla' dar creideamh, 
oilbheum dar coimhearsnach, no lot d'ar n-anama 
fein, O ! deonuich dhuinn, tha sinn a' guidhe, maith- 
eanas, trid toillteannas fola Chriosd. 

Tha sinn gu dùrachdach a' guidhe' gun druid thu 
nis ar cridheachan riut fein, 's gun daighnich thu 
sinn ann an ceumaibh ar dleasnais. Is e ar run, le 
còmhna do ghràis, gum bi ar ginlan as so suas ni's, 



167 



faicilliche, 's gun caith sinn ar beatha do rèir stiur- 
aidh do Spioraid, riaghailt an t-soisgeil, is eisemp- 
leir ar Tighearna. O gum biodh an run so air a 
ghleidhe' beo do gbnà 'nar n-anamaibh, le oibreacha' 
treun do Spioraid ! 

Deonuicb, O Dhe, gun saothairich sinn ni's mò is 
rii's mò anns an obair sin a dheanamb gus an deach- 
aidh ar cur ionnsuidh an t-saogbail ; am feadh a 
bhios ar n-uine, ar cothrom, agus ar comas air am 
buanacha' leinn. O cuidich leinn giorrad agus neo- 
chinntichead ar n-aimsir a ghleidhe' do ghnà 'nar 
n-aire, *s na h-uile dicheall a dheanamh gu deasach- 
adh arson siorruitheacbd ; air eagal as mar tba oi'cbe 
'n dèigh oi'cbe 'gar toirt ni's dlùitke gur crich, gun 
glac oi'cbe bàis sinn mu dheire mum hi sinn ullamb. 
Nior leige' Dia gun leig sinn mar so seacbad ar n- 
ùine s ar cothrom, no gun dealruich a sbolus oirn 
an diomhain. 

An àite so gu ma b-ann a bbios ar n-anama do 
gbnà air an liona' le gràdh do Dbia arson a thròcair 
ann an Criosd ; an gràdh sin a bheir oirn bbi toil- 
each ni sam bith a dheana' no fhulang, air a shon- 
san a rinn agus a dh' fhuiling na h-urrad a chum 
sinne sbàbbaladh. Deanadh cuideachd an dòchas 
ata againn ri gloir an t-saoghail eile, ar ti-inntinn a 
thogail oscionn nitbe suarrach agus diombuan an 
t-saoghail so : 's deanadh earbsa laidir as do f hreas- 
dal, O Dhe, ar cridhe chumail socair anns gach 
staid, agus striochdta dhuit fein ; làn-chinnteach gu 
blieil fios agadsa ciod is fearr dhuinn, 's gu bheil 
thu a' cur air aghaidh ar leas, ge nach leir dhuinn 
fein cionnus. Deanadh smaointeachadh air t-uil- 
fhiosrachadh is t-uile-làthaireachd a thoirt oirn 
faicill a chumail air ar cridhe, ar cainnt, is ar giulan, 
fa chomhair sul ar n-Athar, ar Dia, ar fianuis, agus 
ar Breitheamh. Mar so gleidhidh sinn ar dochas, 
agus bidh ar dùil ri trocair air là an Tighearna. 

Na sochairean sin a tha sinn a' guidhe dhuinn 
fein, O Athair neamhaidh, deonuich iad mar an 
ceudna do dhaoin' eile. Gun robh ar n-uile cho- 
chreatuirean air am beannacha le Dia ! Gun robh 



168 



a slilighe aithnicht air thalamh, 's gun robh soisgeul 
na slaint air a ehraobh-sgaoileadh ! 

Beannuich na h-uile Chriosduidhean, gu h-àraid 
'nar tìr-dhùthaich. Deonuich gun giulain gach 
neach e fein gu h-iomchuidh, ciod air bith inbh no 
dreuchd anns an do shuidhicheadh e le d' f hreasdal. 
Biodh eagal De anns na h-uile luchd-riaghlaidh, is 
thugadh iad samhla maith do 'n mhuinntir a tha fo'n 
ùghdaras. Biodh aodhairean cùramach gu'n treud 
a bheathacha', 's an treud toileach gu bhi air an 
stiuradh. Biodh iadsan a tha saibhir truacant agus 
iochdmhor, a chum as gum faigh iad beannachd nam 
bochd, 's gum bi tlachd aig Dia na'n soirbheacha. 

Gabh uainn anis, O Dhe, ar n-iobairt fheasgair, 
is gabh cùram do gach aon againn trid na h-oi'che. 
Bi ann ad' bhalla teine mu thimchioll ar n-àite 
còmhnuidh, is cuir t-aingil rau'n cuairt d'ar leab- 
aidh. Dion sinn o uabhasaibh na h-oi'che, is gleidh 
sinn o bhruadair eagalach. Thoir dhuinn cadal ann 
an sith, agus dusgadh ann an slainte, a chum as 
gu'n cuireamaid an cèill do chaoimhneas gràidh 'sa 
mhaduinn. Anns an dòchas so, do t-ainmsa, O 
Athair, a Mhic, agus a Spioraid naoimh, an t-aon 
Dia, gun robh gach cliu agus urram, anis is gu siorr- 
uidh. Amen, 



Urnuigh arson Teaghlaich, 'nuair a bhios aon de 'n 
mhuinntir tinn. 

O Dhe uile-ghlormhoir agus urramaich ! ann ad 
laimhse tha bàs agus beatha ; is tu a lotas agus a 
leighiseas ; a bheir gu bruaich na h-uaighe agus a 
thogas a suas aris. Air neamh agus air talamh tha 
thus' a' deanamh mar is àill leat, is cò dh' fhaodas a 
ràdh riut, Ciod a tha thu deanamh? Gidheadh 
tha thusa ceart ann ad uile shlighe, naomh ann ad' 



169 



uile ghniomh, is maith aim a d' uile fhreasdal do 
chloinn nan daoine. Tha sinne a' creidsinn gu 
blieil eadhon triobluide maith o d' laimhsa ; 's nach 
ann gun aobhar, ach ann an trocair agus a chum ar 
leas, a tha sinn fein no neach a bhuineas duinn uair 
sam bith air ar smachdachadh. Air an aobhar sin 
ge d' tha thu 'n tràs a* fiosrachadh ar teaghlaich le 
tinneas, tha sinn a' tairgse aoradh gràdh agus buidh- 
eachas a thoirt duit, agus labhairt le urram mu 
thimchioll t-ainme. 

Gu ma beannuichte gun robh t-ainm arson gach 
trocair a dheonuich thu, san aimsir a chaidh seach- 
ad, duinn fein agus d'ar teaghlach. Nior leige Dia 
gun dean ar trioblaid no ar fulangas 'san àm so 
thoirt oirn na tiolaca lionmhor a fhuair sinn fad ar 
beatha a leigeadh air di-chuimhn. Cia fhad a mheal 
ar teaghlach gach beannachd agus cof hurtachd gun 
fhailinn agus gun bhriste ! Cia fhad a luidh gach 
aon againn sios, a dh' eirich sinn suas, a chaidh sinn 
amach, is a thainig sinn a steach, ann am fois agus 
ann an slainte ! Cia fhad a dhealruich lòchran an 
Tighearn air ar pailliunn, gun neul air bith a' 
cumail uainn a sholuis ! Gu ma beannuichte gun 
robh t-ainm, O Dhe mhaith agus naomha, arson 
nan tiolaca lionmhor agus neo-fhaillneach so, 
dhuinne nach do thoill a chuid bu lugha de d' 
throcair. 

An uair a bheir sinn fan ear cuideachd cia neo- 
airidh a dh' f bag ar peacaidh sinn air an iochd is 
lugha uaitsa, 's co mor as a tha sinn buailteach do 
t-fheirg, faodaidh iongantas a bhi oirn, an aite bhi 
fathasd beo, 's a' fulang co beag, 'nach ann a tha 
sinn 'gar claoidh fo chudthrom do chorruich shiorr- 
uidh. Tha 'n tròcair is lugha ni's mò na ar n- 
airidh ; 's an trioblaid is mò ni 's lugha na ar toill- 
teannas. C arson mata ni duine beo gearan ? Am 
faigh sinn urrad mhaith o laimh an Tighearna, 's 
nach gabh sinn ri triobluid uaithe cuideachd gu 
foighidneach agus gu taingeil ? 

Gabhaidh, O Dhe : oir an so tha sinn gar 
striochda' fein aig stòl do choise, 's a' tairgseadh ar 

Q 



170 



toil a striochda' do d' thoilsa, O Athair ar spior- 
aid, a chum as gum maireamaid beo. Gu ma 
beannuichte gun robh t-iochd agus t- irisleachd, gun 
d' fhosgail thu dhuinn dorus o gach triobluid le 
ràdh ruinn ann a t' fhocal," " Am bheil neach air 
bith arm an àmhghar? Deanadh e urnuigh." 
Riutsa, O Athair na trocair ! tha sinne 'san uair so 
ag cur suas ar n-ùrnuigh. O Thighearna, na bi 
fada uainn an uair tha triobluid dlù dhuinn ! 

Le cridheachaibh uile-striochdta do d' thoil 
naomhasa, tha sinn a' guidhe gu durachdach as leth 
do sheirbhisich ata an triobluid. Amhairc air [no 
oirre] 'na staid iosail, a chionn gu mair gu siorruidh 
do thròcair. Na leig da anshocair fàs ni's truime, 
's na biodh a thinneas a chum bàis, ach a chum gloir 
Dhe. Agadsa, O Thighearna, tha fios air a 
dhealbh : na leag air oscionn na bhios e comasach 
air a ghiulan. Agus, O Thusa is lèigh do 'n anam 
is do 'n chorp, stiur gus na meadhona sin a bhios 
iomchuidh a chum a leigheas ; cuir do bheannacha 
na 'n cois, agus aisig do sheirbhiseach gu slainte. 
Biodh, ma's toil leat, tuille aimsir air a toirt d'a 
arson aithreachais, arson seirbhis a thoirt duitsa 'san 
t-saoghal so, 's arson deasachaidh fa chomhair saogh- 
ail eile. 

Thoir dha, O Dhe, am feadh a mhaireas a thinn- 
eas, foighidinn agus furtachd : cum do làmh uile- 
chumhachdach an taice ris, a chum as nach failnich 
e fo smachdachadh an Tighearna. Biodh a spiorad 
ùmhal do d' thoil ; biodh a thriobluid air a naoinh- 
acha dha ; biodh a leas air a chur air aghaidh leis, 
biodh a pheacaidh air am maitheadh, agus a 
bheatha, ma's toileach leat, air a slànuchadh is air a 
sineadh. 

Ach mar 'eil thus' a' faicinn so iomchuidh, ullaich 
e, O Dhe, arson atharrachaidh, 's mun dealuich thu 
anam agus a cholann o cheile, dealuich uaithe uile 
pheacaidh, is na leig le bàs no beatha, no ni sam 
bith eile sgarachduinn a chur eadar e 's do ghràdh- 
$a ann an losa Criosd : ach bàs no beatha dha, deon- 
uich anns an Tighearna gum bi e. Deanadh do 



171 



Spiorad còmhna leis arms an deuchainn dheireann- 
aich, agus buaidh is tuille 's buaidh a thoirt da trid 
losa Criosd a Thighearna. Ann ad' làimha-sa, a 
ChruthaT ir dhìleis agus Fhir-shaoruidh thròcairich, 
tha sinn 'ga fhàgail, anns an earbsa, mu dh' òrduich 
thu e chum bàis, gun deasuich thu anam arson do 
thoil naomh, a chum as nach bi cumhachd aig an 
dara bàs os a chionn. 

Cuidich leinne, aig am bheil an t-slainte, bhi gun 
dàil 'gar n-ullacha' fein arson tinneis, bàis, breith- 
eanuis agus bith-bhuantachd ; a chum as nach bi 
eagal oirn roi theachdaire tinneis no bàis, is a chum 
as gum bi do ghnà an solas spioradail sin againn, 
nach urra tinneas no has a thoirt uainn. 

Eisd ar n-achuinge, O Dhe agus a Righ ; fuasgail 
air an tinn, is buanaich an t-slainte leis an t-slàn, 
maith ar peacaidh, is gabh ruinn fein agus r'ar 
seirbhis, air sgà ar Tighearn losa Criosd, a dh' iarr 
oirn ar n-achuinge chur suas as leth nan uile 
dhaoine, 's an staid earbsa', do rèir am feum fa leth, 
ri Athair nan uile thròcaire, ris an do theagaisg e 
dhuinn a ràdh ann ar n-urnuigh, Ar n- Athair ata air 
neamh, fyc. 



Urnuigh Bhuidheachais arson Teaghlaich, 'nuair a 
bhios aon de 'n mhuinntir air aiseag gu slainte, 

O Dhe uile-ghràsmhoir agus thròcairich ! tha thusa 
maith, agus a' deanamh maith, is tha do chaomh- 
thròcair oscionn t-uile oibre. Chuala sinne, chunn- 
aic sinn, agus anis gu h-àraid mhothaich sinn, gur 
Gràdh Dia. 

Cliu, cliu gu siorruidh gun robh do t-ainm, an 
àit thu fein a dheanamh aithnichte dhuinne le d' 
bhreitheanais, mar a thoill sinn, gur ann a dh' fhoill- 
sich thu thu fein duinn mar an Dia sin a mhaitheas 
ar n-aingidheachd, a shlànuicheas ar n-easlainte, a 
Q 2 



172 



dh' ath-nuadhaicheas ar beatha, 's a chrùnas shin le 
caoimhneas gràdhach. Cia tròcaireach a bliuin thu 
ruinne, O Dhe, oscionn na dh' fhaoda' suil a bhi 
againn ris ! O gum moladh daoine Dia arson a 
mhaithis, agus arson a thròcair iongantacli do cliloinn 
nan daoine ! 

O gum moladh an teaghlach so gu h-àraidh Dia, 
a chuimhnich oirn 'nar staid iosail, 's a thug dhuinn 
arìs aobhar buidheachais. O gum moladh ar n- 
anama Dia, eadhon Dia ar slainte ; oir tha a thròc- 
air is a ghràsa buan duinn : dh' òrduich e guth 
subhachais agus slainte 'nar fardaich ; is àrdaichidh 
sinne ainm ar Tighearna. 

Gabh buidheachas gu sònraicht, O Dhe, o d' 
sheirbhiseach d an d' thug thu tearnadh. Thug thu 
nios e [no i~\ o bheul na h-uaighe, 's air an aobhar 
sin bheir esan agus sinne cliu dhuit. Cha chliùth- 
aich an uaigh thu, cha toir am bàs mola dhuit ; ach 
am beo, am beo bheir esan mola dhuit, mar a ni 
sinne 'san àm so, gu h-àraidh do sheirbhiseach d'an 
d' thug thu sineadh saoghail agus slainte. O ! gun 
tugadh e gràdh r'a bheo do 'n Dia sin a dh' èisd a 
ghuth agus achuinge, s' gun gluaiseadh e 'na f hian- 
uis gu bràth le faicill. O gum biodh e curamach 
gus am barrachd ùine fhuair e gu aithreacheas a 
dheagh-bhuileachadh, a chum as gum bi e deas, uair 
sam bith a thig am bàs, is eiginn teachd uair-eiginn, 
's a dh' f haodas teachd gu grad. 

Coilion, O Dhe, gach ni tha fathasd feumail a 
chum do sheirbhiseach aiseag gu slainte fhoirfidh. 
Agus, O a Leigh uile-chumhachdaich ! mar a leighis 
thu an corp, leighis cuideachd an t-anam. Saor e 
o gach èucail pheacach, is lion e le gràs agus slàinte 
spioradail. 

Deonuich, O Athair nèamhaidh gun druigh do 
thròcair is do mhaitheas anns a' chuis so, air gach 
aon againne cuideachd, air mhodh iomchuidh, is 
nach toir buaire sam bith oirn an tròcair mhor 
agus nuadh so a leigeadh air di-chuimhn. Deon- 
uich gun ionnsuich sinn uaithe cia faoin an greim 
ata againn de gach ni a tha sinn a' sealbhachdh ; nach 



ITS 

'eii aon air bitìi dhiu 'nar làimh fein ; ach gu bheil 
sinn an' earbsa ri Dia air an son uile, 's nach 'eii 
againn ach coingheall uaithe-san de gach sochair 
agus comaine 'nar cranncliur. O ! gu mealamaid 
na h-uile nitlie le nieasarrachd ; a' cuimhneacha' gu 
bheil an saoghal is gach ni ta ann a' gabhail seachad, 
is sinne 'g imeachd maille ris. 

A Dhe deonuich gun ionnsuich sinn o'n triobluid 
? san robh ar teaghlach, nach 'eil sinn ri bhi fada beo 
le chèile anns a bheatha so ; 's gur iomchuidh 
dhuinn deasachadh gu grad arson beatha eile : chum 
as cò sam bith againn a bhios air a ghairm an' tois- 
each, gum bi e ullamh gus a ghairm a f hreagradh. 
O deonuich gun coinnich sinn 'na dheigh sin ann 
an saoghal is fearr, is gum bi sinn gu siorruith sona 
le chèile, agus leis an Tighearna. 

A chum as nach bi sinn air ar mealladh anns an 
dòchas shòlasach so, bitheamaid uile durachdach anns 
an obair sin gus an deachaidh ar cur ionnsuidh an 
t-saoghail. Deanamaid sinn fein a ghiulan ni's 
faicilliche 's ni 's fearr anns gach inbhe agus dàimh 
anns am bheil sinn do chàch a cheile, no do 'n t- 
saoghal. Gluaiseamaid ann an sith agus ann an 
gràdh, is na deanadh aon neach againn ni sam bith 
a bheir oilbheum no nàire do aon eile. Bitheamaid 
air ar cumadh ris an t soisgeul, agus air ar stiuradh 
leis an Spiorad. 

Amhairc, a Dhe, le iochd air staid an t-saoghail 
gu h-iomlan. Gabh cùram gu h-àraidh do t-Eaglais, 
is na diobair do chùis fein ann an saoghal aingidh. 
Gabh cùram de leas nan rioghachda so : cum uainn 
gach dosgaich, is deonuich sonas agus sith dhuinn. 
Fiosraich staid nan uile dhaoine, 's tboir do gach aon 
cobhair a rèir am feum, is cridheacha taingeil an 
dèigh an cobhair. 

Anis, O Dhe, tha sinne le taing agus solas 'gar 
fàgail fein is gach ni bhuineas duinn air do ehuram 
gu là ar criche. Bi leinn an sin roi' ghleann sgàil 
a' bhàis d'ar dion o gach eagal, is thoir tearuinte 
sinn a dh' ionnsuidh do rioghachd, air sgà Iosa Criosd 
ar Tighearna. 

Q 3 



174 

Anis dhàsan a tha 'na shuidhe air an righ-chath- 
air, 's do'n Uan a bha marbh, 's a shaor sinne do 
Dhia le fliuil, gun robh onoir agus gloir, agus mòr- 
achd agus cumhachd, fad saoghal nan saoghal. Biodh 
amhluidh. 



Urnuigh arson Teaghlaich, an dèigh do Dhia am 
Jiosrachadk le bàs. 

O Dhe naomh agus urramaich ! tha thusa mhàin 
ad cliuis-eagail. Co sheasas ann ad lathair? Bheir 
thu air àilleachd duine crionadh, is their thu ri 
cloinn nan daoine, Pillibh a chum ur duslaich. 

Tha sinne do chreatuirean truagh ann an so ad 
làthair, air ar toirt iosal le smachdacha' do làimhe, 
leis am bheil sinn gu goirt air ar dochann. Ann ad 
ghliocas neo-chriochnach chunnacas iomchuidh dhuit 
ar tigh a dheanamh 'na thigh bròin, le beatha do 
sheirbhisich, anns an robh uiread thoilintinn againn, 
a bhuintinn air falbh, agus sinne fhàgail fo mhuJad. 
Ach tha sinn a tairgseadh ar bròn a chumail gun 
dol thar na criocha sin ata thu fein a' ceadacha 
dhuinn. 

Cia cràiteach sam bith ar staid, tha sinn a' tairgse 
gun choire sam bith fhaotainn do'n ni a rinn thusa, 
's gun ghearan sam bith a dheanamh an aghaidh 
do f hreasdail, le 'r giulan, le'r cainnt, no le'r cridhe. 
Tha sinn a tairgseadh ar làmh a chur air ar beul, 
's a bhi 'nar tosd, a chionn gur tus' a rinn e : agus 
tha sinn a' tuiteam sios ann ad' lathair, a dh' aid- 
eacha', leis na h uile irisleachd, t-àrd-uachdranachd 
os ar cionn, 's do làn-chòir air ni sam bith is àill 
leat a dheanamh ruinn fein is ris gach ni ata ag- 
ainn. Is tu thug dhuinn anail na beatha ; 's nuair 
is àill leat, faodaidh tu a buintinn air falbh. 

Is dleasnach dhuinne, O Dhe, bhi striochdta do 



175 



d' thoil naoinha-sa anns na h-uile ni, 's a ràdh, Is 
e an Tighearna ta aim, deanadli e mar is àill leis. 
Is mar is e so ar dleasnas, is e cuideachd ar tog- 
radh ; is air an aobhar sin, tha sinn ag iarruidh ar 
cridheachan a striochda' do'n fheuchainn mhulad- 
aich sin leis am bheil sinn air ar fiosrachadh san 
àm so. Is e an Tighearna thug seachad, agus is e 
an Tighearna thug air falbh: gu ma beannuichte 
gun robh ainm an Tighearna ! 

Tha sinn gu dùrachdach a' guidhe 'gum bi am 
bristeadh so a rinneadh leatsa 'nar teaghlach air a 
naomhachadh do gach neach againn. Tha fios ag- 
ainn gu bheil iomad ni 'nar cridhe s 'nar giulan a 
tha deanamh ar cronuchaidh feumail ; O deonuich 
gum bi sinn air ar n irisleachadh arson ar cionta, 
's gum bi ar n iomachar as so suas ni 's fearr. 
Buidheachas duit a bhuanaich ar caraid leinn co 
fada. Tha sinn a' toirt buidheachais duit arson 
buannachd sam bith a f huair sinn o bheatha ; 's a' 
guidhe gun dean sinn cuideachd feum ceart d'a 
bhas. O gun tugadh so dhuinn an tuille mothach- 
aidh bhi againn, cia anf hann agus gearr ar rè ! 
Ciod a tha annainn ach faileas agus diomhanas ! 
Mar is e am bàs crioch nan uile dhaoine, tha sinn 
a' tairgseadh anis, am feadh is beo sinn, leigeadh le 
smaointe cuidreamach mu thimchioll drughadh air 
ar cridheachan. 

Nuair a smaointicheas sinn gur e peaca thug am 
bàs asteach do'n t-saoghal, O faiceamaid uaithe so 
an t olc a tha anns a' pheaca, is deanamaid aith- 
reachas arson ar n' aingidheachd fein, am fad as a 
tha ùine air a toirt duinn gu aithreachas ; a chum as 
gum biodhmaid air ar saoradh on dara bàs, am bàs 
siorruidh. Bi tròcaireach ruinn, O Dhe, agus 
maith dhuinn, air sgàth Chriosd, ar n-uile eason- 
tas. 

Am bheil cuid anns an fhardaich so, a bha gu 
ruige so neo-churamach agus neo-iomguineach mu 
thimchioll an anama? Ma tha, dùisg thus' iad, 
O Dhe, o'n neo-churam, is deonuich gun dean an 
teachdaire so o na marbhaibh am mosgladh, is an 



176 



toirt ionnsuidh na staid sin gus nach 'eil iad fath- 
asd air an tarruing le cuire no le comhairle t f hoc- 
ail. Am blieil cuid eile againn a chaidh air ar n ais 
ann ar n eud, is a thuit o'r ceud ghràdh ? O ! ma 
tha, gun deanadh am freasdal so ar n ath-bheoth- 
achadh agus ar n ath-leasachadh, air eagal, nuair a 
tliig ar maighstir gu'r gairm fein, gum faighear sinn 
'nar cadal. O gum biodhmaid anis ni 's durachd- 
aiche, anns na h idle dleasnas ; a' cuimhneacha' 
nach eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas, 
anns an uaigh, gus am bheil sinn uile 'g imeachd. 

O gun cuimhnicheamaid uile cia goirid ar n uine, 
cia mor a tha ceangailte ris a' bhuil a bheir sinn 
aisde, 's cia neo-chinnteach a tha ar làithe ; a chum 
as nach dean sinn earbsadh as an là màireach, 's 
gun fhios againn ciod a dh' f haodas aon là a thoirt 
mu 'n cuairt. Gu ma fearr leinn an diugh, am 
feadh a theirear an diugh ris, suim a ghabhail de 
na nithe sin a bhuineas d'ar leas siorruidh, mu 'm 
bi iad gu bràth air am falach o'r sùilibh. O gun 
caitheamaid gach là air sheol as nuair a thig là ar 
bàis, gum bi e ni 's fearr dhuinn na là ar breith. Is 
beannuichte na seirbhisich a gheibh am maighstir a' 
deanamh mar so nuair a thig e ! 

Buidheachas duit, O Dhe, gu bheil, anns an t- 
saoghal dhorcha bhrònach agus bhàsmhor so, beatha 
agus neo-bhàsmhorachd air an toirt gu solus, trid 
an t-soisgeil. Gu ma beannuichte gun robh Dia 
agus Athair ar Tighearn Iosa Criosd, a rinn, le 
aiseirigh a Mhic o na marbhaibh, beo dhòchas a 
thoirt duinne ri oighreachd shiorruidh agus ri crùn 
gun smal : is moladh do Dhia nan uile mhaitheas 
arson gach cofhurtachd agus dòchas a tha sinn a' 
faotainn o'n chreidimh Chriosduidh. 

Tha sinne a' creidsinn ann an Dia ; tha sinn ag 
creidsinn cuideachd ann an Iosa, ùghdar agus fear- 
criochnacbaidh ar creidimh. P'a thrid-san, O 
biodh dòchas air a thoirt duinn gun criochnaich uile 
thrioblaide na beatha bhàsmhoir so ann an aoibh- 
neas bithbhuan ! — dòchas, cha'n e mhàin ri sonas 
siorruidh d'ar n-anamaibh, ach mar an ceudna ri 



177 



aiseirigh a chuirp gu glòir onoir is neo-bhàs- 
mhoireaclid. An' sin faodaidh sinn misneach a thoirt 
do aon a chèile, le sùil a bhi againn, trìd tròcair 
Dhe ann an Criosd, ris na nithe so. 

Anis, do 'n Triath ghlormhor sin, a blia marbh, 
agus a tlia nis beo, 's a bhitheas beo gu siorruidh, 
*s aig am bheil iuchraichean ifrinn agus a' bhàis, do 
Thriath nam beo agus nam marbh, gun robh onoir 
agus gloir, slainte, cumhachd agus buaidh, fad saogh- 
al nan saoghal ! Amen. 



Urnuigh arson Teaghlaich, aig toiseach no aig crick 
bliadhna. 

O Iehobhah sliiorruidli agus uile-chumhachdaich ! 
tlia thusa làn-shona annad fein, agus is ann uait a 
tlia gach bith, gacli buaidli, agus beannachd a' 
sruthadh a nuas gu t-uile ckreatuirean. Mun do 
ghineadh na slèibhtean, is mun do leagadh stèidh 
an domhain, bha thusa : o shiorruidheachd gu siorr- 
uidheachd is tu Dia ! 

Is tusa, air tus, a shuidhich stèidh na talmhainn, 
agus is iad na speuran obair do làmh. Theid iad 
so seachad, ach mairidh tusa; seadh fàsaidh iad 
uile sean mar thrusgan, is bidh iad air an caochladh ; 
ach tha thusa gun chaochladh gun atharrachadh gu 
siorruidh. Tha mile bliadhna ad shealla-sa mar aon 
là, is aon là mar mhile bliadhna. 

Air an aobhar sin is tusa 'mhàin, O a charraig na 
siorruidheachd ! is aon stèidh dòchais duinne, aig 
am bheil ar làithe mar leud-boise, agus ar n-aois 
mar neo-ni : 's gu ma beannuichte gun robh t-ainm, 
bha thu, anns gach aon linn, 'a t-ionad còmhnuidh 
agus didein do chloinn nan daoine. Bha thu riamh 
a' nochda' dhuinn do chùram agus do chàirdeis ; bha 
là agus oi'che, samhra agus geamhra, màrt agus 
foghara, o aon bhliadhna gu bliadhna eile, ag cur 



178 



an' cèill do dhìllseaclid. Air an aobhar sin cuiridli 
aon linn an cèill do chliu do linn eile ; aithrisidh 
na h-aithriche d' an cloinn sgeul air do mhòr- 
mhaitheas. 

Le taing agus le buidheachas, tha sinne 'g iarr- 
uidh, O Dhe, do mhaitheas aideachadh. Is ann 
uait a fhuair sinn ar beatha agus slainte, 's gach 
sochair aimsireil no spioradail a shealbhuich sinn gu 
ruig an uair so. Shaor thu sinn o na h-uilc dho- 
àireamh d' an robh sinn buailteach, is bhuilich thu 
oirn mile tiolaca mu 'n robh fios againn co thug 
dhuinn iad. Thug gach là dhuinn dearbhadh air do 
mhaitheas, is mheal sinn gu ruige so do thròcair. 
Shuidhich thu sinn 'nar teaghlach, is bhuanaich thu 
leinn do chof hurtachd ; dhealruich do lòchran air ar 
fardaich, is bheannuich tha ar cuibhrionn, sgead- 
ich thu sinn le t-olainn agus le d' lion, is thug 
do thalarah dhuinn teachdantìr d' ar beathachadh. 
Nuair a bha sinn a* caitheamh lòin aon bhliadhna, 
bha thus' a' deasacha' dhuinn lòin arson bliadhn' 
eile, is lean do mhaitheas agus do thròcair ruinn an 
fhad so. 

Ach tha sinn, thar gach ni, toirt buidheachais duit 
arson do cliaoimhneis d'ar n-anamaibh, Cliu dhuit, 
O Athair, gun d' rugadh sinn ann am fearann Crios- 
duidh, far am bheil againn eolas an t-soisgeil agus 
meadhona na slainte. Cliu dhuit gun cualadh ar 
cluasan sgeul ait na beatha maireannaich, a chaidh 
fhoillseacha le d' Mhac, 's a ghuidh iomadh fàidh 
agus righ agus naomh a chluinntinn, ach nach cual' 
iad ; 's gu bheil ar sùilean a' faicinn nan nithe glor- 
mhor sin a ghuidh iadsan f haicinn, ach nach fac' iad. 
Buidheachas duit gu h-àraidh mar bha sinn co sona 
's gun do ghineadh sinn o pharantaibh diadhaidh, a 
thog suas sinn ann a t-eolas is ann a t-eagal ; no ma 
chuir do fhreasdal sinn ann an teaghlaichibh anns 
an robh aoradh agus eagal De, 's gun d' fhuair sinn 
eisempleir agus earail, maille ri meadhonaibh na 
slainte. Gun deonuiche Dia nach bi na gràsan so 
air an toirt duinn an diomhain ! 

Mar theaghlach, tha sinn a toirt buidheachais 



179 



duit gun do cLuir tlm bliadhnadh eile ri'r n-ùine, 's 
gun do chrùn thu i le d' mhaitheas. Gu ma beann- 
uiclite gun robli Dia, nach 'eil sinn ann an àireamh 
nam iniltean sin a shiubhail gu siorruidheachd anns 
a' bliliadhna' sin a chaidh seachad. Agus buidli- 
eaclias duit a bhuanaich leinn, maille ri-r beatha, na 
socbaire sin a dh' fbàg ar beatba taitneach. Ma 
fhuair sinn slainte iomlan, 's e Dia thug dhuinn i ; 
no ma bha aon neacb againn air fhiosracha' le tinn- 
eas, is e Dia thug fuasgla, 's a chum uainn na h-uilc 
lionmhor a dh' fhaodadh ar milleadh. Is tu thear- 
uinn sinn a dh' oi'ch is a là, o thoiseach na bliadhna 
gu ruig a deire ; 's tu bheannuich ann an tomhas 
air bith saothair ar làmh, agus a shoirbhieh leinn 
'nar gnothaichibh. 

Buidheachas duit gu h-àraid gun do bhuanaich 
thu leinn meadhona nan gràs agus sochairean an t- 
soisgeil : gun d' fhuair sinn sàbaidean agus orduigh- 
ean, àithn air àithn agus earail air earail ; nach do 
sguir do Spiorad a dheanamh stri ruinn, is nach d' 
thainig crioch ar t-fhad-fhulangas. Bha do shlighe, 
O Dhe, da'r taobh-ne, làn de thròcair ; ach O ! cia 
beag a bha ar taingealachd a' freagairt do d' mhaith- 
eas ! €ia beag a dhruigh t-f hocal no do f hreasdal 
air ar cridhe ! Ma bha sinn ann an soeair, dhi- 
chuimhnich sinn thusa ; 's ma bha sinn ann an 
docair, bha sinn ullamh gu gearan a dheanamh, 
an àite bhi striochdta do d' thoil naomha, mar bu 
chòir. 

Aig gach aon againn tha aobhar bròin gun d' 
thainig sinn co fada goirid air ar dleasnas, agus gun 
do pheacaich sinn co trie is co an-trom ann a t- 
aghaidh. Bu cheart-bhreitheach dhuitsa, O Dhe, 
ar gearradh asios ann am meadhon ar cionta. — Ach 
maille ri bròn arson ar peacaidh, tha sinn cuideachd 
a' deanamh gairdeachais, gu bheil maitheanas maille 
riutsa, trid Iosa Criosd, a bha 'na iobairt-rèitich arson 
peacaidh. O maith dhuinn ar n-uile lochdan air 
sgath ainme-san, is na leig dhuinn dol air ar n- 
aghaidh gu bliadhn' eile le cudthrom peacaidh sam 
bith air ar ceann. O gun leasaicheamaid air a 



180 



bhliadhna so, air am bheil sinn a' tionsgnadh, gach 
ni tha am mearachd 'nar cridhe 's 'nar giulaii ! 's gum 
bitlieamaid ni's dùrachdaiche gu geill a thoirt do 
thoil ar Tighearna. Is e so ar run ; agus is i ar n- 
ùrnuigh riutsa, O Dhe nan uile ghràs, gun tuga tu 
dhuinn còmhna do Spioraid naoimh, a chum ar run 
a cliur an gniomh, agus a bhi dileas duitsa gu ruig 
am bàs, a chum as gum faigh sinn an sin cmn na 
beatha. 

Anis, O Thighearna, tha sinn gar 'n earbsa' fein 
agus ar teaghlaich riutsa trid na bliadhna so. Ma tha 
thu faicinn iomchuidh gach neach againn a chaomh- 
na d'a trid, deonuich gur ami an trocair dhuinn a ni 
thu e. O coigil sinn, ma 's e sin do thoil naomh ! a 
chum as mata aon air bith againn nach robh ach a' 
cur dragh air an talamh gu ruige so, gun tugadh e 
nis amach tora, 's gum fàsamaid uile ni's pailte ann 
an obair an Tighearna ; chum urram a chur airsan, 
maith a dheanamh d' ar n-anamaibh fein, agus d'ar 
co-chreatuiribh. 

Tha sinn a' cur ar n-uile chùram saoghalt air do 
ehùram-sa, 's a' striochdadh ar n-uile ghnothaichean 
aimsireil do d' thoil : a' guidhe gun toir thu dhuinn 
na chi thu fein is fearr dhuinn. Ma bhios e chum 
ar leas, buanaich leinn ar sochairean is ar slàinte : 
ach mur bi, ullaich thusa sinn arson feuchainn air 
bith gus an aill leat ar gairm. No ma 's i do thoil 
ar gairm gu siorruidheachd mu 'n tig crioch na 
bliadhna so, deonuich gum faighear deas sinn ri 
uair ar n-atharrachaidh. O gun cuimhnicheamaid 
nach 'eil nar beatha ach ceo, a mhaireas tiota beag, 
is a thèid an sin as an t-sealladh. Teagaisg thusa 
dhuinn, O Dhe, ar làithean àireamh, is ar cridhe- 
achan a shocruchadh air fior-ghliocas. 

Tha sinn a toirt buidheachais duit arson do 
thròcaire lionmhor d'ar rioghachd anns a bhliadh- 
na a chaidh thairis, agus a' guidhe gum buanaich 
thu leinn do mhaitheas. Biodh teachdantir aig ar 
bochdaibh, is na biodh aobhar gearain sam bith 'n 
ar sràidibh. Biodh do shoisgeul air a bhuanacha 
leinn, is thugadh e buaidh ni 's mo air cridheachan 



181 



a luchd-labhairt agus èisdeachd, a chum as gum bi 
sinn gu leir 'nar pobull ionmhuinn le Dia. 

Tha sinngu dùrachdach ag earbsa' riut ar càirdean 
is ar luclid-daimh, 's a' guidhe gun dean thu bhliadh- 
na so sona dhoibh-san agus dhuinne. — 'S a nis, O 
Dhe, gabk gu tròcaireach ruinn fein agus ri'r n aor- 
adh, trìd Iosa Criosd, dan robh, maille riutsa, 's 
ris an Spiorad naomh, an t aon Dia beo agus fior, 
gach cliu agus urram, fad saogbal nan saoghal. 
Amen. 



Urnuigh roi Shuipeir an Tighearna, 

Is naomba, naomba, naomha, Thusa O Thighearna 
Dhe, nan sluagh! agus is naomh a bhuineadh 
dhoibh san a bhith leis am b' àill teachd dlù 
dhuit. Tha na h aingil a's àirde ag folach an gnùis 
le 'n sgiathaibh, agus a tilgeadh an crùin sios aig 
stòl do choise nuair a thig iad am fogus duit, a 
thoirt luadh air t-ainm. Cia mò gu mòr a bhuineas 
do dhuslach agus do luaithre mar sinne bhi air ar 
liona le urram agus eagal naomha aim ad làthair. 
O nacoinnichsinn ann ad cheartas mar theine lasrach ; 
ach gabh ruinn gu tròcaireach, air sgà Mic do 
ghràidh, a bhàsaich a chum ar tearnadh. 

Tha sinn ga mheas mar an onoir is mò gu 
bheil sinn a cluinntinn iomradh ort ann a t-fhocal, 
's a' faghail comas labhairt riut ann an ùrnuigh : ach 
mar nach bu leoir so, tha thu nis cuideachd 'gar 
cuireadh ionnsuidh do bhuird naomh, a chum as gun 
gabhamaid ar suipeir maille riutsa, agus thusa 
maille ruinne. Tha sinn a' deanamh uaill ann an 
uile shochairibh an t-soisgeil, ach gu h-àraid anns 
an òrdugh naomha so, leis am bheil sinn a' cumail 
suas cuimhne air bàs ar Fir-shaoruidh, a' faotainn 
earrann d'a thiolacaibh, is ag aideachadh ar dàimh ris 
R 



182 



fein agus r'a eaglais. — Ach ciod sinne, no ciod e 
tigh ar n-Athar, gum faigheamaid a leithid so de 
thròcair! Sinne nach do thoill an sbruileach, 
tha sinn air ar gairm gu bòrd na cloinne ! — O 
Thusa a tlia gar cuireadh gu suipeir bainnse an 
Uain, thoir dhuinu, tha sinn a' guidhe, trusgan na 
bainnse, 's oibrich annainn am fonn anama 's an 
aigne naomha sin ata iomchuidh arson an òrduigh 
naomli so ; chum as gum bi ar comunacha leatssa tait- 
neach agus tarbhach. 

Tha sinn ag aideacha nach 'eil sinn air chor sam 
bith airidh air an tròcair mhòir so; oir pheacaich 
sinn ann an aghaidh neimli agus ann ad shealla-sa, 
's cha 'n airidh sinn gun abairte do chlann ruinn. 
Tha ar cridhe 's ar giulan so-aomaidh gu olc, ach 
mall gu maith, tha ar n-aire gu ro-mhòr air nithe 
talmhaidh; 's gun achro-bheag suim againn de nithe 
nèamhaidh agus spioradail. Struidh sinn ar n-ùine, 
mhi-bhuilich sinn ar cothrom, ruith sinn an' dèigh 
diomhanais, is tlirèig sinn ar leas siorruidh fein. Ge 
do chaidh ar gabhail gu moch ann an cumhnanta 
riutsa, 's ge do chuir thu sinn fo gach ceangal agus 
comaine gu gràdh, urram, agus ùmhlachd a thoirt 
duit ; gidheadh cha do ghiulain sinne sinn fein do 
rèir so ; ach chlaon sinn air falbh uait, is dhear- 
maid sinn ar dleasnas agus ar sonas. — O Dhe, bi 
tròcaireach ruinne peacaich ! 

'S a chum as gu biomaid iomchuidh arson tròcair, 
O deonuich gum bi ar cridheachan air an irisleach- 
adh, is air an lionadh le bròn diadhuidh arson ar 
peacaidh ; a chum as nach tig sinn am feasd gu 
diteadh. O gum faigheamaid anns an òrdugh so eolas 
slainteil air Criosd, araon air a cheusadh agus air a 
ghlòrachadh ; air sheol as gum bi am peacadh air a 
cheusadh annainne, 's gun tig sinn beo do fhirean- 
tachd. 

Tha sinn a' tairgseadh an t-òrdugh so a thoirt 
fanear mar chuimhneachan air bàs ar Tighearna ; 
mar dhearbhadh air ar dòchas ri theachd aris ; mar 
bhann eadar sinne 's a' chuid eile d'a eaglais f haic- 
sinnich agus neo-fhaicsinnich; is gu h-àraid mar 



183 



chomliara air ar dàimh risan, agus mar cheangai 
cùmhnaint eadar esan agus ar n-anama. O thusa 
o'n tig ullacliadli a chridhe, thoir dhuinn na beusan 
agus na gràsan a bliios iomcliuidh arson na h-oibre 
so. Meudaich ar creideamb, ar gràdh, ar n-aith- 
reachas, agus ar rùn gu nuadb-umhlachd. Claoidh 
annainn gacli freumb searbbadais, agus mi- ruin, 
agus feirg; is lion ar cridheachan le gràdb, seirc, 
agus iocbd do na h-uile dhaoine. Dean sinn uile- 
dbeonach gu sinn fein a thoirt suas do Chriosd, mar 
ar Fàidh, Sagart, agus Rigb ; a chum ar teagasg, ar 
sàbhaladh, agus ar riagbladh. 

Thoir dhuinn gu li-àraidh do Spiorad, a chum ar 
naomhachadh, agus ar n-ullachadh arson bhi 'nar 
n-aoidheachan iomcliuidh arson bòrd an Uain air 
thalamh, is fadheoidh air neamh. Soillsich, O a 
Spioraid naoimh, ar n-inntinn ann an eolas Chriosd ; 
lùb ar toil d'a thoilsan ; lion ar cridheachan le togra 
'na dhèigh agus le teas-ghràdh dha: is thoir d'ar n- 
anamaibh an tart agus an iota sin an' dèigh firean- 
tachd, a bhios a reir geallaidh Dhe, air a sbàsuchadh. 
O Ard-mhaighstir na fèisde ! cuir fein amach t- 
fhirinn agus do sholus, d'ar stiuradh a chum do 
theach. An sin biodh do làthaireachd agus do 
bheannacha maille ruinn ; lasadh ar cridheachan an 
taobh a stigh dhinn ann an coluadar riutsa ; 's biodh 
ar Tighearn' air a leige' ris duinn ann am bristeadh 
an arain. Leis an aran agus leis an fhion, a tha 
na'n comhara air corp agus full Chriosd, faigh- 
eamaid na sochairean spioradail a tha iad a ciallach- 
adh, is bitheadh iad 'nam biadh d'ar n-anam. O 
dean fein na duilean a naomhachadh, a bheannach- 
adh, agus a choisrigeadh a chum na criche so ! 

Tha sinn ag aideachadh aris, O Thighearna ; nach 
airidh sinn air a' chuid is lugha de d' thròcair ; ach 
co ionnsuidh a theid sinn ma chuireas tusa cùl 
ruinn ? Nach ann a shàbhala' pheacach, mar sinne, 
a thainig thu chum an t-saoghail ; 's nach 'eil thu 
comasach agus toileach air gach neach a thig do t- 
ionnsuidh a shàbhala gus a' chuid is faide ? Nach d' 
iarr thu air gach neach fo uallach a' pheacaidh, 
R2 



184 



teacbd do t-ionnsuidh a dh' fhaotainn fois d'an 
anam ? Nach d' thug thu fàilte, leigheas, agus 
slainte do gach neach riamh a thainig, 's am bheil 
anis do làmh air dol an giorrad, no do thròcair air 
dol an lughad? Nach do ghabh thu ort fein 
smachdachadh ar sith, is nach robh t-f huil 'na h- 
iobairt arson peacaidh ? Tha so uile toirt misnich 
dhuinn teachd le treibhdhireas cridhe, 's le dearbh- 
bheachd nach cuir thu cùl ruinn. 

O Dhe, a thug dhuinn t-aon mhac, tha sinn earb- 
sach gun toir thu dhuinn, maille risan, na h-uile ni 
eile bhios feumail. C arson a bhàsaicheas sinn, is 
aran gu leoir an tigh ar n-Athar, agus fearta gu 
leoir am fuil ar Slanuiear ? Anis mata tha sinn a' 
guidhe gum bi do bheannacha maille ruinn, is maille 
ris gach neach aig am bheil an ni ceudna 'nan aire. 
Maith dhoibhsan agus dhuinne gach ni anns am 
bheil sinn faillneach 'nar n-ullachadh. Cuidich leinn 
uile teachd dlù dhuit anns an aon Spiorad, 's a bhi 
ceangailt ri chèile leis an aon chreidimh, leis an aon 
dòchas, is leis an aon ghràdh. Coinnich gach aon 
againn aig do bhòrd le beannachadh Athar, is thoir 
mothacha' dhuinn air do làthaireachd shòlasach. Na 
foluich do ghnùis, na ceil do ghràs, is na cum uainn 
do Spiorad. So uile tha sinn a' guidhe air sgà Iosa 
Criosd, d'an robh maille ris an Athair agus ris an 
Spiorad, gach cliu gu siorruidh. Biodh amhluidh. 



Urnuigh an dèìgh Suipeir an Tighearna, 

O Dhe ghlormhoir agus bheannuichte ! tha 
thus' air t-àrdachadh oscionn cliu agus smaointe 
dhaoine agus aingle : gidheadh tha thu gad' iris- 
leacha' fein a dh' amharc oirne, 's a' ceadacha' 
dhuinn teachd am fagus duit le muinighinn cloinne. 
Cliu dhuit arson t-irisleachd agus do ghràidh dhuinn 



185 



&ìr na h-uile doigh, acli gu h-àraidli ann a t-aon 
Mliac a thoirt seachad gu bàs a chum ar saoradh. 
'An so gun amharus tha gràdh, clia'n e gun do 
ghràdhaich simie Dia, ach gun do ghràdhaich Dia 
sinne. O gu moladh ar n-anama Dia, arson a 
mhaithis, is gun tugamaid cliu da ainm naomha mar 
is còir ! 

Cliu dliuit, O Dhe, arson gach sochair ata againn, 
trid Chriosd ; ach gu li-araid arson an òrduigh 
naomlia sin anns am bheil a bhàs air a cliur an cèill 
duinn. Cliu dhuit arson a' cothrom nuadh thug 
thu dhuinn gu co'-roinn a ghabhail deth : arson na 
chunnaic, na chuala, na bhlais, agus na laimhsich 
sinn. Ciod sinne, no ciod e tigh ar n-Athar, gun 
tugadh Dia sinn gu tigh a chuirme 's gun sgaoil- 
eadh e bratach a ghràidh tharuinn ? Faodaidh 
sinne gun amharus a ràdh gur fearr aon là 'na chùirt 
'na mile, 's aon uair aig a bhòrd na deich mile ann 
an àit eile. Gu ma beannuichte gun robh Dia arson 
sochairean agus sòlasan a thighe, 's arson gach co- 
fhurtachd leis am bheil e fàgail a phobuill ait 'na 
thigh ùrnuigh. 

Ach tha aobhar againne bhi fo bhròn is fo nàire, 
nach do dhruigh na nithe glormhor so oirn ni 's mò 
na rinn iad. Cia fuar a bha ar cridhe, cia luaineach 
ar smaointe, 's cia mall ar n-aigne, seach mar bu 
chòir dhuinn ! Maith dhuinn, O Dhe, peacaidh ar 
nithe naomha, 's buin gu tròcaireach r'ar faillinn- 
ibh; a chum as nach caill sinn ar saothair ann am 
feitheamh ortsa, no a bhuannachd sin bu chòir 
dhuinn fhaotainn o t-òrdugh sòlasach. 

Bha sinn a' cumail cuimhn air has ar Tighearna : 
O deonuich gun dean smaointe air a bhàs, a thoirt 
oirne bàsacha do'n pheaca, 's a bhi beo ann am 
Y fireantachd, a chum a ghlorsan. Aithnichear air ar 
I t caithe-beatha gun robh sinn maille ris, is faicear o'r 
giulan gur sinn deisciobuil Chriosd. Anns na h- 
uile nithe, biodh ar giulan do rèir eisempleir, f hoc- 
ail, agus a Spioraid. 

Bha sinn ag ath-nuadhachadh ar mòide baistidh, 

gar toirt fein as ùr suas d'ar Tighearna : O gum 
R 3 



186 



biomaid air ar neartacha le ghràs gu sinn fein a 
ghiulan gu faicilleach a rèir ar geallaidh, 's gu seas- 
amh daingean anns an aidmlieil a rinn sinn ! Tha 
sinn a' tairgse cathacha' ni's dùrachdaiche na rinn 
sinn riamh an aghaidh an t-saoghail, na feola, agus 
an aibhisteir : is ge nach 'eil cumhachd sam bith a- 
gainn fein gu dol an aghaidh an f heachd mhòir so, 
gidheadh ann an ainm Iehobhah togaidh sinn suas ar 
brataichean, is tha sinn earbsach gum faigh sinn a' 
bhuaidh agus tuille 's a bhuaidh trid Iosa Criosd ar 
Tighearna ; Dhàsan agus da sheirbhis tha sinn gar 
toirt fein suas mar bheo-iobairtean, 's ag iarruidh 
leantuinn lis, trid socair agus docair, 'nar beatha 's 
'nar bàs gu bràth tuille. Se so ar run ; is tha sinn 
a' cur romhainn leis na h-uile faire agus ùrnuigh 
gur e ar dicheall cuideachd. Ach cha'n 'eil ar earbsa 
as ar run no as ar dicheall fein, ach amhàin a' gràs 
agus a' Spiorad an Tighearna. 

Bha sinn a' gabhail còir air na sochaire sin a 
choisinn Criosd le bhàs : nior leige' Dia gun caill 
sinn a' chòir so le pilleadh aris gu amaideachd! 
Bha sinn ag aideacha' cuideachd an dòchais ri ath- 
theachd ar Tighearna: O gum biomaid ri sior- 
dheasachadh arson an là sin anns am faic gach suil 
e, agus iadsan a cheus e ; 's gum biomaid air ar 
neartacha' le gràs gu fantuinn ann a chum as gum bi 
misneach againn nuair a dh'fhoillsichear e, 's nach 
bi nàire oirn na f hianuis nuair a thig e ! 

Bha sinn ag aideachadh ar dàimh ris a cliitid eile 
do bhuill Chriosd, is r'a Eaglais ar nèamh agus air 
thalamh : Do rèir na h-aidmheil so, biodh ar giulan 
ann an gràdh bràthaireil is ann an seirc; mar is 
cubhaidh dhoibh-s.an aig am bheil an t-aon Dia, an 
t-aon Slanui'ear, an t-aon Spiorad, an t-aon chreid- 
imh, an t-aon dòchas, an t-aon fheuchainn, agus an 
t-aon dathigh. Na cuireamaid amach air a chèile 
air an t-slighe ; ach le foighidinn fad-f hulangas agus 
gràdh, giulaineamaid uallach each a chèile, a chum as 
gum faicear gur ann do Dhia a' ghràidh a bhuineas 
sinn. 

Mar chomhar' air ar gràdh do na h-uile dliaoin- 



187 



ibh, tha sinn a' guidhe, O Dhe, gun toir thu do na 
h-uile dhaoine saibhreas do ghràis, maille ri tiolac- 
aibh do f hreasdail. Sgaoil soisgeul na slainte feadh 
gach àite, 's tog an' àird balla Ierusalem. Beann- 
uich, gu h-araidh an Eaglais ath-leasaicht, is leas- 
uich ni 's mò is ni's mo i. Sgaoil amach a criochan, 
is dòirt air gach neacli innte spiorad end agus aor- 
uidh, sith agus seirc, ùmhlachd agus irisleachd. 
Beannuich ar righ, stiùir ar luchd-riaghlaidh, is 
thoir do mhinisteribli an t-soisgeil cuibhrionn dub- 
ailte de d' Spiorad : Cuidich leo am pobull a dh' 
earb thu riu a theagasg agus a stiuradh, air sheol as 
gun sàbhalar iad fein is a' mhuinntir a tha gan èisd- 
eachd. Thoir còrnhna do gach neach ann an teinn 
a thaobh cuirp no anaraa. Leighis an tinn, cuidich 
an lag, cobhair air a' bhochd, is cluinn osnaich a' 
phriosanaich. JBi a t-Athair do 'n dilleachdan, is 
tagair cùis na banntraiche. Thoir do gach neach bhi 
striochdta do d' thoil naomh anns gach feuchainn 
leis an àill leat am fiosrachadh ; is thoir dhoibh co- 
fhurtachd agus còmhna, gus am faigh iad fadheoidh 
crioch shona d'an àmhgharaibh. Beannuich ar càird- 
ean ; thoir maitheanas d'ar naimhdibh, is cuidich 
leinne maitheanas a thoirt doibh mar fhuair sinn 
fein gu saor uaitse. 

Anis, O Dhe, tha sinn a' fàgail air do chùram nan 
anama priseil so a chruthaich agus a shaor thu, 's a 
guidhe gum bi iad air an naomhacha le d' Spiorad. 
Ann an neart an lòin spioradail a fhuair sinn, deon- 
uich gun d' thèid sftfh air ar n-aghaidh air astar na 
beatha le tuille s-pionnaidh agus cofhurtachd na bha 
againn mmihe : 's ma 's toileach leat a' chuirm 
nèamhaidh so a dheasachadh air arson fathasd anns 
an fhàsach so, O deonuich gum bi ar neart air ath- 
nuadhacha' gach uair a gheibh sinn i ; gum bi ar 
n-anna-niianna ni *s mò air an claoidh ; gum bi 
againn tuille fuath do'n pheaca, is tuille spèis do 
naomhachd. Ach ma 's e 's nach ith sinn de 'n 
aran is nach òl sinn de 'n fhion so tuille gus an ruig 
sinn rioghachd Dhe, O deonuich, arm an neart na 
cuirme so, gun ruig sinn an t-àite sin anns an suidh 



188 



sìnn sios le Abrabham Isaac is lacob gu suipeir 
shiorruidh bainse an Uain ! 's gun ullaicheadh Dia 
nan uile ghràs a' mhuinntir a bha 'nan luchd-co- 
manachaidh leinn air thalamh, arson suidhe sios 
leinn cuideachd ann an rioghachd nèimh. 

Ar n-uile staid shaoghalta tha sinn a fàgail ann 
am buil do f hreasdail ; làn-earbsach gun toir thu air 
na h-uile nithe co-oibreacha le clièile chum ar leas; 
gun leig thu fliaicinn do ghràdh anns na h-uile 
crannchur, 's gun cuidicli thu leinn sinn fein a 
ghiulan gu cubhaidb anns gach staid, dhocair no 
shocair, anns am bi sinn. O biodh ar n-anama 
sàbhailte ; 's dean ruinn mar is àill leat anns gach 
aon ni eile. So tha sinn a' guidhe air sgà Iosa, a 
fhuair bàs air arson, agus a dh' èirich aris ; anns 
am bheil sinn a r guidhe bhi air ar faotainn araon 
'nar beatha agus 'nar bàs. Dhàsan, maille ris an 
Athair agus ris an Spiorad, gun robh cliu gu siorr- 
uidh. Amen. 



Urnuigh mu bhàs Caraid. 

O Dhe, Uile-chumhachdaich, a tha beo gu saoghal 
nan saoghal; d'an riaghladh uachdranachd shiorr- 
uidh ; agus aig a bheil a rioghachd o linn gu linn : 
's ann agads' a mhàin a tha neo-bhàsmhoireachd, a 
gabhail tàmh anns an t-sohis chum nach faod aon 
neach teachd 'am fagus ; an Ti àrd agus uasal, gan 
ainm a bhi naomh, agus d'an ionad-còmhnuidh sior- 
ruidheachd. 

Tha sinne, O Dhe, ag aideacha t-àrd-chòir oirn ; 
agus tha sinn ga d* mholadh mar am Bith neo- 
chriochnach glic, tròcaireach, agus cothromach aig 
a bheil ar stiuradh sa bheatha so. Tha sinn a' toirt 
cliu dhuit arson gach math a fhuair sinn uait. Agus 
l>u mhiann leinn sinn fein a striochda gu foighid- 



189 



neach chum do thoil, fo 'n smachdachadh ghoirt so. 
" Thug an Tighearna uaith, agus thug an Tighearna 
leis: beannuichte gun robh ainm an Tighearna." 
O Dhe, cum thusa gu tròcaireach suas sinn fo'n 
fhiosrachadh chruaidh so. Gheall thu gun saoradh 
tu iadsan a ghairmeas ort, ann an am an àmhghair, 
agus gum biodh tu dlu dhoibhsan aig a' bheil an 
cridhe briste, agus gun saor thu iadsan a tha brùite 
nan spiorad. Thuirt thu ris an t-sluagh, " 'Nuair 
a shiubhlas tu trid nan uisgeachan bithidh mise 
maille riut ; agus trid nan aibhnichean, cha dthig 
iad tharad ; 'nuair a dh' imicheas tu tre an teine, 
cha loisgear thu; agus cha dean an lasair greim 
ort." O ! Dhe coilion do gheallaidh phriseil nar 
fein-fhiosrachadh. Neartuich sinn chum thus' ar 
Dia a ghlòrachadh, ann an là so ar n-àmhghair; 
agus ar sùil a bhi air Criosd, neach is e fein an 
Aiseirigh agus a Bheatha, agus a thuirt, gad a robh 
esan a chreideas annsan marbh, gum bi e f hathast 
beo. 

Tha sinn a' toirt cliii dhuit, O ar Dia, arson an 
uair a tha aobhar againn a bhi fo bhròn, nach 'eil 
sinn mar a mhuinntir aig nach 'eil dòchas. Oir, 
mar tha sinne creidsinn gun deach Criosd gu bàs, 
's amhuil" a tha sinn a' creidsinn gun dthoir Dia 
iadsan uile a choidleas ann an Criosd maille ris. 
A Thighearna, tha sinn a' toirt làn-chreideas do na 
dh' fhoillsich thu ann ad Fhocal, " gur beannuichte 
na rnairbh a gheibh bàs aims an Tighearna, chum 
gum faigh iad fois o'n saothair ; agus leanaidh an 
oibre iad." 

Còmhn' sinn, O ar n-Athair nèamhuidh, ann an 
àm so ar fiosrachaidh, gu amharc romhainn chum 
an là a shaoras tu sinn o chumhachd na h-uaighe ; 
's a bhios na cuirp sin a tha air an cur ann an tru- 
aill'eachd agus 'an laigsinn, air an togail suas ann an 
neo-thruaill'eachd agus ann an cumhachd, agus gu'n 
coilionta na briathra, gum biodh " bàs air a shlug- 
adh suas ann am buaidh." O gun robh sinne, agus 
ar càirdean a dh'èug, air an latha mhòr sin, air an 
tabhair ar Slanuighear breith chothromach air an 



190 



t-saoghal, air ar nochdadh sgeudaichte 'na fhirean- 
tachd-san, ann an àireamh na muinntir ris an abair 
e, " Thigibh a dhaoine beannuichte m' Athar, 
sealbhaichibh mar oighreachd an rioghachd a dheas- 
aicheadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain." 

O Dhe, naomhaich an deucbainn so cbum irios- 
lachd ar n-inntinn, ar tograidh Spioradail, ar 
marbliantachd do'n bbeatba so agus air ar freag- 
araichead fa chombair nèamh, a mbeudachadb. O ! 
gun robh an smacbdacbadh so na mheadbon, trid 
saibbireachd do ghràis, chum ar tabbairt ni 's ro- 
dhlùitbe do Dhia, 's a cbum ar n-aomadh gu teachd 
ni 's neo-chealgaich a db' ionnsuidb Dhe, mar ar n- 
aon chuibhrionn a tha a mhàin uile-dhiongmbalta. 
Agus mar so gun oibrich ar n-àmhgbar eutrom, 
nach 'eil ach rè sealain, dhuinn trom chudthrom 
glòire a ta ni's ro anabarraich agus sior-mhairean- 
nach. 

A nis dhà-san a tha comasach air ar coimbead o 
thuiteam, agus ar cur gu neo-locbdach an làthair a 
ghlòire, le h-aoibhneas ro mhòr, do'n Dia a tha 
mhàin glic, ar Slanuighear, gun robh glòir agus 
mòralachd, neart agus cumhachd, a nis agus gu 
siorruidh. Amen. 




, Urnuigh arson Feasgar, lan Tighearna. 

O Dh<j, uile naomha agus uile bheannaichte, is 
Tusa a dh' èisdeas ri h-ùrnuigh ; agus bu mbiann 
leinn, air feasgar do latha fein, striochda aig stòl 
do chois, agus air n athchuinge a sgaoileadh ann 
ad' làtbair. Ann an ainm an Tighearna Iosa, an 
t-Eadar mheadhonar eadar Dia agus daoine peacach, 
tha sinne, mar theaghlach, 'gar taisbeanadh fein ann 
ad' f hianuis. Cliu dbuit gu'm bheil dànachd againn 
gu dol a steach do 'n ionad a 's naomha tre f huil 




191 



Iosa, air slighe nnaidh agus bheo, a choisrig e 
dhuinne, tre 'n roinn-bhrat, sin r'a ràclh, tre 'fheòil 
fein. Thigeainaid uinie sin le dànachd gu righ 
chaithir nan gràs, chum gum faigh sinn tròcair, 
agus gu n amais sinn air gràs chum cobhair ann an 
am feuma. 

Is Tusa an Dia bith-bhuan, an Tighearna, Cruith- 
fhear chriocha na talmhainn, cha 'n fhannaich agus 
cha sgithich thu ; cha'n fhaodar do thuigse a rann- 
sacbadh. Is Tu a thug bith do gach dùil, 's a tha 
led' chumhachdisle d' mhaitheas a' cumail suas gach 
fli agus neach dan d' thug thu bith. Cò tha cos- 
mhuil ruit' glòrmhor ann an naomhachd,' eagallach 
ann am moladh, a' deanamh nithe iongantach. Gu 
ma beannaicht' thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n 
athair, gu saoghal nan saogbal. Is leatsa, O Thigh- 
earn, a' mh òrach d, agus an cumhachd, agus a 
ghlòir' agus a bhuaidh, agus a mhòralachd ; oir is 
leats na h-uile a ta air neamh agus air talamh : is 
leat an rioghachd, O Thighearn, agus tha thu air 
t-àrdachadh mar cheann thar na h-uile. 

Pheacaich sinne a d' aghaidh, O Thighearna. 
agus thruaill agus mhill sinn ar n-anma neo-bhàs- 
mhor. Tha sinn uile mar ni truaillidh, agus ar n- 
uile fhireantachd mor luideig shalaich ; agus rinn 
ar lochdan, mar a ghaoth, ar ginlan air falbh. Ach 
moladh dhuitsa, a Thighearna gun do thaisbein 
thu do thròcair a thaobh a chinne-daoine. Chuir 
thusa ar cuideachadh air Aon a ta cumhachdach. 
Ghràdhaich thu an saoghal co mòr a 's gun d' thug 
thu t-aon ghin Mhic fein, chum as ga b'e neach a 
chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a 
bheatha shiorruidh aige. Gu ma beannaichte gun 
robh Esan a thainig an ainm an Ti as àirde chum 
sinne a shaoradh ! Ge do bha e saibhir, gidheadh 
rinn se e fèin bochd chum gum biodh sinne saibhir 
trid a bhochduin-san. Chuir se e fein ann an dimeas, 
a gabhail air dreach seirbhisich, air a dheanamh 
ann an coslas dhaoine ; agus dh' irioslaich se e fein, 
agus bha e ùmhal gu bàs, eadhon bàs a chroinn- 
cheusaidh. 



192 

Moladh dhuit, a Thighearna, gu 'n robh cothrora 
againn an duigh air a bhi a' leughadh agus a' cluin- 
tinn sgeul aoibhinn an t-soisgeul. Glòir dhuitsa 
gu blieil e fhathasd air innseadh dhuinn le d' fhocal, 
gu bheil Dia ann an Criosd a' deanamh an t-saoghail 
reidh ris fèin gun bhi meas an cionta do dhaoinibh; 
agus gu bheil Criosd air àrdachadh aig do dheas- 
laimh na Cheannard agus na Shlanuighear, a thoirt 
aithreachas agus maitheanas peacaidh d' a shluagh. 
Deonaich gràs dhuinne chum gun gabh sinn ris an 
Tighearna Iosa Criosd, 'na ghliocas, 'na fhireant- 
achd, 'na naomhachd > agus 'na shaorsa. O biodh- 
aniaid air ar deanamh 'nar pobull toileach ann an 
latha do chumhachd ! Cruthaich annainn cridhe 
glan, a Dhe, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an 
taobh a stigh dhinn. Ged a' tha sinn a thaobh 
nàduir 'nar cloinn easumhail, agus air an aobhar sin 
'nar cloinn na feirge, deonaich gu 'm bi sinn air ar 
deanamh 'nar cloinn dhuit fèin trid saibhreas do 
ghràis ann an Iosa Criosd. Biodh do Spiorad fein 
a' deanamh fianuis maraon r'ar spiorad -ne, gur sinn 
clann Dhe. 

Moladh dhuit arson latha eile de làithean Mhic 
an Duine. Beannaich meadhona nan gràs agus 
òrduighean an t-soisgeul, agus dean fèin eifeachd- 
ach iad chum slainte air n' anama. Nar leigeadh 
Dia, gu 'in bi e 'na dhiteadh dhuinne no do neach 
air bith a chuala t-fhocal air an latha diugh, gu 'n 
d' thainig an solus do 'n t-saoghal, agus gu 'n do 
ghràdhaich sinn an dorchadas ni's mo na 'n solus a 
chionn gu bheil ar gniòmharan olc. Oibrich fein 
annainn, a Dhe, faraon an toil agus an gniomh, a 
rèir do dheadh-ghean fein. Deonaich dhuinn a bhi 
air ar deanamh beò trid Spiorad na beatha ann an 
Iosa Criosd. Cuidich leinn a bhi caitheamh ar 
beatha san f heòil tre chreidimh Mhic Dhe, a ghràdli- 
aich sinn, agus a thug e fein air arson. Bitheamaid 
a fàs ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna 
Iosa Criosd. O Deonaich gu 'm bi sinn trèibh- 
dhireach, agus gun tuisleadh gu là Chriosd ; air ar 



193 



ìionadh le toraìbh na fireantachd, a tha trid Iosa 
Criosd chum glòire agus cliu Dhe. 

Beannuich do shluagh anns gach àit, agus anns 
gach staid, air feadh an t-saoghail. Thoir co- 
fhurtaclid dhoibhsan uile a ta ri bròn. Luathaich 
an là anns am bi an soisgeul air a chraobh sgaoil- 
adh o èiridh gu ruig luithe na grèine. Tha sinn a 
deanamh gairdeachas gu 'm bi ainm Iosa buan gu 
siorruidh ; co mhairionn ris a' ghrèin bithidh ainm- 
san ; agus annsan beannuichear na slòigh uile, agus 
beannuichidh iadsan e. Beannuichte gun robh an 
Tighearna Dia, Dia Israeil, an Ti a mhàin a ni 
nithe iongantach ! Agus beannuichte gun robh 
ainm glòrmhor-san gu siorruidh, agus lionar an 
talamh uile le ghlòir ! 

Beannuich, a Thighearna, a rèir saibhreas do 
ghràs, gach neach san teaghlach so. Cliu dhuit 
arson gach sochair tha sinn a' mealtuinn le chèile. 
Deonaich dhuinn, an dèigh ar làithean a chrioch- 
nachadh san t-saoghal so, gu'n coinnich sinn a 
chèile ann an rioghachd na glòire ; far am bi an 
Tighearn na sholus siorruidh d' a phobull, agus an 
criochnaichear laithean am bròin. Bi maille ruinn 
air feadh na h oi'che nochd. Thoir do d' ainglibh 
àithne mu'r timchioll, chum air gleidheadh o gach 
olc. Eisd A Thighearna, ri'r n urnuigh. Buin 
ruinn gu gràsmhor, agus gràdhaich sinn gu saor, 
air sgàth an Tighearna Iosa Criosd. A nis gun 
robh do Dhia an t-Athair, do'n Mhac, agus do'n 
Spiorad Naomh, gloir agus moladh gu siorruidh. 
Amen ! 



Urnuigh Mhaidne, arson Sgoile. 

O Dhe ghlormhoir agus uile bheannuichte ! is tusa 
a chruthaich an saoghal agus gach ni 'ta ann ; agus 
S 



194 



is tu tha gabhail cùram do gach creatuir : air an 
aobhar sin buinidh do gach peach, d' an d' thug 
thu reasan agus tuigse, aoradh agus cliu thoirt 
duit. 

Is tu, O Dhe, a chruthaich sinne, 's a ghabh 
cùram dhinn gach oi'ch is là o thainig sinn a dh' 
ionnsuidh an t-saoghail. Uime sin, buinidh dhuinn 
buidheachas a thoirt duit arson ar slainte, ar sòlais, 
ar teachdantir agus ar trusgain ; is gach ni maith 
eile dheonuich thu dhuinn fein, no d'ar pàrantaibh 
agus d'ar càirdibh. 

Tha sinn a' toirt buidheachais duit gu h àraid 
arson Iosa Criosd, aon mhac do ghràidh a chur 
ionnsuidh an t-saoghail, a chum ar sàbhaladh o 
pheacadh agus o thruaighe. As a leth-san tha sinn 
a' guidhe gun toir thu dhuinn maitheanas 'nar n 
uile pheacaidh, agus còmhna do Spioraid, a chum 
eolas fhaotainn air do thoil, agus a dheanamh, mar 
tha esan ag iarruidh oirn 'na shoisgeul. 

A chum na criche so, beannuich, tha sinn a' 
guidhe, gach teagasg a tha sinn a' faotainn anns an 
àite so, agus soirbhich le'r dicheall agus le'r saoth- 
air an dèigh eolais. — Thoir do'n f hear-theagaisg 
ciall, gliocas, foighidinn, spèis do'n òigridh, agus 
curam arson an leas, araon a thaohh cuirp agus 
anama. Deonuich gum faigh e toilinntinn ann a 
bhi faicinn gach aon fo a stiuradh a' fàs gach là 
ann an eolas is ann an naomhachd ; a chum as mar 
a bhios iad a' fàs ann am meudachd, gum bi iad a' 
fàs ann am fàbhar le Dia agus le daoinibh. 

Beannuich, O Athair neamhaidh, gach aon do'n 
chloinn so, agus deonuich gum bi iad uile, 'nan 
cloinn duitsa. Cuidich leo an Cruthai'ear a chuimh- 
neachadh ann an làithibh an òige, mu'm faigh cur- 
am an t-saoghail, no aon droch cleachduinn sealbh 
air an cridheachan. Gleidh do ghnà 'nan aire, gu 
bheil cunntas aca ri thoirt do Dhia air là a' bhreith- 
eanuis, anns am faigh iad a rèir an gniomhara, 
maith no olc ga 'm bi iad. 

Cum 'nan aire gu bheil thusa do ghnà 'gam faic- 
inn agus 'gan cluinntinn a chum as gun dean iad na 



195 



nithe sin a bhios taitneach leatsa, gun seachainn 
iad, na'n cainnt agus nan giulan, gach ni a thoill- 
eadh do dhiomb no do chorruich. Gleidh iad gu 
h-àraid o bhreugaibh, o mhionnaibh, o dhrocli 
cainnt, is o mhi-naomhacha là na sàbaide. Na leig 
dhoibh oilbheum no èucoir a dheanamli air aon a 
chèile, 's na biodh iad uair sam bith ciontach ann 
an connsacha no mi-reite. Acli deonuich gum bi 
gràdh aca do aon a chèile, 's do na h uile dhaoine, 
gum bi iad ullamh gu maitheanas a thoirt seachad 
amis gach eucoir, 's gum bi iad ciuin, iriseal agus 
iochdmhor ; a' fuathacha' gach aon pheacaidh, 'nan 
cridhe, 'nan cainnt, agus 'nan deanadas. 

Ullaich, O Dhe, gach aon an so, arson 
dreuchd no dàimh no inbhe sam bith anns am bi 
iad air an suidheacha' le d' fhreasdal anns an t- 
saoghal, ma bhios an làithean gu ruige sin air an 
sineadh. Gu h àraid tha sinn a' guidhe gu'n ul- 
laich do Spiorad iad arson saoghail eile, co ac' 
is ann òg no sean, no ciod air bith àm sam. bi iad 
air an gairm air falbh. 

Tha sinn a' toirt buidheachais duit arson do 
mhaithis duinn trid na h oi'che, 's a' guidhe do 
thròcair agus do bheannachaidh trid an là, air sgà 
losa Criosd: agus anns an dòchas so, do t-ainm, 
Athair, a Mhic, is a Spioraid naoimh, gun robh 
gach cliu agus urram, fad saoghal nan saoghal. 
Amen. 



Urnuigh Fheasgair, arson Sgoile. 

O Dhe nan gràs ! tha sinne gad' chliuthachadh 
mar Ughdar gach ni maith a fhuair sinn, is mar 
stèidh gach ni maith ris am bheil ar dòchas. Tha 
sinn gu h àraid a' toirt buidheachais duit arson a 
chothrom ata againn gu bhi air ar teagasg ann an 
S2 



196 



eolas feumail agus slainteil. Tha sinn a* guidhe 
gum beannuich tliu an cothrom so, 's gun soirbhicli 
thu le'r dicheall ; a chum as gum bi sinn gach là 
a' fàs ni 's glice 's ni's fearr ; ni 's iomchuidh arson 
ar dleasnais a dheanamh do Dhia, do dhaoinibh, 's 
duinn fein san t-saoghal so ; 's ni 's iomcliuidh 
fadheoidh arson thusa mhealtuinn ann an saogbal 
eile. 

Nuair a tha sinn a' tairgse gumbiodhar n-inntinn 
air a sgeadacha le eolas saoghalta, tha sinn gu 
sònraicht' a guidhe gum bi ar n-anama air an sgead- 
acha le eolas diadhaidh, agus le gràsaibh an Spior- 
aid. Cuidich leinn, O Dhe, gach fuath, agus far- 
mad, agus falachd, agus stri a chur air cul ; agus 
gluasad ann an sith agus ann an gràdh le cheile, 
's leis na h uile dhaoinibh. Cuidich leis gach òg an 
so, bhi ùmhal d'a phàrantaibh is d'a uachdarain, 's 
e fein a ghiidan gu suairce, cubbaidh ris na h uile 
dhaoine. 

Gleidh sinn o bhuaire, o pheaca, o dhroch 
cluiche 's o dhroch cuideachd. Thoir dhuinn gràs 
gu bhi firinneach, ionraic, agus deagh-bheusach ; do 
rèir an stiuraidh a tha sinn a faotainn o'r luchd- 
teagaisg, o'r coguis, is gu h-àraid o eisempleir ar 
Slanui'ear agus o shoisgeul. Deonuich gum faic 
na h-uile dhaoine, o'r giulan, gu bheil eagal De 
oirn, gu bheil gràdh againn do dhaoine, 's gu bheil 
suil againn ri là breitheanuis. 

A Dhe cuidich leinn an cothrom priseil a tha 
againn an tràs a bhuileacha gu maith ; a chum as 
gum bi sinn iomchuidh arson staid sam bith anns am 
bi sinn air ar suidheachadh leatsa. Cuidich leinn 
cuideachd a chuimhneacha nach 'eil ar cothrom gu 
deasachadh arson siorruidheachd ach goirid ; is air 
an aobhar sin gur iomchuidh dhuinn cùram a ghabh- 
ail, ann an làithibh ar n òige, gu sinn fein a 
dheanamh deas, gun fhios againn cia fhad a bhios 
so 'nar comas. A chum na criche so, thoir dhuinn 
cuideacha do Spioraid, a chum ar deanamh 'nar 
seirbheisich do Dhia, 'nar deisciobuil do Chriosd, 
is 'nar n-oighreachan air glòir nèimh. 



197 



Buidheachas duit, O Dhe, arson do mhaithis 
duinn o chruinnich sinn an ceann a chèile 'sa 
mhaduinn. Leig anis air falbh sinn le d' bheann- 
acba; thoir gach aon againn dathigh tearuinte; 
gabh cùram dhinn trìd na li oi'cbe; 's na leig 
dhuinn là no oi'che ar dleasnas duits' a dhi- 
chuimhneachadh. Fad uile làithe ar beatha, stiùr 
sinn le d' chomhairle, 's gabh cùram dbinn le d' 
fhreasdal. Dean gach aon againn feumail 'nar 
linn is 'nar ginealach 'sa bbeatha so, is gabh sinn 
'na dhèigh sin asteach gu beatha 's fearr. — Na nithe 
«o, x s na h-uile ni eile chi thusa maith dhuinn, a 
thaobh cuirp no anama, tha sinn a' guidhe ann an 
ainm aon Mhic do ghràidh ar Tighearna, a theag- 
aisg dhuinn a radh ann ar n ùrnuigh, Ar n-Aihair 
<ita air ?ieamh, 8$e. 



Urnuigh 3Ihaidne, arson Leiiiibh. 

O Dhe uile-chumhachdaich agus uile-thròeairich ! is 
tusa a chruthaich na h-uile nithe, 's a tha dh' oich 
agus do là a' gabhail cùram dhiubh. Buidheachas 
duit a ghabh cùram dhiomsa feadh na h oi'che 
chaidh seachad, 's a thug mi gu là ùr ann an slain- 
te 's ann an tearuinteachd. 

Gleidli mi an diugh, O Dhe, o gach ni a dh' 
fhaodadh cron a dheanamh dhomh fein no corruich 
a chur ortsa. Gleidh mi o na h-uile peaca, 's gu 
sonraicht o mhionnaibh, o bhreugaibh, is o eucoir a 
dheanamh air neach sam bith. 

Cuidich learn thusa mo Chruthai'ear, a chnimh- 
neachadh ann an làitbibh m' òige, 's a thoirt fanear 
gu bheil do shuil gach uair gam fhaicinn. — Thoir 
maitheanas domh, air sgà Chriosd, anns gach ni 
san do chuir mi corruich ort cheaua ; agus cuidich- 
S 3 



198 



eadh do Spiorad naomh Ieam ùmhlachd ni's fearr a 
thoirt duit as so suas. 

Beannuich, O Dhe, mo chàirdean, is gu h-araid 
rao phàrantan. Dean mise am dhuine-cloinne dleas- 
nach agus ùmhal doibh; is cuidich learn gràdh a 
bhi agam do na h-uile dhaoin' eile, 's a dheanamh 
riu mar bu mhaith leam iasdan a dheanamh rium 
fein. 

Tha mi toirt buidheachais duit, O Dhe, arson 
do mhaithis do 'n t-saoghal uile, 's a' guidhe gum 
bi thu tròcaireach do na h-uile dhaoine. Cliu dhuit 
arson do Mhic, arson do Spioraid, arson do shois- 
geil, agus arson do fhreasdail. Dean taingeil mi 
arson gach ni thug thu dhomh cheana : 's deonuich 
dhomh fhathasd gach ni chi thu feumail air mo 
shon sa bheatha so, 's 'na dhèigh sin a' bheatha 
shiorruidh, air sgà Iosa Criosd ; d' an robh, maille 
riutsa, 's ris an Spiorad naomh, an t-aon Dia, gach 
cliu agus urram, anis is gu siorruidh. Amen. 



Urnuigh Fheasgair, arson Leinibh. 

O Dhe agus Athair neamhaidh, a ghabh curam 
dhiom feadh an là an diugh agus feadh m' uile 
làithe, ciod a bheir mi dhuit arson t-uile thiolac- 
aibh ? Buidheachas duit arson mo chruthachaidh, 
arson mo thearnaidh, ach gu sonraicht arson mo 
shaoruidh, le aon Mhac do ghràidh. 

O maith dhomh, air a sgà-san, gach peaca 'san 
robh mi ciontach riabh, ach gu h àraid air an là 'n 
dingh. Tha mo lochda lionmhor, ann an smaointe, 
focal, agus gniomh : a Dhe bi tròcaireach dhomhsa 
peacach ! 

Cuidich leam, O Dhe, eolas a ghabhail ortsa 
ann an làithibh m' òige ; gluasad ann a t-eagal is 



199 



ann ad ghràdh, is do thoii a dheanamh le-m' uile 
chridhe. O deonuich dhomh gràs agus còmhna do 
Spioraid, gum sheòladh is gum chuideachadh, anus 
na h-uile ni bhios taitneach leatsa a dheanamh am 
fad is beo mi. ' 

Tha mi guidhe gun cuidich thu learn do ghnà 
bhi cuimheach gu bheil bàs, breitheanas, agus bith- 
bhuantachd a' feithe rium ; 's gun dean thu glie 
mi gu bhi ri grad-ullachadh air an sou ; o nach 'eil 
fios agam cò an là no an oi'che sam bi mi air mo 
ghairm d'an ionnsuidh. 

Beannuich, O Dhe, mo chàirdean, agus na Ii- 
uile dhaoine, ach gu sònraichte mo phàrantan. 
Cuidich leosan an dleasnas a dheanamh dhomh-sa ; 
agus cuidich leamsa bhi ùmhal agus dleasnach 
dhoibhsan. Na leig dhomh a' bhi am nàmhuid 
do neach sam bith ; ach cuidich learn maitheanas a 
thoirt seachad aims gach eucoir, a chum as gum 
faod dòchas a bhi agam gun toir thusa maitheanas 
domh fein trid Chriosd. 

O Thighearna, ghabh curam dhiom feadh an là, 
thoir dhomh tearuinteachd agus tàmh feadh na h 
oi'che ; 's cuidich learn bhi cuimhneach ortsa nuair 
a dhùisgeas mi 'sa mhaduinn. Gabh cùram dhiom 
am fad is beo mi ; is deonuich dhomh na nithe sin 
a chi thu feumail do m' anam agus do m' chorp, 
g*us an gabh thu mi fadheoidh asteach do d' riogh- 
achd, air sgà Iosa Criosd : agus anns an dòchas so, 
do'n Athair do'n Mhac is do'n Spiorad naomh, gun 
robh cliu agus urram, fad saoghal nan saoghal. 
Amen. 




O Thighearna Dhe, uile naomha ! tha sinne do 
chreatuirean truagh a* tairgseadh, air maduinn an 



soo 



là so, teachd am fagus duit aim an ainm aon Mhic 
do ghraidh, a dh' iarruidh do thròcair, is a dh' 
aideacha do mhaithis. O deonuich, 'nuair a tha 
sinn a' teachd am fagus duit le 'r beoil, nach bi ar 
cridheachan fuar no fada uait ; ach gun toir sinn 
aora dhuit ann an Spiorad is ann am firinn, leis na 
h-uile urram diadhaidh agus muinighinn. 

Gu ma beannuichte gun robh t-ainm gun d' thug 
tbu tearuinte sinn roi dliorcliadas agus roi chunn- 
arta na h oi'che, 's gu bheil sinn beo air maduinn 
eile, air ar cuairteaclia led' chaoimhneas gràdhach. 
Luidh, choidil, agus dhùisg sinn ; a oliionn gun do 
chum Dia gu caomh suas sinn. Air an aobhar sin 
ni sinn ar n-urnuigh riut gu moch, is thig sinn le 'r 
n-iobairt bhuidheachais a t-f hianuis. 

Tha fios againn nach Dia thusa le 'm miann an t- 
olc, 's nach seas an t-amadan ad' làthair; is air an 
aobhar sin tha sinn a' tairgseadh ar làmhan a nigh- 
eadh ann an neo-chiont, an uair a tha sinn a' gabh- 
ail os laimh t-altair naomh a chuairteachadh. O 
cruthaich fein annainn cridheacha glana 's ath- 
nuadhaich spiorada ceart an taobh astigh dhinn, a 
chum as gum biodhmaid iomchuidh air teachd am 
fogus duitsa, O a Righ nan naomh ! 

Tha sinn ag aideacha' gun d' fhuair ar n-aingidh- 
eachd gu bitheanta buaidh oirn, 's gun d' fhàs sinn 
buailteach do d' dhiombsa agus do d' chorruich. 
Ach tha sinn a' guidhe, agus a' gabhail dòchais, 
nuair a tha sinn a' pilleadh do t-ionnsuidh le bròn 
agus le aithreachas, gun dean thu iochd oirn air 
sgà losa Criosd, is gun deonuich thu dhuinn do 
thròcair is do mhaitheanas. Gabh, tha sinn a' 
guidhe, ri 'r n-aithreachas, ri 'r n-aoradh, agus 
ruinn fein, air maduinn an là so ; oir tha sinn a' 
tairgse sinn fein thoirt suas duitsa, an Dia d'am 
buin sinn ; a chruthaich, a cheannuich, 's a chum 
beo sinn, 's aig am bheil, air an aobhar sin, còir 
oirn fein agus air ar seirbhis. 

Air an là so, tha sinn, O Dhe, 'gar cur fein air 
do chùram ; 's a' guidhe tiid an iomlain deth, gu 
faigheamaid stiuradh agus tearna do fhreasdail. 



201 



Tha sinn a' tionsgnadh air là eile d'ar gnothaiche 
saoghalt agus d' ar saothair ; bi thusa maille ruinn 
aims na h-uil obair laghai^ is cuidich leinn a bhi 
dieheallach ionraic agus treibhdhireach, anns gach 
dreuchd agus inbh 's an d' rinn do fhreasdal ar 
suidheachadh. Tha sinn a' tairgseadh thusa chur 
romhainn anns gach ball, agus a' guidhe gun sthir 
thu sinn le d' chomhairle, 's gun soirbhich thu 
leinn le d' bheannacha. 

Tha sinn a' tionsgnadh air la eile do làithibh ar 
feuchainn agus ar feumalachd 'sa bheatha so ; O 
cuidich leinn gach cothrom agus tàland a chuir 
thusa 'nar làimh a dheagh bhuileacha, 's a bhi ni 's 
dùrachdaiche chum do ghloir fein is leas ar co- 
chreatuirean a chur air aghaidh. Sruthadh ar n- 
uile ghniomharan o ghràdh do Dhia 's o ghràdh do 
dhaoinibh, 's na biodhmaid ciontach ann an ni sam 
bith a thoilleadh achmhasan duinn or coguis air 
teachd na h oi'che. — A chum na criche so, gleidh 
thusa sinn o shlighe gach buairidh ; no thoir dhuinn 
gràs gu cathacha na aghaidh, no dorus gu teich- 
eadh uaithe. Cha'n'eil earbs' air bith againn as ar 
neart fein ; ach tha ar n-earbsa gu leir, O Dhe, a' 
còmhna agus gràs do Spioraid, trid Iosa Criosd ar 
Tighearna. 

Tha sinn a' tionsgnadh air là eile do làithibh ar 
cùram, 's gun am fios is lugha againn ciod a dh' 
f haodas tuiteam amach no tachairt duinn d'a thrid. 
Ach tha fios agads, O Dhe, air na h-uile nithe, 
oir tha iad uile fo d' stiuradh : is air an aobhar sin 
tha sinne 'g iarruidh gun bhi ro-churamach no iom- 
guineach rau ni sam bith, ach anns na h-uile nithe, 
le ùrnuigh agus le achuinge, bhi deanamh ar guidhe 
aithnichte dhuitsa. O ! ma 's e do thoil e, thoir 
dhuinn dol roi an là so ann an sith agus ann an 
cofhurtachd. le dealra do ghnùis air a thogail air 
ar n-anamaibh. No, ma chi thu iomchuidh triob- 
laid no deuchainn sam bith a leige nar rathad, 
deonuich gum bi gach ni a thachras duinn air a 
naomhacha dhuinn, gun sealbhuich sinn ar n-anama 
le foighidinn, 's gum bi cofhurtachd an Spioraid 



202 



agus sìth Dhe, trid losa Criosd, a' sior ghabhail 
còmhnuidh an taobh astigh dhinn. 

Tha sinn a' tionsgnadh air là eile, a bheir sinn 
an urrad sin ni 's dlùithe air an là dheireannach is 
air an t-siorruidheachd shòlasach sin a tliig 'na 
dhiaigh : O teagaisg dhuinn ar n-uile làithean àir- 
eamh, a chum as gun socraicheamaid ar cridheachan 
air fior ghliocas ! Cuidich leinn dleasnas gach aon 
là a dheanamli 'na là fein, is buanacha mar sin gu 
treibhdhireach gus an tig ar n-atharracha. Cuidich 
leinn gu h àraid a bhi fad an là so ann a t-eagal 
is ann a d' dheadh-ghean, 's ar n uile smaointe, 
bhriathra, agus gliniomhara bhi chum do ghloir. O ! 
na ceil oirn do thròcair, no mothacha sòlasach air 
do làthaireachd. Deanadh do f hreasdal an diugh 
ar dion, do Spiorad ar stiuradh, agus do ghràs ar 
còmhnadh ! 

Maille ruinne, biodh uile theaghlaiche na talmh- 
ainn air an toirt gu eolas an aon Dia, 's aon Eadar- 
mheadhonair, losa Criosd. Maille ri sochairibh 
cruthachaidh agus freasdail, thoir dhoibh, a Dhia, 
sochaire na saorsa, 's craobh-sgaoil 'nam measg so- 
lus agus slain te do shoisgeil. Mar so, biodh losa 
Criosd 'na sholus a shoillseacha nan uile chinneach, 
is 'na ghlòir do d' phobull Israeil. 

Deonuich gum bi sinne, anns na rioghachdaibh so 
air an do dhealraich Grian na fireantachd, cùramach 
gu gluasad ni 's mò 's ni 's mò mar is cubhai' do 
chloinn an t-soluis, is a' cur cùl ri oibribh neo- 
tharbhach an dorchadais. — A chum na criche so, 
biodh ar righ agus ar luchd-riaghlaidh air an riagh- 
ladh leatsa. Comhairlich luchd ar comhairle, teag- 
aisg luchd ar teagaisg, is bitheamaid gu leir air ar 
teagasg le Dia. 

Tha sinn a' guidhe gum faigh ar coimhearsnaich 
agus ar càirdean cuid de na sochairibh aimsireil 
agus spioradail a tha sinn a' guidhe air ar 
son fein. Tha siun a' guidhe gum fàs ar naimh- 
de 'nan càirde dhuitsa agus dhuinne, 's gun 
oibrich thu anns gach aon againne deagh-thoil do 
na h-uile dhaoine, le durachd agus dicheall, co fad 



203 



as a dh'fhaodas sinn, gu n leas a chur air aghaidh. 
Comas air bith a bheir thusa dhuinn gu maith a 
dheanamh air cuirp no anama dhaoine, tha sinn 'ga 
mheas mar onoir, 's ag iarruidh a bhuileacha mar 
stiubhartachd. — Gabh cùram do'n uireas'ach agus 
do'n easlainteach, is tagair cùis gach neach a tha 
fulang air sgà na còrach. Bi ann ad charaid do'n 
clioigreach, ann ad chultaic do'n bhantraich agus 
do'n dilleachdan, is tròcaireach a reir am feum do 
gach neach ann ad theaghlach mòr air thalamh. 

Anis, O Thighearna, èisd agus beannuich sinn, 
skt sgà Iosa Criosd, a theagaisg dhuinn a radii, Ar 
n-Athair ata air neamh, fyc. £ „ 

Urnuigh Fheasgair, arson Teaghlaich. j 

O Dhe uile-mhaith agus uile-thròcàirich ! tha sinne 
teachd do t-ionnsuidh marchloinn a chum an Athar: 
a' creidsinn gu bheil thu uile-chomasach, uile-ghlic, 
agus uile-ghrasmhor ; 's gur ann duit a bhuineas na 
h-uile saoghal agus na h-uile nithe. Tha sinn air an 
aobhar sin a' teachd do t-ionnsuidh arson gach ni 
tha feumail duinn a chum beatha agus diadhachd. 

Ach ciod sinne, no ciod e ar teaghlach, gun tug- 
adh an Dia sin a chruthaich neamh agus talamh, 's^ 
a tha riaghladh nan uile shaoghal fanear sinn ! Tra 
sheallas sin air na speuran, obair do làmh; air a 
ghealaich is air na reultan a dh' òrduich thu ; dh' 
f haodadh eagal a bhi oirn gum bitheamaid fein air 
ar leigeadh air di-chuimhn, mur biodh ar fiosrach- 
adh air do mhaitheas, co maith ri t-fhocal ag innse 
dhuinn gu bheil do fhreasdal co faicilleach mu 
thimchioll gach aon againn as ge nach biodh an 
earbsa riut ach sinn fein amhain. 

Cia iongantach, O Dhe, an cumhachd sin leis an 
do chruthaich thu air tus, is leis am bheil thu fath- 



204 



asd a' cumail suas an domhain is gach creatuir a 
tha 'ga àiteacha ! Cia iongantach an t-eolas agus an 
gliocas a tha toirt fanear cor gach aon de na h-uile 
ghnè chreatuirean a rinn thu ! 's cia saibhir am 
maitheas a tha fritheala d' am feum air gach trà, 
's a' sàsucha miann gach dùile hheo air bith ! Co 
rannsuicheas, O Dhe, do bhuaidhean, no thuigeas 
do mhòrachd ! tha do thròcair air a sgaoileadh thar 
t-uile oibre ! 

'Se saibhreas do mhaithis agus do thròcair, O 
Dhe, a chum gu bheil peacaich mar sinne, air an 
caomhna gu ruig an t-àm so, 's gu bheil sinn anis 
a' cuairteacha caithair nan gràs, an àite bhi air 
bhall-chrith aig cathair a' bhreitheanuis. Nam 
buineadh tusa ruinn mar a thoill sinn, an àite gach 
cofhurtachd agus dòchas ata againn, bha sinn fada 
roi n am so a' giulan do chorruich ann an dòrainn 
shiorruidh. 

Ach cliu do t-ainm nach ann mar Dhia dioghalt- 
ais agus breitheanais a rinn thu thu fein aithnichte 
dhuinne, ach mar Dhia iochdmhor agus tròcaireach, 
aig nach 'eil tlachd air bith 'nar bàs, ach leis an àill 
gum pilleamaid le aithreachas, agus gum bitheam- 
aid beo. Mar so cuideachd tha thu air do leige ris 
duinn ann a t-fhocal, mar Dhia a ghràdhaich an 
saoghal co mòr as gun do chuir thu t-aon-ghin 
Mhic d'a ionnsuidh, a chum as co air bith a chreid- 
eadh ann nach rachadh iad am mugha, ach gum 
faigheadh iad a' bheatha mhaireannach. — Tha sinne, 
O Dhe, a' creidsinn ; neartuich thus' ar creidimh ; 
is cuidich leinn gabhail ri Iosa Criosd mar Phrionn- 
sa agus mar Shlanui^ear, a thoirt duinn maitheanais 
peacaidh agus beatha. Tha sinn a' deanamh gair- 
deachais gun d' thainig e ionnsuidh an t-saoghail a 
chum na criche so ; gun d' thug e dhuinn eisem- 
pleir co naomha, teagasg co oirdheirc, miorbhuile co 
glormhor, is iobairt co foghainteach. Tha sinn a' 
deanamh gairdeachais 'na aiseirigh, 'na eadar- 
ghuidhe, 'na Spiorad a chuir e ionnsuidh an t- 
saoghail, is 'na ghealla fein ri teachd aris air an là 
dheireannach. O gum bitheamaid air ar firinneacha 



205 



trìd creidimh annsan, is sìth againn ri Dia air sgà 
iobairt-rèitich air a chrann-cheusaidh ! 

Maith dhuinn, O Dhe, air a sgà-san, ar n-uile 
pheacaidh, 's gu sonraichte gach ni a cliunnaic do 
shùil am mearachd an diugh 'nar cridhe no 'nar 
giulan. A nochd gabh ruinn gu tròcaireach, is 
beannuich sinn ; oir tha sinn gar toirt fein suas 
duit : a guidhe gum bi thu ad Dhia agus a t-Ath- 
air dhuinn ; gum bi do mhac 'na Phrionnsa is 'na 
Shlanui'ear dhuinn ; 's gum bi do Spiorad duinn 'na 
fhear-naomhacbaidh, na fhear-teagaisg, 'na fhear^ 
stiuraidh, 'na fhear-cuideaehaidh, is 'na fhear-co- 
fhurtachd. 

Maille ri'r n-achuinge, tha sinn a' cur suas ar 
molaidh do 'n Dia sin a bha leinn fad ar beatha, 's 
gu h-àraid air feadh an là'n diugh. O'n mhaduinn 
gu ruig an oi'che, mheal sinn sòlas, tearuin- 
teachd agus cofhurtachd; agus so uile o'n Dia 
sin o'n tig gacli aon tabhartas maith agus foirfidh, 

Ma shoirbhich sinn an diugh 'nar gnothaichibh 
laghail, no ma bha saothair ar làimh an tomhas air 
bith air a bheannacha, do t-ainmsa mhàin, O Dhe, 
gun robh an cliu. Ma thainig sinn trìd là eile saor 
o dhochann agus o chunnart, le slainte cuirp is le 
subhachas inntinn ; dhuitsa O Dhe, a t-aonar 
buinidh am buidheachas. Gu h àraidh, ma sheach- 
ainn sinn peaca sam bith no buaire, no ma f huair 
sinn buaidh air ana-miann air bith; ma bha sinn 
air ar gleidhe gun tuiteam an cionta mhaslach sam 
bith, 's air ar cum ail o uabhar, o f heirg is o iom- 
guin ; do 'n aon Dia ghlic, an Slanui'ear, gun robh 
an cliu agus am moladh ! 

Coigil sinn, tha sin a' guidhe, O Thighearna, gu 
là eile. Dion sinn o gaeh dosgaich trid na h-oi'che, 
's naomhaich ar codal agus ar fois duinn ; a chum 
as nuair a dhùisgeas sinn 'sa mhaduinn ann an 
slainte, gun toir sinn an sin is gu bràth mola dhuit. 
— O deonuich gum faighear sinn air crioch gach là 
a' bàsacha do'n t-saoghal so, d'a shòlais, d'a bhuann- 
achd, agus d'a onoir; a chum as, nuair a thig an 
t-àm, nach bi iomguin no eagal oirn fhàgail. 

T 



206 



'S mu thimchioll ar n atharrachaidh as an t- 
saoghal so, tha sinn a' guidhe, O Dhe, gun òr- 
duich thu gun tachair sin an uair 'sam bi sinn deas 
fa chomhair. Anns an uair dhèuchainnich sin, biodh 
ar n obair criochnaicht, ar rèite deanta, ar creideamh 
beo, 's ar gràdh laiste ; 's ann an gleachd ri righ nan 
uablias, O deonuich dhuinn còmhnatreun do Spioraid, 
a chum ar saoradh o gach uabhas agus amharus mu 
thimchioll ar staid shiorruidb, agus buaidh, is tuille 's 
buaidh thoirt duinn trid Iosa Criosd, a clium as 
gum bi sinn gu siorruidli maille ri'r Tigbearna. 

Dh' àithn thu dhuinn, O Dhe, ar n-ùrnuigh, 
ar n eadar-ghuidhe, 's ar buidheachas, a chur suas 
arson nan uile dhaoine. Thigeadh na h-uile dhaoine, 
ionnsuidh na firinn mar ata i ann an Iosa ! Craobh- 
sgaoil doshoisgeul, sàbhail do phobull, agusbeannuich 
t-oighreachd. Gabhcùram d'ar righ agus da'r duthaich, 
is thoir stiuradli de luchd ar riaghlaidh. Pill uainn na 
breitheanuis a tha 'n tòir oirn, is dòirt air na h-uile 
dhaoine Spiorad ùrnuigh agus aithreachais. Gabh 
truas do gach aon ann an trioblaid, is naomhaich 
dhoibh an anshocair, Bi tròcaireach d'ar coimhears- 
naich agus d'ar càirdibh. is dean ar naimhdean rèidh 
ruinne agus riutsa. Dean tighean nan uile Chriosd- 
uidhean nan tighean ùrnuigh, is tog dealra do 
ghnùis air gach neach a tha gu dùrachdach ag 
iarruidh t-aghaidh. 

Beannuich sinne leis gach roglia beannachaidh 
ann an Criosd, is naomhaich dhuinn gach staid am 
bheil no sam bi sinn amis a' bheatha so. Tha ar n 
uil achuinge ar n-uil' anf hainne, 's ar n-uile uireas- 
bhuidh, O Dhe, aithnichte dhuitsa; seall ann an 
iochd air do chreatuiribh truagh, a tha gan toirt fein 
suas duit, is gam fàgail air do churam; is thoir 
freagra g'ar n urnuigh ann an sith, o righ-chathair 
do thròcair, air sgà Iosa Criosd ar Tighearna ; d'an 
robh, maille riutsa, 's ris an Spiorad naomh, an t- 
aon Dia, agus ar Dia-ne, gach cliu agus urram, 
fad saoghal nan saoghal, Amen. 



A 



\ 



Urnuùfftyfìhfiidne, arson Teaghlaich. 

/ o#j*j( .^jf^' . j#C 

O Dhe glornihoir, slùerruidh, agus bheannuicht ! 
o'm bbeil na h-uile sonas agus beannachd a' sruth- 
adh anuas; tha sinne do chreatuirean ag iarruidh 
sinn fein a thaisbeanadh ann ad làthair, leis gach 
uile urrani agus irisleacbd, trid Iosa Criosd ar n 
Eadar-mheadhonair. O ! seall oirn ann an iochd, 
mar is gnà leat a dheanamh air a mbuinntir sin aig 
am bbeil gràdh do t-ainm, is leis an àill do thoil- 
eacbadb. 

Leis an duracbd is leis an taing is mò, tha sinne, 
le aon gbutb agus le aon cbridbe, toirt cliu do t-ainm 
àrd agus urramach, arson tròcair agus tearuinteachd 
na b oi'cbe chaidb thairis, is arson comas a bhi 
againn air a' mbaduinn so catbair nan gràs a cbuairt- 
eacba. — 'Nuair a smaointicbeas sinn air coilion cun- 
nart d'am bbeil sinn buailteach feadh na b oi'cbe ; 
air coilion ni tba feumail gu aon oi'cbe f hàgail fois- 
tineacb ; is air co chosail is a tba an cadal is sèimbe 
ris a' bbàs ; O eia mòr an gràdb, an taing, agus an 
t-iongantas, leis am buin e dbuinne cliu thoirt do 
ainm an Dia a cbum beo sinn ! Cia mòr do cbùr- 
am mu'r timchioll, O Thigbearna! 'Nar luidbe 
agus 'nar n èirigh tba tbu gbnà maille ruinn, is tha 
do chaoimhneas gràidb gach maduinn ùr dbuinn 

Cia taitneach tha ar staidne, seach mòran d'ar co- 
cbreatuirean ! Cia lionmbor iadsan air an oi'cbe 
cbaidh seacbad a cboidil codal a' bhàis, is nach faic 
gu bràth tuille solus na grèine ! 's cia lionmhor iad- 
san a bha air an cràdh le tinneas agus le pèin, a' 
tionndadii air an leabaidb, gun f hios gu teachd an 
là; an trà fhuair sinne slainte, tàmb, agus tearuin- 
teachd ! Air a shon so, gu ma beannuicbte gun 
robh Dia ar slainte, d'am buin teasairginn o'n bhàs, 
agus a nocbd a cbàirdeas duinne ! 
Tha ar n-anama, O Dhe, air an cràdh gu geur, 
an uair a smaointicheas sinn cia di-chuimhneach a 
bha sinn ortsa, 's cia olc a dhiol sinn gach comaine 
T 2 



208 

phrìseil a fhuair sinn. O cia beag d'ar beatha 
ghoirid a bha air a buileachadh ann ad sheirbhis-sa, 
no chum do ghloir, ge d' bu dligheach dhuit an t- 
iomlan, agus siorruidheachd uile, bhi air a buileach- 
adh ann ad mhola ! Cia mòr d'ar beatha f haoin, a 
rinn sinne mòran ni b'fhaoine, le'r giulan amaideach 
agus peacaeh ! Cia trie a rinn sinn dearmad ortsa 
's air ar dleasnas, agus a thug sinn easumhlachd do 
d'lagh naomha ! Cia fuar a bha ar gràdh dhuit, cia 
f àilneach ar togradh ann ad dhiaigh, cia neo-shuidh- 
ichte ar gluasad maille ruit, gun bhi f às ann an 
gràs no ann an naomhachd mar bu chòir dhuinn! 

Maith dhuinn, O Dhe, air sgà Chriosd, ar n-uile 
pheacaidh, dearmaid agus deanadais; is bi rèidh 
ruinn annsan a bhàsaich arson ar sith, agus a tha ri 
sior-eadar-ghuidhe air arson. O tog oirn solus do 
ghnùis, is bi tròcaireach, suidhich do shith 'nar 
cridheachaibh, is biodh cofhurtachd ar Dia dhuinne 
'na spionnadh agus ? na aoibhneas! 

Buidheachas duit, O Dhe ge d' f haoda tu fada 
roi an àm so ar gearradh sios, mar dhaoine bha 
cur dragh air an talamh, gidheadh gun do bhuanaich 
thu sinn fathasd ann an staid deuchainn agus dòchais : 
gu bheil cothrom againn fathasd ar mearachdan a 
leasachadh, agus aithreachas treibhdhireach a dhean- 
amh arson ar n eas-umhlachd; a chionn gu bheil 
Criosd fathasd a' tagradh ar cuis aig deas-laimh an 
Athar. 

Ach cia f had a mhaireas an cothrom àghmhor so, 
no bhios ar ceutfaidh agus ar slaint air am buan- 
acha leinn, a chum ar n-ùine^a dheagh-bhuileacha, 
cha'n 'eil fios againn. Seadh, cha'n eil fios againn 
ciod a dh' fhaodas an là so fein a thoirt man 
cuairt, no nach e an là ma dheire dhuinn air thal- 
amh. O gun deanadh na smaointe so ar n-anam a 
dhùsgadh suas gu deasacha le cùram arson na sior- 
ruidheachd sin a tha, là an diaigh là, a teachd ni's 
faigse dhuinn ! O gum bitheamaid anis glic ; gun 
deanamaid na h-uile dicheall gu ar gairm is ar tagh- 
adh dheanamh cinnteach, is gum bitheamaid cuimh- 
neach air ar crich dheireannaich ! 



209 

O Dhe nan uile ghras, dean thusa air sgà Chriosd, 
enideacha do Spioraid a thoirt duinn, a chum as 
gum bi sinn air ar beothacliadh ami an slighe t- 
àitheantan. Aom ar cridheachan a chum do reachd, 
air chor as gw.'n coimhid sinn e gu là ar criche, le 
dicheall agus le treibhdhireas. Cuidich leinn ar 
gràdh dhuits' a dhearbhadh, le bhi gluasad a reir do 
shoisgeil, le bhi toirt gràidh do aon a chèile, 's le 
deadh run eadhon d'ar naimhdibh ; a chum as mar 
sin gum bi sinn 'nar cloinn d'ar n Athair nèamhaidh, 
a tha toirt air a ghrèin èiridh air an olc is air 
a mhaith, agus 'nar deisciobuil do'n Ti sin a bha 
a' sior-dhol mu 'n cuairt a' deanamh maith, 's a 
bhàsaieh ri ùrnuigh arson a naimhdean. 

Tha sinn ag iarruidh an deagh ruin so do na h- 
uile dhaoinibh a thaisbeaiiadh, le'r n achuinge chur 
suas ri Dia, Athair caomh na n-uile, arson an sonais 
agus an slainte. Is tus', O Dhe! Athair nan uile; ach 
cia mòr a chuid de d' theaghlach a tha aineolach ort, 
is aig am bheil an inntinn air a dalladh, air chor as gu 
bheil iad gun Dia, gun Chriosd, agus gun dòchas 
anns an t-saoghal ! O Thusa dh' àithn do'n t- 
solus dealradh an toiseach am ach a' dorchadas, deal- 
ruich 'nam measg le d' shoisgeul, a thoirt doibh 
eolais ort fein ann an losa Criosd, an f hirinn agus 
a' bheatha. Cuir casg air na h uile mearachd agus 
mealltoireachd a tha chean an' aghaidh an t-soisgeil, 
agus soirbhich le rioghachd an Tighearna. 

Tog suas t-Eaglais 'nar measg-ne, soirbhich le'r 
luchd-teagaisg, is beannuich ar righ agus ar n-uachd- 
arain, Beannuich gu b-àraid ar càirdean, ar 
luchd-daimh, is ar luchd -eolais. Biodh iad uile 
'nan càirdean is 'nan cloinn do Dhia, trid losa 
Criosd. Soirbhich leo 'nan gnothaichibh laghail, 
ach gu h àraidh ann an ciiis an an am a. Thoir 
dhoibh na chi thu maith dhoibh aims gach staid an' 
so, agus 'na dheigh so a' bheatha shiorruidh. Biodh 
do làmh an taice ri luchd na h-easlainte, 's thoir 
crioch shona d'an uile àmhgharaibh. Thoir còmhna 
do'n mhuinntir a tha gam buaireadh, fuasgla do 'n 
mhuinntir a tha ga'n sàruchadh, is gairdeachas do 'n 
T 3 



210 



mhuinntir a tha ri bròn, arson an lochda fein, is 
lochda dhaoin eile. 

Beannuich, a Dke, an teaghlach so, 's gach neach 
ata ann, de gach aois agus inbh. Dean faire 
tharuinn, O Athair thròcairich, trid an là, is gleidh 
sinn o gach olc, araon o aingidheachd agus o f hul- 
angas. Cuidich leinn sinn fein a ghiulan gu faicil- 
leach anns an t saoghal, is anns na h-uile gnothach, 
cuideachd, agus coluadar, sinn fein a choimhead le 
cùram diadhaidh. Cuartaich sinn le t-f hàbhar mar 
le sgèith ; ullaieh sinn arson do thoil a dheanamh 
le durachd, agus a ghiulan le foighidinn. Neartuich 
sinn an aghaidh buairidh, is cum suas sinn do ghnà 
'nar n ionracas: a chum as fadheoidh gum meal 
sinn aoibhneas ar Tighearna. — Air a sgà-san, O 
Dhe dean air arson oscionn na 's aithne dhuinn iar- 
ruidh no a smaointeachadh: agus do t-ainm àrd agus 
urramach, Athair, a Mhic, agus 'a Spioraid, gun robh 
gach cliu agus mola, fad saughal nan^saoghal. Amen. 



O Dhe ghlomhoir agus shiorruidh ! is tusa Cruth- 
ai'ear nèimh agus talmhainn, an t- Athair uile-chumh- 
achdach. Is tu cuideachd Athair ar Tighearna 
agus ar Slanui'ear Iosa Criosd, is anns an dàimh 
shòlasaich so, tha sinne 'g iarruidh teachd am fogus 
duit, O Dhe nan uile ghràs agus nan uile chof hurt- 
achd ; a chruthaich, a bheathaich, a shaor, is a chum 
gu ruige so beo sinn. 

Mar a theagaisg thu dhuinn arm a t-fhocal an 
seol air am bheil thu a' rèiteacha' saoghail chiontaich 
riut fein trid aon Mhic do ghràidh, tha sinne, do 
chreatuirean truagh agus peacach, ag iarruidh 
teachd air an t-seol iongantach agus thròcaireach 
sin am fagus duit. O ! thigeadh ar n urnuigh ann 




4— 



Urnuigh Fheasgair, arson Teagfllaich. 




211 



ad làthair mar bholtrach cùbhraidh, is biodh ar n- 
iobairt f heasgair taitneach leat, air sgà Iosa Criosd 
ar n Eadar-mheadhonair. 

Gu ma beannuichte gun robh t-ainm, O ùghdair 
gach maithis agus tròcair, arson tearuinteachd agus 
tiolacan là eile air thalamh. Is tusa thug air teachd 
astigh na maidne 's dol amach an f heasgair gaird- 
eachas a dheauamh tharuinn : agus is i do làmh 
mhaith a thug tearuinte sinn gu crich an là. Gu 
ma beannuichte gun robh t-ainm nach d' thainig 
dosgaich air bith oirn, gu r bacadh o chruinneacha 
mar so le solas aig stol do choise. 

Cliu dhuit arson ar slainte, ar sith, ar teachdan- 
tir agus ar trusgain ; arson ar càirdean, ar cuid- 
eachd, is gach ni eile tha fàgail ar turais tre an t- 
saoghal so sòlasach agus taitneach. Oscionn gach 
ni, tha sinn a' toirt buidheachais duit arson Iosa 
Criosd, is arson uile shochairean an t-soisgeil. 
Tha sinn a' toirt buidheachais duit arson t fhocail, 
arson do Spioraid, arson meadhona nan gràs, agus 
dòchas na glòire. 

Ach an uair a tha sinn a' cliuthachadh do mhai th- 
is, O Dhe, tha sinn 'gar diteadh fein. Cia olc a 
bhuilich sinn do thiolaca ; 's cia beag a dhrùigh do 
mhaitheas air ar cridheachan O I maith dhuinn co 
dearmadach as a bha sinn ortsa, 's air leas ar n- 
anama neo-bhàsmhor fein; co olc as a dhiol sinn 
gràdh ar Fir-shaoruidh, agus saothair an Spioraid : 
is co neo-fhreagarach as a bha ar caithe-beatha d'ar 
dleasnas, d'ar dòchas, d'ar mòide, d'ar n-eolas agus 
d'ar n-aidmheil. Tha ar peacaidh ro-lionmhor agus 
antromach ; O biodh iad air am maitheadh dhuinn, 
air sgà fearta fola Chriosd, a ghlanas o gach uile 
pheaca ! 

Mar tha gach aon là a' feuchainn gu bheil thusa, 
O Dhe, tròcaireach ; is amhluidh a tha gach aon là 
a' feuchainn cuideachd gu bheil sinne aingidh agus 
amaideach. An diugh fein, cia iomad ni a dhear- 
maid sinn bu choir dhuinn a dheanamh; is cia 
iomad ni a rinn sinn, an smaointe, focal agus 
gniomh, bu chòir dhuinn a sheachnadh. Thoir 



212 



niaitheanas duinn, O Athair, is thoir mothacha sòl- 
asach d'ar coguisibh gu bheil thusa, trid losa 
Criosd, an rèite ruinn. 

Deonuich dhuinn a noclid luidhe sios ann an sith 
ri Dia, 's ann an rèite 's an run maith do na h- 
uile dhaoine. Biodh ar codal foistineacli ; biodh ar 
dùsga siochail. Coimhid sinn o uile uabliasaibli na 
h-oi'che, 's fo sgàil do sgèith thoir tearuinteachd 
dhuinn fein is do gach ni a bhuineas duinn. 

'S an uair tha dorchadas oi'che 'n dèigh oi'che ag 
iadha mu'r timchioll, O deonuich gum bi sinn gach 
là is oi'che 'gar n-ullacha' fein le tuille 's tuille 
durachd, arson oi'che bàis agus la breitheanuis ! Gu 
ma h-e ar dicheall tliar gach ni gum faigh sinn an 
so sith, agus an sin slainte uaitsa! Tha t-fhocal 
ag innse dhuinn gum bi mòran a ghuidheas anns 
an là sin gun deanadh na creagan agus na slèibh- 
tean tuiteam orra, 's am falach' o ghnùis a Bhreithe 
's o fheirg an Uain — 'S am bi neach air bith againne 
'san àireamh thruagh sin ? — Nior leige Dia ! 

A chum as gun seachnamaid a' chrioch eagallach 
so, cuidich leinn a bhi gu trie 'gar rannsacha' fein, 
agus a' feuchainn ar staid. Na leig dhuinn sinn 
fein a thoileachadh le tomhas air bith de naomhachd 
goirid air na tha do shoisgeul ag iarruidh, no ni 
sam bith a cheadacha dhuinn fein, ach ni a chead- 
aicheas do shoisgeul duinn, an uair a bhitheas sinn 
air ar feuchainn leis aig cathair a bhreitheanuis. — 
O Thusa d'an leir na h-uile nithe, rannsuich agus 
fidir sinn ; feuch dhuinn slighe aingidh sam bith ata 
annainn ; pill sinn uaithe ; agus stiur sinn as so suas 
ann an slighe na beatha maireannaich. Mar sin, an 
uair a thig là, is oi'che, is aimsir gu crich, 's a 
bhios an saoghal a leaghadh sios 'na lasair, faodaidh 
sinne ar cinn a thogail suas le gairdeachas, a chionn 
gu bheil aimsir ar saoruidh an sin am fogus. 

Arson gach ni tha ri tachairt duinn gu ruige sin, 
dean thusa, Dhe, ar n-ullachadh. Na buin uainn do 
chaoimhneas gràdhach, solas do làthaireachd, no 
còmhna do Spioraid. Na leig le'r naiinhdibh 
spioradail, no le 'r n ana-miannaibh fein ar tarruing 



213 



uaitsa ; 's na leig le buaireannaibh an t-saoghail no 
a pheacaidh, ar mealladh. C arson a bhios comunn 
againne ri peacadh, a chuir ar Slanui'ear gu bàs ; 
c' arson a bhios gràdh againn do'n t-saoghal, a thug 
fuath d'ar Tighearna ? — O ! naomhaich dhuinn t- 
uile fhreasdal, socair no docair ga 'in bi e; is 
deanadh gach ni a thachras duinn ar toirt ni 's 
dlùithe 's ni's dlùithe dhuitsa! Gheall thu gu'n 
oibricheadh na h-uile nithe le chèile, chum leas na 
muinntir a bheireadh gràdh dhuit : O biodh ag- 
ainne do ghnà fianuis 'nar cridheachaibh fein gu 
bheil còir againn air a ghealla so ! 

Amhairc ann an iochd, O Dhe, air an t-saoghal 
uile. Biodh an f hirinn, mar ata i ann an Iosa air 
a leigeadh ris do na h-uile dhùthaich is do na h- 
uile dhaoine ; 's biodh gràs, tròcair agus sith air am 
meudachadh do gach neach a tha gràdhachadh an 
Tighearn Iosa Criosd an treibhdhireas ! 

Bi tròcaireach do na rioghachdaibh so. Buanaich 
leinn na sochairean a tha sinn a' mealtuinn, is cum 
uainn na breitheanais a tha sinn a' toilltinn. Gu 
ma fearr leat ar leasacha na ar sgrios ; 's gun 
deanadh t-fhoighidinn ar stiura gu aithreachas ! — 
Beannuich ar righ, agus deonuich r'a linn gum bi 
againn sith agus pailteas. Stiùir àrd-chomhairle na 
rioghachd, gum bi iad a' sior chur air aghaidh leas 
a phobuill. Thigeadh aingidheachd nan aingidh 
gu crlch, ach daighnich agus soirbhich le daoine 
còire. Soirbhich le d' shoisgeul, is beannuich saoth- 
air na muinntir a tha 'ga fhrithealadh. 

Cuimhnich air ar càirdean is air ar luchd-gaoil leis a 
ghràdh sin a thug thu do d' mhuinntir fein. Deon- 
uich gum bi iad ann an àireamh do chloinne, 's gum 
bi an giulan do ghnà mar is cubhaidh do chloinn 
De. Gabh truas de gach neach aim an àmhghar ; 
saor am bochd ; cuidich an dilleachdan, is thoir dion 
do gach neach a chuireas ann ad a dhòchas. 

Eisd, a Dhe, ar n-urnuigh, gabh uainn ar buidh- 
eachas, is gabh air do churam sinn fein, a reir 
saibhreis do ghràis ann an Iosa Criosd : agus dhasan 
a tha comasach air ar gleidhe gun tuisleadh, agu 



214 



air ar taisbeana fa dheire gu neo-lochdach ann am 
fianuis a ghloir, le anabharr aoibhneis, — do'n aon 
Dia ghlic ar Slanui'ear, gun robh gloir agus urram 
agus cumhachd agus buaidh, fad saoghal nan uile 
shaoghal. Amen. 

Urjw^gh Mhaidne, arson TeaghlaicJu 

O DHE'uiIè cbumhachdaich agus uile-ghràsmlioir, a 
tha, a bha, agus a bliitheas ! Is tusa Righ nan" 
uile righrean, agus Tighearna nan uile thighearn- 
an. Is ann duit a bhuineas do gacli glùn lùbadh, 
is do gach anam aoradh agus urram a dhioladh. 
Tha thu uile-làthaireach agus uile-fhiosrach, a' 
lionadh nèimh agus taimhainn, 's a' faicinn an aing- 
idh. agus an f hirein ; is tha eadhon smaointe 
diomhair a chridhe ruisgte ann a t-f hianuis. 

Tha aobhar againne, O Dhe, nàire bin oirn ar 
sùil a thogail suas riut ; oir tha ar n-aingidheachd 
air teachd thar ar ceann, is ar n-easontas air fàs 
suas gu ruig na nèamha. Tha aobhar againn ar 
làmh a chur air ar beul, agus ar beul 'san duslach, 
is glaodhach araach, neo-ghlan. Ma thagras tusa 
ruinn, cha 'n urra sinn freagra tlioirt duit arson aon 
ann am mile d'ar locbdaibh. Le peaca gin agus 
gniomh, tha sinn gu h iomlan mi-naomh agus gràin- 
eil ann ad shealla-sa; gun fhallaineachd air bith 
annainn, o mhullach ar cinn gu bonn ar coise. 

Ghineadh sinn, O Dhe, ann am peaca, 's chaith 
sinn ar beatha ann an amaideachd is ann an aingidh- 
eachd. Bha sinn aineolach agus di-chuimhneach 
ortsa, mar dhaoine aig nach robh Dia air bitli anns 
an t-saoghal. Bha ar cridheachan a' ruith air 
diomhanas, is leag sinn ar n-aigne air nithibh tal- 
mhaidh. Chul-sleumhnuich sinn o'n Dia bheo, agus 
thrèig sinn tobar nan uisgeacha beo, arson soithiche 
briste nach cum a bheag de uisge. Mar bhogha 



215 



cealgacli, ckaidh ar cridheachan a^haoibh o Ohia, 
as o r sonas siorraidh fein. — O Dhe ! bi tròcaireacli 
dhuinne. peacaich. Glan sinn o ar n-aingidlieachd, 
foluich do ghnùis o'r n-eaceartaibh, is dubli ainach 
ar n-easontas. Plieacaich sinn, O Athair, an agh- 
aidh nèimh, agus ad shealla-sa, 's cha 'n airidli sinn 
ni 's mò gun abairte do chlann ruinn : ach tha sinn 
a' gabhail misnich gu bheil Fear eadar-ghuidhe 
againn maille riutsa, eadhon Iosa Criosd, a bha 
'na iobairt-rèitich arson ar peacaidh. O cumilinicli 
an cùmhnant a rinn tliu ruinn na fhuil-san, agus 
gleidh sinn o dliol sios do ? n t- slochd, a chionn 
gun d' f huair thu fein araach luach-saoruidli. 

Deonuich dhuinn a bhi ar ar firinneaclia trid 
creidinih, agus sith bhi againn ri Dia trid Iosa 
Criosd. O lion ar n-anania le cofhurtachd do 
Spioraid, a bheir dhuinn aoiblineas do-labhairt agus 
làn de gliloir ; is thugadh do Spiorad fianuis le ? r 
spiorad fein gur sinn clann De, agus oighreachan 
na slainte. Abair, O Dhe, ri'r n-anamaibh gur tu 
fein ar slainte shòlasach. 

Thoir dhuinn, tha sinn a' guidhe, cridheacha glic 
agus eagnuidh. Leig fhaicinn duinn far am bheil 
sinn ann am mearachd, agus cuidich leinn a leas- 
achadh ; seol duinn an ni nach aithne dhuinn, agus 
stiur sinn le d' Spiorad ann an slighe na firinn agus 
na slainte. Thoir dhuinn creideamh gu sealltuin 
oscionn nan nithe sin a tha sinn a' faicinn 's ata 
aimsireil, gus na nithe sin nach "eil sinn a' faicinn 's 
ata siorruidh : an creideamh sin a ghlanas an cridhe. 
a bheir buaidh air an t-saoghal, a dh' oibricheas 
trid graidh, 's a chumas sinn do ghnà ceangailte 
r'ar Tighearna. 

O ! druid ar cridheachan riut fein, a chum as gun 
gleidh sinn t-àitheantan le'r n uile dhicheall. Cuir 
t-eagal an taobh astigh dhinn ; an t-eagal urramach 
agus ùmhal sin a bhios aig cloinn d'an caomh-athair, 
's a bheir oirn nach cuir sinn gu bràth ort corr- 
uich. Cuidich leinn thusa, an Tighearna ar Dia, a 
ghràdhacha le'r n-uile chridhe, le'r n-uile anam, 
e'r n-uile neart, agus le'r n-uile inntinn. Biodh 



216 



gràdh Dhe air^P sgaoile feadh ar cridheachan leis 
an Spiorad naomlia; is deanadh gràdh Chriosd ar 
co-èigneaeha gu 'r beatha a chaitheamh, cha'n ann 
duinn fein, ach dhàsan a fhuair bàs air arson agus 
a dh' èirich arìs. 

Lion ar n-anama le seirc do na h uile dhaoine, is 
cuidich leinn aonachd an Spioraid a ghleidheadh ann 
an co-cheangal na sìth, agus ar beatha a chaitheamh 
ann an gràdh is ann an sìth, a chum as gum biodh 
Dia a ghràidh agus na sith maille ruinn. Cuidich 
leinn a dheanamh ri daoin' eile mar bu mhaith leinn 
iadsan a dheanamh ruinn fein, is ar coimhearsnaich 
a ghràdhacha le cridhe glan agus gu dùrachdach ; 
a chum as leis a ghràdh bhràthaireil so bhi againn, 
gun aithnich sinn fein gu bheil sinn air dol as o 
bhàs gu beatha, 's gun aithnich na h-uile dhaoine 
gu bheil sinn 'nar deisciobuil duitsa. Biodh againn 
seirc is run maith d'ar naimhdibh ; a' beannacha na 
muinntir tha 'gar mallachadh, a deanamh ùrnuigh 
arson na muinntir a tha ri eucoir oirn ; a' giulan 
leo uile, 's a' toirt doibh maitheanais, mar a tha 
dòchas againn fein ri maitheanas uaitsa, air sgà 
Chriosd. 

Thoir dhuinn gràs gu sinn fein àicheadh, ar 
crann-ceusaidh a thogail gach là, 's a bhi leantuin 
ar Tighearna. Cuidich leinn a bhi cumail ar cuirp 
fo smachd, s 'ga thoirt fo ghèill do 'n t-soisgeul, 
's a bhi 'g ionnsachadh o Chriosd a bhi ciuin agus 
iriseal 'nar cridhe, chum 's gum faigheamaid fois 
d'ar n-anamaibb. Cum uainn uabhar, fuath, farmad 
agus feirg, is lion ar cridheachan le ciùineas, 
caoimhneas, irisleachd agus fad-f hulangas ; a chum 
as air dhuinn a bhi tròcaireach, gum bi sinn cuid- 
eachd foirfidh 'nar tomhas, amhuil ata esan. 

Teagaisg dhuinn, O Dhe, anns gach staid 'sam 
bi sinn, a bhi toilichte ; ag ràdh gach uair, Do 
thoilsa gun robh deanta. Biodh ar bròn mar nach 
bitheamaid ri aoibhneas, a' gnàthacha nan uile 
nithe le measarrachd ; a chionn gu bheil ar n-ùine 
goirid, 's gach ni 'san t-saoghal so a' gabhail seach- 
ad. Leanadh maitheas agus tròcair ruinn fad uile 



217 



làithe ar beatha ! 's gun deanadh Dia na sìth e fein 
ar naomliacha gu h-iomlan, 's ar n-anam, ar corp, 
agus ar spiorad a ghleidhe neo-choireach gu teachd 
ar Tighearna. Gu ruige sin, deanadh do f hreasdal 
ar beathacha ; do cliumhaclid ar dion, do Spiorad ar 
stiùradh, is t-f hoeal ar solas. 

Anis, O Dhe, tha sinn ag earbsa riut do shaogh- 
ail fein air fad, 's gu h àraid t-eaglais. Dean maith 
air ar dùthaich, coimhearsnaich, 's ar càirdean. Bi 
tròcaireach do na h-uile neach ann an àmhghar, a 
tliaobh cuirp no anama, no nithe maitli na beatha 
so : thoir do gach aon aca fa leth an còmhna 's an 
cofhurtachd a chi thu feumail agus maith dhoibh. 
— Thusa ghabh cùram dhinne feadh na h-oi'che, bi 
leinn cuideachd feadh an là so, 's feadh uile làithe 
ar beatha; agus gabh sinn 'na dhèigh sin a chum 
do ghloir ; air sgà Iosa Criosd, ar Tighearn agus 
ar Slanui'ear ; dan robh, maille ris an Athair agus 
ris an Spiorad, gach urram, buidheachas agus cliu 
gu siorruidh. Biodh amhluidh. 



k 



O Dhe agus Athair uile-ghràsmhoir ! tha thusa làn- 
eolach air ar luidhe sios agus air ar n-eirigh suas ; 
tha thu mu'n cuairt d'ar ceum agus d'ar leabaidh : 
air an aobhar sin tha sinn le mothachadh air do 
làthaireachd a' tairgse teachd am fagus duit san 
àm so, a chum an là agus an t-seachduin a cho- 
dhunadh le aoradh agus le ùrnuigh. O gun cuid- 
icheadh do Spiorad leinn so a dheanamh mar ann 
an làthair an Dia sin a rannsuicheas an cridhe, 's 
a sgrùdas àirne chloinn nan daoine. 

Buidheachas duit, O Dhe, ge nach leir dhuinne 
do làthaireachd, gu bheil sinn a' faicinn caileiginn 
de d' nàtur agus de d' bhuaidhibh ann at-oibre. Tha 
U 



218 



do mliaitlieas a' dealradh anns a ghrèin : tha oi'ch, 
agus là toirt sgèil mu d' thimchioll, is chi sinn do 
cheuman anns a' mliachair thorthaich. Tha thu 
gad leige fein ris gu sonraicht ann a t-f hocal, mar 
-Dhia làn do thròcair agus do ghràdli ; air chor as 
gu bheil thu airidh air gach gràdh, ùmhlachd 
agus aoradh fhaghail uainne, d' an d' fhoillsich 
thu thu fein ann an tomhas co raòr ; ge nach faca 
sùil, ge nach cuala cluas, is ge nach do smaointich 
riabh cridhe air sheol iomchuidh air do ghlòir is air 
do mhòrachd. Uime sin tha sinne, aig am bheil, 
cha'n e mhàin solus nàtuir, ach solus an t-soisgeil 
cuideachd, air ar fàgail gun leithsgeul, mur glòraich 
sinn thu mar Dhia, 's mar toir sinn duit an t-urram 
agus an t- aoradh sin is cubhaidh dhuit f haotainn o 
gach creatuir reusanda. 

Tha sinn 'gad chliudhachadh arson t-uile chaoimh- 
neis agus t-uile thròcair d'ar taobh-ne, creatuirean 
peacach ; arson t-fhoighidinn agus t-fhad-fhulangais ; 
arson do dheadh-ghean agus do ghràidh. Tha thu 
toirt air tiolaca do fhreasdail tuiteam oirn gun 
tàmh, ge d' tha sinn olc agus mi-thaingeil. Thug 
an là, agus an t-seachduin gu h iomlan, dearbha 
dhuinn nach 'eil faillneachadh air do thròcair. Ciod 
a dh'iocas sinn do Dhia arson a mhaithis? Tha 
sinn a' co-dhunadh an là le 'r buidheachas ; or tha 
t-uil' oibre ag innse dhuinn, gu bheil do làmh dlù 
dhuinn is do thròcair maille ruinn. 

Tha sinn, O Dhe, a' teachd le nàire gu stòl do 
choise, nuair a bheir sinn fanear cia mòr a tha sinn 
a' leige seachad d'ar n-ùine gun smaointeachadh 
ortsa ! cia beag taing a tha sinn a' mothachadh ann 
ar n-anamaibh seach mar bu choir dhuinn ! cia trie 
a tha sinn a' cur corruich ortsa; 's cia lionmhor 
peaca 's faillinn anns an robh sinn ciontach gach aon 
là, agus air an là an diugh! Thoir maitheanas 
duinn, O Dhe, air sgà Chriosd; is na leig dhuinn 
air an oi'che so luidhe sios le ciont an là agus na 
seachduine air ar ceann. Gu ma h ann a luidheas 
sinn sios ann an rèite riutsa, 's air ar glanadh o 
gach peaca le fuil Iosa ! 



219 



Saor shin, O Dhe, o chumhachd agus o chionta 
gach aon pheacaidh, trid na saorsa sin ata ann an 
Criosd, is na cuimhnich ar n-aingidheaehd ni 's mò 
'nar n aghaidh. Agus o deonuich dhuinn, maille ri 
maitheanas peacaidh, na gràsa sin a bhuineas do 
uile dlieisciobuil an Tighearna. Tboir dbuinn 
cridhe glan, spiorad ùmhal, ginlan diadhaidh, is 
inntinn thoilicbte. Biodh gradh do Dhia agus do 
dhaoine soilleir ann ar n-uile gbiulan, is biodh ar 
n-uile ana-mianna air an ciosnacbadh is air an cum- 
ail fo smacbd. Biodh an saoghal agus nithe 
saoghalta gach là a' fàs ni 's lugha 'nar sùilibh, is 
biodh ar cùram mu shiorruidheachd is mu nithe 
siorruidh do ghnà a' dol am meud. Deanadh ar n- 
anfhainneachd, agus giorrad is neo-chinntichead ar 
cuairt air thalamh, a thoirt oirn a chuimhneacha do 
ghnà nach 'eil annainn ach coigrich is luchd-turais 
anns an t-saoghal so, air sheol as gun socruich ar 
cridheachan air saoghal eile, far am bheil ar Triath, 
ar dòchas, agus ar dathigh. 

O cuidich leinn, a Dhe, le d' ghràs agus le d' 
Spiorad ar n-aimsir a dheagh-bhuileachadh, is meas 
mòr a bhi againn air gach earainn di, mar thàlant 
agus mar chothrom priseil, leis am faod sinn onoir 
a chur ortsa, maith a dheanamh d' ar co-clu^eatuir- 
ibh, agus ar leas siorruidh fein a chur air aghaidh. 
Cuidich thusa leinn obair gach là agus seachduin a 
dheanamh na am fein, 's a bhi do ghna rèidh 
arson teachd ar Tighearna: a chum as nuair a 
bhios ar n-ùine air thalamh air a criochnachadh, gum 
faod dòchas daingean a bhi againn, d'a thrid-san, 
gum faigh sinn a bheatha mhaireannach. O deon- 
uich gun dean gach aon againn, ciod air bith inbh 
no aois, a dhàimh no dhreuchd, e fein a gbiulan do 
ghnà le sùil ris an uair sholeimnte sin, anns an tig 
ar Tighearna gu 'r gairm, a thoirt cunntais arson 
ar stiubhartachd. O gum bitheamaid an sin air ar 
n-aideacha leis-san mar sheirbhisich dhileas, agns 
air ar saoradh o dhiteadh air là a bhreitheanuis ! 

Tha sinn a' cur suas ar n-achuinge riut, O Dhe, 
arson a chinne-daoine gu h-iomlan. Deonuich 
U 2 



220 



dhoibh uile sochairean do ghràis agus do shoisgeil, 
maille ri toirbheartas do fhreasdail. Tha sinn a' 
guidhe le 'r righ, leis an teaghlach rioghail, is leis 
gach neach ann an ùghdaras os ar cionn. Biodh 
iad gu leir air an stiura leatsa, chum leas nan riogh- 
achda so chur air aghaidh, is cosgadh a chur air 
na h-uile olc, le 'n eisempleir agus le 'n ùghdaras. 
Soirbhich le searmonacha do slioisgeil 'nar measg, 
is thoir cuiblirionn dùbailte de d' Spiorad dlioibhsan 
a tha frithealadh ann an nithe naomha. Bi leo air 
an là naomh is faigse, agus beannuich an saothair. 
Deonuich gum faigh na h-uile dhaoine, 's gu h-àraid 
sinne, buannachd o d' shoisgeul. 

Tha sinn a' guidhe' iochd agus cobhair do gach 
neach ann an gàbha no ann an trioblaid, air muir 
no air tir. Gun tugadh Dia do gach aon aca an 
tròcair sin air am bheil iad feumail, a thaobh cuirp 
no anama, no nithe maith na beatha so. Tha sinn 
a' guidhe gum bi càirdeas Dhe aig ar n-uile chàird- 
ibh, is gum bi maitheanas air a thoirt d' ar n-uile 
naimhdibh. Tha sinn fadheoidh 'gar n-earbsa fein 
riut, 's gar tiomnadh aris suas duit. Tha sinn ag 
iarruidh luidhe sios le mothacha taingeil air do 
mhaitheas, d'ar cuirp agus d'ar n-anamaibh, trid an 
là agus na seachduine ; arson ar soirbheachaidh agus 
ar tearnaidh. Gabh curam dhinn trid na h-oi'che, 
's ma 's toileach leat gum faic sinn do la naomha, 
dùisg sinn ann am fonn iomchuidh fà chomhair ; is 
deonuich gun dean gach aon sàbaid a gheibh sinn 
air thalamh, ni 's iomchuidh sinn arson sàbaid shiorr- 
uidh a ghleidhe maille riutsa air neamh. Anns an 
dòchas so dhuitsa, O Athair, a Mhic, agus a Spior- 
aid naoimh, biodh moladh agus cliu gu siorruidh. 
Amen. 



221 



Altacha (arson cloinne ) roi Bhiadh. 

O Dhe uile-thròcairich ! seall oirne nuas ann an 
ioclid ; inaith dliuinn ar peacaidh, naomhaich ar 
nàdur, agus beannuich dhuinn a chuibhrionn a tha 
thu luathasachadh oirn 'san àm so le d' f hreasdal ; a 
chum as co dhiubk a dli' itheas no dh' òlas, no ciod 
'sani bitli a ni sinn, gun dean sinn na h-uile nithe 
chum do ghlòir-sa, trid Iosa Criosd. Amen. 



'An dèigh Bidh. 

Buidheachas duitsa, O Dhe, tha fosgladh do laimh 
gu pailt, 's a' fritheala d ? ar feum gach trà le d' 
mhaitheas. A' bheatha sin a tha thu cumail suas 
le d' fhreasdal, deonuich giun bi i do ghnà air a 
buileachadh ann ad sheii'bhis. Buanaich, a Dhe, 
leinn do mhaitheas ; agus mar ata thu a' beathacha 
nan corp bàsmhor so le lòn talmhaidh, beathaich ar 
n-anama leis an lòn spioradail sin a chumas beo sinn 
gu siorruidh, trid Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. 



LEAS A CHAD H. 



EARRANN. I. 

Mu Aoradh Teaghlaich. 

Gu bheil e fiachaicht air teaghlaeh Criosduidh aor- 
adh a thoirt do Dhia agus Athair ar Tighearn losa 
Criosd, le athchuingibh agus buidheachas, agus le 
leughadh an Fhocail, ni a tha na dhleasnas co soilleir 
's nach feum e ach ro-bheag a dhearbhadh f heumal- 
achd. Mas dleasnas a tha air àithne dhuinn a bhi 
'g ùrnuigh gun sgur — a bhi maireannach ann an 
ùrnuigh — agus anns gach ni buidheachas a thoirt ; 
an sin is dearbh-chinnteach gur e ar dleasnas-ne 
ùrnuigh a chur suas agus buidheachas a thoirt anns 
an teaghlaeh. Ma tha sochairean ann dV bheil aig 
gach neach de 'n teaghlach co-'roinn, agus is teagh- 
lach ro-bhochd d'a rireadh aig neach 'eil ioma ni 
dhiubh sin gu lathail r'a aideachadh — an sin tha e 
fiachaicht orra guth na taingealachd a thogail suas 
cò'lath do Athair na soillse, o bheil gach tiodhlaca 
math agus iomlan a' teachd. Ma tha iad fo na 
ceangluichean is tinne, chum gach cothrom a ghnàth- 
achadh gu urram a chuir air Dia agus air losa 
Criosd, agus chum feum iomchuidh a dheanamh de 
na meadhonaibh leis am fàs iad ann an gràs, agus 
ann an eòlas ar Tighearn agus ar Slanuigh'ir, 'an 
sin cha'n f haod iad, gun dochoir a dheanamh air an 
anama fein, aoradh teaghlaich a sheachnadh. 
A bhàrr air sin, tha teaghluichean nam nor Chriosd- 



223 



ai'ean gu follaiseach air an coisrigeadh do Dhia 3 
agus air an cur air leith fà chomhair a sheirbhis. 
'S ann mar so a bha cliùis o thoiseach ; agus, do rèir 
sin cha b' e mhàin, gum b' e rùn-suidhichte Iosua, 
ach gach neach air an robh eagal De, ga b'e ni a 
dheanadh daoin' eile, gun d-thugadh iadsan agus an 
teaghlaichean aoradh do Dhia. Cliuireadh gu trie 
an cuimlme cbloinn Israeil gun robh iad air an 
naomhacliadh do Dhia, agus gun d' aidich iad gum 
b'e an Tighearn an Dia-sa, agus gun imicheadh iad 
na shlighibh. " Bithidh sibh nar n-ionmhas sòn- 
raichte dhomhsa th'ar gach sluagh ; agus bithidh 
sibh dhomhsa 'nar rioghachd shagartan, agus 'nar 
cinneack naomha." 'S ann mar shamhladh ris a 
chainnt so a tha 'n t-abstol Peadar ag ràdh ri creid- 
ich fo fhrithealadh an tsoisgeil, " Tha sibhse mar an 
ceudna mar chlochaibh beotha, air ar togail suas 
'nar tigh spioradail, 'nar sagartachd naomha, athoirt 
suas iobairtean spioradail, taitneach do Dhia. Tha 
sibh nar ginealach taghta, 'nar sagartachd rioghail, 
cinneach naomha, sluagh sònraichte ; chum gu 'n 
cuireadh sibh an cèill feartan an ti a ghairm a dorch- 
adas sibh chum a sholuis iongaintich fein." 'Nuair 
chaidh creidich a bhaisteadh, bha an teaghlaichean, 
co math riu fein, gu sònraicht agus gu follaiseach air 
an coisrigeadh do Dhia. 'Nuair a thainig slainte 
chum Sacheus, thainig e mar an ceudna chum a 
thighe ; 'nuair a cliuireadh Peadar a dh' ionnsuidh 
Chorneliuis, chuir e 'n cèill dabriathran trid am faodadh 
e fein agus a theaghlach a bhi air an sàbhaladh ; 'nuair 
a bhaist Pol Stephanus, bhaist e a theaghlach cuid- 
eachd ; agus aig Philipi, thuirt e ri aithreachan air 
bhall-chrith, creid anns an Tighearn Iosa Criosd, 
agus saorar thu fein, agus do thigh. Mar so, tha 
teaghlach Chriosdui'ean, co math ri eagluisean 
Criosduidh, air an naomhacliadh do Dhia, agus 
ceangailte le 'n aidmheil fhollaisich fein, gu gnà 
aoradh a thoirt da. Cha 'n f haod iad dearmad a 
dheanamh air, gun dearmad a dheanamh air an 
anamaibh fein, agus air an urram a dhlighear do'n 
Dia a shaor iad. 



224- 



Ach chithear dleasnas aoradh teaghlaich ni 's soil-* 
leire, 'nuair a bheir sinn fainear gach earrann deth 
gam bu choir a dheanamh suas. Faodar a Ian 
dhearbhadh o n' Scriobtuir, gur e Focal De a theag- 
asg, agus moladh Dhe agus ùrnuigh, bu choir a 
ghnàthachadh ann. Bu choir do cheannarda theagh- 
laicbean focal De a theagasg, le leughadh gu riagh- 
ailteach do mhuinntir an teaghlaich, agus fhuran 
orra gun leugh iad e air an son fein. Bu chòir 
dhoibh mar an ceudna a theagasg, le mhineachadh 
agus a shoilleireachadh gu fonnmhor suidhichte mar 
a b' aithne dhoibh, agus còmhnadh gu sin a dhean- 
amh a ghabhail o sgriobhannaibh dhiadhairean 
cràbhach agus fòghluimte. Gun aire shònraicht a 
thoirt do 'n earrainn so de dhiadbachd agus de aor- 
adh teaghlaich, cha 'n urrainn iad gèill a thoirt do 
earail an abstoil, le 'r cloinn àrach ann an oilean 
agus ann an teagasg an Tighearna. As eug'ais 
so cha'n'eil iad a' togail an cloinne anns an t-slighe 
sam bu chòir dhoibh imeachd, chum 's 'nuair a 
bhiodh iad aosmhor nach trèigeadh iad i. Cha 'n 
'eil iad a' ceadachadh de fhocal Chriosd còmhnach- 
adh annta gu saibhir, a' teagasg agus a' comhair- 
leachadh a chèile mar tha e gan seoladh. Chan 
'eil iad a' luchdachadh an cridheachan le sòlais an 
fhocail nèamhuidh sin ni is e coir an saoraidh, a b' 
iomchuidh a bhi na sholus d' an cosaibh, agus na 
lòchrann d' an ceumaibh. 

Is còir do ùrnuigh agus do mholadh earrann de 
aoradh teaghlaich a dheanamh suas. Tha na ceart 
aobhair a tha nochda gur e ar dleasnas ùrnuigh agus 
moladh a thoirt do Dhia, a' leige ris gur coir an 
gnàthachadh 'nar n-aoradh teaghlaich. Agus ga nach 
biodh a bheag air bith air a ràdh ann am focal De 
mu thimchioll aoradh teaghlaich a bhi na dhleasnas 
fiachaicht, mheasainn e na làn-dearbhadh gu bheil 
cridhe an duine sin air seachran o Dhia, agus gur 
fuathach leis gach ni a bhuineas do'n spiorad, ma 
bha e toileach leithsgeul f haotuinn chum nach meal- 
adh e an t-àrd shochair so. Than àithne, bhi 'g 
ùrnuigh gun sgur, agus, is àill learn na fir a dheanamh 



225 



ùmuigh sgack hit, a togail suas làmha naomha, air 
earalachadh co trie, agus a' freagradh co math d' ar 
teaghlaichean, 'n an gnothaichibh spioradail, 's a tha 
'n àithn' eile, solairibh nithe iomehuidh amfianuis nan 
uile dhaoinibh, d'an gnothaichibh aimsireil, Tha 'n 
àithn a tha 'g iarruidh bhi maireannach ann an ùr- 
nuigh, ag ràdh gur e do dhleasnas gach cothrom a 
ghabhail air ùrnuigh a dheanamh ; agus mar is anns 
an teaghlach is trie a tha 'n cothrom is iomehuidh 
agad, tha thu ro-chiontach ma ni thu dearmad air. 
Tha thu mar so fo f hiachaibh aoradh a thoirt do 
Dhia, 'am fianuis do theaglilaich, agus an teagasg, le 
d' ghnàthacha fein, chum a ghlòir is cubhaidh iocadh 
dhà. 

Bu mhiann learn ur furan gu ùrnuigh teaghlaich 
leis a choilion earail sa tha 'am focal De mu ùrnuigh 
fhollaisich, co math 's air a choilion dearbhadh a th' 
againn air a h-eifeachd. A deir ar Slanuighear, 
" Far a' bheil dithis no triuir air cruinneachadh an 
ceann a chèile a' m' ainmse, tha mis an sin 'nam 
meadhon." 'Sann an diaigh do na deisciobuil ur- 
nuigh a dheanamh air là Cuingis a lionadh iad leis 
an Spiorad Naomh. " Ma tha neach tinn 'nar 
measg," a deir an t-abstol Seumas, " cuireadh e fios 
air seanairibh na h-eaglais ; agus deanadh iad ur- 
nuigh os a cheann. Agus slànuichidh ùrnuigh a 
chreidiinh an t-euslan, agus togaidh an Tighearna 
suas e." Agus tha ùrnuigh an Tighearn a' teagasg 
dhuinn, gum bu chòir dhuinn ùrnuigh a dheanamh 
maille ri agus arson each a chèile, agus gum bu chòir 
dhuinn gu minic ar tograidh ainmeacha do Dhia, 
'nar n-aoradh follaiseach. Tha ghnè aoraidh so nor 
fhreagarach d' ar nàdur, agus iomehuidh chum ar 
n-aigneadh a mhosgladh, agus ar cràbhadh a bheoth- 
achadh. Cha 'n urrainnear an earrann sin de aoradh 
is ro thaitnich, agus anns a bheil aig aoradh an 
ionaid-naoimh a bhos an samhladh is mò ri aoradh an 
ionad-naoimh air nèamh, eadhon a 'seinn shalm, a 
dheanamh ach a' measg cuideachd. 'S ann uaith sin 
atha 'n earail a chèile a theagasg agus a chomhair- 
leachadh le salmaibh, agus laoidhibh, agus dànaibh 



226 



spioradail, a' deanamh ciùil do'n Tighearna le gràs 
ann 'ur cridhe. Tha guth gairdeachais agus slainte 
ann am pàilliunaibli nam firean. 

Dh'earailichinn ùrnuigh teaglilaich o fheum coit- 
chionn theaghlaichean. Tha nithe a dhi air muinn- 
tir teaglilaich, nach iomchuidh ainmeachadh ann an 
co'-thionalaibh follaiseach, agus nach mò bu choir 
a chuibhreachadh ri ùrnuigh dhiomhair. Tha iad 
san dàimh is ionmhuinne, ag imeachd tre shaoghal 
cùraim agus iomaguin ; agus is mòr am f'eum a th' 
aca, le aon chridhe agus guth, air an uallach a 
chàramh air-san a tha uile-chomasach air a giulan ; 
agus a dh' àithn' doibh gun bhi iomaguineach mu ni 
sam bith, ach anns gach ni le h-urnuigh agus aslach- 
adh, biodh ur n-iartuis air an deanamh aithnichte do 
Dhia ! A dh' aindeoin gach cùram agus dichioll a 
dh' fhaodas iad a ghabhail m' an gnothaichibh, 
faodaidh iad dol gu mi-riaghailt; faodaidh iad teachd 
o bhi saibhir gu bochduinn ; agus is mòr am feum 
air aontacha le chèile a dh' asluchadh a chomhairle 
agus a bheannachd-san a tha le Fhreasdal a' riagh- 
ladh os ceann nan uile ! Ga b'e inbh anns am bi 
iad, tha iad gach àm buailteach do thriobluid ; agus 
is mòr am feum air dol am fochair a chèile a leige 
ris an gearain do Dhia, o bheil gach eo'-fhurtachd 
a' teachd, agus an ùrnuigh dhùrachdach, chum gum 
bi iad air an neartachadh chum an deuchainn a 
ghiulan 'nuair a thig i ; agus gum mothaich iad an 
Athair nèamhuidh na chobhair ro-dheas ann an am 
triobluid ! Is minic a tha iad a peacachadh maille 
r'a chèile, agus is math a thig e dhoibh aideachadh 
na f hianuis-san is urrainn maitheanas a dheonachadh. 
'Stric a tha sochairean air am buileachadh orra 
comhladh, agus is iomchuidh dhoibh gun nochdadh 
iad an taingealachd le chèile do'n Ti sin a bhuin co 
fialuidh riu. Bu chòir dhoibh air an doigh so, mar 
theaghlach Criosduidh, iad fein a thogail suas 'na'n 
creidimh ro-naomh, ag ùrnuigh anns an Spiorad 
Naomh, ga'n coimhead fein ann an gràdh Dhe, agus 
sùil a bhi aca ri tròcair ar Tighearn Iosa Criosd 
chum na beatha maireannaich. 



227 



Ach clia 'n 'eil e feumail mòran earail a dheanamh 
mu dhleasnas, a mheasas iadsan aig a bheil an inn- 
tinn-spioradail na shochair. Tha teaghlach gun 
urnuigh na theaghlach nii-dhiadhaidh ; agus a dh' 
aon aidmlieil gan dean iad, cha'n urrainn doibh iad 
fein a sliaoradli o'n chasaid gu bheil iad a' caitlieamh 
am beatba as eugais Dbe. Tlia cionfath eagail aca 
roi ? n bhinn a thugadh a mach nan aghaidh-san nach 
aithne Dia, agus an aghaidh nan teaghlaiehean nach 
gairm air ainm. Nam biodh gràdh aca do Dhia, cha 
bhiodh feum air an earalachadh chum gum mealadh 
iad a dheadh-ghean agus a làthaireachd. 

Tha mi g aideachadh gu bheil e gu trie air a ràdh, 
gu bheil iom ad Ceannard teaghlaich, ga b'e co diadh- 
aidh a bhitheas iad, nach urrainn aoradh teagh- 
laich a thoirt suas ; 's nach comas doibh le caileiginn 
de shnas cainnt, an iarrtuis a chuir an cèill ann an 
ùrnuigh ; agus leis mar nach 'eil riaghailtean air an 
cleachda 'n ar n-eagluis-ne, mheas iad iomchuidh 
aoradh teaghlaich a leige dhiubh. Ged a bha riagh- 
ailtean sgriobhta air urnuigh air am meas le'r n- 
eagluis-ne neo-tharbhach, cha chuimhne learn gun 
robh iad air am bacadh ann an teaghlaichibh a bha 
? m feum an còmhnadh. Tha nise iom ad riaghailt 
air ùrnuighean follaiseach, freagarach do chor eug- 
samhuil theaghlaichean, a chaidh a sgriobhadh le 
daoinibh diadhaidh ro-chràbhach ; agus is mòr is 
fearr an gnàthachadh na aoradh Dhe a leige mu làr. 
Na h-abradh daoine Criosdui'ean riu fein nach 'eil a' 
cuairteachadh altair an teaglilaich, le'n teaghlach 
uile m'an timchioll, a' cur suas an athchuinge, agus 
ag iocadh am buidheachais do Dhia an slainte. Na 
deanadh iad gearan air cion creidimh aons a chum- 
anta, agus air cion deagh stèigh nan seirbhisich, am 
feadh a tha iad fein a' caithe am beatha mar nach 
biodh Dia idir ann d'an d'thugadh iad aoradh, agus 
nach biodh là mòr cunntais aca ri ullachadh fa chomh- 
air. 

Nam biodh làn mhothachadh aig daoine air feum- 
alaclid aoradh teaghlaich, cha bhiodh na h-urrad 
umhaill ciod an t-àm an cuirte an gniomh e. Tha e 



228 



soilleir gum bu chòir a dheanamh gu trie, agus nam 
biodli cothrom air gacli maduinn agus feasgar, " Is 
maith an ni buidheachas a thoirt do'n Tighearna, 
agus cliu a thabliairt do t-ainmsa, O Thi is àirde ; 
do ckaoimhneas-gràidh a chur an cèill amis a mhad- 
uinn, agus t-fliirinn gacli oi'clie." Tba socbairean 
ur gacli là r'an aideachadh, agus peacaidh ur do ghnà 
ri bhi dubhach air an son ; agus bu choir dhuinn an 
t-àm a shùnraich am Freasdal a mach gur tograidh 
a chur suas ri Dia ann an ùrnuigh a thaghadh. 
Theagamh nach ceadaich ar n-uine dhuinn buanacha 
fad ri'r n-aoradh teaghlaich, cha mhò tha e feumail 
sin a dheanamh ; ach air lughad na h-uin is urrainn 
duinn a bhuileachadh air, cha chòir dhuinn tur- 
dhearmad a dheanamh air. 

Cha'n f haod mi crioch a chur air an earail so, 
gun bhi brònach arson mar tha'n dleasnas feumail so 
air a dhearmad. Tha'n dearmad so a' buadhachadh 
am measg gach inbh dhaoine,- agus 'se a thoradh a 
tha gu soilleir ri fhaicinn ann am mi-bhens gach 
comuinn. Is iomchuidh dhuinne bhi dubhach arson 
dubhaile ar co'-bhràithre ; ach cha choir coire so a 
chur air daoin' eile, am feadh a tha sinn fein le 
dearmad a dheanamh air aoradh Dhe 'n ar teagh- 
laichibh a cur ana-creidimh na linn so am meud. 



EARRANN II. 

Earailean chum Umuigh Teaghlaich a ghnàthachadh. 

Tha e iomchuidh, le ro-fheumalachd 's a tha ùr- 
nuigh teaghlaich dhoibhsan a tha, le mothachadh 
ceart, ga cleachda, gun labhruinn ni bu mhionaid- 
iche m'an bhuannachd a tha na co'-lorg. Tha e sin 
leoir-shoilleir dhoibhsan a tha gnàthachadh bhi ri 
ùrnuigh agus a'leughadh focail De ; agus tha dòchas 



229 



agam gum bi mi a' m' urrainn a dheanamh soilleir 
dhoiblisan a tha caitheamli am beatha, a deanamh 
dearmad air na meadhona òrduichte chum an leas 
spioradail a cliur air aghaidh. 

Dh' f haotainn ainmeachadh ann an so an cleachda 
bheir ùrnuigh teaghluich do thograidh chaomhail 
agus chonibanda ar nàduir ; agus an cumliacbd a th' 
aig na tograidli chombanda sin ann an dùsgadh ar 
cràbhuidh. Cionnas a dh'fhaodas iadsan a th' air 
an dlù cheangal ri chèile leis na bannaibh is caid- 
riche, gun bhi gu durachdach taingeil, 'nuair a 
shleuchdas iad sìos cò'ladh aig cathair nan gràs ! 
Tha iad an dlù-dhaimh r'a chèile leis na ceangluich- 
ean is tinne ; agus tha'n co'-mhothachadh a tha iad 
a'faireachduinn, an comunn each a chèile ro-shòn- 
raichte. Tha aca iomad uireasbhuidh, buannachd, 
agus fulangais, a bhuineas doibh maraon ; agus c'àit 
am bu chòir dhoibh an co'-mhothachadh a nochdadh 
co mòr sa ni iad aig righ-chaithir an Athar neamh- 
uidh? " Ma dh'fhuilgeas aon bhall, co'-fhuiligidh 
na buill uile ; no ma gheibh aon bhall urram, ni na 
buill uile gairdeachas maraon ris." 

Tha aig ceann-an-teaghlaich, am feadh a tha e a' 
toirt suas ùrnuigh agus moladh an teaghluich do 
Dhia, cionfath air bhi dùrachdach as an leth air fad. 
Tha e air ceann an aoruidh air an son-san a tha ro- 
ionmhuinn leis, co math agus air a shon fein, aig a 
bheil feum air na sochairean sin nach urrainn ach 
a mhàin Dia a bhuileachadh — sochairean slainte, 
maitheanas, naomhachd, agus a bheatha shuthain. 
Agus c'uin bu chòir do min mhathasach buadhacha 
na chridhe ach 'an àm a bhi 'g asluchadh nam bean- 
nachdan do'n chomunn chaomh sin a th'air a chùram; 
agus ag iarruidh nan sochairean sin o Dhia, Fear- 
freagradh na h-ùrnuigh — uaith-san a gheall a bhi na 
Dhia d'a shluagh anns gach linn. Theagamh nach 
'eil fo'n ghrèin aon ni co maiseach, co àillidh, agus 
co ionmhuinn, do bheachd an ionracain, ri teaghlach 
mar so cruinn 'an ceann a chèile chum an aoraidh 
iobradh ; a' co'-aontachadh an dà ni is ro chiataiche 
a dh'fhaodas a bhi sa chridhe, eadhon cràbhadh do 
X 



230 



Dhia, an Athair coitchionn, agus seirc agus caomh- 
alachd do chàch a chèile. Cha'n 'eil sagart no 
ministeir air bith, co ciatacli ri atliair ; cha'n'eil co'- 
thional air bith co caomh agus co gràdliach ri mnaoi 
agus ri cloinn ; agus cha'n 'eil iobairt sam bith air a 
toirt suas, leis na h-urrad aonachd agus thaitneachd, 
's a bheir teaghlach cràbhach agus ionmhuinn rau 
chèile suas. 

Is sochair eile tha'n lorg aoradh teaghlaich, gu 
bheil e 'neartachadh riaghladh a cheannaird. Gun 
ghuth air an riaghailt a tha e socrachadh, tha 'n 
naomhachd leis a bheil e a' cuairteachadh nam pàr- 
andan gu mòr a' cur air aghaidh an uachdranachd. 
Am feadh a bhios iad a' coilionadh an dleasnais 
chràbhaich so, air le'n cloinn agus le muinntir an 
teaghlaich uile, gu bheil an giulan naomha. Cha 'n 
ion domh a ràdh gu bheil so gu mòr a' daighneach- 
adh an ùghdarrais, le gràdh agus urram àrach 'na'n 
cridhe dhoibh, agus le ùmhlachd thogarrach a thoirt 
d'an uile iàrrtuis. Tha giulan an samhuil sin de 
phàranda, am feadh a tha e, arms gach seadh eile, 
a rèir an t-soisgeil, na mheadhoh iomchuidh air 
drùghadh sonraichte, air an cloinn „ agus an aomadh 
gu chreidsinn gu bheil eagal an Tighearn, agus àith- 
cantan a choimhead, 'an dlù-dhaimh r'am f ior-shonas 
— gu bheil sligheanna gliocais nan sligheanna subh- 
achais, agus gur sith a ceumanna uile. 

Is fiach dhuinn an aire shònraicht a thoirt, 
gu bheil a chuid is mo de na seòlaidh a th' 
air an toirt san Tiomna Nuadh, mu thimchioll 
dleasnas phàrandan agus an cloinne, fhir-phòsda 
agus am mnathan, maighstirean agus an seir- 
bhisich, a' tòiseachadh no a' criochnachadh le earail 
a bhi ri ùrnuigh. Mar so anns an litir chum nan 
Ephesianach, far a bheil dleasnas teaghlaich gu 
mionaideach air a chuir sios, agus co dian air 
earalachadh, tha'n t-Abstol air ball ag ràdh, " A' 
deanamh ùrnuigh a ghnà leis gach uile ghnè ùr- 
nuigh agus asluchadh san Spiorad, agus a' deanamh 
faire chum an ni so fein maille ris gach uile bhuan- 
achadh, agus ghuidhe arson nan naomh uile." Agus 



231 



aims an litir chum na 'n Colosianach, far a' bheil na 
dleasnais cheudna air an earalachadh leis na h-urrad 
chumhaclid agus chaomhalachd, tha 'n t-Abstol ag 
ràdh, « Buanaichibh ann an urnuigh, a' deanamh 
faire innte le breith-buidheachais." Cha 'n 'eil ach 
aon àit eile san Tiomna Nuadh, far a bheil na 
dleasnais sin air an ainmeachadh co soiJleir; agus 
tha 'n t-Abstol Peadar na cheud litir, ga dhlu-chean- 
gal ri urnuigh, le bhi toirt fainear gu bheil suilean 
an Tighearn air na fireanaibh, agus a chluasan fos- 
gailte ran urnuigh. Mar so tha sinn a' faicinn o 
fhocal De, an ni tha sinn a' foghlum o'r fein-fhios- 
rachadh, gu bheil ùrnuigh dhìomhair agus theagh- 
laich feumail gur neartachadh a choiliona gu dileas 
agus gu caomhail dleasnais teaghluich ; chum gach 
earrann d'ar dleasnas diòmhair agus follaiseach a 
chur 'an gniomh air mhodh freagarach. 

'Se buaidh eile th' air aoradh teaghlaich, gu 
bheil mòr aobhar aig na teaghlajchean a tha ga 
ghnàthachadh gu fiuthair a bhi aca ri sochairean o 
Dhia, mar fhreagradh d' an ùrnuighean. " Tha 
niòr èifeachd ann an ùrnuigh dhùrachdaich an fhir- 
ein." Chan e gu bheil iomad sochair na co'-chuid- 
eachd dhoibhsan a tha ga gnàthachadh, ach tha i 
na meadhon, air a h-òrdachadh le Dia, chum beann- 
uchadh fhaotuinn, agus is meadhon e anns gach 
linn, air an d-aontaich e gu gràsmhor amharc. 
Cha'n'eil mi cialluchadh gu bheil èifeachd air bith 
ann an urnuigh chum min-shuidhicht an Uile-chumh- 
achdaich, a chunnaic a chrioch o thus, agus nach 
caochail, atharrachadh. Seasaidh comhairle an 
Tighearna gu siorruidh, smuaintean a chridhe o linn 
gu linn. Ach ga nach atharraich urnuigh ruin 
Dhe, tha i na meadhon òrduichte feumail chum 
ruigheachd air na th' aig duine 'na bheachd; co 
feumail 's nach faighear e gun so a ghnàthachadh, 
mar mheadhon. Is e òrdugh Dhe, " am feadh a 
mhaireas an talamh, nach sguir àm an t-sil-chur 
agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh 
agus geamhradh, agus là agus oi'che." Ach gad a 
tha an siol a chur feumail chum gum buainear a's 



232 



t-f hoghar ; agus tha sinn uile fiosrach, cia earbsacli 
air bitli a bhios duine sa chàs so, a Freasdal De, 
ma bhios e gu leisg lùnndach san earrach, gun 
na meadhonan a ghnàthachadh, nacli ruig e am 
feasd air a run. 

Tha ùrnuigh na meadhon trid an do gheali Dia 
sochairean spioradail agus siorruidh iomchar do ana- 
maibb a phobuill : agus tha a ro-f heumalachd, san 
t-seadh so, làn shoilleir leis a choilion earail gu a 
ghnàthachadh gu cùramach. Tha èifeachd a bhith- 
eantachd agus a dbùrachd air a shoilleireachadh le'r 
Tighearna le samhladh soilleir so-thuigsinn. " Labh- 
air e cosamhlachd riu, a' nochdadh gur còir ur- 
nuigh a dheanamh a ghnà, agus gun f hannachadh ; 
ag ràdh, Bha breitheamh ann am baile àraidh, air 
nach robh eagal De, agus aig nach robh urram do 
dhuine ; agus bha bantrach àraidh sa bhaile sin, 
agus thainig i d' a ionnsuidh, ag ràdh, Cum còir 
rium an aghaidh mo nàmhuid. Agus cha b' àill leis 
rè tamuil; ach 'na dhèigh sin thuirt e ann fein, Ge 
nach 'eil eagal De orai, no urram agam do dhuine, 
gidheadh arson gu bheil a bhantrach so a' cur 
dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal ìe a 
sir-theachd gun sgìthich i mi. Agus thuirt an 
Tighearna, Eisdibh ciod a deir am breitheamh 
eucorach. Agus nach dean Dia dioghaltas arson a 
dhaoine taghta fein, a ta ag èigheach ris a là agus 
a dh' oi'che, ged a tha e fad-fhulangach mu'n tim- 
chioll?" 

Tha'n taic a tha ar Triath beannuichte a leige ri 
urnuigh mar mheadhon chum beannachdan spiorad- 
ail f haotainn airidh air ar n-aire shonraichte. Tha 
a chainnt gu soilleir a' teagasg dhuinn, nach faigh- 
ear na sochairean sin, is e run na h-ùrnuigh asluch- 
adh, as eug'ais ùrnuigh. " Iarruibh, agus gheibh 
sibh ; siribh, agus amaisidh sibh : buailibh, agus 
fosgailear dhuibh e. Oir gach neach a dh' iarras, 
glacaidh e : agus ge b'e shireas, gheibh e : agus 
do'n ti a bhuaileas an dorus, fosgailear. Gu 
deimhin, a deiream ribh, ge b'e ni a dh' iarras 
sibh air an Athair, a' m' ainmse, bheir e dhuibh 



233 



e. ? ' Cha lughadh an t-soilleireachd leis a bheil an 
t-Abstol Seumas a' labhairt in u f heart urnuigh 
mar mheadhon òrduichte. " A' bheil, a deir e, 
neach sam bith tinn 'nar measg ! cuireadh e fios air 
seanairibh na h-eaglais ; agus deanadii iad urnuigh 
air a shon. Agus slànuichidh ùrnuigh a chreidimh 
an t-euslan ; agus togaidh an Tighearna suas e : 
agus ma rinn e peacanna, maithear dha iad. Bu 
duine Elias aig an robh co'-aigne ruinne, agus 
ghuidh e gu diirachdach gun uisge bhi ann : agus 
cha d'thainig uisge air an talamh rè thri bliadhna 
agus shea mios; agus rinn e urnuigh a ris, agus 
thug nèamh uisge uaith, agus thug an talamh a 
mach a thoradh." 

Tha'm fàidh Eseciel a' toirt duinn mineachadh 
soilleir air feumalachd ùrnuigh, mar mheadhon òr- 
duichte chum na sochairean a ghealladh f haotainn. 
Anns an 36 Caibdeil, a tha làn de na fàisneachdan 
is mò toilinntinn mu thimchioll iompachadh agus 
ath-philleadh sliochd Abrahaim — fàisneachdan a 
th'air an liuthairt gu cinnteach Leis-san is urrainn a 
chumhachd agus a thairisneachd an coilionadh ; aims 
a chaibdeil sin, tha'm foillseachadh a leanas mu 
thimchioll feumalachd urnuigh a dh* fhaighinn a 
mhaith a chaidh ghealltuinn. " Mar so a deir an 
Tighearna Dia, Bidh mise fatbasd air m' iarruidh 
san ni so le tigh Israeil, chum a dheanamh air an 
son." Ciod, mata, an stèigh air an ion duinn 
fiuthair a bhi aguinn o Dhia ri sochairean a bhuin- 
eas do'n bheatha so fein, no riu sin a bhuineas do 
do shiorruidheachd, agus do shon us na h-ath- 
bheatha, gun ùrnuigh bhitheanta, dhùrachdach ? 

Tha fios againn gu bheil iadsan a tha gnàthaichte 
ri ùrnuigh a' faotainn nan sochairean is priseile, 
mar f hreagradh d' an urnuigh. Tha iad a' faighinn 
saorsuinn, tre f huil Chriosd, maitheanas nam peac- 
anna, a rèir gràs saibhir Dhe ; tha iad a' faighinn 
deadh-ghean ar n-Athar neanihuidh, a ghliocas 
chum an seoladh, agus a chumhachd chum an dion ; 
agus tha iad a' faotainn, trid an Spioraid Naoimh, 
sith agus aoibhneas, agus dòchas/ mar earlais air 
X 3 



234 



son as siorruidh arm an rioghachd na glòire. Tha 
fios againn gu bheil iadsan a th' air an toirfc suas do 
ùrnnigh, trid ar Tighearn Iosa Criosd, a' faotainn 
nan nithe sin agus ioma ni gan tuilleadh de shoch- 
airibli spioradail ; agus tha dearbh-chinnt againn 
nach 'eil daoine agus teaglilaichean nach gnàthaich 
ùrnuigh gam faighinn ; nach 'eil, uime sin, aobhar 
againn gu shaoilsinn gu bheil Dia ag èisdeachd ri 
ùrnuigh agus ga freagradh ? 

Nach ioma dearbhadh a th' againn far an d' oib- 
rich Dia ann an leithsgeul a shluaigh, agus afhreag- 
air e an ùrnuigh, 'nuair bu diomhain còmhna duine ! 
Tha eachdruidh na h-eaglais làn de 'n samhuil sin 
de theasairgean ; agus 's ainmig Ckiosduidh nach 
d' fhiosraich a shamhuil sin de chòmhnadh an 
f hreasdail da thaobh fein. Cha ghabh an t-aingidh 
suim de obair an Tighearna, no de ghniomhara a 
làmh ; cha'n 'eil ag, uime sin, nach 'eil an obair ri 
faicinn, mar fhreagradh do ùrnuigh dhurachdaich. 
Thug Dia fein dearbh-chinnte dhuinn na fhocal, gu 
bheil tlachd aige de ùrnuigh an ionracain, agus gu 
bheil e 'g èisdeachd ri ùrnuigh an fhirein. " Gairm 
ormsa," a deir e, "an àm do thriobluid, agus freag- 
raidh mi thu. Agus tarlaidh e m' an gairm iad 
gum freagair mi iad, agus am feadh a bhios iad a' 
labhairt, cluinnidh mise." 

Tha e soilleir gun robh na geallaine sin air an 
coilionadh o fhein-fhiosrachadh nam priomh-aith- 
richean, nam fàidhean, nan abstolan naomha, agus 
feachd ainmeil nan naomh-fhianuisean, agus gach 
neach a tha 'n ainm ann an leabhar beatha an Uain. 
Am feadh a bha iad air thalamh chaith iad am 
beatha ann an co'-chomunn maille ri Dia ; agus 
ghairm iad air ainm, agus fhuair iad an t-ainm sin 
na thùr laidir, a dh' ionnsuidh an ruidh iad agus 
bithidh iad tearuinte. " Ghlaodh iad ri Dia le 'n 
guth, eadhon ri Dia le 'n guth, agus dh' èisd e riu. 
Ann an là an teanntachd, dh' iarr iad an Tighearna, 
agus fhuaradh leo e." Nach mòr a mhisneach a th' 
agaibh an so arson ùrnuigh dhiomhair agus theagh- 
laich a dheanamh! Nach mòr a mhisneach a th' 



235 



agaibli gu teaclid a dh' ionnsuidh Dhe, gach aon am, 
le làn-chinnte gum bi gach iarrtas a chuireas sibh 
suas ris, a bliios an deonachadh chum ur leas siorr- 
uidh, air am freagradh. 

Faodar f heoraich a' bheil Dia a' freagradh gach 
urnuigh a chuirear suas ris arm an treibhdhireas ? 
Mar fhreagradh do'n cheist, faodaidh mi ainmeach- 
adli, gur i urnuigh am meadhon iomchuidh gu soch- 
airean f haotainn o Dhia ; agus tha e soilleir gu bheil 
Dia ga aideachadh, anns na cùisibh a leanas : — Ah' 
tùs, 'nuair a thig i o dhùrachd agus o irioslachd 
cridhe, ge neach bi an cridhe sin da rireadh air 
fhior atharrachadh, no fo chumhachd gràs slainteil. 
Cha 'n 'eii mi 'g mdh, gun do gheall Dia ann an àit 
air bith gun èisdeadh e agus gun d' thugadh e freag- 
radh do urnuigh neach a bhiodh mar sin; '$ e na 
tha mhiann orm a ràdh, gur minic a f hreagair e i 
na leithid de clior. Rinn e mar sin ri droch Ahab ; 
oir thuirt e " a chionn gun d' irioslaich se e fein 
a'm' fhianuis, cha d' thoir mi an t-olc air a thigh." 
Rinn e mar sin do thaobh nan Ninebheach ; oir an 
uair a ghlaodh iad gu treim ri Dia, agus a phill gach 
aon aca o'n olc a rinn e, agus o'n fhoirneart a bha 
'nan làmhan ; an sin ghabh Dia aithreachas m' an olc 
a thuirt e gu 'n deanadh e orra, agus cha d' rinn 
se e. 

'S e 'n dara cuis, anns a bheil ùrnuigh èifeachd- 
ach, agus far an do gheall Dia a freagradh, 'nuair is 
ann o Chriosduighean treibh-dhireach, gidheadh lag, 
aig a' bheil an tograidh fionnar, agus nach 'eil a' 
teachd air an aghaidh ach mall ann an gràs agus 
ann an caithe-beatha naomha. Tha caomh-iochd an 
Ard-Shagairt, trid eadar-ghuidhe, tre 'n gabhar gu 
taitneach ri ùrnuighean a chreutairean peacach, air 
a cho'-roinn gu bàigheil ris a chuid is laige d'a 
dheisciobluibh. Cuilc brùite cha bhris e, agus cha 
mhùch e 'n lion fo chad smiiid. Tha e gnà sheasamh 
aig an altair le tùiseir òir, agus tha iomadaidh tùis 
air a thoirt da, chum gun d-thugadh e suas e maille 
ri ùrnuighe nan naomh, air an altair òir a tha fa 
chomhair na righ-chaithreach. 



236 



'S e 'n treas cùis anns a bheil ùrnuigh èifeachd- 
ach, 'nuair a thig i o dhaoinibh ainmeil ann an creid- 
imh agus ann an naomhachd, 's a tha teachd beo 
ann an dlù cho'-chomunn ri Dia. Tlia mòr èifeachd 
ann an ùrnuigh dhùrachdaich an fhirein. Tha aobhar 
soilleir arson gu bheil ùrnuigh mar sin, air a meas 
mar mheadhon, ni 's taitnich air an èisdeachd, na 
iadsan a chuirear suas, gad is ann tre 'n Tighearn 
losa Criosd, le muinntir nach 'eil co durachdach mu 
nithibh spioradail, agus do thaobh sin nach 'eil eo 
iomchuidh air gach ni a dh' iarras iad fhaotainn. 
'Nuair a theid sinn gu neo-chealgach a dh' ionn- 
suidh Dhe, gun bhi 'g earbs' asainn fein, ann an 
aidmheil aithreachais agus creidimh, le làn-mhoth- 
achadh air ar laigsinn agus air ar neo-aithrighead 
fein, tha sinn ni 's iomchuidh air luach nan sochair- 
ean a gheibh sinn a mheas. 

Tha sochairean àraidh a dh' fhaodas gach fior 
chreideach fiuthair a bhi aca riu, mar fhreagradh 
d'an ùrnuigh, co dhiu a bheirear suas i do Dhia an 
uaigneas, san teaghlach, no gu follaiseach. Faod- 
aidh dùil a bhi aca gu muinghinneach ri crioch an 
creidimh, eadhon slainte an anama; faodaidh làn 
fhiuthair a bhi aca gu 'n coilion esan a thòisich 
deagh obair annta, i, gu là losa Chriosd ; gum faigh 
iad am feumalachd de Spiorad Chriosd, agus saor- 
adh o chumhachd a pheacaidh, agus coir air toill- 
teannas agus eadar-ghuidhe an t-Slanuighear anns 
an do chreid iad : faodaidh làn dòchas a bhi aca 
nach cum aon ni ach am peacadh uatha, no am 
bacadh o 'n t-sith sin fhaotainn a dh' fhàg an 
Slanuighear mar dhileab aig a dheisciobuil uile, agus 
a choimhdeas an cridhe agus an inntinn, trid losa 
Criosd ; 's am feadh a bhuanaicheas iad ann an eagal 
an Tighearna, faodaidh iad làn fhiuthair a bhi aca 
nach cum nithe tha làthair, no nithe ri teachd, 
uatha a bheatha shuthainn sin a gheall Dia dhoibh 
anns an t-soisgeul. 

Tha nithe eile a tha laghail dhoibh iarruidh ann 
an ùrnuigh, ach nach ion doibh fiuthair a bhi aca ri 
freagradh leis an aon earbsa, agus theagamh, an 



237 



cùisibli àraidh, gum bi iad gu tur air an diultadh. 
Mar shamhladh, is sochair mhòr gum bi searmoin- 
ichean an fhocail nan aoidheare comasach, agus gu 
mòr a chum ar sòlais agus ar feum ; agus chum gum 
fàs agus gum buanaich iad sin, 's e ar dleasnas 
guidhe gu dùrachdach ; ach gidheadh faodaidh an 
t-iarrtas so, do thaobh cuid de luchd-muinntir Dhe, 
fuireach rè ùine gun a choilionadh. Faodaidh e 
bith do 'n f hior Chriosduidh nach 'eil cùlaidh-shòlais 
is mò aige na bhi ami an comunn riu-san aig a bheil 
an inntinn spioradail ; agus is sochair e a tha cead- 
aichte dhoibli iarruidh ann an ùrnuigh, a' striochda 
do thoil De ; acli is gann a mhealas cuid diubli am 
feasdj iad sin, gus an dlù-cheanglar iad ri làn-cho'- 
thional agus eaglais na 'n ceud-ghin air nèamh. 

Tha e fior iomchuidh gun iarramaid air Dia bàs 
sòlasach a dheònachadh dhuinn, agus gum bi sinn 
air ar neartachadh san sbàirn dheireannaich, gu 
aoibhneas a dheanamh an dòclias ri gloir shiorruidh ; 
ach tlieagamh gu 'n cumar uainn an t-sochair so 
cuideachd : 's am feadli a tha ar cor siorruidh tear- 
uinte, faodaidh e bi nach 'eil sinn làn-mhothaehail 
air. Tha e leoir-shoilleir do thaobh soirbheachadh 
mu nithibh aimsireil, mu shaibhreas, mu urram, mu 
shocair, mu shlainte, mu chàirdean, agus beatha, nach 
ion duinn dùil a bhi againn riu, mar f hreagradh d'ar 
n-ùrnuigh, ach co fad sa cho'-fhreagras e do rùin 
gliocais De, no chum ar math fein. Tha fhios 
againn, agus is leoir e a thoirt sòlais duinn, gur ann 
a chum ar math mar deònaichear dhuinn iad. 

O so uile, saoilidh mi gu bheil e leoir-shoilleir, 
gu bheil na teaghlaichean a tha dearmad aoradh 
Dhe, a' deanamh dearmad air meadhon ro-chud- 
thromach chum beannachdan a tharruing a nuas orra 
fein. Agus air learn gu bheil e ceart co soilleir, 
am feadh a bhuanaicheas iad gun bhi ri urnuigh, gu 
bheil iad a' cur an neo-shuin inneal, leis am faodadh 
iad mòr mhath a dheanamh do 'n chomunn gam 
buin iad. Is beag fios a th' aca air mòr luach na 
sochair ris a' bheil iad mar so a* cur cul. 

'S e 'n t-aon sochair eil' a dh' ainmicheas mi, mar 



238 



ag èiridh o aoradh teaghlaich, gu bheil e a' coimh- 
ead agus a' cur air aghaidh diadhachd ann an teagh- 
lach. Tha e co femuail chum so a dheanamh, 's 
nach fhaic mi cia mar is urrainnear diadhachd 
teaghlaich a chumail suas as eug'ais ; gu h-àraidh a' 
measg cloinne agus seirbhisich, aig a' bheil co beag 
cothrom air fàs ann an eolas, agus gan olc a thig e 
gum bi am beagan sin air a lughdachadh. Is ann a 
mhàin le diadhachd fhaicinn a' gleidheadh suas ion- 
aid fein anns an teaghlach, agus ann am meas nan 
cinn-theaghlaichean ; 's ann a mhàin le iad a bhi gu 
lathail ag aontachadh na ghnàthachadh, a tha e 
coltach gum bi aca meas air a ro-fheumalachd agus 
air a mhòr-luach. 

Chithear gun robh aoradh teaghluich, anns gach 
linn, ga ghnàthachadh aig sluagh Dhe, agus gun 
robh e air a mheas leo mar shochair, agus na 
mheadhon air am math spioradail a chuir air agh- 
aidh. B* e riin-suidhi elite Iosua, air a shon-san 
agus a theaghlaich gun deanadh iad seirbhis do 'n 
Tighearna. Gu b' e àite san do shuidhich na 
priomh-aithrichean am bùithean, thog iad altair 
arson aoradh Dhe. Tha iomradh againn air aor- 
adh teaghlaich Dhaibhidh, agus loib, agus Dhan- 
ieil, agus nam fàidhean ; agus tha fios gun robh so 
na riaghailt aig gach nor Chriosduidh na theagh- 
lach anns gach linn. Ge nach rachadh na h-urrad 
a ràdh a dh' earaluchadh an dleasnuis so, mheas- 
ainn caithe-beatha nan ionracan, f'eadh an ginealach, 
na aobhar leoir-chudthromach chum a leanailt gu 
curamach leosan a tha 'g oirpeachadh bhi nan luchd- 
leanmhuinn orrasan a tha trid creidimh agus foigh- 
idinn a' sealbhachadh nan geallainne. 

Am feadh a tha urnuigh teaghlaich na meadhon 
air creidimh teaghlaich a chur air aghaidh, tha i 
mar an ceudna, na sochair chudthromaich, agus b' 
eagallach ar cor, ann an saoghal peacach, brònach, 
agus bàis, nan rachadh a grad thoirt uainn ! Ciod, 
nan abradh Dia ris gach teaghlach nach *eil a' 
cleachda ùrnuigh, na cuiribh suas urnuigh dhomhsa, 
oir cha 'n èisd mi am feasd tuille ruibh. Tha sibh 



239 



o 'n uair so, gun chomas ùrnuigh tuille dheanamh. 
" A chionn gun do ghairm mi, agus gun do dhiult 
sibhse, gun do shin mi mach mo làmh, agus nach 
d' thug duine sam bith an aire ; ni mise mar an 
ceudna gàire ri r sgrios-sa ; ni mi fanoid 'nuair a 
thig ur n-eagal. Iarruidh iad mi gu moch, ach 
cha 'n f haigh iad mi." 

Cuiridh mi crioch air m' earail mu fheumalachd 
aoradh teaghlaich, ann am briathraibh Ard-easpuig 
Thillotson, — Sgriobhair diadhaidh, a tha arson a 
dhùrachd, agus mar bha e na chas-sheasamh agus na 
chùl-taic do 'n chreidimh chriosduidh, tha e airidh 
air cliu agus cuimhneachan taingeil Chriosdui'ean de 
gach seorsa : — " Tha so co feumail a chumail suas 
mothachadh mu Dhia agus mu dhiadhachd, ann an 
inntinne dhaoine, agus far a' bheil e air a dhearmad, 
cha 'n f haic mi gum faodar a mheas na theaghlach 
Criosduidh, no gu bheil creidimh air bith aca." 

Chaidh na riaghailtean a lean as an àm cur suas 
ùrnuigh, chum a dheanamh air mhodh tarbhach, a 
sgriobha le duine aig an robh caochladh beachd, ann 
an cuid de phoncaibh cudthromach, o 'n Ard-easpuig, 
ach air an do chuireadh a dh' urram teachd air agh- 
aidh, ni h-ann a mhàin r'a linn fein, ach do ghin- 
ealachaibh nach d' rugadh fhathast, ann an lànachd 
beannachadh soisgeil Chriosd. Agus 's ann a tha 
mi 'g ainmeachadh nan riaghailtean sin, cha 'n ann 
a chionn gu bheil iad ur, ach arson an t-sòlais a 
tha mi faireachduinn ann an toirt do m' leugh- 
adoirean cunntas mu dhuine co mòr agus co math.* 

'S i cheud riaghailt an àm cur suas urnuigh, Gum 
bi ar cridhe agus ar n-inntinn socraichte ann an 
suidheachadh iomchuidh, freagarach dhoibhsan a 
tha teannadh ri cainnt ri Dia. 'S i 'n dara riagh- 
ailt, 'Nar n-asluchadh gum bi mothachadh fior 
againn air ar n-uireasbhuidh fein, agus gu bheil sinn 
a' meas feum againn air gach ni a tha sinn ag iarr- 
uidh, agus an co'-chuideachd r'ar n-iarrtuis gum bi 



* John Calvin. 



240' 



againn miann durachdach chum am faotainn. 'S i 'n 
treas riagliailt, Gu 'n cuir sinn tur-chul ri'r deagh- 
thoilltinneas fein, agus ris gach earbs asainn fein, 
agus le'r trom irisleachd, gun d' thòir sinn a glilòir 
do Dhia. 'S i cheathramh riagliailt, Gum biodh- 
maid air ar brosnuchadh gu urnuigh a dheanamh, le 
dearbh-cliinnte gum faigh sinn na dh' iarras sinn, 
air a Sgàth-san is ann na ainm a tha iad air an toirt 
suas. 



Mu Urnuigh Dhiomhair. 



Cha'n fhaod mi gun chaileiginn a labhairt mu 
dhleasnas cudthromach eile, a bhuineas do gach 
neach de mhuinntir teaghlaich. 'Si urnuigh dhiomh- 
air a tha mi cialluchadh. Cha bhuilich mi mòran 
ùine ann an soilleireachadh feumalachd an dleas- 
nais so, no ann an earalachadh a ghnàthachadh. 
Cha mhòr nach leoir dhomh innse dhuibh nach faod 
aon neach a bhi diadhaidh as eug'ais ; agus nach 
faod aon neach co'-chomunn a chumail ri Athair 
nan Spiorad, no a bheatha a chaitheamh tre chreid- 
imh Mhic Dhe, gun an gnàthachadh so a chleachd- 
adh. Is ann an urnuigh dhiomhair a dh'fhaodas 
sibh uile dhiubhrais ur n-anama a leige ris do Dhia, 
agus gum faod sibh na sochairean is iomchuidh oirbh 
asluchadh. Na biodh na h-urrad shuim agaibh de 
na briathran a ghnàthaicheas sibh sa bhios agaibh 
de staid ur n-inntinn. Cumaibh suas an cleachda, 
gad a robh aobhar mi-mhisnich agaibh do thaobh 
suidheachadh ur cridhe; agus cuiribh ur n-earbsa 
gu muinghinneach ann an eadar-ghuidhe an Fhir- 
thagraidh chumhachdaich a th' agaibh maille ris an 
Athair. Gabhaibh tlachd ann an dluthachadh ri 
Dia, agus ann an spiorad na h-uchdmhacachd a 
thugadh da chloinn fein, cuiribh suas ur n-iartuis 
a chum cathair na'n gràs. Cumaibh do ghnà 'nar 



241 



cuimhne gu bheil sibh gu h-iomlan an earbsa r'a 
fhreasdal, co math agus r'a ghràs ; agus as eug'ais- 
san nacli comas duibh aon ni a dheanamh. Aidich 
e aoVuile shlighibh, agus seolaidh esan do cheumanna. 
'Sann a rèir mar chleachdas sibh ùrnuigh dhìomhair 
is dùgh do dhiadhachd soirbheachadh 'nar n-anam- 
aibh. 

Thug ar Slanuighear beannuichte seolaidh seachad 
muthimchiollùrnuigh dhìomhair, anns na briathraibh 
so, " Ach thusa, 'nuair a ni thu ùrnuigh, imich a 
steach do d' sheomar, agus air dunadh an doruis 
duit, dean ùrnuigh ri t-Athair a ta an uaigneas, 
agus bheir t-Athair a chi an uaigneas, duais dhuit 
gu follaiseach." 

Tha e soilleir o na briathra sin gu bheil ùrnuigh 
dhiomhair na dleasnas cudthromach. Chan f haodar 
a mheas gum buin e do ùrnuigh teaghlaich no idir 
fhollaisich, a chionn gu bheil iad gar seoladh gu 
dol ann an uaigneas a fradharc dhaoin' eile, agus 
buanachadh san diomhaireachd so, gus an sguir an 
ùrnuigh. Buinidh so dhuinn 'nar pearsadh fein, 
agus tha e teagasg dhuinn, gu bheil e fiachaicht 
oirn, air ar son fein, gnà chomunn a chumail suas, 
le ùrnuigh agus asluchadh, ri Athair ar spioraid. 
Agus gun ghuth air teagasg follaiseach ar Slanuigh- 
ear, dh'fhaodamaid mòr chudthrom an dleasnais so 
a thuigsinn o ghnàthachadh fein. B'aon e a bh'air 
a thoirt suas do ùrnuìgh, a' dol gu minic an uaigneas 
a chur an dleasnais thaitnich so an gniomh. Tha 
sinn a' leughadh, " 'nuair a chuir e am mòr-shluagh 
air falbh gun deach e suas air beinn 'na aonar a 
dheanamh ùrnuigh : agus air teachd an f heasgair, 
bha e'n sin 'na aonar. Agus anns a mhaduinn, air 
dha èiridh fada roi latha, chaidh e mach, a' dol do 
ionad uaigneach, a dheanamh urnuigh." 

Ghabh sluagh Dhe, anns gach linn, an cothrom 
air an t-sochair so, agus bha iad adhartach san 
dleasnas so. Bha iadsan bu chomharaicht' ann an 
cràbhadh mar an ceudna ro-ainmeil ann an aoradh 
diomhair. Bha an dèigh co mòr air suidheacha na 
h-ùrnuigh 's gum faoid a ràdh gun robh iad a'caithe 
Y 



242 



am beatha, agus ag imeacbd maille ri Dia. Tha'n 
Salmadair ag ràdh, A Thighearn, " Air maduinn 
cluinnidh tu mo gbuth ; air maduinn stiùraidh mi m' 
urnuigh a' d' ionnsuidh, agus ambaircidh mi suas. — 
Air feasgar, air maduinn, agus aig meadhon-là ni 
mi ùrnuigh, agus glaodhaidh mi gu h-àrd; agus 
èisdidh esan ri m' gbutb." 'Nuair a dh' iompaich- 
eadh Saul o Tharsus, a dubhradh uime, Feuch tha e 
ri ùrnuigh. Is eacomasach do'n anam a phill gu 
h-iomlan ri Dia a bhi beo as eug'ais — gun bhi'n 
dian-thòir air a dheagb-ghean agus air alàtbaireacbd, 
gun bbi cuir atbcbuingibh dùracbdach agus bitheanta 
suas a dh' aslucbadh tròcair a lughadh, agus gràs 
chum cohhair. Sèiginn gum bi aigne nèamhuidh 
an anam iompaichte air a bheothachadh le ùrnuigh 
dhìomhair agus le beachd-smuainteachadh ; agus is 
taitneach an ni leis a bhi 'g aithris caoimhneas 
gràdhach an Tighearn, agus a chliu, a rèir na 
bhuilich Dia air, agus air a mhòr mhaitheas do 
thigh Israeil, a rèir a chaoimhneis agus lionmhoir- 
eachd a thròcairean. 

Cha'n fheumar mòr shaothair a chomharachadh a 
macb feumalachd urnuigh dhìomhair. Tha i feum- 
ail, cha'n ann idir a chosna nèamh dhuinn, le'r deagh 
thoilltinneas, no idir ann an dioladh a thoirt arson 
ar peacaidh, ach do bhrì gur e am meadhon òrduichte 
trid a' bheil cuibhrionn de sholus spioradail agus de 
neart air an aiseag dhuinne, agus leis a bheil sinn a' 
deanamh umhlachd do làthaireachd agus do bhuaidh- 
ibh ar n-Athar nèamhuidh. Leis a so cha'n e 
mhàin gu bheil sinn ag aidmheil ar n-earbsadh as, 
gu bheil sinn a' creidsinn gu bheil e uile-leirsin- 
neach agus uile-làthaireach, gu bheil e làn-eolach 
air ar suidhe agus air ar n-èiridh, tuigidh e ar 
smuainte fad as, gun do chuairtich e ar ceum, agus 
ar luidhe sios, agus gu bheil e fiosrach air ar n-uile 
shlighibh, air chor 's nach 'eil focal air ar teangaidh, 
air nach 'eil e eolach ; tha sinn leis a so a'nochda 
nach 'eil sinn air ar brosnuchadh 'nar cràbhadh le 
LWiill no le glòir-dhìomhain, ach le run treibh- 



243 



dhireacli a tlioirt suas ar cridheacha do Dhia, agus 
gum faighear sinn na sheirbbis bheannuicbte. 

Tha 'n cor 's a bheil sinn air ar suidheacbadh 
agus ar n-uireasbbuidh fa leith a' deanamh ùrnuigh 
dhìombair ro-fheumail. Faodaidh càileiginn de 
ghairdeacbas no de bhròn a bhi air f haireachduinn, 
nach urrainnear innse do neach, ach a dh'f haodar 
air mbodb iomchuidb a dbeanamh aitbnicbte d' ar 
n-Athair neambuidb, a cbi an uaigneas. Faodaidh 
sinn bhi deacair arson cùl-sleumhnachadh, agus 
sochairean r'an iarruidh nach gabh deanamh gu h- 
iomchuidh ach a mhàin 'nuair bhios sinn 'nar n- 
aonar. Tha ar n-uireasbhuidh lionmhor, agus nach 
bu chòir an cothrom a th' againn a ghabhail air an 
deanamh aithniclite Dhàsan a tha comasach air an 
deanamh suas ? Faodaidh cruaidh-chais agus triob- 
luidean ùra ris nach robh fiuthair againn teachd oirn 
ri latha, agus nach math a thig e dhuinn, ann an 
gnàthachadh ùrnuigh dhùrachdach, neart asluchadh 
os àird, chum an coinneachadh, agus buaidh a thoirt 
orra ? Nam biodhmaid ni bu trice agus ni bu dùr- 
achdaiche ag ùrnuigh ri'r n-Athair neamhuidh, dh'- 
fhaodamaid earbsa mhuinghin neach a chuir ann an 
gliocas De, agus dòchas a bhi againn, am measg uile 
dheuchainnean na beatha so, gun coimheadadh an 
t-sith sin a tha dol thar gach uile eolas ar cridh- 
eachan agus ar n-inntinne socraichte air Iosa Criosd. 
" Nach aithne dhuit, nach cuala tu ? an Dia bith- 
bhuan, an Tighearn, Cruith-f hear chriocha na tal- 
mhuinn, cha'n f hannaich agus cha sgìthich e ? cha'n 
f haodar a thuigse rannsachadh. Bheir e neart do'n 
anfhann, agus dhoibhsan a ta gun high meudaichidh 
e treise. Fàsaidh na h-òigfhir lag agus sgith, agus 
tuitidh an òigridh thaghta gu làr ; ach iadsan a dh'- 
f heitheas air an Tighearna gheibh iad spionnadh ; 
èiridh iad suas mar iolair air a sgiathaibh ; ruithidh 
iad agus cha bhi iad sgìth, siubhlaidh iad agus cha'n 
fhàs iad fann." 

Bu chòir dhuinn gacli cothrom a ghabhail air co'- 
chomunn mar so a chumail ri Dia. Bu chòir dhuinn 
gach fàth a bhuilicheadh am freasdal oirn a mheas 
Y 2 



244 

mar ghuth ar n-Atliar neamhuidh a' furan oirn 
tighinn 'na fhianuis. Do thaobh nan earailean 
gràidh sin bu chòir dhuinn a ràdh, " 'Nuair thuirt 
thusa, Iarruibhse mo ghnùis, thuirt mo chridhe riut, 
Do ghnuis, a Thighearn, iarraidh mi. Na folaich 
do ghnùis uam ; na cuir air falbh t-òglach am feirg ; 
bu tusa mo chobhair ; na fàg mi, agus na trèig mi, 
a Dhia mo shlainte." 

Earalaicheam gach neach iad a bhi trie ri ùrnuigh 
dhìomhair. Bithibh adhartach san dleasnas so, mar 
ùmhlachd do thoil agus àithne Dhe. Deanaibh ur- 
nuigh a ghnàth, leis gach uile ghnè ùrnuigh agus 
asluchadh san Spiorad, agus a' deanamh faire chum 
an ni so fein maille ris gach uile bhuanachadh agus 
ghuidheadh air son nan naomh uile. Deanadh tròm 
mhothachadh air ar peacaidh diomhair, ar n-uireas- 
bhuidh dhiomhair, agus air ar buaireanna diomhair, 
ar brosnuchadh gu dol gu minic chum cathair na'n 
gràs, — ni h-ann gu fionnar a rèir riaghailt, ach le 
aigne leinibh da phàranda, — chum gum faigh sibh 
tròcair, agus gun amais sibh air gràs chum cobhair 
ann an àm feuma. Na h-abraibh nach 'eil mil 
agaibh gus an dleasnas so a choilionadh ; oir air a 
mheud 's gam bi agaibh r'a dheanamh, cha bhi e 
deacair dhuibh beagan ùine a dheagh bhuileachadh 
a' chumail suas co'-chomunn ri Athair ar spioraid, 
Dia agus Athair ar Tighearn Iosa Criosd. Gad a 
b' eiginn duibh an ùine ghearr sin a thoirt o'n am 
sam bu chòir dhuibh a bhi 'nar cadal, cha b' ion 
duibh an call ainmeachadh : am feadh a bha'n t- 
sochair a bha sibh a mealtuinn anabarrach luachmhor, 
agus, 'nuair a chuirear gu cubhaidh an gniomh e, 
ni e drùghadh sonadh air gach ni a bhuineas duibh. 

Is dleasnas so bu chòir a choimhead le sean agus 
òg, le daoinibh anns gach inbh agus staid. Ge b'e 
air bith co òg 'sa tha sibh, chaidh air coisrigeadh 
cheana chum seirbhis De agus an t-Slanuighir, ann 
am baisteadh : agus cha chomas duibh guidhe tuille's 
tràth arson nan sochairean a tha dhi oirbh, agus is 
i deagh-thoil ar n-Athar neamhuidh a dheonachadh 
dhuibh. Cha robh Isaiah ach ochd bliadhn' a dh' 



245 



aoìs, 'nuair a thòisich e ris an Tighearna Dia athar 
Daibhidh iarmidh. Bha mòr eagal an Tighearn air 
Obadiah o aois òige. Bha Eoin baiste air a naomh- 
achadh o'n bhroinn ; agus blia eolas aig Timoteus 
air na Scriobtuiribk Naomh, o blia e na leanamh. 
'Se gealladh Dhe, " Iadsan aig a'bheil gràdli dhomh 
gràdhaichidli mi, agus iadsan a dh'iarras mi gu moch 
gheibh iad mi. A mhic, na di-chuimhnich mo lagh ; 
ach gleidheadh do chridhe m' àitheanta. Earb as 
an Tigliearna le d' nìle chridhe, agus ri d'thuigse 
fein na biodh do thaic. Ann ad uile shligliibh aidich 
e, agus seòlaidh esan do clieumanna." 

Biodhamaid cùramach nacli fàs sinn dearmadacli 
san dleasnas so, no idir tur-dhì-chuinihn a dheanamh 
air. 'Nuair a tharlas so do aon neach againn, tha 
trèigsinn creidimli air tòiseachadh. Than cridhe 
do ghnà a' claonadh o Dhia, m'am faicear e gu 
soilleir sa chaithe-beatha ; agus an uair a ni sinn 
dearmad air ùrnuigh le'r deoin am fianuis ar n- 
Athar nèamhuidh, agus a dh'fhàsas sinn co caoin- 
shuarrach mu na meadhona trid an ion fiuthair a bhi 
againn ri co'-chomunn a chumail ris, tha sinn cbean' 
air teanna ri cùl-sleumhnachadh. Nacli bu chòir 
dha maoim a chuir oirn 'nuair a chitheamaid mòran 
a bha bunailteach ann an aoradh diomhair, — a bha 
do bhrigh coslais co iomchuidh do thaobh Dhe, agus 
bith-bhuantachd, 's a dh'fhaodas sinne bhith, — a 
thòisich air claonadh, le'n dearmad air ùrnuigh 
dhìomhair, 's a chriochnaich e ann an uabhann agus 
'an dorchadas, 'an dèigh dhoibh long-bhriseadh a 
dheanamh de chreidimh, agus de dlieagh choguis. 
<c Thugaibh an aire, a bhràithre, air eagal gum bi 
ann an aon neach agaibh droch cridhe mi-chreid- 
imh, anns an Dia bheo a thrèigsinn. Oir rinneadh 
sinne 'nar luchd-co'-pairt de Chriosd, ma chumas 
sinn toiseach ar muinghinn gu daingean gus a'- 
chrioch." 

M'as e 's gun do chiil-sleumhnaich sinn cheana, 's 
gun do chaill sinn ar tlachd ann an ùrnuigh dhiomh- 
air ; ma chuir ar n-aingidheachd eadar sinne agus 
deadh-ghean De; an sin pilleamaid gu grad tre 
Y3 



246 



chreidimh, aithreachas, agus ùrnuigh dhùrachdach, 
Cuireamaid earrann d'ar n-ùine air leith arson irios- 
lachadli agus urnuigh 'am fianuis ar n-Athar a chi 
an uaigneas. Theagamh gum pill e agus gun nochd 
e tròcair dhuinn, gun leighis e ar cul-sleumhnach- 
adh, gu'n gràdhaicli e sinn gu saor, agus gu'n gabh 
e ruinn gu gràsmhor. Nach raòr a chulaidh-mhis- 
nich dhuinne an gealladh so, " Dòirtidh mi air tigh 
Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusalem, 
spiorad na'n gràs agus nan achuingean ; agus amh- 
aircidh iad air-san a lot iad, agus ni iad caoidh air a 
shon, mar chaoidheas duine arson aon mhic : agus 
bithidh an doilghios air a shon mar dhoilghios arson 
ceud-ghin. Anns an là sin bidli cumha mhòr ann 
an Ierusalem, agus ni 'm fearann caoidh, gach aon 
teaghlach air leth ; teaghlach tighe Dhaibhidh air 
leth ; teaghlach tighe Natain air leth ; na h-uile 
theaghlaichean eile, gach teaghlach air leth, agus am 
mnathan air leth." 

Ma thuigeas tu do chridhe co cruaidh gun mhaoth- 
achadh mu dhiadhachd, 's nach mothaich thu bheag 
agad ri ràdh ri Dia ann an urnuigh, — nach 'eil aon 
ni cràbhach a'd smuaintibh, imich, agus sleuchd thu 
fein sios gu h-ùmhal 'an làthair Dhe, agus abair gu 
h-iriosal ris nach 'eil a bheag agad a labhras tu ris, 
nach urradh dhuit a bheag a dheanamh ach osnaich 
agus èughaich na fhianuis, agus, as eug'ais a Spior- 
aid, nach 'eil e d' chomas aoradh a thoirt da. Tagair 
ris gu dùrachdach arson a Spioraid, ge nach bi ann 
ach cainnt na h-osmagail agus nan deur ; guidh air 
nach leig e le d' chridhe a bin co cruaidh, no t-anam 
co folamh de nithe naomh; nach e mhàin gun dean- 
adh e san àm, ach do ghnà do chuir ann am fonn 
chum co'-chomunn a chumail ris fein : agus is aithne 
do Dhia inntinn an Spioraid, agus tha e 'g èisdeachd 
ris an osnaich do-labhairt. 

Is lionmhor agus so-fhaicinn na sochairean a tha 
'g èiridh do neach o urnuigh dhiomhair. Tha i gu 
nàdurr' ag aomadh gu suidheachadh iomchuidh inn- 
tinn, mar is cubhaidh 'an àm dlùthachadh ris a 
Bhith mhòr ghlòrmhor sin a rannsaicheas an cridhe, 



247 



agus a dhearbhas àirne chloinn nan daoine. Is 
eacomasach dhasan a thèid an uaigneas a chnmail 
coinneamli ri Dia, *s a chumas na chuimhne, am 
feadh a tlia e ri gnioinh co cràbhach, cò an fliiannis 
sa bheil e, gun bhi air a lionadh le eagal naomh 
agus le h-uabhunn. Agus gu bheil sin fein na 
sliochair shonraicbte, agus cha bu choir a dhearmad 
le creutairibh a tha co ullamh gu dhi-chuimhneach- 
adh, le faoineachd agus cion-cùraim, na nithe mòr a 
bhuineas dan anama agus do shiorruidheachd. 

Ach, a bharrachd air an t suidheachadh iom- 
chuidh inntinn a thàrmaicheas ùrnuigh dhìomhair, 
tha i ag ceadacha do ghuth na coguis labhairt. Cha 
chluinnear co soilleir e am measg iorghuill agus 
othail na beatha ; agus tha e 'n comas duine a chum- 
ail fodha, 'sa chuir na thosd. Ach 'nuair a bhios 
sinn 'an uaigneas, gun sùil a' coimhead oirn, ach an 
Ti sin nach urrainn duinn dol as o làthaireachd ; 
'nuair a ghuidheas sinn gu h-iomchuidh a làthair- 
eachd, 'sa bheir sinn fainear a naomhachd agus 
mòralachd a bhuaidhean, an sin tha solus a' bristeadh 
a stigh air a choguis, agus mothaiohidh sinn gur 
neo-chomasach smachd a chur air a guth. Tha i 'n 
sin ni 's drùightich a' toirt achmhasain an lorg a 
pheacaidh, 's ag innse dhuinn, ma bhuanaicheas sinn 
a toirt caidreamh do aingidheachd 'nar cridhe, cha 'n 
èisd an Tighearna ruinn. 

Tha ùrnuigh dhìomhair agus na h-inntinn a' cuid- 
eacha gu mòr, ar gnà earbs air Dia, a chumail suas 
air ar cridhe. j\Ia tha sinn ag asluchadh bheann- 
achdan, tha e air a chur 'nar cuimhne gur ann o 
Dhia a tha iad, agus nacli 'eil a bheag againn ach 
na dheonaicheas e dhuinn. Ma tha sinn a' toirt 
buidheachais arson nan sochairean a fhuair sinn 
cheana, tha sinn leis a sin a' sparradh ni 's tinne air 
ar n-inntinn an fhirinn chudthroraach, — gur ann o 
Dhia tha ar bith, ar beatha, agus comas gluasad. 
Ma tha sinn ag aidmheil ar peacaidh, 's ag asluch- 
adh maitheanas annta trid iobairt-rèitich agus firean- 
tachd ar Tighearna losa Criosd, tha sinn a bheo- 
bheum ag aideachadh ar ciont agus ar n-easontas, 



248 



agus gur ann an comaine saor ghràs àrd-uachdran~ 
aich a tlia sinn arson ar saoraidh Agus nach dùgli 
dhuinn, leis an inntinn chràbhaieh so, gun tuig sinn 
ar cridlie bhi do ghnà san t-suidheacliadh iom- 
chuidh sin leis am bi ùrnuigh a Chis-mhaoir freag- 
arrach dhuinne, M A Dhe, dean tròcair oirnne, peac- 
aich ; — A Thighearna, teasairg sinne ; a ta sinn 
caillte." 



Seolaidh le Ard-Sheanadh Eaglais na H- Alba, ma 
thimchioll aoradh diomhair. 

A thuilleadh air aoradh follaiseach, ann an co'- 
thionalaibh, a tha gu ciatach air a shocrachadh san 
tir so ann am fior-ghloine, tba e iomchuidb agus 
feumail gum bi aoradh uaigneach leis gaeh neach 
fa leith, agus aoradh theaghlaichean, air earalach- 
adh agus air a chur suas. 

I. Air tùs, mu aoradh diomhair. Tha e ro-iom- 
chuidh, gum bi gach neach leis fein, air a thoirt 
suas do ùrnuigh agus do bheachd-smuainteachadh, 
agus is iadsan is trie a tha ga ghnàthachadh, is mò 
thuigeas am feum anabarrach a th' ann ; do bhrigh 
gur e so am meadhon, ,air dòigh shonraichte, air a' 
bheil co'-chomunn air a chumail suas ri Dia, agus 
deasaehadh freagarrach arson gach dleasnas eile 
air f haotainn i uime sin, cha 'n e mhain, gu bheil 
e iomchuidh do luchd-teagaisg 'nan sgireachdan fa 
leith, earalachadh air gach gnè dhaoine, an dleas- 
nas so a choilionadh moch agus feasgar, agus air 
àmaibh àraidh eile ; ach tha e mar an ceudna fiach- 
aicht air gach ceannard teaghlaich, iad a bhi cùr- 
amach, gum biodh iad fein, agus gach neach a tha 
fo'n cùram gu lathail ga dheanamh. 



249 



II. 'S iad na dleasnais is bitheant a th' air an 
gabhail a stigh fo ghnàthacha diadhaidh, bu chòir a 
bhi ann an teaghlaichibh, 'nuair tha iad gu aoradh 
a chur suas, iad so a leanas : Air tùs, ùrnuigh agus 
moladh, air an eoilionadh le sùil a blii ri cor fol- 
laiseach Eaglais De, anns an riogbachd so, co math 
ri cor an teaghlaich san àm, agus gach neach a 
bhuineas da. A rìs, earrann de 'n Scriobtuir a 
leughadh, le caileiginn de mhìneacbadh a ghnàth- 
acbadh, chum gum fògblum an neach is aineolaich 
càileiginn de fhiosrachadh, agus gum bi iad ni's 
comasaiche air focal De a thuigsinn, 'nuair a leugh- 
ar e : maille ri co'-chainnt dhiadhaidh, chum tair- 
bhe gach neach anns a chreidimh is ro-naomha: 
agus fòs, teagasg agus achmhasan, air aobhair àr- 
aidh, uatbasan aig a' bheil ughdarras san Teagh- 
lach. 

III. Is còir focal De a leughadh gu bitheanta 
do'n teaghlach : agus an dèigh sin tha e feumail ; 
gun labhair iad ra chèile mu na chaidh a leughadh. 
'Se sin, Ma bha peacadh sam bith air a chronachadh 
san earrainn a chaidh leughadh, gun deanar feum 
dheth chum an teaghlach uile chuir air am faicill 
roi a leithid eile ; no ma bha breitheanas air bith 
air a bhagradh, no air ainmeachadh a chuireadh an 
gniomh, is còir feum a dheanamh dheth gu eagal a 
chur orra, m' an tachair a leithid eile, no ni 's 
measa dhoibhsan, mar seachain iad am peacadh bu 
chionfath air : agus fadheoidh, ma bhios aon dleas- 
nas air iarruidh, no co'-f hurtachd air a ghealltuinn, 
faodar a ghnàthacha gu asluchadh neart o Chriosd 
chum an dleasnas a dh' àithneadh a chuir an 
gniomh, agus an co'-fhurtachd a chaidh a thairgse 
a chàramh riu. Anns gach ni dhiubh sin, tha tois- 
each ri bhi aig ceannard an teaghlaich ; agus faod- 
aidh neach air bith a bhuineas da ceisd a chur no 
teagamh ainmeachadh.' 

IV. Tlia e fiachaicht air ceannard an teaglilaich 
a thoirt fainear nach bi aon neach da theaghlach gun 
bhi làthair 'an àm aoraidh; agus a chionn gur ann do 
cheannardan teaghlaich a bhuineas aoradh a chur suas, 



250 



's còir do'n mhinisteir iadsan a tha dearmadach a 
bhrosnuchadh, agus iadsan a tha aineolach a theag- 
asg, chum nan dleasnas sin a ghnàthachadh ; ach 
tha e do ghnà 'an comas nam mòr-uaislean fear 
iomchuidh a bhi aca gu chuir an gniomh. Agus 
ann an teaghlaichean eile, far nach 'eil fear-an- 
tighe 'na urrainn ann, gum faod tàmhach eile san 
teaghlach, a thuigear murrach agus iomchuidh air a 
shon, a dheanamh. 

V. Air maduinn là 'n Tighearna, 'an dèigh do 
gaeh neach leo fein, agus 'an sin an teaghlach uile 
aoradh a thoirt do Dhia, o bheil ullachadh a 
chridhe a teachd, chum an deanamh iomchuidh air 
aoradh follaiseach, 'sa chum nan òrduighean follais- 
each a bheannachadh dhoibh, 's coir do fhear*an- 
tighe aire shònraicht a thoirt gun dthèid gach 
neach fo chùram do 'n eaglais, chum gu'n cuir iad 
suas an aoradh an co'-chuideachd ris a choithional: 
agus an diaigh dhoibh teachd dhachaidh, 's còir dha 
an ceasnachadh mu na chual' iad, agus focal De a 
mhineachadh dhoibh ; no, iad a dhol air leith, agus 
iad fein a shocrachadh a' leughadh, a chnuasachd, 
agus ann an ùrnuigh dhiomhair, chum gum meud- 
aich agus gun co'-dhaighnich iad an co'-chomunn ri 
Dia ; chum gum beothaicht an tairbhe a f huair iad 
anns na h-òrduighibh follaiseach, agus gum biodh 
iad air an àrach suas chum na beatha maireann- 
aich. 



CRIOCH. 



ANDREW YOUNG, PRINTER, 
96, Trongate, Glasgow. 



ANDREW YOUNG, PRINTER, 
96, Trongate, Glasgow*